Monthly Archives: June 2016

#FÈISLITALBA

Ma chaill sibh an còmhradh eadar Meg is mi fhìn, seo e air youtube. Saoilidh mi gun deach e uabhasach math. Chì sibh na ceitean aig Google Hangout. Ar taing do #fèislitalba, do Laura a chuir air dòigh e, agus do … Cum ort a leughadh Continue reading

Posted in Ficsean-saidheans | Comments Off on #FÈISLITALBA

Rionnagan Leugach Òra na h-Eòrpa gan Dubhadh Às

le Eilidh NicDhonnchaidh Tha coltas ùr air an t-saoghal an-diugh agus chan e briseadh-dùil a th’ ann ach briseadh-cridhe. Dhùisg Alba ris an naidheachd ghairiseachail an-diugh gu bheil Breatann air bhòtadh son an Aonadh Eòrpach fhàgail, às dèidh ceathrad bliadhna. Ach, chan e breith Alba a bha seo idir. An Alba, bhòt seasgad sa dhà… Continue reading

Posted in Naidheachdan & Poileataigs | Comments Off on Rionnagan Leugach Òra na h-Eòrpa gan Dubhadh Às

Bròn is Brexit

Tha e fhathast ro naoi uairean sa mhadainn ’s mi a’ sgrìobhadh seo, ach mar-tha, tha Dàibhidh Camshron, a ghuth ga bhriseadh, air a dhreuchd mar phrìomhaire a leigeil dheth. Cuideachd, tha Nigel Farage, an dèidh dha òraid buaidhe a thoirt seachad, air ràdh gur e “mearachd” a bh’ ann nuair a thuirt an iomairt… Continue reading

Posted in Brexit, Eòrpa, Naidheachdan & Poileataigs, poileataigs, RE | Comments Off on Bròn is Brexit

3.07.16 Seirbheis sonraichte, Seann Eaglais Neig

Seirbheis san t-Seann Eaglais gus 25 bliadhna an Urrais a chomharrachadh. “Nigg Old Trust was formed on the 22nd February 1991 to preserve the church building and the Nigg Pictish Monument. On Sunday 3rd July at 6.30pm a special evening service conducted by parish minister Rev Robert Pickles will be held to celebrate the work […] Continue reading

Posted in Seaboard News Gaelic archive | Comments Off on 3.07.16 Seirbheis sonraichte, Seann Eaglais Neig

MG Alba annual report: It’s all good, especially if you’re the chair of Bòrd na Gàidhlig

Leis an Ògmhios, thig na h-aithisgean bliadhnail – àm traing ‘son ‘Illeasbuig

Bha Gilleasbuig fada feitheamh ri Aithisg Bhliadhnail MG Alba 2015-16, ach b’fhiach e oir tha e air a dhòigh is air a bheò-ghlacadh leatha.

Chan eil aig muinntir MG Alba ach facal molaidh ri ràdh mu MG Alba is BBC Alba, oir tha an "luchd-cleachdaidh" uile riaraichte (tha e ag ràdh an-seo).

Bha am fear aotrom air a Continue reading

Posted in MNE TV, rampant quangocracy | Comments Off on MG Alba annual report: It’s all good, especially if you’re the chair of Bòrd na Gàidhlig

#SCOTLITFEST

Tha mi gu math toilichte innse gum bi mi fhìn is Meg Bateman a’ nochdadh aig tachartas ùr-nodha, Googlehangout aig #SCOTLITFEST. Cha do rinn mi a leithid a-riamh agus tha mi a’ dèanamh fiughair ri faicinn mar a bhios e … Cum ort a leughadh Continue reading

Posted in Ficsean-saidheans, naidheachd | Comments Off on #SCOTLITFEST

A’ teannadh air deireadh na teirm / Approaching the end of another school year!

Abair bliadhna thrang a th’ air a bhith againn: deuchainnean, clàr-ama ùr, cuspairean ùra tro mheadhan na Gàidhlig…liosta fada gu dearbh.

A-measg nan tachartasan as inntinniche, bha turas air leth againn dhan phàrlamaid far an d’fhuair sinn cuairt san togalach leis an Oifigear Gàidhlig Alasdair MacCaluim.  Dh’innis Alasdair dhuinn mu eachdraidh an togalaich, na rudan a bhios a’ tachairt ann agus mun fheadhainn a tha nan suidhe san t-seòmar deasbaid.

A bharrachd air a sin, chuir FilmG farpais na bliadhna air bhog san sgoil againn, is fhuair cuid dhe na sgoilearan againn cothrom a dhol an sàs ann am bùithtean-obrach drama, aithris-spòrs agus filmeadh le fòn-làimhe.  Tha sinn air ar dòigh glan gun deach Ardsgoil Sheumais Ghilleasbuig a thaghadh airson an tachartas seo.

Tha Mgr N. a’ dèanamh deiseil airson turas dhan Eilean Sgitheanach agus tha sinn uile an dòchas gum bi deagh shìde ann, agus nach bi na meanbh-chuileagan ro fhiadhaich!

As we approach the end of another school year, we are beginning to reflect on the many successes we have had, including the trip to the Parliament and the FilmG launch.  We are also getting ready for another trip to Skye – fingers crossed for good weather! Continue reading

Comments Off on A’ teannadh air deireadh na teirm / Approaching the end of another school year!

Ceisteachan Ciùil | Donnchadh Sneddon

Tha Donnchadh Sneddon na eòlaiche Ceiltis, na fhactaraidh airson mìmean Gàidhlig is Albais, na phreasantair don Choithional Ghàidhlig ann an Dùn Èideann agus na neach-leantainn dìleas dha na dà rud as cruaidhe san t-saoghal – Airdrieonians agus Ceòl Meatailt – Is e an darna neach anns an t-sreath ùr againn, Ceisteachan Ciùil. 1. ’S e… Continue reading

Posted in Cànan & Cultar, Ceòl | Comments Off on Ceisteachan Ciùil | Donnchadh Sneddon

Nigheanan Lionacleit ann an Glaschu

b2ap3_thumbnail_bbc-1.jpg

Ged nach robh sinn, “Nighnean Lionacleit” an Glaschu ach airson dà oidhche rinn sinn an gnothach air gu leòr rudan spòrsail a dhèanamh anns an ùine sin!

Madainn Dihaoine choinnich sinn le Uibhisteach eile ann an Glaschu, Iain Eòsaph MacIosaig a tha ag obair aig a BhBC ann an Glaschu. Thug Iain Eòsaph sinn mun cuairt air an togalach mhìorbhaileach seo agus dh’ionnsaich sinn mòran mu dheidhinn na bhios a’ tachairt an seo. Chunnaic sinn an sgioba aig Roinn na Gàidhlig is iad trang ag obair, fhuair sinn a-steach gu Edit agus cuideachd dhan stiùidio far am bi Reporting Scotland, an sìde air An Là agus Sportscene air a chlàradh. S e an highlight do mhòran den bhuidheann an cothrom fhaighinn suidhe ann an cathair presaentair Reporting Scotland airson dealbh agus cuideachd coinnicheachadh ri Sarah Cruickshank agus Judith Ralston.

b2ap3_thumbnail_sarah.jpg

 Chuir sinn seachad ùine an uairsin aig Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu an sàs sa bhuidheann “Cèic is Cabadaich”, buidheann sgoilearan a bhios a’ coinneachadh airson beagan craic gach seachdain bho stiùir Alison Ni Dhorchaidhe, Oifigear Òigridh ChnaG ann an Glaschu. Choinnich sinn ri sgoilearan laghach bhon sgoil agus thadhail mòran Uibhistich a bhios a’ teagasg a-staigh oirnn. Cha dhìochuimhnich sinn na cèicean blasta a bha ann airson ithe cuideachd. An seo bha sinn a’ dèanamh iomradh air na rudan a bhios a’ còrdadh rinne mu dheidhinn Uibhist, agus carson is e an àite is fhearr air lalamh – nar beachd sa co-dhiù!- rudan mar na tràighean breagha agus na daoine laghach.

b2ap3_thumbnail_SGG-1.jpg

 Oidhche ‘haoine chaidh sinn gu geama ball-coise Sgioba nam Ban aig Alba, bha sinn fortanach tiocaidean fhaighinn bho Jo Murphy a tha ag obair airson an SFA. Ged nach deach an geama cho math dhaibh bha oidhche air leth againn. Seo achiad geama ball-coise aig gu leòr againn agus chòrd e rinn, gu h-àraid air sàilleabh gun do choinnich sinn le cluicheadairean mar Jo Love agus Gemma Fay as dèidh a gheama. Bha bratach mòr againn le Uibhist sgrìobhte air agus bha sin air BBC Alba uair no dhà.

b2ap3_thumbnail_Jo-Love.jpg

 Bha ùine againn madainn Disathairne seisean trèanaidh fhaighinn còmhla ri Laura Williamson a bhios ag obair aig Greenock Morton. Bha seisean sgoinneil againn còmhla ri Laura agus dh’ ionnsaich I tòrr dhuinn. Dh’ ionnsaich sinn fhèin beagan Gàidhlig do Laura a bhiodh feumail dhi agus ‘s I a rinn math tweet a chuir thugainn a-rithist le beagan Gàidhlig na mheasg.

b2ap3_thumbnail_coaching.jpg

 Chrìochnaich ar turas is sinn a’ siubhail dhachaigh air aiseag Mhalaig far an robh beagan de chèilidh a ‘dol còmhla ri muinntir Cheòlas. Rinn sinn beagan dannsa agus seinn mus do ràinig sinn Loch Baghasdail.

 Tha sinn ùile a’ faireachdain gun rinn an turas feum dhuinn ann a bhith a’ leasachadh ar sgilean Gàidhlig agus tha sinn cuideachd cus nas misneachail a bhith ga bruidhinn nar measg fhein.  Tha sinn a’ faireachdan, mar dhaoine òga, gu bheil tachartasan mar seo air leth feumail agus buannachail nàr n-oidhirpean ìre fileantachd a ruighinn.   

 Bha turas sgoinneil againn agus tha sinn airson taing a thoirt dhan h-uile duine a thug taic dhuinn ann an dòigh sam bith, gu h-àraid Mrs Beaton agus an sgoil, Màiri Ann Chaimbeul bho ChnaG agus Ruth a bha a’ draibheadh am bus dhuinn.

 

 

 

 

Continue reading

Posted in blòg | Comments Off on Nigheanan Lionacleit ann an Glaschu

Ultima Warriors | Innis Tìle aig na Euros

Tha farpais mhòr eadar-nàiseanta Ball-coise anns an Fhraing a-rithist. Nach eil fada bhuainn a-nise prìobadh John Collins, tadhal Craig Burley, Sean Connery agus Martyn Bennett a’ gabhail splaoid agus Stan Collymore a’ faighinn droinneadh o Luchd nam Breacan? Tha sinn aig an taigh a-rithist, agus ma bheir sinn sùil air mapa na Roinn Eòrpa chan… Continue reading

Posted in ball-coise, euro2016, iceland, innis tìle, Spòrs | Comments Off on Ultima Warriors | Innis Tìle aig na Euros