Dè tha ann an TìrnamBlòg?

Uill, mas e an fhreagairt ghoirid a tha thu ag iarraidh, ’s e “blog nam blogaichean” a tha anns an làraich seo. Tha Tìr nam Blòg a’ fàs gu math luath na làithean seo ach tha sinn air chluinntinn, bho àm gu àm, gu bheil e doirbh do dhaoine a bhith a’ cumail sùil air na h-uile blog. Mar sin, smaoinich sinn gum biodh e feumail nam biodh na h-uile blog ann an aon àite. Seo TìrnamBlòg!

Ma tha blog agad ’s ma bhios tu a’ sgrìobhadh air sa’ Ghàidhlig (agus sa’ Ghàidhlig a-mhàin) agus nam biodh e freagarrach dhut, cuir fios thugainn ’s gabhaidh sinn a-steach e. Le taic bhuat, tha sinn cinnteach gum bi TìrnamBlòg glé shoirbheachail.

Ach eadhon mura bheil blog agad fhèin, tha sinn an dòchas gum bi TìrnamBlòg a’ còrdadh riut gu mòr agus gum bi thu a’ tadhal oirnn cho tric ’s a ghabhas.