Eachdraidh

‘S mise Dòmhnall MacAonghais agus tha mi nam ghlèidheadair den làraich seo. Ach is dòchas gu bheil thu eòlach orm a cheana — nuair a bhios mi a’ sgrìobhadh sa’ Ghàidhlig, bidh mi, mar as tric, a’ dol fon ainm “Cadalach”. Co-dhiù¹, seo beagan eachdraidh an làraich seo…

Anns an t-Samhain 2005, chuir duine às a’ Chuimrigh — Rhys Wynne (Gwenu dan Fysiau) — teachdaireachd air a’ bhlog agam. Thuirt e gum bu chòir dhomh làrach air a thòiseachadh. Làrach a bhiodh mar chridhe saoghal nam blogaichean. Smaoinich mi gun robh e ceart — tha saoghal nam blogaichean gu math eadar-nàiseanta agus bha mi air cluinntinn gun robh e doirbh do dhaoine a bhith a’ tadhal air gach blog.

Thuirt Rhys cuideachd gum bu chòir dhomh sgrìobhadh gu Aran Jones (Blogiadur) air sgàth ‘s gun robh e air làraich airson nam blogaichean Cuimris a thogail. Rinn mi sin agus thuirt Aran “Seadh, deagh smaoin gu dearbh. Thog mi Blogiadur, am faca tu e? Am faod mi cuideachadh leis an làraich?” (Uill, thuirt e rudeigin mar sin — chan e Gàidhlig ach Cuimris a th’ aige.) Bhruidhinn sinn ri chèile mu dheidhinn a’ phròiseict seo agus, an dèidh seachdaine no dhà , thog Aran tùs-samhail air ar son. Chuir mi Gàidhlig air agus dh’atharraich mi mion-chùnntas an siud ‘s an seo, ach rinn Aran a’ mhòr chuid den obair. Abair duine! Bu mhath leamsa mo thaing a thoirt do Aran, às a aonais cha bhiodh an làrach seo beò an diugh agus tha sinn uile fada na chomain.

Tha mi an dòchas gum bi Tìr nam Blòg a’ còrdadh riut, agus gum bi sinn a’ toirt brosnachadh do dhaoine eile a bhith a’ blogachadh sa’ Gàidhlig a dh’aithghearr. Ma tha Gàidhlig agad agus rudeigin ri ràdh, carson nach tòisich blog Gàidhlig agus aonaich leinn?

Ma bhios sinn fortanach, bidh Tìr nam Blòg a’ fàs gu luath ann an 2006 agus bidh an làrach seo ann mar àite-coinneimh cuideachd.

Chaidh Tìr nam Blòg a chur air bhog air an 17mh latha den Dùbhlachd 2005, (tha fios agam gu bheil teachdaireachdan ann a bha sgrìobhte ron latha sin, ach sin mar a tha e le RSS!) agus tha mi an dòchas gum bi e ann airson mòran bliadhnaichean ri tighinn.

Cha mhòr nach eil sinn air 2011 ruigsinn a-nis agus taing don t-sealladh a bh’aig Dhòmhnaill coir ann an 2005 tha fhathast cothrom ann do na blogaichean Ghàidhlig ri fhaicinn san aon àite. Tha an t-eadar-lìn air gluasad air adhart gu mòr agus thàinig àiteachan eile far a bheil daoine a’ cleachdadh an cuid Ghàidhlig air loidhne ach tha fhathast aite sònraichte ann do Tìr nam Blog.  Sin thu fhèin Dhòmhnaill tha do chuid shàr-obair fhathast beò agus feumail don Ghàidhealtachd mas fìor.

Gràisg 26/12/10


One Response to Eachdraidh

  1. Pingback: Làraichean-lìn Ghàidhlig / Gaelic websites - seaboardgàidhlig

Comments are closed.