Srùbag Ghàidhlig! #gàidhlig @ScotFundCouncil

An t-seachdain sa chaidh, fhuair mi cuireadh a dhol gu madainn cofaidh aig prìomh oifis Comhairle Maoineachaidh na h-Alba ann am Margadh an Fheòir an seo ann an Dùn Èideann. Bha seo ag amas air daoine aig a bheil ùidh anns … Cum ort a leughadh
Posted in G-Mòr, Gàidhlig, Scottish Funding Council | Comments Off on Srùbag Ghàidhlig! #gàidhlig @ScotFundCouncil

A-null, ’s a-nall… agus a-nunn?

Mar neach-ionnsachaidh na Gàidhlig, a thog i bho chaochladh dhaoine, ann an caochladh sgìrean na h-Alba, tha mi air caochladh dhual-chainntean a chluinntinn thar nam bliadhnaichean (7, ma bhios sinn a’ cunntadh). Agus rud a tha air bualadh orm bho chionn ghoirid ’s mi a’ fuireach an Uibhist, ’s e cleachdadh nan rudan ris an abrar ‘co-ghnìomhairean’, air neo ‘adverbs’ sa chànan eile. ’S e sin, faclan leithid ‘a-nunn’, ‘a-nall’, ’s ‘a-nìos’.

A bheil coltas caran seann-fhasanta neo coimheach aig cuid dhiubh sin? Am faca tu cuid de na faclan ud a-riamh roimhe seo? Uil, sin dhuibh dùbhlan an neach-ionnsachaidh, air neo, aonan dhiubh ma-thà.

Bidh cuimhne aig gach aonan againn (a dh’ionnsaich a’ chànan) air an uair a bha sinn a’ dol thairis air  ‘suas’ agus ‘sìos’ sa chlas; dà fhacal, ceart gu leòr. An dèidh sin, ‘shuas’ agus ‘shìos’, a’ dèanamh ciall. ’S an uair sin, ‘a-nuas’ agus ‘a-nìos’, beagan doirbh agus iad an deireadh caochladh, ach cha do dh’adhbhraich e cus dragh dhomh.

A-nise, ann an Uibhist, bitear ag ràdh ‘shuas aig deas’ agus ‘shìos aig tuath’ (a’ leantail mar a tha an t-Iochdar – ceann shìos an eilein – sa Chinn a Tuath den eilean. Air neo a’ leantail seann chleas Gàidhealach, ach tuilleadh air sin uair eile.) Chuir sin na h-abairtean agam, ‘a-nuas’ agus ‘a-nìos’, bun os cionn fad poile.

Ach, dhan fheadhainn a tha a’ fuireach an Uibhist, bidh cuid mhath dhiubh an-dràsta ag ràdh: ‘a-nìos – cha chleachdainn-sa am facal sin idir.’ Aon uair ’s gun d’fhuair mi a-mach nach bi tòrr Uibhistich ga ràdh idir idir ann, thòisich mi a’ smaointeachadh. Oir, ’s cinnteach gun cuala mi an abairt sin an àiteigin eile.

Agus chuir e nam chuimhne aon uair a bha mi san Eilean Sgitheanach, ann an Slèite. Bha mi ag iarraidh drama aig cèilidh ann an Tarscabhaig agus thuirt mi dha mo charaid, aig an robh am botal: ‘thoir a-nall am botul dhomh’. (Bidh cuid dhiubh ag ràdh nach eil sìon ceàrr air sin, ma dh’fhaoidte cuid eile ag ràdh nach eil. Tha an t-òran ann, ‘thoir a-nall an t-slige chreachainn’, a bharrachd air ‘teann a-nall ’s thoir dhomh do làmh’.)

Ach ’s e a thachair dhomh gun tuirt boireannach à Tarscabhaig (nach ainmich mi – ach aig an robh làn-a-claiginn dhen Ghàidhlig): ‘chan e, ach bheir a-nunn am botal…’ agus ise ga mo cheartachadh.

Bha mi air an co-ghnìomhair sin – ‘a-nunn’ – ionnsachadh nuair a bha mi nam oileanach, ach ’s ann a chuir mi gu aon taobh e nuair a rinn mi a-mach nach robh duine sam bith ga chleachdadh – rud seann-fhasanta a bhiodh ann. Agus an uair sin, boireannach aig an robh Gàidhlig bhon ghlùin ga mo cheartachadh! Ach ‘sin agad Gàidhlig Shlèite’, mar a chuir Steaphan còir nam chuimhne. Tha i nas fhaisge air Gàidhlig tìr-mòr.

Bho chionn ghoirid fhèin, chaidh ‘a-nunn’ a chleachdadh le fear eile – Àdhamh Ó Broin – aig a bheil deagh thomhas de chainnt meadhan Earra-Ghàidheal. Ach, chleachd esan e sin a’ ciallachadh ‘thall’. Uil, tha sin ann an Dwelly’s cuideachd. Nach sgoinneil a’ chànan?

An co-dhùnadh, chan eil fhios agam an e dualchainnt a tha seo, air neo crìonadh na Gàidhlig… neo measgachadh dhen dà chuid. Agus dè a’ chrìoch eadar a dhà? Mura chuala eilean gu lèir, mar Uibhist a tha Gàidhealach gu cùl a bhròig (ma ghabhas an abairt sin a chleachdadh an seo), facal air choireigin, ach e fhathast ann an cleachdadh ann an sgìre eile… ’s cinnteach nach e crìonadh a tha sin, ach dualchainnt? Air neo, an robh àm ann an Uibhist nuair a bhathar ga chleachdadh. Chan ann agam a tha an fhreagairt.

FacebookTwitterGoogle+Roinn

Posted in argyll, Cànain, Cànan & Cultar, dana, dànamag, Dwelly's, Earra-Ghàidheal | Comments Off on A-null, ’s a-nall… agus a-nunn?

Temet?

Bha còir aig an àite anns a’ phìos bàrdachd seo le Marcas Mac an Tùirneir a bhith ‘na ghàrradh fosgailte don choimhearsnachd Iùdhach am Budapest, ach chaidh a’ mhòr-chuid ac’ a mharbhadh leis na Nàsaich, agus mar sin, gheibhear suidheachadh nach eil a-rèir riaghailtean Talmudach – cladh agus teampall Iùdhach ri taobh a chèile. Is ann a thog Marcas fhèin na dealbhan.

Temet?
IMG_20150806_145720

Ag ath-thionndadh,
Cha robh iad ann, tuilleadh,
Is choisich mi, iullagach,
Taobh cùl nan colbh,
Sa ghàrradh-cladha.

Eadar na craobhan,
Bha clachan air an càradh;
Feadhainn dhubha,
Feadhainn gheala,
Far an righeadh na mairbh.

Cha tuig mi an cànan cèin,
Sgrìobhte air na leacan
Is a’ balgadh umam
Eadar bilean a’ ghrunna
Gam shìor-chuairteachadh.

Sginn mi slighe tromhpa,
A’ sgrùdadh an sùilean;
Feadhainn dhonna,
Feadhainn dhubha,
a bha coimheach, eu-coltach

Ri sùilean m’ athar,
Air mo bheulaibh gu h-obann,
Is thuig mi an uairsin,
Mar a bhiodh e, is dòcha,
Gam sgaradh bhuaithe.

Gam threòrachadh,
Thug e mi seachad orra;
Feadhainn dhonna,
Feadhainn liath,
Clachan eabhrach air a’ chàrn.

Na suidh’ an-siud, mo mhàthair,
Far na ghuileadh iomadh màthair,
Air an là a thug gu bàs iad
Na h-Iùdhaich anns an sgìre.
Clann nach tilleadh a-chaoidh.

IMG_20150806_150644

FacebookTwitterGoogle+Roinn

Posted in An Ungair, bàrdachd, Budapest, cladh, Sgrìobhadh Cruthachail, teampall Iùdhach, Temető | Comments Off on Temet?

Ceist Nan Stocainnean Singilte

Cha do thachair a sheise ri Einstein a-riamh, cha robh a shamhail ann. Ach, saoil dè cho tric ‘s a tha na stocainnean agadsa air am fàgail gun an samhail? Tha Alasdair Paul a’ beachdachadh…

stocainnean gun an samhail

Dà stocainn gun an samhail

 Le Alasdair Paul

Coma leibh na cùisean is na ceistean mòra
Coma leibh meud an domhain no ciall beatha
Coma leibh Einstein agus a shàr inntinn
Cha tug e dhuinn freagairt don cheist bu dhomhainn

‘S ise a’ cheist a bha gam bhuaireadh thar càich
Sin ceist nan stocainnean a chailleadh an cèile
‘S ise a’ cheist do nach fhaighte fuasgladh air talamh
‘s docha gur iad na sithichean a bheireadh iad air falbh

Bu chorra uair a lorgadh iad an cas mo bhriogais
fior chorra uair air cùl cuibhle inneal an nigheadaireachd
B’ ainneamh a lorgadh iad aig bonn cuibhrig an duvet
aig sealbh ‘bha brath far an lorgadh an còrr sa chruinne-cè

Ach fhuair mi faochadh oir ‘s mis’ a fhuair am fuasgladh
ged nach bu ghnàth dhomh agus ‘s beag orm bòstadh
B’ iad na stocainnean agam fhèin a ghèill dhomh an rùn
Gun fhiosta dhaibh, bu lèir dhomh an guim

Fhuair mi an soillseachadh gun iarraidh
air oidhche dhorch’ is mis’ a’ dol gum’ leabaidh
nuair thug mi grad shealladh do dhrathair nan stocainn
ach am biodh paidhir slàn agam son na maidne

Nach ann a bha iad a’ carachadh air mo bheulaibh
dìreach mar bhogsa bhoiteagan sultach nan cinniceadh
Chuir tè bhreacanach car dhith is chaidh i à sealladh
Am b’iad mo shùilean sgìth a’ bha gam mhealladh?

Chrath mi mo cheann is phriob mi mo shùilean.
Spleuchd mi tron uinneig, suas gu na speuran.
Far am faca mi solas suail a’ lasadh air iomall Orian
Bha fios a’m sa bhad gur i siud mo stocainn a bh’ann

Gun do shiubhail i tro toll cnuimhneig no rud den t-seòrsa
Gu bhith taobh thall an fhànais is i a’ priobadh ormsa
Mar gun robh i a’ gogadh rium thar an domhain
Mar gun robh i a’ magadh orm agus air mo reusan

Nach neònach mar a mheòraich mi air rud suarach
Is a fhuair mi a-mach rùn dìomhair na sìorrachd
Gur ann le stocainnean a tha rionnagan air an dèanamh
Gur ann thar an domhain nam milleanan a tha iad nan tàmh

Ged a dh’fhàgas e fhathast caran diombach, frionasach mi
nuair a laigheas fad às san domhain, an stocainn a tha ‘dhìth
’s fhiosrach dhomhsa a-nis gum bi los aice ri coileanadh
is coma leam ged nach co-fhreagair mo chasan ri chèile

FacebookTwitterGoogle+Roinn

Posted in bàrdachd, Einstein, Sgrìobhadh Cruthachail, stocainnean | Comments Off on Ceist Nan Stocainnean Singilte

Hiroshima na feirge, Nagasaki na h-ùrnaighe

 

Ged a tha an ràdh “Hiroshima na feirge, Nagasaki na h-ùrnaighe” (???????????) a’ cur an cèill faireachdainn choitcheann Hiroshima a thaobh leagail boma niùclasaich orra an coimeas ri faireachdainn choitcheann Nagasaki, neo-ar-thaing nach eil daoine ann an Hiroshima a bhios ag ùrnaigh, agus daoine an Nagasaki air a bheil fearg. (Tetsuya, 2013)

A rèir Yuki Miyamoto ’na leabhar Beyond the Mushrom Cloud: Commemoration, Religion, and Responsibility after Hiroshima, tha gnàth-ìomhaigh ann de shìobhaltaich Hiroshima gu bheil iad nas buailtiche a bhith ri iomairtean poilitigeach an taca ri Nagasaki, a tha ’na àite “cràbhach”, sìtheil. Ged a tha an dà mhòr-bhaile meadhanach faisg air a chèile, ann am breithneachadh an t-sluaigh is e àitean tur-dhealaichte a th’ annta leis cho làidir ’s a bha an creideamh Crìostaidh ann an Nagasaki.

Is ann an Nagasaki a bha a’ mhòr-chuid de Chaitligich na h-Iapain a’ fuireach aig àm an Dàrna Cogaidh, agus chaidh stìoball cathair-eaglais Urakami a chleachdadh leis an sgioba Ameireaganach mar an targaid airson leagail a’ bhoma, oir chan aithnicheadh iad ach sin agus aon togalach eile bho 31,000 troigh san adhar. Tro bheàrn sna sgòthan, chomharraich am fear-bomaidh a-mach i agus le sin, thàinig an ceann-crìoch.

Cathair-eaglais Urakami an-diugh

B’e seo àrd-eaglais air a togail gun taic on riaghaltas tràth san 20mh linn aig an robh 12,000 ball air am baisteadh aice. Bha aifreann na maidne ga chumail nuair a leagadh am boma air Diardaoin 9mh dhen Lùnastal, 1945, agus bhàsaich 8,500 de bhuill na h-eaglaise air a’ cheann thall, mu 6,000 dhiubh anns a’ bhad. Ged a thàinig Crìostaidhean na h-Iapain beò tro 250 bliadhna de gheur-leanmhainn leis an riaghaltas impireil, an dèidh sin agus ’na dhèidh, agus am measg nan 74,000 de mhuinntir eile, dhubhadh às an ceann 9 diogan an uaireadair coimhearsnachd sgairteil Crìostaidh an ìre mhath gu h-iomlan  (Kohls, 2014).

Ann am breithneachadh nan Iapanach an latha an-diugh ma-tà, ’s e Hiroshima as motha a th’ air a cho-cheangal ri coiteachadh is iomairt phoilitigeach an aghaidh armachdan niùclasach, seach Nagasaki. Tha an abairt gu h-àrd ’na samhla de dh’fhreagairtean an dà mhòr-bhaile ris an sgrios a dh’fhuiling iad — ’s e sin gu bheil Nagasaki beag-ràiteach mu dheidhinn air sgàth eachdraidh mhairtireachd, ach gum faod Hiroshima an caothach a ghabhail bho nach eil an eachdraidh sin aige.

hiroshimadome

Cuach-mhullaich Hiroshima an-diugh

Cha do thòisich iomairtean an aghaidh armachdan niùclasach gus an dèidh 1952. Eadar 1945 agus 1952, bha sgaoileadh fiosrachaidh fo cheannsal nan Ameireaganach agus bha foillseachadh naidheachdan mun chron a dhèanadh rèididheachd air com is colann mhic an duine air a chasg. Cha bhiodh fios no fàth aig an Iapanach chumanta ann an ceàrnan eile na b’ fhaide às air dè dìreach a bh’ ann am boma atamach agus dè dìreach an sgrìos a thugadh air an dà bhaile. B’ e an t-aon iomradh aig pàipearan an ama sin oirre, gum b’ e “seòrsa de dh’armachd ùr” a bh’ innte, gun fhacal air ciamar a bha i atharraichte bho armachdan aithnichte. Bha mu 66 mòr-bhailtean eile air an lèir-sgrios le bomadh àbhaisteach, agus cha b’ ann eu-coltach ri Hiroshima is Nagasaki a bha an dìobhail sin — air a’ chiad shealladh co-dhiù. (Loh, gun cheann-latha)

An dèidh 1952 ge-tà, agus bho dh’fhuasglaicheadh na cuingean air foillseachadh agus sgaoileadh naidheachdan, bhrùchd an t-uabhas de sgrìobhadh a-mach agus thàrmaicheadh gnè ùr litreachais, ris an abrar, litreachas a’ bhoma atamaich — bho nobhailean gu bàrdachd, aistean agus manga.

Gheibhear faclan dàin leis a’ bhàrd Sankichi Toge (???, a bha ann an Hiroshima nuair a spreadh am boma, air an gràbhaladh air carragh ann am Pàirc Cuimhneachain na Sìthe sa bhaile. Dàn don ainm Till thugam na daoine??????????agus a tha sgrìobhte ann an Hiragana.

Chaochail am bàrd òg seo aig aois 36, 8 bliadhna an dèidh dha bomadh Hiroshima fhulang. Dh’fhaodadh tu ràdh gu bheil iad a’ daingneachadh nam faclan “Hiroshima na feirge” (?????):

????????????????????????????????????????????????????

??????????????????

????????

???????

Till thugam m’athair, till thugam mo mhàthairTill thugam mo sheann-phàrantanTill thugam mo chuid cloinneTill thugam mi fhìn às ùr,Till thugam an cinne-daonna.

Cho fad ’s a mhaireas an saoghal, an saoghal seo,

Till thugam an sìth

nach teirig gu bràth.

 

 

 

 

 

 

FacebookTwitterGoogle+Roinn

Posted in armachdan, bàrd, bàrdachd, boma, Cànan & Cultar, cogadh, cultar, dàn, Dàrna Cogadh, Hiroshima, Iapan, Iapanach, litreachas, Nagasaki, Naidheachdan & Poileataigs, niùclasach, sìth | Comments Off on Hiroshima na feirge, Nagasaki na h-ùrnaighe

Litir-naidheachd ùr na h-Iomairte – gach cola-deug: Cuiribh ur n-ainmean ris an liosta! (New fortnightly newsletter for the Iomairt: Sign up!)

cropped-cropped-banner-image-for-wordpress-01111.png

Fàilte! For those of you who do not already know me, I recently took over as the Gaelic Development Officer for Iomairt Ghàidhlig Dhùn Èideann, based at Bun Sgoil Taobh na Pàirce on Bonnington Road in Edinburgh.

Iomairt Ghàidhlig Dhùn Èideann aims to provide information and activities for the Gaelic community in the Edinburgh area, and involve as many Gaelic speakers as possible, at all levels. To help keep everyone up-to-date with activities and developments in the Iomairt, I’ve launched this fortnightly newsletter to showcase upcoming events. Details will also be posted on our website and social media channels, Facebook and Twitter, so give us a follow and please share with anyone you think would be interested in the Iomairt.

This is where you come in! We’ve some exciting opportunities in the pipeline, and I’d really like your thoughts on the following:

  • whether you’d be interested in yoga and Tae Kwon Do through medium of Gaelic, or “cothrom seinn” with Sineag Macintyre
  • events you’re involved in or that you know of taking place in and around Edinburgh;
  • ideas for community events in Taigh an Dorsair on Bonnington Road. Suggestions great and small are very welcome!

If you’d like to be added to the distribution list for future newsletters, please email me at ann@cnag.orgPlease also let me know if you’d like to unsubscribe from communications from Iomairt Ghàidhlig Dhùn Èideann.

Le deagh dhùrachd

Ann Paterson

Posted in Naidheachdan - News | Comments Off on Litir-naidheachd ùr na h-Iomairte – gach cola-deug: Cuiribh ur n-ainmean ris an liosta! (New fortnightly newsletter for the Iomairt: Sign up!)

Treasamh ràith de Dhìlleachdan Dubh anns an RA?

dilleachdan_dubhDon chuid nach do dh’fhiosraich e fhathast, is e Orphan Black am prògram ficsean-saidheans as fhèarr air TBh on a chaidh an dreach ùr de Battlestar Galactica a chraoladh. Tha an sgrìobhadh glic; tha Tatiana Maslany gun chosmhail a’ cluich seachd caractaran tur eadar-dhealaichte; tha Jordan Gavaris na mhiorbhail cuideachd mar an caractar, Felix; ach a dh’aindeoin gun deach Maslany ainmeachadh do Emmy am bliadhna, agus a dh’aindeoin cho soirbheachail ’s a tha am prògram, cha deach an treasamh ràith a chraoladh anns an Rìoghachd Aonaichte fhathast. Chraol BBC America an treasamh ràith ann an Ameirigea a Tuath eadar 18 an Giblean agus 20 an t-Ògmhios am bliadhna, ach chan eil naidheachd againn cuin a thig i a-mach anns an RA. Air làrach-lìn BBC3, tha iad ag ràdh gun do cheannaich iad na còraichean dhith, ach nach eil i air a’ chlàr-ama fhathast. Tha mi air mo bheò-ghlacadh leis a’ phrògram. Tha a’ dèanamh fiughair mhòr ris an ath ràith, agus a’ feuchainn ri milltearan mun sgeulachd a sheachnadh a tha air feadh an eadar-lìn a-nis on a chaidh a chraoladh ann am pàirt eile dhen t-saoghail mar thà. Cha tuig mi carson nach do chraol BBC3 an treasamh ràith an seo aig an aon àm a thàinig i a-mach thall thar a’ chuain mhòir. Chan eil fios aig duine beò. Sàrachail! Ach anns an eadar-ama, mura chunnaic sibh iad, mholainn ràith I agus II gu mòr. Is fhiach iad gun teagamh.


Posted in Ficsean-saidheans | Comments Off on Treasamh ràith de Dhìlleachdan Dubh anns an RA?

South Tynedale Railway (2) – turas gu “meadhan Bhreatainn” #gàidhlig @strps_rail

‘S e rathad-iarann beag sònraichte a th’ ann an Rathad-iarann Tynedale a Deas.  Tha e suidhichte ann am baile beag Alston ann an taobh an ear Cumbria faisg air a’ chrìoch le Northumbria.

A rèir Wikipidia, tha Alston ainmeil air dà adhbhar. Anns a’ chiad dol a-mach, ‘s e am baile-margaidh as àirde ann an Sasainn a th’ ann. San dàrna àite, chan eil mòran bhoireannaich ann a rèir coltais. Thathar ag ràdh gu bheil  deichnear fhear ann airson gach boireannach!

Alston, Cumbria

Ach nas cudromaiche na sin, tha Rathad-iarainn Tynedale a Deas ann cuideachd.

‘S e baile gu math iomallach a th’ ann agus tha na rathaidean gu Alston gu math lùbach cas cugallach mar a dh’aithris mi sa bhloga mu dheireadh. Bha rathad-iarainn dhan bhaile bho stèisean Haltwhistle (HWH) air loidhne Carlisle-An Caisteal Nuadh ach dhùin e air ais ann an 1976.

Seo bhideo den t-seann loidhne air ais sna 70an.

Bha iomairt ann aig an àm gus an rathad-iarainn air fad a chumail fosgailte mar loidhne ghlèidhte do luchd-turais. Cha deach leotha agus chaidh an trac a thoirt air falbh ach fhuair iad seilbh air stèisean Alston agus beagan de làrach na loidhne.

Dh’fhosgail a’ chiad mìle eadar Alston agus Gilderdale air ais ann an 1983 mar rathad-iarainn caol-ghèidse (gèidse 2″) agus tha an rathad-iarainn air leudachadh uair is uair bhon uair sin, gu Kirkhaugh an toiseach agus an uair sin gu Lintley Halt. Tha an rathad-iarainn ag obair air leudachadh eile gu Slaggyford aig an àm seo agus thathar an dòchas gum fosgail e air an ath bhliadhna. Bidh an loidhne an uair sin 4 mile a dh’fhaid.

Stèisean Alston

Nuair a ràinig mi stèisean Alston, bha srùbag a dhìth orm agus chaidh mi a-staigh dhan bhuffet. Bha e loma làn bikerean a a bha uile nam peinnseanairean à Devon. Cool! Tha mi an dòchas gum bi mi mar sin nuair a bhios mi fhèin còrr is 70 bliadhna na dh’aois.

An uair sin, thàinig an trèana bheag agus rinn sinn air Lintley tro achaidhean, coilltean agus beanntan  brèagha. Bha bruaichean nan embankments loma làn fhlùraichean agus seilleanan agus ‘s e latha àlainn fhèin a bh’ ann.

Ceann na loidhne – Stad-rèile Lintley

Aig deireadh na loidhne aig Stad-rèile Lintley, chùm mi orm air làrach na seann loidhne air chois. Thathar air beagan trac a chur suas tuath air an stèisean agus tha balaist sìos airson deagh phìos as dèidh sinn agus thathar ag obair air leabaidh an trac (trackbed) tuath air sin cuideachd.

A’ cur sìos trac ùr, t;uath air Lintley Halt.

‘S e an South Tyne Trail an t-ainm a th’ air làrach na loidhne a-nis agus tha e freagarrach airson luchd-coiseachd is baidhseagalan.

Chunnaic mi neas beagan a tuath air Lintley agus bha an t-àite beò le coinneanaich, seileannan, flùraichean, preasan agus eile. Deagh deagh chuairt air latha grianach.

Aig an àm seo, tha an rathad-iarainn ag obair air leudachadh gu Slaggyford far a bheil togalach àlainn an stèisean fhathast ann an deagh staid.

Stèisean Slaggyford

Tha tòrr mòr drochaidean air an loidhne agus tha an t-slighe àrd os cionn srath an Tyne aig diofar àiteachan. ‘S e drochaid Lambley ri taobh seann stèisean Lambley an tè as motha. Dìreach taobh a-muigh Haltwhistle, an ceann-rèile airson seann mheur-loidhne Alston, tha drochaid àlainn eile ann air a bheil na h-Alston Arches.

Na h-Alston Arches, Haltwhistle

Às dèidh còrr is 10 mìle, thàinig a’ chuairt agam  gu crìch ann an stèisean Haltwhistle. A rèir muinntir an àite, ‘s e “meadhan Bhreatainn” a th’ ann. ‘S e sin ri ràdh gu bheil e ann am meadhan eilean Bhreatainn (tìr-mòr a-mhàin) ma nì thu loidhne eadar tuath is deas is iar is ear.

Stèisean Haltwhistle – tha àrd-ùrlar Meur-loidhne Alston air an taobh dheas.

Fhuair rathad-iarainn Tynedale a Deas ceud bho chionn goirid an seann àrd-ùrlar airson meur-loidhne Alston aig stèisean Haltwhistle a chleachdadh  a-rithist. Bidh bliadhnaichean mòra ann mus bi an rathad-iarainn a’ ruith eadar Haltwhistle is Alston a-rithist ach ‘s e ceum lèirsinneach a th’ ann agus tha mi an dùil is an dòchas gun tachair e latha de na làithean.

Bha mi a’ cleachdadh an tracadair-fallaineachd (fitness tracker) agam (Garmin/Loch Garman!) agus a rèir sin, rinn mi 32,000 ceum san latha. Bha mi sgìth agus bha mo chasan goirt ach chaidh mi dhachaigh toilichte agus fhuair mi deagh deagh chadal.

Mholainn an loidhne agus an South Tyne Trail gu mòr.

Alasdair


Posted in Alston Branch, caol-gheidse, cumberland, cumbria, England, Haltwhistle, northumberland, Northumbria, railways, rathaidean-iarainn, rathaidean-iarainn dùinte, Rathaidean-iarainn glèidhte, Sasainn, Slaggyford, south tyne trail, South Tynedale Railway | Comments Off on South Tynedale Railway (2) – turas gu “meadhan Bhreatainn” #gàidhlig @strps_rail

South Tyndale Railway (1) – air a’ bhus còmhla ri Helen Mirren is James Bond #gàidhlig

Nuair a dh’òrdaich mi tagsaidh dhan stèisean Diluain, bha mi an dùil gur e dìreach fear àbhaisteach a bhiodh ann ach a rèir coltais, chuir iad thugam mi an tagsaidh a-mach às an fhilm Fhrangach Taxi.

Bha an dràibhear a’ dol aig peilear a bheatha agus cha tug an turas bhon taigh dhan stèisean ach còig mionaidean – mar as trice bheir e co-dhiù 10  – agus cha mhòr nach do bhuail sinn ann an càr air Drochaid Sheorais V. Mar sin, bha mi gu math toilichte Stèisean a’ Mheadhain a ruighinn is mi fhathast beò.

Às dèidh dhomh cofaidh a cheannach, rinn mi air an trèana agam, an 06:30 gu Lunnainn Euston. Bha deise air cha mhòr a h-uile duine eile air an trèana ach cha robh ormsa idir agus smaoinich mi air an t-seann fhacal Beurla “success means not having to wear a suit”. Tha mi ag aontachadh ri sin gu mòr!

Goirid mus do dh’fhalbh an trèana, chuala mi cuideigin ag ràdh san ath charaiste: “I don’t know what all this fuss is about Cilla Black – I’ve never met anybody who liked her”. Cilla bhochd!

An uair sin thòisich an trèana agus bha e cho fluich is gun robh e doirbh dad fhaicinn a-mach às an uinneig. Chan e deagh chomharra a bha sin airson an còrr den latha – gu h-àraid a chionn ‘s gun robh mi an dùil 13 mìle a choiseachd air an fheasgar.

Dh’fhàs an t-sìde na b’fheàrr air an t-slighe gu deas, ge-ta, agus bha e blàth grianach ann an Carlisle “Cathair-bhaile nan Loch”, mar a th’ aca air a-nis. Bha e cho teth is gun robh agam ri suntan lotion (grian-dhìon?) a cheannach. Bha mi air briogais, lèine-t agus brogan spare a chur dhan bhaga agam air eagal’s gum biodh droch uisge ann ach cha robh mi idir an dùil ri grian!

Carlisle – Cathair nan Lochan

Fhuair mi an dàrna cofaidh den latha ann an Carlisle agus fhad’s a bha mi ga òl, thug fear dhomh copaidh den Telegraph. “Want a paper mate? They’re giving these away free at WH Smith and I don’t want it”. Taing arsa mise agus leugh mi beagan dheth. Wow! Abair “how the other half live”. Thug mi sùil troimhe agus tha e doirbh dhomh creidsinn gu bheil daoine ann a tha ag aontachadh ri beachdan muinntir an Telegraph agus gu bheil duine sam bith actually ga leughadh!

Ghlac mi an trèana dhan Chaisteal Nuadh an uair sin agus bha blas Geordie cho laidir air stiùirche na trèana is nach do thuig mi mòran dheth nuair a leugh e a-mach ainmean nan stèiseanan!

Agus leis a sin, air adhart gu Haydon Bridge. Bha mi a’ lorg a’ bhus gu Alston ach cha b’ urrainn dhomh stad nam busaichean a lorg air a’ mhapa. Bha e cudromach gum faighinn am bus oir chan eil ach aon ann gach latha, Chaidh mi gu Ionad Fiosrachaidh an Luchd-turais is thuirt iad nach robh stad bus ann idir airson na seirbheis a bha sin agus gum feumainn seasamh taobh a-muigh nan taighean beaga.

  Seo Haydon Bridge ach càite bheil stad nam busaichean?

Mar a thachair e, chunnaic fear as an sgìre mi agus mi a’ coiseachd mun cuairt le coltas caillte orm. “Eil thu a’ lorg bus Alston”, thuirt e le blas sgoinneil Geordie. “Chan eil stad bus ann idir – dìreach seas an sin ri taobh nan taighean beaga”. “Dè na taighean beaga” arsa mise “Chan eil mi gam faicinn”. “Tha an soidhne air cul nam preasan sin, chan fhaic thu e! Fan an sin gus an tig am bus”

Is math gun do choinnich mi ris!

‘S e baile inntinneach a bh’ ann an Haydon Bridge. Mhothaich mi gun robh bratach Northumbria anns a h-uile àite, mar a tha cumanta anns an sgìre, agus gun robh  talla ann air an robh the Oddfellows Hall. Ainm cool!

Bratach Northumberland

An uair sin, ghlac mi am bus agus bha e gu math làn. Gu h-annasach, bha tè na suidhne faisg air an dràibhear a bha na mac-samhail de Helen Mirren!

Na caill am bus seo – chan eil ach aon ann gach latha!

Mar a thuirt mi sa bhloga mu dheireadh, chaidh an rathad-iarainn gu Alston a dhùnadh ann an 1976 nuair a chaidh na rathaidean dhan bhaile a leasachadh. Cha robh coltas ro leasaichte air an rathad, ge-ta. Bha e coltach ri rudeigin a-mach a James Bond – rathad beanntach, cas, cumhang le tòrr mòr lùban S agus an àite a bhith ann an Aston Martin, ‘s ann a bha sinn ga dhèanamh ann am bus! Cha mhòr nach robh cur na mara orm!

Ri leantainn..

Alasdair


Posted in Alston, busaichean, buses, cumberland, cumbria, England, Haydon Bridge, Northumbria, railways, rathaidean-iarainn dùinte, Sasainn, South Tynedale Railway, trains, trèanaichean | Comments Off on South Tyndale Railway (1) – air a’ bhus còmhla ri Helen Mirren is James Bond #gàidhlig

Abair Hò-rò-gheallaidh! | Crisdean Dòmhnallach

horoband
Hò-rò a’ dol nan tèine… 

’S dòcha gun tàinig Crisdean Dòmhnallach gu aire a’ mhòr-shluaigh nuair a chaidh am FilmG Crisdean Cunnartach gu viral air-loidhne nuair a fhuair Red Bull greim air – ged a chaill e ri Dannsairean Throndairnis ann am bhòt a’ phobaill, na dèan dìmeas air cumhachd Ghranaidhean Stafainn – ach tha am pìobaire òg à Uibhist a Deas (ach a bhios a’ fuireach san Eilean Sgitheanach) agus a chòmhlan Hò-rò air a bhith a’ cosnadh cliù dhaibh fhèin o chionn bliadhna, gu h-àraidh as dèidh seat iongantach aig Fèis Chiùil Bhelladrum an-uiridh. Cha bhi iad aig Cridhe Tartain am-bliadhna ach bidh an còmhlan òg sgàirteil trang seo a’ cluich air feadh na dùthcha agus ’s fhiach e a dhol gam faicinn. Fhuair Dàna an cothrom bruidhinn ri Crisdean mus cluich iad Stereo ann an Glaschu Dihaoine 7mh An Lunasdal.

Dàna – Tha Hò-rò air fuaim mhòr a dhèanamh on a thòisich sibh – boom boom – ciamar an tàinig sibh còmhla?

Crisdean – Thòisich Hò-rò mar “three piece” ann an 2013 agus bha iad a’ dèanamh glè mhath gus an do dh’ fhàg aon neach airson a’ chùrsa aice san Oilthigh a dhèanamh. Is mar sin, dh’ fhaighnich Sean Cousins (cluicheadair giotair) is Calum MacPhail (cluicheadair a’ bhogsa), am bithinn-sa deònach dhà neo trì gigs a dhèanamh còmhla riutha? Is thuirt mise “aye, no bother, gun dragh sam bith”. Is as dèidh trì na ceithir gigs dh’ fhaighnich iad dhomh an robh mi ag iarraidh a bhith anns a’ chòmhlan làn ùine, is thuirt mise “yes, mòran taing, ma ’s e bhur toile”. Ach an uairsin b’ fheudar dhuinn seinneadair fhaighinn. Oir an tè a dh’fhàg bha i a’ cluich na pìob agus a’ seinn. (Ach chan ann aig an aon àm, he-he!) is mar sin fhuair sinn lorg air Lucy Doogan. Tha Ruaraidh Grindlay againn air na drumaichean a-nis cuideachd, agus tha esan a’cur gu mòr ris an fhuaim.

Dàna – Dè an rud as fheàrr a tha air tachairt dhan chòmhlan on a thòisich sibh?

Crisdean –‘S e an rud as fheàrr a tha air tachairt chun a’ chòmhlan ’s e a’ buannachadh aon de na sia àiteachan anns a’ chuairt dheireannach aig a’ cho-fharpais Danny Kyle aig Celtic Connections. Agus as dèidh sin, fhuair sinn an cothrom a chluich thall anns an Eadailt aig dà Fhèis Cheilteach.

Dàna – Cò tha sibh a’ faicinn mar eisimpleirean math ann an ceòl tràidiseanta agus ann an ceòl eile?

Crisdean – Tha sinn a’ coimhead suas gu mòr gu Skerryvore agus Mànran. Tha cuideachd Mairearad Green is Anna Massie, The Angus Nicolson Trio agus Dàimh a’ toirt buaidh oirnn. Bidh Lucy ag èisteachd ri John Doyle gu math tric.

Dàna – Dè tha an amharc dhaibh airson an àm ri teachd?

Crisdean – Tha sinn a coimhead air adhart ri CD dòigheil a dhèanamh agus leis a sin, tha sinn an dòchas a bhith a’ siubhal mun cuairt an t-saoghail a’ cluich aig fèisean. Tha mise ag iarraidh stuth a dhèanamh nach eil  buileach cho traidiseanta, a bhios freagarrach airson deugairean agus daoine nam ficheadan.

Dàna – Dè sibh an dòchas ma bhios cuideigin a’ tighinn gu cèilidh no consairt le Hò-rò?

Crisdean – Bhiodh sinn an dùil deagh spòrs a bhith aca, deagh laugh is craic. Cuideachd, tha sinn an dòchas gun còrdadh e riutha cho math gun tilleadh iad a dh’èisteachd rinn!

Dàna – Taing mhòr agus nì sinn fiughar ris an ath chèilidh!

Bidh cothrom ann Hò-rò fhaicinn a’ cur taic ri Shooglenifty agus Niteworks aig na h-Ironworks ann an Inbhir Nis air Fèis Chiùil Blàs Disathairne 5 An t-Sultain.

FACEBOOK

horoeile

FacebookTwitterGoogle+Roinn

Posted in Ceòl | Comments Off on Abair Hò-rò-gheallaidh! | Crisdean Dòmhnallach