Monthly Archives: September 2015

Am Blàr Loos | Smuaintean Eòghain

O chionn ghoirid, sgrìobh Steaphan pìos mu Nagasaki. Ghluais am pìos sin gu mòr mi oir tha e coltach gur e rèididheachd on bhoma oillteil ud a dh’adhbhraich an aillse a thug bàs dha mo sheanair, Cailean MacIlleathain, bliadhnaichean as dèidh làimhe. Bha e air a dhol ann air seirbheis nàiseanta as dèidh a’ Chogaidh… Continue reading

Posted in Cànan & Cultar | Comments Off on Am Blàr Loos | Smuaintean Eòghain

Òigridh Ghlaschu is Dùn Èideann còmhla airson farpais-cheist!

Tha oifigearan ChnaG, Alison Ní Dhorchaidhe ann an Glaschu is Ann Paterson ann an Dùn Èideann, air prògram òigridh ùr a chur air dòigh airson òigridh Àrd-sgoil Ghàidhlig Ghlaschu is Àrd-sgoil Sheumais Gilleasbuig a thoirt còmhla. Chaidh a’ chiad thachartas, farpais-cheist, a chumail ann an Glaschu an t-seachdain seo. Thàinig muinntir Dhùn Èideann gu Taobh an Iar Ghlaschu airson pàirt a ghabhail anns an fharpais-cheist ann am McPhabbs, a tha dlùth ri Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu.

Bha tòrr spòrs ann, le 4 sgiobaidhean a’ strì an aghaidh a chèile airson freagairtean ceart a chur ris na ceistean, agus bha buffet snog blasta ann airson na h-uile duine cuideachd! Bha luchd-obrach McPhabbs air leth cuideachail is chur iad fàilte mhòr air an òigridh is air a’ Ghàidhlig a chluinntinn ann. Aig a’ cheann thall, ‘s e sgioba de nigheanan à Dùn Èideann a bhuannaich, le sgioba de mhuinntir Ghlaschu a’ tighinn anns an dàrna àite, agus fhuair iad duaisean airson na deagh-obrach sgioba a rinn iad!

Thèid am prògram ùr seo a ruith eadar seo agus Am Màrt 2016, le cothrom a thoirt don òigridh tadhail air a’ bhaile mhòr eile. Thèid an dàrna thachartas a chumail ann an Dùn Èideann air 30mh An Dàmhair, le cuairt air “Turas Bus nan Taibhsean”, is culaidh-choimheach airson Oidhche Shamhna. Bidh duais ann airson na culaidhe-choimhiche as fheàrr!  

b2ap3_thumbnail_20150923_163756.jpg

b2ap3_thumbnail_20150923_163746.jpg

b2ap3_thumbnail_20150923_163733.jpg

Continue reading

Posted in blòg | Comments Off on Òigridh Ghlaschu is Dùn Èideann còmhla airson farpais-cheist!

Latha mòr airson cànanan na h-Alba #gàidhlig

Dh’aontaich Pàrlamaid na h-Alba a dh’aona ghuthach ri Bile Cànain Soidhnidh Bhreatainn an t-seachdain sa chaidh (17/8/2015). ‘S e amas a’ bhile seo a bhith a’ brosnachadh cleachdadh Cànan Soidhnidh Bhreatainn. Bithear a’ dèanamh seo tro ullachadh Plana Nàiseanta BLS … Cum ort a leughadh Continue reading

Posted in Blog Pàrlamaid na h-Alba, British Sign Language Bill, BSL, Canain Soidhnidh Bhreatainn, cànan, Comataidhean, Gabhail pàirt, Gàidhlig, Gnòthaichean pàrlamaideach, Oifigear Riaghlaigh, Seòmar | Comments Off on Latha mòr airson cànanan na h-Alba #gàidhlig

Latha mòr airson cànanan na h-Alba #gàidhlig

Dh’aontaich Pàrlamaid na h-Alba a dh’aona ghuthach ri Bile Cànain Soidhnidh Bhreatainn an t-seachdain sa chaidh (17/8/2015). ‘S e amas a’ bhile seo a bhith a’ brosnachadh cleachdadh Cànan Soidhnidh Bhreatainn. Bithear a’ dèanamh seo tro ullachadh Plana Nàiseanta BLS … Cum ort a leughadh Continue reading

Posted in Blog Pàrlamaid na h-Alba, British Sign Language Bill, BSL, Canain Soidhnidh Bhreatainn, cànan, Comataidhean, Gabhail pàirt, Gàidhlig, Gnòthaichean pàrlamaideach, Oifigear Riaghlaigh, Seòmar | Comments Off on Latha mòr airson cànanan na h-Alba #gàidhlig

Gàidhlig druim na muice. Mar gum biodh…

Nach sinn a rinn gàire. Agus carson nach dèanadh. Tha seo fada, fada nas fheàrr na Bannan agus nas salaiche na Outlander. Abair dibhearsain. Am faca tu Twitter?

Caitheamh ùine, tha fios’am.

Ach, mar a chanas an sean-fhacal, “S fheàrr tlachd bho rann air Twitter na bho cheann na muice”

S mathaid gun cuir cuspair mo dhàin oilbheum air cuid ach feumar cuimhneachadh gur e sinne an sliochd a thug ‘Moladh air Deagh Bhod’ dhan t-saoghail. Tha salachar a’ ruith san daoine againn, ge b’oil leis an eaglais. Ach bha uair nuair as e na sagairtean a rinn na dàin as treasa. S fhada bhon uairsin ged-tà. Cha chuala mi a leithid de shalchar bhon a chunnaic mi Cathal Ó Searcaigh a’ bruidhinn. Èibhinn dhà-riribh.

Ceart ma-tha. Tha mi falbh feuch de na faclan sughmhor a th’aig Mill a h-Uile Rud no Micheal Newton a chuidicheas mi tarsainn na lèig salaich seo. Continue reading

Posted in #piggate, Bannan, droch bheul, Tòraidhean | Comments Off on Gàidhlig druim na muice. Mar gum biodh…

An t-Eilean Céin le Garbhan MacAoidh

O chionn greis, bha mi a’ leughadh an leabhair iomraitich aig Moray Watson, An Introduction to Gaelic Fiction, agus anns an earrainn dheth a-mach air na sgeulachdan goirid a nochd anns an iris, Gairm, thàinig mi thairis air iomradh air … Cum ort a leughadh Continue reading

Posted in Ficsean-saidheans | Comments Off on An t-Eilean Céin le Garbhan MacAoidh

Lèirmheas leabhair | Seanchaidh na Coille

“’Se an cruinneachadh saoibhir seo de bhàrdachd agus rosg Gàidhlig à Canada na chruinneachadh as iomlaine dhen litreachas sin a bha againn a-riamh, agus bidh e na ghoireas sònraichte, gun choimeas fad bhliadhnaichean mòra san àm ri teachd. Tha an t-Oll. Newton air obair shuaicheanta a dhèanamh ann a bhith a’ lorg agus a’ mìneachadh… Continue reading

Posted in Cànain, Cànan & Cultar, cultar, litreachas | Comments Off on Lèirmheas leabhair | Seanchaidh na Coille

Stad leis a’ Phoileas ‘s Gunna Agam

Chuir am Poileas stad orm a-raoir.  Bha solas thoiseach a’chàir agam briste.   Rud eile: bha gunna-làimhe agam fo chleith.  Ann an Alasga, chan ann an aghaidh an lagh a tha seo.  Ach nuair a th’ agad ri còmhradh a dhèanamh leis a’ phoileas, feumaidh tu innse dha sa bhad gu bheil gunna-làimhe agad.  Mura innse, bhiodh tu ann an trioblaid.

Mar sin, nuair  thòisich e ri bruidhinn rium chuir mise stad airsan ‘s thuirt mi gun b’ fheudar dhomh innse dha gu robh mi airmaichte.  Saoilidh mi gun do ghabh e iongnadh rud beag.  “Taing mhòr airson sin innse dhomh” thuirt e.  Thòisich sinn an uair sin ri còmhradh a dheanamh mun an t-solas a bha briste.  Dh’innse mi dha gu robh mi mothachail gu robh an solas briste ‘s bha mi a’ feuchainn ri àm stèidheachadh leis a’gharaidse airson a chàrachadh.

‘S ann an uair sin thuirt e: “Theab mi diochuimhneachadh an ID agad iarraidh ort.”  Thòisich mi greimeachadh airson na màideid agam ‘s an uair sin stad mi.  B’ann ri taobh na màileid agam a bha an gunna agam.  Thuig esan dè a chuir stad orm.  “Tha sin ceart gu leòr, cait a bheil an gunna agad?” “Air mo seachd làmh an uaireadair, ‘s ciotach mi. ”  Mar sin thug mi an cead-dràibhidh agam dha.

Beagan as-dèidh thill e ‘s dh’ fhaighnich e dhomh: “Carson a tha cead giùlainn agad?”

An rud a th’ann ‘s e cha leag leas cead a bhith agad airson giùlainn ann an Alasga.  Tha rudeign mu leth dhusan stàitean ann, Alasga nam measg, far a bheil còir aig an t-sluagh ri ghùlainn as aonais cead.  Mar sin, carson a tha cead agam?  Ueill, gus am bith còir agam ri ghiùlainn anns na stàitean (tha suas ri ceathrad dhiubh ann) a bhios a’toirt aithne dhan chead againne.  ‘S sin a thuirt mi ris.

Leis a sin, thug e cead dhomh leantainn orm air mo shlighe agus b’ e seo deireadh a’ chòmhraidh againn.

Rud a tha inntinneach mun a’choinneachadh a bha seo ‘s e mar a bhiodh e air tachairt ann an grùnn aitichean eile far nach e ceadaichte ri giùlainn.  Bha fios aig a’ phoileas an seo gu bheil cuid dhen t-sluagh armaichte ‘s gu bheil còir againn air a sin.  Tha iad air an trèineadh ciamar dèileachadh ri daoine a tha a’giùlainn a-rèir an lagh ‘s cha tèid iad as an rian nuair a choinnicheas iad ri daoine a tha armaichte.  Aig a’ cheart àm tha mi fhìn mothachail gu bheil aig na poileas dèileachadh ris a h-uile seorsa dhaoine ‘s chan eil fios aca idir cò mi.  Ach nuair a dh’innseas mi dha gu bheil mi armaichte, a-reir an lagh, chan e seo rud a chìthear gu tric a na h-eucearaidh

Continue reading

Comments Off on Stad leis a’ Phoileas ‘s Gunna Agam

Moladh Bana-Ghàidheil an Latha an-Diugh 

Le Alasdair Paul, Eilean Arainn Mo bheannachd oirbh, a chaileagan na croite Caileagan coileanta a fhuair an àrach bu dhìriche Bileagan feòir eadar òrdagan ur casan rùisgte Guth binn na h-uiseig is na cuthaig nur cluasan Ùir for n-ìnean is toit na mòna nur falt Bleoghann is buain, crodh is caoraich Is cearcan san iodhlann… Continue reading

Posted in bàrdachd, caileagan, caileagan a' bhaile mhòir, croit, grinn, iodhlann, na croite, Sgrìobhadh Cruthachail | Comments Off on Moladh Bana-Ghàidheil an Latha an-Diugh 

Doolish – San Francisco na h-Eòrpa! Turas Mhanainn 4 #gàidhlig #gaelic #gaelg

Tha Manainn gu math coltach ri California, tha fios.  Agus mas e Eilean Mhanainn “an Stàit Òir”, feumaidh gur e Doolish (Douglas) San Fransisco! Carson? Sa chiad dol a-mach, tha Market Street ann am meadhan Dhoolish a bharrachd air an … Cum ort a leughadh Continue reading

Posted in càball, Manainn, Mannin, San Francisco, Subway Ghlaschu, tramaichean, tramaichean-càbaill, Upper Douglas Cable Tramway | Comments Off on Doolish – San Francisco na h-Eòrpa! Turas Mhanainn 4 #gàidhlig #gaelic #gaelg