Monthly Archives: January 2016

Bile an Fhoghlaim – an ath cheum #foghlam #gàidhlig @SP_EduCul

Tha sinn air a bhith a’ leantainn adhartas Bile an Fhoghlaim (Alba) air a’ bhloga seo. Tha ullachaidhean sa bhile a thaobh foghlam Gàidhlig agus tha a’ choimhearsnachd Ghàidhlig air ùidh mhòr a nochdadh ann. Tha ceann-latha a-nis againn airson … Cum ort a leughadh Continue reading

Posted in cànan, Education and Culture Committee, Education Scotland Bill, Foghlam, FTMG, Gabhail pàirt, Gàidhlig | Comments Off on Bile an Fhoghlaim – an ath cheum #foghlam #gàidhlig @SP_EduCul

Geàrr Liostaichean – Shortlists

Tha sinn toilichte innse dhuibh gun deach am fiolm againn ‘An Tè Uaine’ a chur air a’ gheàrr-liosta son ‘Duais na Gàidhlig’.  Tha sinn air ar dòigh glan mu dheidhinn agus tha sinn cinnteach gun còrd oidhche nan duaisean ri na caileagan.

We are pleased to inform you that the S3 Girls’ film ‘An Tè Uaine’ has made the FilmG shortlist for the Gaelic prize.  We are delighted for them and are looking forward to seeing the photos from the awards!

http://filmg.co.uk/en/films/filmg2016/winners-shortlists/youth

Continue reading

Comments Off on Geàrr Liostaichean – Shortlists

A’ fàgail soraidh slàn le 2015 vol. II

Anyway, a chàirdean, càit’ an robh sinn?

‘San Iuchar …

Joe "strong & vibrant" Moore,
interim CEO a’ Bhùird

Bha am Bòrd a’ sìor dhol bho neart gu neart agus a’ faighinn mholaidhean mòra ‘son cheumanan mòra. Erm … bha.

Tuigidh sibh, ged-tà, gur h-iad Gaelic tweets as mò a bh’ air aire ‘Illeasbuig; nach buidhe dhuinn gu bheil conaltradh cho beòthail, fiù’s – seadh – vibrant mar a Continue reading

Comments Off on A’ fàgail soraidh slàn le 2015 vol. II

iomadh bliadhna …



Ann an cuid de dh’fhaclairean Gàidhlig, canar gur e buadhair a tha ann an iomadh (iomadh bliadhna ‘mòran bhliadhnaichean’), ach ’s e ainmear fireann a th’ ann (SG imbed, imbad a bha neodrach bho thùs agus an uair sin fireann). Mar a thathas a’ sùileachadh ann am mòran bhliadhnaichean, bhite an dùil gum biodh ainmear a thigeadh an dèidh ainmeir eile anns an tuiseal ghinideach; chan e sin e, ge-tà, a rèir choltais, dha iomadh bliadhna, agus leabhraichean gràmair ag ràdh gur e cruth singilte an ainmeir a leanas iomadh.
San t-Sean Ghàidhlig, bhiodh an cruth ginideach iolra aig cuid mhòr de dh’ainmearan co-ionann ris a’ chruth bhunasach shingilte aca, ach chithear an aon seòrsa rud gu h-àraid ann an ainmearan fireann coltach ri fear agus balach fhathast ann an Gàidhlig na h-Alba: am fear beag, (gin.) taighean nam fear beaga; am balach beag, (gin.) leabhraichean nam balach beaga. B’ e sin an cleachdadh bho thùs an dèidh, mar eisimpleirean, nan àireamhan fichead, ceud agus mìle: SG fiche fer ‘fichead fear’, cét fer ‘ceud fear’, míle fer ‘mìle fear’. Is e an cleachdadh sin, air a sgaoileadh chun a h-uile h-ainmear ann an Gàidhlig na h-Alba, a lean gus an latha an-diugh.
’S e nuadhachas a bh’ ann, ge-tà, nuair a thòisicheadh air ainmearan neo-dheimhinnte iolra san tuiseal ghinideach a shèimheachadh ann an Gàidhlig na h-Alba: a’ peantadh dhealbhan; an dèidh mhìosan; mòran bhliadhnaichean. Is dòcha gun do thàrmaich an nuadhachas seo uaireigin san 17mh linn; am bitheantas, cha lorgar e ann an Gàidhlig na h-Èireann no ann an Gàidhlig Mhanainn.
Ach cha do thachair an t-atharrachadh seo le na h-àireamhan fichead, ceud agus mìle a lean leis an t‑sean chleachdadh, .i. cruth ginideach iolra gun sèimheachadh, agus – mar as motha a chaidh ainmearan neo-dheimhinnte ginideach iolra a shèimheachadh – air an robh coltas singilte a-nis.
A rèir choltais, dh’fhuirich an cleachdadh an dèidh iomadh còmhla ris a’ chleachdadh an dèidh nan àireamhan fichead, ceud agus mìle – agus an dèidh nan àireamhan ‘ùra’ trìthead, ceathrad 7c a bhios gan cleachdadh uaireannan an-diugh.

An-dràsta is a-rithist, thigear tarsainn air eisimpleir de dh’ainm-àite far am faighear an sean chleachdadh seo, m.e. Cnoc Chala Muc(ann an Calanais, Leòdhas): nuair a chaidh a’ chiad ainm an seo (nach eil ri lorg na aonar tuilleadh) a chruthachadh, cha robhas a’ sèimheachadh ainmearan neo-dheimhinnte ginideach iolra: *Cala Muc ‘bàgh nam muc’. Continue reading

Posted in ainmear fillte, àireamhan, Calanais, ceathrad, ceud, Cnoc Chala Muc, fichead, ginideach, iolra, iomadh, mìle, mòran, sèimheachadh, trìthead | Comments Off on iomadh bliadhna …

Sàbhail Rathad-iarainn an Eilein! #gàidhlig #IOW

Tha rathad-iarainn an Eilein ann an cunnart agus feumach air cuideachadh bhuainn. Chan eil mi a’ ciallachadh Rathad-iarainn an Eilein Sgitheanaich (Inbhir Nis dhan Chaol) no Rathad-iarainn nan Eilean (Glaschu-Mallaig) idir ach an loidhne ann an Sasainn air a bheil … Cum ort a leughadh Continue reading

Posted in Eilean Wight, England, iomairt, IOW, Isle of Wight, Keep Island LIne in Franchise, KILF, rathaidean-iarainn, Sasainn | Comments Off on Sàbhail Rathad-iarainn an Eilein! #gàidhlig #IOW

Dùbhlain dìomhaireachd

b2ap3_thumbnail_challenge.jpgb2ap3_thumbnail_gillean.jpg

b2ap3_thumbnail_filmg.jpgb2ap3_thumbnail_bord-grogarry.jpgb2ap3_thumbnail_dinnear.jpg

Ghabh feadhainn dhan òigridh bhon buidheann Òigridh Uibhist pàirt ann an tachartas air leth spòrsail, agus annasach, ann an Loidse Ghrogarraidh, Uibhist a Deas, anns an Dùbhlachd.

Ged a bha latha gaothail fuar ann a-muigh, bha loidse Ghrogarraidh blàth togarrach agus na ionad uabhasach freagarrach airson na bha air thoiseach air an òigridh.

Ghabh an òigridh pàirt ann an mòran dùbhlain agus geamaichean  a thug an cothrom dhaibh obrachadh còmhla tro mheadhain na Gàidhlig. Bha aca ri obrachadh a-mach cò a chuir urchair ri Ben Mòr, fiadh ionadail anns an geama Murder mystery “ Sleigh Bells ring” far an tug Bodach na Nollaig a bhean agus a charaidean air turas a dh’ Uibhist. Bha tuairmsean air an toirt seachad mu na thachair agus bha gach neach anns a bhuidheann a’ cluich caractaran bhon sgriobt agus bha loidhnichean aig an òigridh air fad ri leughadh airson beachd a thoirt dhaibh air cò a’ rinn an rud uabhasach a bha seo. Thog an geama seo misneachd an òigridh ann a bhith a’ bruidhinn agus a’ leughadh na Gàidhlig còmhla ri an co-aoisean agus na h-inbhich a bha an sàs. Bha fealla-dhà gu leòr an luib seo agus cha robh am freagairt furasta ri obrachadh a-mach.

Bha dùbhlain eile ann tron oidhche far an robh aca ri teachdairean falaichte a lorg air feadh na loidse agus a’ togail dhealbhan dhiubh,  cuideachd farpaisean-cheist is gu leòr geamaichean eile. Dh’ fhàg an òigridh air fad le duaisean  a bha iad air a bhuannachadh. Chrìochnaich an oidhche le film air an sgrìon mhòr , as dèidh dhaibh sùil a thoirt air sean film FilmG no dhà.

Bha oidhche air leth aig an òigridh air fad (agus aig na h-inbhich!) a’ fuireach ann an Grogarraidh agus bha iad air am milleadh le dinnear blasta agus bracaist an ath mhadainn bho Bella agus an luchd-obrach ann an Grogarraidh. ‘ S e àite sgoinneil a bha ann airson fuireach oidhche le buidheann òigridh agus chòrd an oidhche gu mòr riutha.

Chaidh an tachartas seo a chuir air dòigh le Catriona Mhoireasdan, Màiri Anna Chaimbeul agus Paul Steele.   

Continue reading

Posted in blòg | Comments Off on Dùbhlain dìomhaireachd

Rocaidean so-ath-cleachdadh

Tha SpaceX air bhideo ùr fhoillseachadh dhen rocaid aca, am Falcon 9, mìos sa chaidh a’ tighinn air ais gu tìr gu dìreach agus deiseil gu cleachdadh a-rithist. Tha a’ bhideo fhèin rud beag cus, coltach ri bhideo Justin Bieber … Cum ort a leughadh Continue reading

Posted in fànas | Comments Off on Rocaidean so-ath-cleachdadh

An Reul Dubh : Bàs Dhaibhidh Bhowie

Leis an naidheachd mu bhàs Dhaibhidh Bowie, seo agaibh aiste-mholaidh is beachdan o Eòghan Stiùbhart mu chuid den cheòl aig an robh an seinneadair ainmeil an sàs. Mar a bha e na fhear a sgrìobh òran leis an fhacal  “gaisgich” ann an comharran-labhairt, cha robh mi riamh a’ smaoineachadh gun robh Daibhidh MacIlleBhuidhe a’ cur cus suim ann an gaisgich,… Continue reading

Posted in bàs, beachdan, Cànan & Cultar, Ceòl, cultar, Dàibhidh MacilleBhuidhe, David Bowie, moladh, pop | Comments Off on An Reul Dubh : Bàs Dhaibhidh Bhowie

FilmG – Bhòtaibh! Vote for our FilmG projects!

Chithear na filmichean againn air làrach FilmG a-nis.  Rinn na sgoilearan oidhirp mhìorbhaileach agus tha iad air leth toilichte leis na rinn iad.

Nach bhòt sibh air an son, feuch am faigh iad duais airson an cuid oidhirp!

http://filmg.co.uk/en/films/1218/
 http://filmg.co.uk/en/films/1294/


Please take a moment to have a look at our FilmG entries this year.  The students spent a lot of time making these excellent films and would very much appreciate a vote! Continue reading

Comments Off on FilmG – Bhòtaibh! Vote for our FilmG projects!

Nas chewy na Buslann Barrow-In-Furness? Turas air loidhne costa Cumbria (3) #gàidhlig

Air an turas agam air loidhne costa Cumbria bho chionn seachdain, chuir mi taigh-òsta air dòigh ann am Barrow-In-Furness air eagal ‘s nach fhaighinn air ais dhachaigh air an aon oidhche mar thoradh air na droch thuiltean a bh’ ann … Cum ort a leughadh Continue reading

Posted in Barrow, Barrow-in-furness, Bus depot, Chewits, cumbria, Lancashire, rathaidean-iarainn, Sasainn, Walney Island | Comments Off on Nas chewy na Buslann Barrow-In-Furness? Turas air loidhne costa Cumbria (3) #gàidhlig