Monthly Archives: May 2017

Is e cridhe cultair a chànan

Sùil air a’ chruadalachd a dh’adhbhraich crìonadh na Gàidhlig, agus ceist ann mu bhuaidh Brfhàgail oirre san latha an-diugh. ————————————— more—————————————————- San 19mh agus san 20mh linn chaidh Gàidhlig a thrèigsinn mean air mhean le mòr-shluagh na Gàidhealtachd –  a dh’aindeoin orra , dh’fhaodadh tu ràdh – a chionn ´s gun robh a’ Ghàidhealtachd fo chìs Shasainn… Continue reading

Posted in An Cogadh Mor, Brfhàgail, Cànain, còraichean, croitearachd, cultar, Eachdraidh, fuadaichean, Gàidhlig, Naidheachdan & Poileataigs, strì an fhearainn | Comments Off on Is e cridhe cultair a chànan

Beyond the Realms of Death – Turas gu Taigh-tasgaidh nam Busaichean-tràilidh #gàidhlig

Thòisich an turas agam gu Taigh-tasgaidh nam Busaichean-tràilidh tràth madainn Disathairne. Dh’èirich mi aig 4.50m, fhuair mi tagsaidh gu Stèisean Sràid na Banrighinn airson trèana 06:00 gu Dùn Èideann agus ghlac mi trèana 07:00 gu Doncaster ann an Waverley. Fad … Cum ort a leughadh Continue reading

Posted in busaichean-tràilidh, Glasgow, Judas Priest, sandtoft, Sasainn, trolleybuses | Comments Off on Beyond the Realms of Death – Turas gu Taigh-tasgaidh nam Busaichean-tràilidh #gàidhlig

M’ Fhidhle | Bàrdachd

Sreath de dhàin le Alistair Paul M’Fhidhle I Is tusa as fhaisge orm a laigheas Do chorp sìnte fo mo cheann Is tusa a ghèilleas do mo mhiann Do cheannsa air creathail mo làimhe Is cùbhraidh ar tìde còmhla Greisean ro ghann air an goid Bho triall na beatha làitheil Cniadaichidh mo mheòir do mhuineal… Continue reading

Posted in bàrdachd, Sgrìobhadh Cruthachail | Comments Off on M’ Fhidhle | Bàrdachd

An Sàr-Chruinniche – Iseabail Ghrannd

Tha Alistair a’ dèanamh luaidh air tè a rinn obair ionmholta gus na h-oibseactan a bhuineadh do mhuinntir na Gàidhealtachd a ghlèidheadh is a chuir gu mòr ri ar tuigse air sòisealtas is beatha làitheil nan daoine. Tha cliù aig a’ Mhonadh Ruadh mar aon de na prìomh làraichean son spòrs air a’ bhlàr a-muigh.… Continue reading

Posted in Cànan & Cultar, Eachdraidh | Comments Off on An Sàr-Chruinniche – Iseabail Ghrannd

Bliadhna Hendrix – Taigh-tasgaidh nam Busaichean-tràilidh #gàidhlig

B’ e an t-àm a b’ fheàrr a bh’ ann, b’ e an t-àm a bu mhios a bh’ ann, mar a thuirt Charles Dickens. Cuine? 1967. Dh’ainmich na seann Ghàidheil bliadhnaichean a rèir na thachair annta. Mar sin, bha … Cum ort a leughadh Continue reading

Posted in busaichean-tràilidh, busaichean-tràilidh trolleybuses tràilidhean Glaschu, glaschu, Glasgow, sandtoft, trolley-buses, trolleybuses | Comments Off on Bliadhna Hendrix – Taigh-tasgaidh nam Busaichean-tràilidh #gàidhlig

Òran A’ Mhuncaidh

Bu tric a chluinnte aig aon àm naidheachdan mu mhuncaidhean a chaidh a thoirt a dh’Alba le seòladairean air tilleadh bho ceàrnan cèin. Tha an storaidh seo a’ tarraing air cuid a chuala mi fhèin. An seo s’ e am muncaidh a gheibh an cothrom an sgeulachd aige fhèin innse. Oran a’ Mhonkey (Dàn a chaidh a thional… Continue reading

Posted in àbhachdas, Rosg | Comments Off on Òran A’ Mhuncaidh

Bogadh STEALL 2.1 — Obar Dheathain

Fhuair mi brath bho Phrìomh-àros ChLÀR, agus is coltach gu bheil STEALL II air ruigsinn! Ù hù! Bidh an dàrna caibideil dhen nobhail agam a’ nochdadh innte: “Innis Sgairpe“. Urra ùr, planaid ùr, is motarothairean! Gheibhear an seo i: www.clar.online … Cum ort a leughadh Continue reading

Posted in naidheachd | Comments Off on Bogadh STEALL 2.1 — Obar Dheathain

Conasgach | Bàrdachd

Do chloinn Mhanchester le Eòghan “Gràdhaichibh a chèile. Cha d’fhiach rud eile san t-saoghal seo ach gràdh” – Victor Hugo tha an saoghal a’ spreadhadh an-diugh cho biorach ’s cho buidhe ris a’ chonasg air a’ chreig àilleachd is àileadh a’ chnò-chòco an lùib nan gathannan ’s a’ ghuidheachain tha crùn conaisg air ar cruinne… Continue reading

Posted in bàrdachd, Sgrìobhadh Cruthachail | Comments Off on Conasgach | Bàrdachd

An luath-ruith, Tóiceó | Bàrdachd

le Steaphan MacRisnidh An luath-ruith, Tóiceó. air ar dinneadh le taistealaich a bhrùchd don charbad mar dhlùth-chàirdean aig daoine a bu daoine le daoin’ eile. a’ fulang an fhàsgaidh air cruachainn is lurgainn, uileann air sgeilp gualainn, ’s fón-làimh’ air uachdar cinn. gun dìochuimhnichear d’àrdan ged a dh’fhaodadh tu bhith glacte eadar druim fir is… Continue reading

Posted in bàrdachd, Gun roinn-seòrsa, Sgrìobhadh Cruthachail | Comments Off on An luath-ruith, Tóiceó | Bàrdachd

Prògram Preantasachd na Pàrlamaid a’ fosgladh #gàidhlig #SPApprentices

Ma tha thu aois 16-24 agus ma tha misneachd, tàlant agus comas agad, tha sinn airson cluinntinn bhuat! Tha Prògram Preantasachd na Pàrlamaid air fosgladh airson 2017. Tha sinn a’ tairgse phreantasachdan ann an: Rianachd Gnìomhachais A’ ruith Ionad-tachartasan Cultarach Meadhanan Didsiteach Cruthachail Gheibh thu deagh ghreis gnìomhachais, taic gus teisteanas a dhèanamh agus a … Leugh an corr de Prògram Preantasachd na Pàrlamaid a’ fosgladh #gàidhlig #SPApprentices Continue reading

Posted in apprenticeships, Gabhail pàirt, Parlamaid na h-Alba blog, program preantasachd, Scottish Parliament | Comments Off on Prògram Preantasachd na Pàrlamaid a’ fosgladh #gàidhlig #SPApprentices