Monthly Archives: February 2016

Air fear/tè/feadhainn …


Chan urrainnear sa Ghàidhlig an gnìomhair bia chleachdadh le cuspair dìreach ach le àireamhan, prìsean, meudan 7c (m.e. Tha e fichead bliadhna a dh’aois; Tha iad trì nota deug; Tha sin cus). A bharrachd air sin, feumar roimhear a chleachdadh gus an dàimh eadar cùisear agus cuspair a chur an cèill: Tha i na dotair (le an). Air neo, feumar structair leis a’ ghnìomhair is a chleachdadh: Is e dotair a th’ innte (nas sine: Is dotair i), ged a ghabhas dealachadh foirmeil dèanamh eadar Tha i na dotair (‘am measg rudan eile na beatha, tha i clàraichte na dotair’) agus Is e dotair a th’ innte (‘is ionann i agus dotair’), m.e. Tha i na dotair ach chan e dotair a th’ innte ‘ged a tha dreuchd dotair oirre, cha dèan i an gnothach san dreuchd’.
Gus ‘aonan à buidhinn’ a chur an cèill, cleachdar structairean le bi agus an roimhear air:
(1)
Cuiridh an structair bi cuideigin air fear/tè de rudeigin an cèill gur e fear/tè à àireimh nas motha a th’ ann: Bha an t-Ollamh Watson air fear de phrìomh eòlaichean dhualchainntean na Gàidhlig; Bha athair a seanmhar air fear dhiubh sin; Air fear de bhuill a’ choitheanail an oidhche ud, chì sibh an t-Urr. Iain Mac a’ Ghobhainn; Cha robh thu air fear de na balaich sna làithean sin, mur an do roghnaich thu seasamh gus coimhead ball-coise; Tha i air tè de cheud duine a chaidh a thaghadh; Mur seachainn thu an t-òl, is math a dh’fhaodte gum bi thusa air fear de na mheallar (‘den fheadhainn a mheallar’) leis an digh; Tha mise air fear de na ministearan aig a bheil an seann fhasan gach nì a tha sa Bhìoball a chreidsinn; Tha Somhairle MacGill-Eain air fear de na bàird Albannach aig a bheil seasamh nàiseanta agus eadar-nàiseanta.

Thèid an structair seo a chleachdadh gu tric le brìgh anardach a’ bhuadhair choimeasaich (aonan à mòran): Tha fir-tàileisg Leòdhais air feadhainnde na fianaisean eachdraidh as inntinniche; Bha i air tè dena boireannaich a bu bhrèagha air an do laigh sùil peacaich a-riamh; Bhiodh i air a bhith air tè de na croisean as leithne am Breatainn ’s an Èirinn; Nalatha bha an sgìre seo air tè de na sgìrean a bu lìonmhoire; Bha an dealbh-cluiche seo air fear de na pròiseactan a bu shoirbheachail a rinn Meanbh-chuileag a-riamh.

(2)
Gabhaidh air fear/tèfhèin cleachdadh le ceum co-ionannach a’ bhuadhair: Tha e air a bhith air fear-gnothaich cho soirbheachail ’s a th’ ann an ceann a tuath Shasainn; Tha Feachd-Smàlaidh agus Teasairginn ùr na h-Alba air tè cho mòr ’s a tha san Roinn Eòrpa.
(3)
A thuilleadh air seo, tha structair ann far an tèid air a leantainn le ainmear iolra (.i. le brìgh iolra) agus buadhair coimeasach na dhèidh: Tha còmhlain phìoba Albannach à Canada air an fheadhainn as fheàrr air an t-saoghal, .i. tha iad air cuid den fheadhainn as fheàrr air an t‑saoghal.
Is coltach gur e an roimhear air seo an roimhear air ‘air mullach, os cionn’ (à SG for, nach bitheadh a’ sèimheachadh), ged a bhios sèimheachadh gu tric a’ leantainn ar ann an structairean ceudna ann an Gàidhlig na h-Èireann: (1) Tá sin ar cheann de na rudaí a dúirt mé ‘tha sin air fear de na rudan a thuirt mi’; (2) Tá sé ar fhear chomh maith leat ‘tha e air fear cho math riut’; (3) Tá sé ar na daoine is mó sa rang ‘tha e air na daoine as motha sa chlas’. Chaidh SG for (gun sèimheachadh) agus SG ar(le sèimheachadh) am measg a chèile gu ìre ann an Gàidhlig na h-Èireann. Gu foirmeil, chaidh an cumail fa leth ann an Gàidhlig na h-Albann; faic http://bloighgramair.blogspot.co.uk/search/label/air.

Continue reading

Posted in air, ar (GE), ar (SG), bi, buadhair co-ionannach, buadhair coimeasach, buadhair coimeasach (le brìgh anardach), cho, de, fear, for (SG), is (gnìomhair), sèimheachadh, | Comments Off on Air fear/tè/feadhainn …

Air fear/tè/feadhainn …


Chan urrainnear sa Ghàidhlig an gnìomhair bia chleachdadh le cuspair dìreach ach le àireamhan, prìsean, meudan 7c (m.e. Tha e fichead bliadhna a dh’aois; Tha iad trì nota deug; Tha sin cus). A bharrachd air sin, feumar roimhear a chleachdadh gus an dàimh eadar cùisear agus cuspair a chur an cèill: Tha i na dotair (le an). Air neo, feumar structair leis a’ ghnìomhair is a chleachdadh: Is e dotair a th’ innte (nas sine: Is dotair i), ged a ghabhas dealachadh foirmeil dèanamh eadar Tha i na dotair (‘am measg rudan eile na beatha, tha i clàraichte na dotair’) agus Is e dotair a th’ innte (‘is ionann i agus dotair’), m.e. Tha i na dotair ach chan e dotair a th’ innte ‘ged a tha dreuchd dotair oirre, cha dèan i an gnothach san dreuchd’.
Gus ‘aonan à buidhinn’ a chur an cèill, cleachdar structairean le bi agus an roimhear air:
(1)
Cuiridh an structair bi cuideigin air fear/tè de rudeigin an cèill gur e fear/tè à àireimh nas motha a th’ ann: Bha an t-Ollamh Watson air fear de phrìomh eòlaichean dhualchainntean na Gàidhlig; Bha athair a seanmhar air fear dhiubh sin; Air fear de bhuill a’ choitheanail an oidhche ud, chì sibh an t-Urr. Iain Mac a’ Ghobhainn; Cha robh thu air fear de na balaich sna làithean sin, mur an do roghnaich thu seasamh gus coimhead ball-coise; Tha i air tè de cheud duine a chaidh a thaghadh; Mur seachainn thu an t-òl, is math a dh’fhaodte gum bi thusa air fear de na mheallar (‘den fheadhainn a mheallar’) leis an digh; Tha mise air fear de na ministearan aig a bheil an seann fhasan gach nì a tha sa Bhìoball a chreidsinn; Tha Somhairle MacGill-Eain air fear de na bàird Albannach aig a bheil seasamh nàiseanta agus eadar-nàiseanta.

Thèid an structair seo a chleachdadh gu tric le brìgh anardach a’ bhuadhair choimeasaich (aonan à mòran): Tha fir-tàileisg Leòdhais air feadhainnde na fianaisean eachdraidh as inntinniche; Bha i air tè dena boireannaich a bu bhrèagha air an do laigh sùil peacaich a-riamh; Bhiodh i air a bhith air tè de na croisean as leithne am Breatainn ’s an Èirinn; Nalatha bha an sgìre seo air tè de na sgìrean a bu lìonmhoire; Bha an dealbh-cluiche seo air fear de na pròiseactan a bu shoirbheachail a rinn Meanbh-chuileag a-riamh.

(2)
Gabhaidh air fear/tèfhèin cleachdadh le ceum co-ionannach a’ bhuadhair: Tha e air a bhith air fear-gnothaich cho soirbheachail ’s a th’ ann an ceann a tuath Shasainn; Tha Feachd-Smàlaidh agus Teasairginn ùr na h-Alba air tè cho mòr ’s a tha san Roinn Eòrpa.
(3)
A thuilleadh air seo, tha structair ann far an tèid air a leantainn le ainmear iolra (.i. le brìgh iolra) agus buadhair coimeasach na dhèidh: Tha còmhlain phìoba Albannach à Canada air an fheadhainn as fheàrr air an t-saoghal, .i. tha iad air cuid den fheadhainn as fheàrr air an t‑saoghal.
Is coltach gur e an roimhear air seo an roimhear air ‘air mullach, os cionn’ (à SG for, nach bitheadh a’ sèimheachadh), ged a bhios sèimheachadh gu tric a’ leantainn ar ann an structairean ceudna ann an Gàidhlig na h-Èireann: (1) Tá sin ar cheann de na rudaí a dúirt mé ‘tha sin air fear de na rudan a thuirt mi’; (2) Tá sé ar fhear chomh maith leat ‘tha e air fear cho math riut’; (3) Tá sé ar na daoine is mó sa rang ‘tha e air na daoine as motha san rang (seòrsa)’. Chaidh SG for (gun sèimheachadh) agus SG ar(le sèimheachadh) am measg a chèile gu ìre ann an Gàidhlig na h-Èireann. Gu foirmeil, chaidh an cumail fa leth ann an Gàidhlig na h-Albann; faic http://bloighgramair.blogspot.co.uk/search/label/air.

Continue reading

Posted in air, ar (GE), ar (SG), bi, buadhairco-ionannach, buadhaircoimeasach, buadhaircoimeasach(lebrìghanardach), cho, de, fear, for (SG), is (gnìomhair), sèimheachadh, | Comments Off on Air fear/tè/feadhainn …

#DòmhnallTrump2016

Meteoric rise, an e sin a chanas duine ris an iolach a tha an Trumpach a’ togail? Neo bean-shìthe agus droch chomharran air fàire? An e seo dha-rìreabh mar a bha cuid de mhuinntir na Gearmailte a’ faireachdainn sna 1920an agus 30an? Air neo an ann mar seo a tha gnothaichean an Taghaidh a h-uile… Continue reading

Posted in donald trump, Gaelic, Gàidhlig, Naidheachdan & Poileataigs | Comments Off on #DòmhnallTrump2016

BBC Alba: 10 Beachdan – Pàirt 4: Filmichean

Có cuireadh guthan Gàidhlig ri Cogadh nan Reultan?

Gum bi an neart leibh a chàirdean! Seo dhuibh mo bhlog as ùire air beachdan air prògraman ùra airson BBC Alba. Theagamh nach bi am beachd seo a’ còrdadh ris a h-uile duine ach chan e ach beachd a th’ ann agus tha mi a’ smaoineachainn gum beireadh e rudeigin eadar-dhealaichte dhuinn.

Dé mu dhéidhinn filmichean? Tha fhios againn gu bheil filmichean uarraidh daor ri chuir air dòigh. Ged a bhiodh filmichean Gàidhealach a’ còrdadh ruinn (chan fhacaidh sinn mòran dhiuch bhon uair a rinn iad Seachd), chan e sin an aon chothrom a tha romhainn.

Dé mu dhéidhinn filmichean bho thall thairis? Nach b’ urra dhuinn Gàidhlig a chuir orra? Tha againn ri fo-thiotalan a leughadh co-dhiù, am bitheadh seo nas miosa?!

Agus dé mu dhéidhinn filmichean na Beurla? Theagamh gum bitheadh e beagan neònach dhuinn aig an toiseach ach bhitheadh e inntinneach co-dhiù. Dé bhur beachdan? Am biodh e tarraingeach dhuibh-se? Dé filmichean am bu mhath leibh fhéin fhaicinn anns a’ Ghàidhlig?

‘S e rud cumanta a th’ ann ann an dùthaichean taobh a-muigh saoghal na Beurla. Chaidh Krieg der Sterne a chuir a-mach anns a’ Ghearmailt agus La Guerre des Etoilles anns an Fhraing. Am bitheadh ùidh agaibh ann an Cogadh nan Reultan? Có bhiodh ann? Tha mi a’ smaoineachadh gum biodh Aonghas Peadar Caimbeul uarraidh math mar Obi-Wan Kenobi!

Aig a’ cheann thall, bhitheadh e inntinneach. Bheirinn-sa sùil air.

Gum bi an neart leibh… daonnant. Continue reading

Posted in BBC Alba, Film, Gaelic, Gàidhlig, Scottish Gaelic, Star Wars | Comments Off on BBC Alba: 10 Beachdan – Pàirt 4: Filmichean

Seusan Ùr na Camanachd air Faire

By Sologoal – Own work, CC BY-SA 4.0, https://commons.wikimedia.org/w/index.php?curid=36544057 Tha iomain air ais! Ciamar a thèid dhan Eilean Sgitheanach agus iad air tilleadh dhan Phrìomh Lìog? An urrainn do sgioba stad a chur air Baile Ùr an t-Slèibh? Am bi ainmean ùra air na cupannan? Tha Eòghan a’ cnuasachadh air a’ chòrr is tuilleadh. Leugh… Continue reading

Posted in Iomain, Spòrs | Comments Off on Seusan Ùr na Camanachd air Faire

Oidhche nan Duaisean – The Award Ceremony le Sìne NicGriogair



FILM G        

    
                                                           
Air ais anns an Damhair, bha an cothrom aig sianar againn bhon treas bhliadhna fiolm proifeiseanta a dhèanamh le taic bho FilmG. Ged a bha e uabhasach spòrsail aig an àm, cha robh dùil againn gum biodh dad mòr a’ tighinn as. Cha robh dùil a riamh againn gun deidheadh sinn fiù ’s ainmeachadh ach coimheadaibh dè thachair! Rinn sinn am film airson ar sgilean Gàidhlig agus drama a leasachadh, ach fhuair sinn dhan Old Fruitmarket ann an Glaschu airson oidhche uabhasch spaideil gu dearbh.
Chaidh ar suidhe aig bòrd leinn fhìn, le sealladh sgoinneil air an stèids. Dh’fhairich sinn uile an àile, a bha mar dealain. Chuidich e gun robh sinn uile a faireachdain leòmach sna dreasaichean againn. Chòrd e rinn uile gun robh an cothrom againn leigel le ar dreasaichean solas an latha fhaicinn!
Thòisich an oidhche le rud beag aithris bho na preasantairean, le deise agus dreasaichean a theab ar dèanamh dall! Chuala sinn cuideachd bho Alasdair Allan, a dh’innis dhuinn mu an luach mhòr a th’aig ar cànan. Aig deireadh na h-aithris aige, chuala sinn ainm ar film, ‘An Tè Uaine’ agus Àrd Sgoil Sheumais Gilleasbuig! Cha robh fios againn dè bha tachairt, ach mar a dh’ionnsaich sinn, bhuannaich sinn an duais airson Gàidhlig as fhèarr. ‘S e a chiad duais a bh’ann, mar sin cha robh fios againn dè dhèanadh sinn. Shuidh sinn anns na seathraichean againn agus mu dheireadh thall, chaidh sinn suas air an stèids agus leugh a h-uile tè againn a-mach ar n-òraid, dìreach mar a rinn sinn a h-uile càil anns am fhilm – còmhla. 
A’ coimhead air ais, bha sinn uabhasach fortanach gun d’fhuair sinn ar duais aig toiseach na h-oidhche, or b’urrainn dhuinn suidhe air ais aig fois, a’ coimhead air na fiolmaichean agus an còrr den oidhche sgoinneil. 
Le Sheena ‘Khamoon’ NicGriogair
Thanks to Sheena MacGregor for her report on the FilmG Awards Ceremony.  The girls really enjoyed the occassion, which seems to have been a very glamarous affair.  Thanks also to Catriona Gracie for taking the girls and supervising!

Continue reading

Comments Off on Oidhche nan Duaisean – The Award Ceremony le Sìne NicGriogair

Strì nam Poblachdach


Tha co-labhairt nam Poblachadh ann an Nevada dìreach air tighinn gu crìoch ‘s tha coltas ann gur e Trump a bhuanaich a’ chuid as motha. Ged a tha iad fhathst a’cunntadh ann an Nevada, tha coltas ann gun do bhuannaich an 42% cuid de na bhotaidhean ‘s gum faigh e 14 riochdairean de na 30 a bha ri fhaighinn ann an Nevada.

Gu ruige seo, tha Trump air 80 riochdairean bhuanachadh. Aig a’cheart àm tha an càch air 52 riochdairean bhuanachadh. Tha Trump fad air thoiseach gu h-àraidh air sgàth gun do bhuannaich e a’ cuid gu lèir de na 50 riochdairean as a’Charolina a Deas.

Ged a tha a h-uile coltas ann gur ann le Trump a tha làmh an uachdair, ‘s e cuid glè bheag de riochdairean a chaidh a thaghadh gu ruige seo. ‘S e còrr ‘s 2,000 riochdairean a tha ri chunntadh ann fhathast. An t-seachdainn sa tighinn tha suas ri 500 riochdairean ri thaghadh am meag 13 stàitean ‘s stàit agam fhìn nam measg (Alaska).

Airson bhuanachadh gu bhith na thagraiche nam Poblachdach, chan e a’chuid as motha a dh’fheumas Trump ri bhuanachadh ach a’ mhòr chuid. An rud a tha ri fhaicinn an t-seachdain neo dhà a tha ri tighinn ‘s e an e an duine a-mhàin a tha fhathast na sheasamh an aghaidh Trump neo triùir neo dithis? Gu ruige meadhain a’mhàirt, thèid a mhòr chuid de riochdairean a roinn a rèir chuid de bhotaidhean a bhuanaicheas gach duine. As dèidh sin, an duine a bhuanaicheas a’chuid as motha ann an stait, fiùs mur a bheil e ach 30% gheibh e a’chuid gu lèir de riochdairean anns an stàit a tha seo. Mar sin, ma s’ann gu bheil thu ag iarraidh duine sam bith eile seach Trump, an rud a tha thu ag iarraidh fhaicinn ‘s e aon duine a mhain a tha fhathast na sheasamh an aghaidh Trump. Mas ann gun bheil can triùir ann fhathast, tha e gu math coltach gur e Trump a tha gu bhuannachadh mar thagraiche nam Poblachdach.

Taobhadh agamsa: Ted Cruz.

– Posted using BlogPress from my iPad
Continue reading

Comments Off on Strì nam Poblachdach

2016 Am Màrt: Runrig – The Story

Runrig: The Story Ged a thoisich Runrig barrachd is 40 bliadhna air ais, agus iad a’ cluiche ann an tallaichean clìuteach mar na Barrowlands agus aig fèisean-ciùil mòra ann an Alba, ann an Sasainn agus thall thairis, air beulaibh nam mìltean de luchd-èisteachd, air dòigh air choireigin cha deach aca riamh a bhith fasanta. Cha […] Continue reading

Posted in Seaboard News Gaelic archive | Comments Off on 2016 Am Màrt: Runrig – The Story

Duais Ghàidhlig Film G – FilmG Gaelic Prize

Uill, abair gu bheil sinn air ar dòigh!  Chaidh an duais seo a bhuileachadh air nigheanan na treas bliadhna oidhche ‘haoine is tha sinn uile gu math moiteil asta.  Cluinnidh sibh bhon sgioba fhèin mu chuirm nan duaisean is mar a chaidh dhaibh a dh’aithghearr!

We are delighted to announce – if you hadn’t heard already – that the girls below (and Erin) were awarded the FilmG Gaelic Prize.  Report from the girls to follow…
Continue reading

Comments Off on Duais Ghàidhlig Film G – FilmG Gaelic Prize

FilmG – Duais do Bhaile Dhubhthaich! Tain Academy wins at FilmG!

Ri fhaicinn air an duilleag Facebook aig FilmG Alba – taing airson seo!  Naidheachd fìor bhrosnachail! 12-17 RIOCHDACHADH AS FHEÀRR | BEST PRODUCTION Nach seall sibh air Sgioba Acadamaidh Rìoghail Baile Dhubhthaich – rinn iad seo oidhirp mhòr a thaobh props agus a bhith clàradh air feadh na sgoile agus anns a’ bhaile fhèin, agus […] Continue reading

Posted in Seaboard News Gaelic archive | Comments Off on FilmG – Duais do Bhaile Dhubhthaich! Tain Academy wins at FilmG!