Monthly Archives: January 2017

Sgeulachdan Nam Marbh

Tha gu leòr aig na mairbh ri innse dhuinn. B’ e seo teachdaireachd an taisbeanaidh air an robh ‘Skeletons; Our Buried Bones’ a nochd o chionn greis aig Taigh-Tasgaidh Mhic an t-Sealgair a tha na phàirt de dh’Oilthigh Ghlaschu. Nuair a thadhail mi air dh’fhairich mi mar gun robh mi a’ dol a-steach gu criopt.… Continue reading

Posted in àrc-eòlas, cnàimhneach, cnàimhnich, cultar, Eachdraidh, Saidheans, Saidheans & Teicneòlas, taigh-tasgaidh, taisbeanadh, Teicneòlas | Comments Off on Sgeulachdan Nam Marbh

Tìr Phoblach Aimeireaga: Dualchas fo Bhagairt

Cruth-tìre nan Stàitean Aonaichte, mòr agus drùidhteach ann an ìomhaigheachd na dùthcha, tìr a’ bheinn mhòir is na h-aibhne gile a tha fhathast saor o chuibhleachan gnìomhachais agus o làmh ghionach mac an duine. Agus o linn Roosevelt, ’s ann a tha na h-earrannan mòra dhith air a bhith saor o sheilbh phrìobhaideach. Nach mòr […] Continue reading

Posted in Gàidhlig, Ghetto na Gàidhlig, Land Ownership, neoliberalism, Private Ownership | Comments Off on Tìr Phoblach Aimeireaga: Dualchas fo Bhagairt

Deasbad mu Burns is Scots am Pàrlamaid na h-Alba #gàidhlig

Tha sinn an dòchas gun robh deagh oidhche Burns aig a h-uile duine a raoir! Ma thig thu dhan Phàrlamaid, chì thu gu leòr rannan agus dealbhan den Bhàrd Nàiseanta air feadh an togalaich. Tha ainm Burns air fear de na seòmraichean comataidh, mar eisimpleir. Tha e gu math iomchaidh gu bheilear a’ beachdachadh air poileataigs … Continue reading Deasbad mu Burns is Scots am Pàrlamaid na h-Alba #gàidhlig Continue reading

Posted in BPA, burns night, cànan, Robert Burns, Scots language, scotsleid, Seòmar | Comments Off on Deasbad mu Burns is Scots am Pàrlamaid na h-Alba #gàidhlig

An Diùc Agus A Phìobaire | Alasdair Paul

Is iomadh tachartas a chaidh ann an doillearachd tro thìm. Is iomadh sgeul a thèid iomrall air teanga mac an duine; agus thèid cuid dhiubh a chuir trulainn a dh’aona-ghnothach gus an fhìrinn a chleith. Cò am fear dhiubh sin as motha a thug buaidh air freastal an sgeòil seo? Chan fhiosraich do dhuine. Ach… Continue reading

Posted in Rosg, Sgrìobhadh Cruthachail | Comments Off on An Diùc Agus A Phìobaire | Alasdair Paul

Ceann-cinnidh nam maragan uile

Mùirneach, cridheil ’s a tha d’ aodann Ceann-cinnidh mòr nam maragan uile, Os an cionn, tha thu nad shuidhe, Maodal, sgamhan, mionach no caolan, ‘S tu tha airidh air an altachadh daonnan Cho fada rim làimh ’s rim ghàirdean. Tàth-chuid 1 mhaodal caora Mionach na caora (ʼs e sin: an t-adha, an cridhe, na sgamhanan)… Continue reading

Posted in bàrdachd, biadh, Burns, Cànan & Cultar, còcaireachd, litreachas, Raibeart Burns, reasabaidh, taigeis | Comments Off on Ceann-cinnidh nam maragan uile

Mr. Universe le Rob Shirley

’S e sgeulachd ghoirid fhicsean-saidheans a th’ ann an ‘Mr. Universe’ le Rob Shirley, a nochd ann an Gairm 46, ann an 1964, agus a tha inntinneach mar eisimpleir de dh’fhicsean saidheans ‘bog’ no ‘sòisealta’ anns a’ Ghàidhlig, sgeulachd a … Cum ort a leughadh Continue reading

Posted in FS Gàidhlig Tràth | Comments Off on Mr. Universe le Rob Shirley

Meadhanan Sòisealta na Pàrlamaid – dè do bheachd? #gàidhlig

Am bi thu a’ cleachadh seanailean meadhanan sòisealta na Pàrlamaid? Twitter, Facebook, YouTube, Instagram, Flickr no eile? Dè tha a’ còrdadh riut? Dè nach eil a’ còrdadh riut? A bheil rud sam bith eile a tha thu airson faicinn? Bu toil leinn do bheachdan a chluinntinn ann an suirbhidh a tha sinn a’ dèanamh an-dràsta. … Continue reading Meadhanan Sòisealta na Pàrlamaid – dè do bheachd? #gàidhlig Continue reading

Posted in Gabhail pàirt, Meadhanan Sòisealta, meadhanana soisealta, social media | Comments Off on Meadhanan Sòisealta na Pàrlamaid – dè do bheachd? #gàidhlig

Mànran – An Dà Là | Lèirmheas

A bheil “An Dà Là” dhà-rìreabh air tighinn air Mànran? Chan eil buileach, ach tha iad a’ gabhail ceum mòr air adhart leis a’ chlàr ùr phoilitigeach aca. Tha Eòghan air a bhith ag èisteachd ris. Thug sinn sùil air Dotaman Mòr a’ Chiùil Dhuthchasaich an-uiridh le seinneadairean a’ tighinn is a’ falbh às na… Continue reading

Posted in Ceòl | Comments Off on Mànran – An Dà Là | Lèirmheas

2017 an Gearran: Cille Mhìcheil an-diugh / Feb. Kirkmichael today

Eaglais Chille Mhìcheil fo Chruth-Atharrachadh Cha mhòr còig bliadhna air ais, sa Ghiblean 2012, sgrìobh mi pìos an seo mu Eaglais Chille Mhìcheil san Eilean Dubh, an seann eaglais ud le cladh ri taobh Bhàgh Uadal. Leis nach deach càil a dhèanamh rithe thar nam bliadhnaichean,  bha i ann am fìor dhroch stàit.  Ann an […] Continue reading

Posted in Seaboard News Gaelic archive | Comments Off on 2017 an Gearran: Cille Mhìcheil an-diugh / Feb. Kirkmichael today

An Dream Dearg – Rèabhlaid na Gaeilge ann an Èirinn a Tuath

O chionn ghoirid, ma bha caraidean agad le Gàidhlig na h-Èireann a’ fuireach anns a’ Cheann a Tuath, mhothachadh tu cearcall geal air cearnag dhearg a’ nochdadh mar dhealbh air an Fhacebook agad – tha Marcas Meinnearach a’ mineachadh barrachd dhuinn mun Dream Dearg. Bigi Linn! ’S ann gu tric a tha luchd-poilitigs a’ cleachdadh… Continue reading

Posted in Cànain, Cànan & Cultar, Naidheachdan & Poileataigs | Comments Off on An Dream Dearg – Rèabhlaid na Gaeilge ann an Èirinn a Tuath