Monthly Archives: December 2017

Seinneamaid òran ùr do dh’Alba – 2018

Le Steaphan MacRisnidh Seo a’ Bhliadhn’ ùr a’ dlùthachadh oirnn a-rithist, agus an t-àm as toil le mòran dhaoine a bhith a’ cur romhpa aon atharrachadh mòr nam beatha a dhèanamh. ‘S e rùintean caran farsaing ‘nan gnè, a tha mis’ a’ dol a chur an cèill anns an aiste seo ge-tà. Cha ghabh an… Continue reading

Posted in a' Bhliadhn' Ùr, a' Bhliadhna Ùr, a' Challainn, Beachd, Cànain, Cànan & Cultar, cultar, Foghlam, Gnothaichean eile, Naidheachdan & Poileataigs, rùintean, rùintean na Bliadhn' Ùire, rùintean na Callainne | Comments Off on Seinneamaid òran ùr do dh’Alba – 2018

An toir air Còsagach

  Siorram suas siorram sìos ach chan eil sgeul air an fhacal àraidh a bha air beul a’ bhaile an t-seachdain sa chaidh. Tha Alistair Paul a’ lorg “còsagach” san dàn aoir seo. Càit an toir an seachran-seilge e? An toir air Còsagach ‘S iomadh sireadh Air an tugadh iomradh A ghabhadh os làimh Le… Continue reading

Posted in àbhachdas, bàrdachd, Cànain, Sgrìobhadh Cruthachail | Comments Off on An toir air Còsagach

Lèirmheas | Beul-fo-bhonn

Lèirmheas air bileag bhàrdachd ùr thrì-cànanach far am bi Marcas Mac an Tuairneir agus Stuart Paterson a’ dèanamh car-a-mhuiltein tro na trì cànanan Albannach. Tha Beul-Fo-Bhonn/Heelster-Gowdie le Marcas Mac an Tuairneir agus Stuart Paterson air nochdadh le Tapselteerie anns an t-sreath Biggin Brigs aca. Cruinneachadh goirid, ach fear a tha tarraingeach agus inntinneach a leughadh.… Continue reading

Posted in bàrdachd, Cànan & Cultar, litreachas | Comments Off on Lèirmheas | Beul-fo-bhonn

Bliadhna mhath ‘son planaichean Gàidhlig, cha tuirt neach sam bith a-riamh

"Tha Plana Gàidhlig còig-bliadhna an CNPA, a thàinig gu bith ann an 2013, stèidhte air còig prìomhachasan: fèin-aithne, conaltraidhean, foillseachaidhean agus luchd-obrach".  – Ùghdaras Pàirc Nàiseanta a’ Mhonaidh Ruaidh, "Lèirmheas Bliadhnail 2015/16", td 25  

A chàirdean, nach cuir sibh ur tòn fodhaibh agus dèan sibh sibh fhèin còsagach tac an teine, ‘s dòcha gum bi geansaidh Nollaige Continue reading

Posted in Planaichean Gàidhlig, rampant quangocracy | Comments Off on Bliadhna mhath ‘son planaichean Gàidhlig, cha tuirt neach sam bith a-riamh

An Luingeas Dorcha air Fàire

Chan ann fada gus an tig STEALL III a-mach an clò, agus na lùib, a’ chaibideil as ùire bhon nobhail shreathaich agam, An Luingeas Dorcha air Fàire. Ù hù! Tha muinntir ChLÀR air duilleag ùr a chruthachadh dhan nobhail far … Cum ort a leughadh Continue reading

Posted in naidheachd | Comments Off on An Luingeas Dorcha air Fàire

Òran na Cloiche-gràin: Lèirmheas

Seo film neo-àbhaisteach ann an Gàidhlig na h-Èireann mun t-seinneadair neo-àbhaisteach Seosamh Ó hÉanaí a thog cliù dha fhèin son a chuid seinn san t-seann-nòs. ‘S tachartasan dathach, togarach as motha a tha sinn a’ sireadh aig an àmsa dhen bhliadhna, a dh’fhàgas blàths nar cridhe. B’ ann air a’ chaochladh a bha am filmsa agus ’s… Continue reading

Posted in Cànain, Cànan & Cultar, Ceòl, cultar, Eachdraidh, Film, Fiolm, Joe Heaney, Òran na Cloiche-gràin, Seann-nòs, Seosamh Ó hÉanaí, Song Of Granite | Comments Off on Òran na Cloiche-gràin: Lèirmheas

Oirthir Tìm

’S e leabhar àraid a th’ ann an Oirthir Tìm le Cailein MacCoinnich. Canar gur e uabhas os-nàdarra a th’ ann am mòran de na sgeulachdan anns a’ chruinneachadh, le draoidheachd agus an donas fhèin nan lùib ann an cuid. … Cum ort a leughadh Continue reading

Posted in FS Gàidhlig Tràth | Comments Off on Oirthir Tìm

An Jedi Deireannach | Lèirmheas

Chaidh Eòghan a choimhead air The Last Jedi aig meadhan-oidhche. Seo a shaoil e, ach na gabh dragh! Cha mhill e am plot dhuibh! Tha sinn air a bhith a’ fèitheamh fad dà bhliadhna airson freagairtean – cò leis a tha Rey? Cò a th’ ann an Snoke? Dè tha Luke air a bhith ris… Continue reading

Posted in Film, Fiolm | Comments Off on An Jedi Deireannach | Lèirmheas

The Gaelic for Hygge

Calum MacLeod on gaelic nonsense from Visit Scotland … Continue reading

Posted in Còsagach, Gaelic, Ghetto na Gàidhlig, Hygge, Scotland | Comments Off on The Gaelic for Hygge

24.12.17, 6.00f /6pm: Nigg Old Church Carol Service

Seann Eaglais Neig Oidhche na Nollaig, le coinnlean, cuileann, ceòl agus deagh shunnd! Nigg Old Church on Christmas Eve, with candles, holly, carols and good spirits! Continue reading

Posted in Seaboard News Gaelic archive | Comments Off on 24.12.17, 6.00f /6pm: Nigg Old Church Carol Service