Monthly Archives: July 2015

Dè tha an t-Aonadh Eòrpach a’ ciallachadh dhutsa? #gàidhlig

An robh thu riamh ag ionnsachadh no ag obair ann an dùthaich eile san Aonadh Eòrpach? An ann à dùthaich eile san AE a tha thu agus thu a-nis a’ fuireach ann an Alba? An robh thu riamh ag obair aig tè de … Cum ort a leughadh Continue reading

Posted in Beurla-Ghallda, europe, European Committee, Roinn Eòrpa, Scottish Parliament | Comments Off on Dè tha an t-Aonadh Eòrpach a’ ciallachadh dhutsa? #gàidhlig

An t-Iuchar ann an Saoghal na Gàidhlig

Uil, uil… abair mìos a th’ air a bhith ann do shaoghal na Gàidhlig, eh? Sgrùdadh ga ghairm do Bhòrd na Gàidhlig agus e gun Cheannard le Gàidhlig, Urras a’ BhBC ann an Lunnainn ag ràdh nach fheum MG Alba fo-thiotailean Beurla a chur an sàs idir (ged a tha iad fhathast ga dhèanamh), agus… Continue reading

Posted in Cànain, Cànan & Cultar, Naidheachdan & Poileataigs | Comments Off on An t-Iuchar ann an Saoghal na Gàidhlig

Co-ionadachaidhean agus Sgrìobhadh Ficsein

Tha iomadh ìre de sructar aig cànan. Aig a’ cheann shìos, tha feartan mar fhuaimneachadh agus pròsaid [prosody]; aig a’ mheadhan ìre tha feartan mar ghràmar agus briathrachas; agus aig a’ cheann shuas, tha na h-àrd-sructaran mar ghnàthasan-cainnte, sructaran conaltraidh agus … Cum ort a leughadh Continue reading

Posted in corpas ficsean-saidheans | Comments Off on Co-ionadachaidhean agus Sgrìobhadh Ficsein

2015 an t-Iuchar: diathad samhraidh aotrom / July: light summer lunch

Càl-colaig càise beagan eadar-dhealaichte… Gritheidean 1 càl-colaig meadhanach mòr mu 750 gr buntàta mu 125 gr càise cruaidh sgrìobte, leithid Cheddar, Parmesan mu 150 ml uachdar singilte no uachdar-còcaireachd soya (m.e. Alpro) salann piobar dubh garbh-bhleithte Cuir am bùntata do phana le uisge agus salann agus leig leotha bruich fhad ‘s a tha thu a’ […] Continue reading

Posted in Seaboard News Gaelic archive | Comments Off on 2015 an t-Iuchar: diathad samhraidh aotrom / July: light summer lunch

Dealbhan naidheachd ann nam Pàrlamaid na h-Alba #gàidhlig

Tha dà thaisbeanadh a thaobh dealbhan naidheachd aig Pàrlamaid na h-Alba: Taisbeanadh Dealbhan Naidheachd an t-Saoghail agus taisbeanadh sònraichte den obair aig an dealbhadair-naidheachd Michael Peto.  Tha Dealbhan Naidheachd an t-Saoghail (World Press Photo) na thaisbeanadh de na dealbhan as … Cum ort a leughadh Continue reading

Posted in Dundee University, Gàidhlig, Michael Peto, World Press Photo | Comments Off on Dealbhan naidheachd ann nam Pàrlamaid na h-Alba #gàidhlig

BBC Alba: 10 Beachdan – Pàirt 2: Spòrs

“Woof!” Am b’ urra do BhBC Alba eisimpleir Eairdsidh a leanachd?

Dar a bha mise na b’ òige, bu mhath leam na prògraman ball-coise a bh’ againn oidhche h-Aoine. ‘S e Scotsports: Extra Time a bh’ aig STV agus Sportscene a bh’ aig BBC.

Bhitheadh iad a’ dèanadh ro-ràdh roimhe gheamannan na deireadh-sheachaine.

Chan eil Scotsport idir againn tuillidh, agus sguir BBC a’ cur Scotsport a-mach oidhche h-Aoine bho cheann blianaichean. Bu mhór nam beud.

‘S e rudeigin a bhios iad a’ dèanadh gu math aig Radio nan Gàidheal, bhithinn a’ moladh Spòrs na Seachdain gu mór, ach nach b’ urra dhuinn rudeigin den leithid a dhèanadh airson Tbh?

Bheir e cothrom dhuinn beagan de na geamaichean bhon t-seachdain ‘s a chaidh fhaicinn (Tha còraichean aig a’ BhBC cheana).

Tha fhios againn gu bheil spòrs tarraingeach do luchd na Beurla cuideachd, fiù spòrs anns a’ Ghàidhlig.

A’ bharrachd air ball-coise, bhiodh e cothrom ann gus geamannan eile a thaisbeanadh. Tha sinn a’ faicinn gu bheil camanachd-deighe a’ fàs nas motha, agus tha ceithir sgiobannan againn ann an Albainn.

Camanachd? B’ àbhaist dhaibh beagan dhìth a shealltainn air Sportscene air a’ BhBC, sna 80an (A-réir m’ athair!) Tha mi cinnteach gu bheil meall daoine eile de mo leithid, daoine aig a bheil ùidh ann an camanachd, ach cha bhi iad ag amharc oirre gu bitheanta.

Feumaidh BBC Alba a bhith a’ feuchainn beàrnan a lìonadh. Có aig a tha fios? Ma tha e soirbheachail, theagamh gum bi Jonathon Watson a’ tarraing à Ailig O’Henley agus Iain MacAonghais aig a’ bhliadhn’ ùir! Continue reading

Posted in Alba, bbc, BBC Alba, Gaelic, Gàidhlig, Scotland, TV | Comments Off on BBC Alba: 10 Beachdan – Pàirt 2: Spòrs

stòiridh : An Caisteil Oillte (le Raibeart MacArtair)

Caibidil a h-Aon: An Triùir Sgrùdairean
duilleag a h-aon

Pharc Rob MacGill’Andrais an baidhsagail aige an taobh a-muigh an dachaigh agus chaidh e a-steach an taigh. Bha a mhathair anns a’ cidsinn. Nuair a chuala i e a dhùnadh an doras dh’èigh i dha.

“A Raibeart, an e thusa?”

” ‘S e mise, a Mhamaidh.” Chaidh e dhan doras a’ chidsinn. Bha a mhathair a’ dhèanamh bonnaich. ‘S i bean chaol dhonn.

“Ciamar a bha cùisean aig an leabhar-lann?” dh’fhaighnich i.

“Ceart gu leòr,” fhreagair e. Bha obair pàirt-ùine aige aig an leabhar-lann mar gille-frithealaidh. Rinn e rudan mar cur an òrdugh leabhraichean a bha thug air ais agus cur iad air an sgeilpean agus cuideachadh leis an catalog agus faidhleadh.”

“Dh’fhòn do charaid Iupatar,” ars’ a mhathair. Bha i a’ fuineadh an taois a-mach fhad ‘s a bha i a’ bruidhinn leis. “Dh’fhalbh e teachdaireachd air do shon.”

“Teachdaireachd!” dh’èigh Robh air bhoil leis an iongnadh. “Dè thuirt i?”

“Sgrìobh mi i. Gheibh mi i às mo phocaid nuair bha mi deiseil den taois.”

(seo crìoch duilleag a h-aon) Continue reading

Comments Off on stòiridh : An Caisteil Oillte (le Raibeart MacArtair)

What is it makes the Bòrd’s annual report so vibrant, so thriving?

– asks Gilleasbuig, poring over aithisg bhliadhnail Bòrd na Gàidhlig 2014-15 – hot off the press!

Is it the CEO’s review (td8), which omits to mention that the CEO has resigned?

Is it the authoritative way in which the massively unproductive spend on Ulpan has been buried?

The single reference to Ulpan/Ùlpan (td72)

Is it the open and frank way in which the Bòrd’s new chair, Continue reading

Posted in BBC Alba, Bòrd na Gàidhlig, rampant quangocracy, Ulpan | Comments Off on What is it makes the Bòrd’s annual report so vibrant, so thriving?

Facal fàilteachaidh nan Bhulcanach

Chan e Treckie cho mòr a th’ annam a-nis sa b’ àbhaist dhomh a bhith, ach chunna mi an abairt seo ann an Dwelly’s (t.d. 871) agus dh’fheumainn a dhèanamh… Continue reading

Posted in corpas ficsean-saidheans, Ficsean-saidheans | Comments Off on Facal fàilteachaidh nan Bhulcanach

Postair sgoilearach a rinn mi mu Latha Twitter na #Gàidhlig airson #iccs15

An t-seachdain seo, ghabhail mi pàirt san XVmh Còmhdhail Eadar-Nàiseanta na Ceiltis aig Oilthigh Ghlaschu. Feumaidh mi ràdh gun robh e abair urram a bhith an sàs mar neach-taic agus cuideachd mar neach-pàirteachaidh. ‘S e deagh chothrom a bh’ ann cuideachd a… Continue Reading → Continue reading

Posted in ACSIB, Còmhdhail Eadar-Nàiseanta na Ceiltis, Gàidhlig, Latha Twitter na Gàidhlig, Meadhanan Sòisealta, Obair sgoilearach, Oilthigh Ghlaschu, postair | Comments Off on Postair sgoilearach a rinn mi mu Latha Twitter na #Gàidhlig airson #iccs15