Monthly Archives: March 2016

Pàrlamaid na h-Alba air sgaoileadh #gàidhlig

Tha Pàrlamaid na h-Alba a-nis air sgaoileadh agus seisean 4 air tighinn gu crìch. Chaidh a’ Phàrlamaid a leigeil ma sgaoil aig meadhan oidhche air 23 Màrt. Tha seo a’ ciallachadh nach eil BPA, comataidh no Buidheann Thar-phàrtaidh (cross party … Cum ort a leughadh Continue reading

Posted in BPA, Gnòthaichean pàrlamaideach, Oifigear Riaghlaigh, seisean 4, sgaoileadh, taghadh 2014 | Comments Off on Pàrlamaid na h-Alba air sgaoileadh #gàidhlig

Turas gu Metroland #gaidhlig

Gach turas a bhios mi ann an Lunnainn, feuchaidh mi ri beagan a bharrachd de lìonra rèile a’ bhaile a dhèanamh.  An turas seo, chaidh mi air loidhne a’ Mhetropolitan airson a’ chiad turais. ‘S e loidhne gu math sònraichte … Cum ort a leughadh Continue reading

Posted in London Underground, Lunnainn, Metropolitan Line, Metrothan, rathaidean-iarainn, Sasainn, trèanaichean | Comments Off on Turas gu Metroland #gaidhlig

An trèana as saoire ann an Sasainn – turas gu Heathrow II #gàidhlig

Sgrìobh mi min turas agam air an Heathrow Express bho chionn goirid. Trèana gu math luath is gu math spaideil ach gu math daor cuideachd. Mur a cur thu tiocaidean air dòigh co-dhiù 14 latha ro làimh, cosgaidh e £22 … Cum ort a leughadh Continue reading

Posted in Heathrow airport, Heathrow Connect, Heathrow Express, London, London Underground, Lunnainn, Piccadilly line, rathaidean-iarainn, Sasainn | Comments Off on An trèana as saoire ann an Sasainn – turas gu Heathrow II #gàidhlig

Ceòl ùr-nòsach Basgach an Alba



Bha mi a-riamh den bheachd gu bheil ceòl na Gàidhlig san là an-diugh fada ro fhad’ air ais. Mar eisimpleir, chunnacas bho chionn ghoirid farpais ‘Nòs Ùr’ ga shanasachadh. Bhiodh seo math ach tha e coltach gur ann fon sgèith ‘trad’ a bhios e.  Mar sin dheth, ‘s dòcha gum faigh sinn fonn ùr no dhà ach sann san aon cheòl sean-nòsach sa bhios e.


Chan eil cnapan-starra mar sin fainear nam Basgach. Coltach gu bheil taic aca bhon riaghaltas airson ceòl de gach seòrsa a chruthachadh. Thèid seo a thaisbeanadh air prògraman ciùil air telebhisean Bhasgais.  Tha prògraman ann de uair no dhà a dh’fhaid is iad làn de cheòl roc, punk, ska, reggae, pop, indie, rap is eile le gach òran sa Bhasgais. Cha tèid an seann chultar an diochuimhn ge-tà agus chìthear e a’ nochdadh air ùrlar ùr ann cuid de bhideothan aca, mar aig Itziarren Semeak an-seo.

Bidh Itziarren Semeak a’ tadhal air Alba airson a’ chiad turas agus cluichidh iad an Dùn Eideann air Didomhnaich 27 Màirt. Coltach gu bheil an cuirm saor san-asgaidh cuideachd. S math as fhiach e uair no dhà den oidhche agad.



Continue reading

Posted in Basgais, ceol ur, dùn èideann, Euskera, Itziarren Semeak, nòs ùr | Comments Off on Ceòl ùr-nòsach Basgach an Alba

Johan Cruyff | 1947 – 2016

Tha Johan Cruyff – an draoidh ball-coise, ’s mathaid an sàr-dhraoidh – air siubhal aig aois 68. Choisinn e duais Ballon d’ Or trì tursan agus dhùisg e macmeanmna òigiridh thar nam bliadhnaichean. Fear feallsanachail, bidh Cruyff ga chuimhneachadh airson a’ chleas dhan tug e ainm “tionndadh Chruyff” far an robh e a’ tarraing a… Continue reading

Posted in ball-coise, Spòrs | Comments Off on Johan Cruyff | 1947 – 2016

Mìmean | Thig crìoch air an t-Saoghal ach mairidh gaol is ceòl

Dè thachras nuair a chuireas Dàna cliché mhòr na Gàidhlig ri mìmean eadar-lìn? O chionn ghoirid air an eadar-lìn, bha artagailean a’ sgaoileadh far an robh daoine air caipseanan a lorg a bha ag obair leis cha mhòr a h-uile cartùn anns an iris ainmeil “The New Yorker”. Is e an triùir as fheàrr “Christ,… Continue reading

Posted in Gun roinn-seòrsa | Comments Off on Mìmean | Thig crìoch air an t-Saoghal ach mairidh gaol is ceòl

An trèana as daoire ann an Sasainn – Heathrow Express #gaidhlig

OK – tha mi air an trèana as daoire ann an Sasainn. Chan e an Orient Express idir a th’ ann ach an Heathrow Express. Seo an trèana luath eadar Lunnainn Paddington is Heathrow ann an 15 mionaidean gun stad … Cum ort a leughadh Continue reading

Comments Off on An trèana as daoire ann an Sasainn – Heathrow Express #gaidhlig

2016 an Giblean: a’ Chàisg / April: Easter

2016 An Giblean: a’ Chàisg / April: Easter Aig an àm seo den bhliadhna bidh sinn a’ cumail Fèill na Càisge. ‘S e fèill Chrìosdail a th‘ innte, a  tha a’ còmharrachadh aiseirigh Chrìosda, ach tha iomadh nì is cleachdadh na Càisge ann air nach eil coltas Crìosdail idir – peantadh no roiligeadh uighean, ithe […] Continue reading

Posted in Seaboard News Gaelic archive | Comments Off on 2016 an Giblean: a’ Chàisg / April: Easter

Latha Fhèill Aindreis, Latha Fhèill Anndra


’S ann às an t-Sean Ghreugais Ἀνδρέας (‘Andréas’) a tha an t-ainm fireannaich Gàidhlig Aindreas. Ged a b’ urrainn dha làimh a bhith aig Laideann Andreās(às an t‑Sean Ghreugais, mar an ceudna) sa chùis, b’ e G. Aindreas (air fhuaimneachadh *Ainndreas) an cruth a thionndaidh Greugais a’ Bhìobaill bho chiad fhoillseachadh Gàidhlig an Tiomnaidh Nuaidh (1767) agus a chleachdte gu faisg air deireadh na 20mh linne.
Ged a bhiodh dùnaidhean eadar-dhealaichte aig an fhacal Ghreugais sna tuisealan fa leth (Marcus 13:3 ainmeach Ἀνδρέας (-as), Mata 4:18 cuspaireach Ἀνδρέαν (-an), Eòin 1:44 ginideach Ἀνδρέου (-ou)), chaidh an rèiteachadh sa Ghàidhlig mar Aindreas sna tuisealan bunasach agus tabhartach, agus Aindreis− sgrìobhte Aindreais − san tuiseal ghinideach (agus ghairmeach). Air a bhonntachadh air Aindreas, chaidh an t-ainm Gàidhlig Gille Aindreis (Gill’Aindreis) a chruthachadh, agus chaidh sin fhèin air iasad dhan Bheurla mar Gillanders; chaidh an sloinneadh MacGill’Aindreis a stèidheachadh air an aon chruth.
’S e an cruth Aindrea no, nas cumanta, Anndra as trice a gheibhear an-diugh airson an ainme phearsanta agus ’s iongantach nach ann bho bhuaidh na Beurla Gallta Andra, Andrew a thàrmaich sin. (Ri taobh Aindrea caol ~ Anndraleathann, gheibhear Aindreas ~ Anndras cuideachd.) A thaobh cruth an Tiomnaidh Nuaidh, chaidh sin ùrachadh gu Anndras(m.e. 1992) agus gu Anndra (m.e. 1980, 2010).
B’ e Aindreas no Anndras a bh’ air an naomh den ainm sin, naomh anaclaidh (dìona) na h‑Albann, agus b’ e Fèill Aindreis (Anndrais) latha cuimhneachaidh no latha fèise an naoimh. Ann an seòrsa de dhùblachadh, chaidh Latha Fhèill Aindreis (Anndrais) air an fhèill, ’s dòcha an dèidh na Beurla (St Andrew’s) Day. ’S e Latha Fhèill Anndrais an cruth as cumanta a chithear an-diugh.
A rèir choltais, cha b’ e latha a ghlèidhte aig mòran a bh’ anns an deicheamh latha air fhichead den t-Samhain: ann an suirbhidh a rinneadh ann an 2001 leis a’ Famous Grouse, cha b’ aithne dha ach 22% de luchd na dùthcha dè an latha air an glèidhte Latha Fhèill Anndrais; an aghaidh sin, b’ aithne dha 64% cuin a ghlèidhte latha-breith Raibeirt Bhurns. Agus cha b’ ann gu 2007 a chaidh latha deireannach na Samhna a dhèanamh na fhèill-banca (saor-thoileach) an Albainn le Pàrlamaid na h-Albann.
Le dìth cleachdaidh no dìth eòlais, chithear corra oidhirp air an abairt Latha Fhèill Anndrais a chur an cèill an-diugh, agus Latha Fhèill Anndra, le cruth cumanta an ainme phearsanta san latha an-diugh, nam measg. ’S ann a chaidh abairtean mar Fèill Anndrais a chruthachadh mus deach sèimheachadh ann an ainmearan ginideach fhireannach na àbhaist, m.e. Fèill Mìcheil gun sèimheachadh, an àite *Fèill Mhìcheil an dèidh riaghailtean Gàidhlig an latha an-diugh, ged a bha Mìchealsan tuiseal ghinideach; nochdaidh an aon rud ann an abairtean eile, mar Latha Bealltainn, Latha Buidhe Bealltainn ‘a’ chiad latha den Chèitean’. Nuair a chaidh abairtean mar Fèill Mìcheil a dhùblachadh leis an fhacal latha, chaidh ciad litir nan abairtean, mar a thachras le ainmearan sònraichte fireann (agus neodrach) eile, a shèimheachadh, .i. Latha Fhèill Anndrais, Latha Fhèill Pàdraig(17 Màrt), Latha Fhèill Caluim Cille(9 Ògmhios), Latha Fhèill Mìcheil (29 Sultain). San abairt Latha Fhèill Brìghde (1 Gearran), ’s e ainm bana-naoimh a th’ againn ann am Brìghde (SG Brigit, gin. Brigte) agus cha bhite an dùil ri sèimheachadh ann an ainm boireannaich san tuiseal ghinideach sa chuid mhòir de dhualchainntean co-dhiù.

Continue reading

Posted in Aindrea, Aindreas, ainmeach, ainmear, Anndra, Anndras, Bealltainn, Beurla, Beurla Ghallta, bunasach, fèill, gairmeach, Gill'Aindreis, Gillanders, ginideach, Latha Fhèill Anndra, MacGill'Aindreis, naomh, sèimheachadh | Comments Off on Latha Fhèill Aindreis, Latha Fhèill Anndra

Shrapnel


Shrapnel Lèirmheas
A-raoir, chaidh naoinear againn dhan Storytelling Centre anns a bhaile mhòr gus an dealbh-cluich ùr ‘Shrapnel’ fhaicinn. Bha e stèidhichte ann an Lìte, ‘s e a’ leantainn beatha a’ phrìomh charactar  MacLugran  ’s e an sàs ann am muirt diomhaireach. Le cleasaichean glè ainmeil ann an saoghal nan Gàidheal, bha dùil againn gum biodh e sgoinneil. Choilean e an dùileachadh sin gun teagamh.  Wow, bha e dìreach mìorbhaileach!
Choinnich sinn cuideachd ris an sàr-chleasaiche Iain Macrae aka Tormod bho Bannan aig an after-party/meet and greet!!! Nach sinn a bha fortanach!! #Tormod #selfie
(ok, ’s mathaid nach eil am pios seo buileach fìor…)
Chòrd an dealbh-cluich rinn gu mòr, chanainn gur e an dealbh-cluich a b’fhearr a chunnaic sinn. Bha e uabhasach buntainneach dhuinn air sgath ’s gun robh e stèidhichte ann an Dùn Èideann.
Amy Kerr & Cara Nic Lusgaidh
Guest bloggers Amy and Cara give a review of the play ‘Shrapnel’ which they saw, along with some other JGHS pupils, at the Story Telling Centre.  They thoroughly enjoyed the play which explored the dark and murky world of the Edinburgh underworld.  They were also busy celebrity spotting…

Continue reading

Comments Off on Shrapnel