Monthly Archives: June 2015

Là Samhraidh ann an Glaschu


Agus mar bu dual is mar bu nòs bha an t-uisge ann ged a dh’fhalbh e rè ùine. Cuideachd bha rathaidean a’ bhaile cho toinnte – eadhon ann am Pàrtaig – ‘s gun robh e doirbh do cheann-uidhe a lorg ann an dòigh ciallach. Ach rinn sinn a’ chuis. 
Agus dìreach nuair a tha thu air rathad dìreach sìmplidh a lorg, cò tha ann air thoiseach ort, is iad a’ caismeachd, ach an Luchd Buidhe (Orange Order ann an Anglo-Sasannais). An ann an-aghaidh Cailtigich a tha iad no dìreach luchd-cleachdaidh nan rathaidean? Agus, cò tha cur bacadh orra a dhol dhan eaglais? Co-dhiu, sgap iadsan a-steach dhan choille-choncrait as deidh greis.

Chan eil dia sam bith agam ach tha an saorsa aca dol a dh’adhradh dia no ban-dia sam bith ann an eaglais sam bith. Saoilidh mi gu bheil ‘clàr-gnothaich’ no agenda rudeigin mi-chàilear aca.

Searach a th’annam gu cul agus chan eil fios’am fhathast, as-dèidh mòran bhliadhnaichean, dè nì mi de Ghlaschu. Tha an corra thuras ann fìor mhath ach tha cuideachd rudeigin dubhach is tiamhaidh mu dheidhinn. Ged a bha cafaidhean Ceann an Iar lòma-làn hiopstairean – is tha iomadh sàr chafaidh ri lorg – tha bochdainn an àite fhathast am follais faisg ort. Uaireannan, tha blas iargalta no gràineil na chois – mar a chunnaic sinn leis an Luchd-Bhuidhe.

Co-dhiù, tha tòrr ann a tha taitneach dhan t-sùil agus brosnachail dhan inntinn. Taigh-tasgaidh Khelvingrove mar toiseach-toiseachaidh. S math is fhiach e sròn a chur a-steach ann, gu h-àraid ma tha clann nad chois. Aon ghearain, ge-tà, se ‘s nach eil Gàidhlig ri faicinn sna taisbeanaidhean aca. Shaoileam gum biodh. Tha Comhairle Ghlaschu gu math adhartach a thaobh na Gàidhlig ann an roinntean eile agus le iomadh taigh-seinnse Gaidhealach san nabaidheachd is Cnag shuas an rathad beagan tha e na ìongnadh nach robh facal dhith ri fhaicinn.  Bha facal no trì a dhith orm is mi a’ feuchinn ri taisbeanadh nam beathaichean a mhineachadh dhan bhalach…  ‘se pike a tha seo a lorg cuideigin an Loch Laomainn…’

Glaschu. Lorg mi facal dha – dubh-cheist. Tillidh mi a dh’aithghearr ge-tà.

Continue reading

Posted in glaschu, Luchd-Buidhe | Comments Off on Là Samhraidh ann an Glaschu

Ceumnachadh #UofGClassof2015

Abair latha sonraichte an-diugh aig Oilthigh Ghlaschu far an robh mi a’ ceumnachadh ann an Gàidhlig le Urram. A rèir toraidh an Fhaclair Bhig: Tha mi cho mòr às fhèin ged a gheibheadh e mart air adhairc! Continue reading

Posted in beatha, Ceumnachadh, Gàidhlig, Oilthigh Ghlaschu | Comments Off on Ceumnachadh #UofGClassof2015

Baile Dhùn Dè: ath-nuadhachadh an cois na h-aibhne

Le Steaphan MacRisnidh An cois an naidheachd gu bheil luchd-togail a’ sìneadh ri V & A Dhùn Dè a thogail cho luath ’s a thèid aca, agus iad air dama a stàladh làimh ris an tìr airson an taigh-tasgaidh ealanach a thogail os cionn na h-aibhne, fhuair mi cuireadh bho phrògram Feasgar aig a’ BhBC… Continue reading

Posted in ath-nuadhachadh, baile mòr, buaidh, cathair-bhaile, Dùn Dèagh, Dhùn Dè, Dùn Dè, leasachadh, mòr-bhaile, Naidheachdan & Poileataigs, taigh-tasgaidh, V & A | Comments Off on Baile Dhùn Dè: ath-nuadhachadh an cois na h-aibhne

Fìon is Caise airson Taigh an Dorsair fhosgladh Cheese and Wine for the opening of Taigh an Dorsair

“Oidhche sgoinneil aig Taobh na Pàirce 10th Ògmhios airson Taigh an Dorsair fhosgladh, tha e air ur pheantadh! ‘Se seo àite cruinneachaidh airson Òigridh agus Coimhearsnachd ann an Dùn Èideann. Taing do gach duine a chuidich agus gu h-àraid Alison Buck an dealbhadair! Thàinig barrachd air ceud còmhla airson ceilidh le deagh cheòl agus òrain… Continue reading

Posted in featured, Gach tachartas - All events | Comments Off on Fìon is Caise airson Taigh an Dorsair fhosgladh Cheese and Wine for the opening of Taigh an Dorsair

Fury as BBC Naidheachdan plagiarise one of Gilleasbuig’s most popular blogs

A chàirdean, tha Gilleasbuig air a dhòigh ghlan gu bheil madaidhean-naidheachd "BBC An Là" a-nis a’ toirt urram dhan dòigh-obrach aige, a bhuinnig iomadach duais. 

Nach feuch sibhse an duilleag-lìn seo a chuireadh air dòigh leotha an-diugh:

 

"BBC Alba a’ cur ri eaconamaidh na h-Alba, a rèir MG Alba …"
Ha ha! ‘S e an satire as simplidh as mò tha toirt buaidh, nach e? Saoil carson Continue reading

Comments Off on Fury as BBC Naidheachdan plagiarise one of Gilleasbuig’s most popular blogs

Comataidh Foghlam is Cultar a’ coimhead air foghlam #Gàidhlig

Ghabh Comataidh Foghlam is Cultar na Pàrlamaid fianais mu Bhile an Fhoghlaim Dimairt, a’ coimhead gu sònraichte air na h-earrannan sa bhile mu fhoghlam Gàidhlig. Ghabh a’ chomataidh fianais bho Bhòrd na Gàidhlig, Chomhairle na Gàidhealtachd, Comann nam Pàrant agus … Cum ort a leughadh Continue reading

Posted in Bòrd na Gàidhlig, Comataidh Foghlam is Cultar, Comataidhean, Comhairle na Gàidhealtachd, East Ayshire Council, Education and Culture Committee, Gabhail pàirt, Gaelic, Gàidhlig, Gnòthaichean pàrlamaideach, Highland Council | Comments Off on Comataidh Foghlam is Cultar a’ coimhead air foghlam #Gàidhlig

Fiolm | Mad Max: Rathad Ràis

“Thalla is faic Mad Max : Fury Road an-dràsta! Thalla! Thalla! Dè tha thu a’ dèanamh nad shuidhe an-sin fhathast – siuthad! Tha e chrome!” Tha Eòghan caran excited mun fhiolm ùr a-rèir coltais. “Abair Latha, Abair Latha Alainn!” Tha a h-uile mac màthar air artagail a sgrìobhadh mu Mad Max : Fury Road –… Continue reading

Posted in Cànan & Cultar, Fiolm | Comments Off on Fiolm | Mad Max: Rathad Ràis

An Tac A’ Ghealbhain

Chaidh Alasdair Paul à Eilean Arainn gu oidhche An Gealbhan an Glaschu airson hò-rò gheallaidh, agus tha e coltach gur e sin a fhuair e! ‘S e beatha caran aonranach a th’ann a bhith nad fhileantach no neach-ionnsachaidh na Gàidhlig, gu sònraichte nuair a bhios tu a’ fuireach ann an àite a tha air a dhol… Continue reading

Posted in Cànain, Cànan & Cultar, Ceòl, cultar, gealbhan, tac an teine | Comments Off on An Tac A’ Ghealbhain

An Lìon Neuranail

Anns na nobhailean Cultair aig Iain M. Bank, tha muinntir a’ Chultair ceangailte ri chèile agus ris na longan-fànais ghlice aca tro eadar-aghaidh ann an riochd lìon neuranail innealta air fhighe nan eanchainn. ’S urrainn dha na caractaran aig Banks fiosrachadh a … Cum ort a leughadh Continue reading

Posted in saibeirneatachd | Comments Off on An Lìon Neuranail

Seisean fianais mu Ghàidhlig ann am Bile an Foghlaim #gaidhlig

Bidh Comataidh Foghlam is Cultar Pàrlamaid na h-Alba a’ gabhail fianais air na h-ullachaidhean ann am Bile an Foghlaim (Alba) a thaobh foghlam Gàidhlig aig coinneamh a thèid a chumail Dimàirt 16 Ògmhios. Thèid cuid den fhianais a ghabhail tron … Cum ort a leughadh Continue reading

Comments Off on Seisean fianais mu Ghàidhlig ann am Bile an Foghlaim #gaidhlig