Monthly Archives: December 2016

Aon latha, trì dùthchannan – turas gu Penbedw #gàidhlig

Bliadhna mhath ùr! Gach bliadhna, bidh mi a’ dol air turas trèana fada eadar an Nollaig agus a’ Bhliadhna Ùr. Am-bliadhna, chaidh mi gu trì dùthchannan ann an aon latha – Alba, Sasainn agus a’ Chuimrigh.   Clì: Clas 175 … Cum ort a leughadh Continue reading

Posted in a' Chuimrigh, Arriva Trains Wales, Birkenhead, borderlands line, Cymraeg, England, iomairtean canain, Merseyrail, rathaidean-iarainn, Sasainn, tramaichean, Wirral | Comments Off on Aon latha, trì dùthchannan – turas gu Penbedw #gàidhlig

Teine san dorachadas An Dùbhlachd 2016

Agus teine fosgailte sa gharadh a-raoir, a’ cur an t-urram air Nollaig, la na Trì Suipearan agus am Bliadhna ùr cuideachd. Smaointinn son an fheadhainn nach eil còmhla ruinn a-nis, an fheadhainn a tha fhathast ann agus an fheadhainn a tha ri tighinn dhan t-saoghal bhrèagha, neònach, an-fhoiseil a tha seo. Mo bheannachd orra uile agus mise an dùil ‘s dòchas nach bi cuisean nas miosa buileach ann an 2017 son iadsan fo h-èiginn ge b’ e far a bheil iad. Feumaidh sinn uile a cumail a dol ge-tà agus slàinte mhòr a chàirdean. Chi mi ann an 2017 sibh.

Continue reading

Comments Off on Teine san dorachadas An Dùbhlachd 2016

Rabhd na Bliadhn’ Ùir

An turas roimhe a bha mi fada a’ fuireach san Iapan, thill mi a dh’ Alba airson – mar a bha mi an dùil aig an àm – an uair mu dheireadh dhem bheatha. Bha mi a’ dol a-steach do dh’obair ùr daingeann sa Ghàidhealtachd, agus bha mi am beachd (ann am mòr-bheachd, a dh’innse… Continue reading

Posted in adhbhachas, fìor ghàidheal, gàidhealach, Rosg, Sgrìobhadh Cruthachail | Comments Off on Rabhd na Bliadhn’ Ùir

Clàran na Bliadhna | MacConnaill

Tha sinn glè thoilichte fàilte a chur air Calum MacConnaill a-rithist agus e a’ bruidhinn air na deich clàran as fheàrr de 2016. Eadar còmhstrì san Ear Mheadhanach, suidheachadh poilitigeach nan Stàitean Aonaichte, Brexit agus staing nan in-imrichean air feadh na Roinn-Eòrpa, gun teagamh sam bith, ’s e bliadhna dhoirbh a bh’ ann an 2016.… Continue reading

Posted in Cànan & Cultar, Ceòl | Comments Off on Clàran na Bliadhna | MacConnaill

Sùil air 2016 | Dàna

Tha an sgioba deasachaidh againne – Steaphan, Alistair, Rhona agus Eòghan a’ toirt sùil air 2016 – Seo na rinn iadsan den bhliadhna. Thoir iomradh air 2016 ann an seantans? AP – Na cuir earbs ann an dùil. SR – Bliadhna san robh muinntir an t-saoghail ag obair gu socair, rèidh gun bhòstadh ʼs gun duais… Continue reading

Posted in Cànan & Cultar, Ceòl, Naidheachdan & Poileataigs | Comments Off on Sùil air 2016 | Dàna

Nollaig Chridheil a h-Uile Duine

Seann òran Nollaig sa Chuimris air a thionndadh dhan Ghàidhlig Sneachd a’ tuiteam mu mo thimcheall clann a’ cluich gabhail spòrs seo an ràith airson gaol is tuigsinn Nollaig Chridheil a h-uile duine   àm son pàrtaidh is hò-rò-gheallaidh daoine a’ dannsadh fad na h-oidhch’ àm son tiodhlaic is pògan a thoirt seachad àm son… Continue reading

Posted in adhbhachas, Cànan & Cultar, Ceòl | Comments Off on Nollaig Chridheil a h-Uile Duine

Azuma Kikari

Suidhichte àiteigin eadar iongantach agus tiamhaidh, tha Gatebox, seòrsa ‘bean-taighe mhas-fhìor’ agus neach-taice pearsanta ann an riochd caractar Anime hologràmach a tha air a chuimseachadh air fir òga Sheapanach nach eil pòsta. Is coltach gu bheil e a’ sìor fhàs nas cumanta gum … Cum ort a leughadh Continue reading

Posted in saibeirneatachd | Comments Off on Azuma Kikari

Tractar Beag Dearg | Bàrdachd

Tractar Beag Dearg Fàileadh na h-ola, fàileadh na h-ola Chan eil beatadh air fàileadh na h-ola Drùidheadh na h-ola tro ghasgaid is chìochag A’ fàgail lòn dubh anns gach àit’ dhan tèid mi Mar a leigeas cù anns gach àite a chomharradh Oiteag nam fhalt, oiteag nam fhalt Togaidh i mo shunnd, oiteag nam fhalt… Continue reading

Posted in adhbhachas, bàrdachd | Comments Off on Tractar Beag Dearg | Bàrdachd

Aon nì math! Turas gu 1986 air Subway Ghlaschu #Gàidhlig @BigCountryUK

Uaireannan, cha bhi thu dìreach a’ gluasad bho àite gu àite air trèana, bidh thu cuideachd a’ gluasad ann an tìm. Thachair sin rium Disathairne nuair a chaidh mi air ais gu 1986 air subway Ghlaschu agus mi air an … Cum ort a leughadh Continue reading

Posted in Big Country, Bruce Watson, Jamie Watson, Subway Ghlaschu, The Skids, Thin Lizzy | Comments Off on Aon nì math! Turas gu 1986 air Subway Ghlaschu #Gàidhlig @BigCountryUK

Foghnaidh na dh’ fhòghnas: cur/cuir mi-chinnt

A chàirdean, tha Gilleasbuig air a dhòigh ghlan gu bheil na corporate tweeters air an achd aca a sgioblachadh suas, agus an duslach a chrathadh dheth an cuid Gàidhlig.

(Lachan a’ ghàire, air an làr a’ rolaigeadh).

"Chur" air neo "chuir"? Chan e saidheans rocaid air a bheil sinn a’ bruidhinn an seo! Continue reading

Posted in chuir air neo chur?, corporate Gaelic tweets, Gaelic howlers | Comments Off on Foghnaidh na dh’ fhòghnas: cur/cuir mi-chinnt