Monthly Archives: January 2015

Bàrdachd | A Chaillich-shùith’, nach mairg dhuibh ur cùis

Le Màiri NicLeòid, Tunga A chaillich-shùith’, nach mairg dhuibh ur cùis Do dh’Anna Bhroilleagain A chaillich-shùith’, Nach ann oirbh bhios ‘n diomb, ‘S sibh lùigeadh beagan fois, Nur beatha buaireasach. Air ur sgiùrsadh a-mach, às ur cùil bhig bhlàth, Latha an dèidh latha, Leis a’ bhrùid dhustair gharbh. ‘S beag an t-iongnadh g’ eil sibh… Continue reading

Posted in bàrdachd, Cànan & Cultar, Sgrìobhadh Cruthachail, Tunga | Comments Off on Bàrdachd | A Chaillich-shùith’, nach mairg dhuibh ur cùis

Ceist na Gàidhlig air BBC Alba – even MG Alba sit up and take notice

bho Phàipear Beag an Eilein Sgitheanaich an-diugh (Dihaoine 30mh) …

Chaidh seo sgrìobhadh le’r seann eòlach, "Neach gun urra"

Thagh Gilleasbuig na highlights a leanas a-mach às dhuibh:

" ‘S e rud fallain a tha ann a bhith a’ cur ro-innleachd agus obair bhuidhnean phoblach fo cheist."
Gilleasbuig:

Sin thu fhèin, nach sinne tha a’ tarraing air an aon ràimh a-nise, neach gun urra!

" Continue reading

Posted in BBC Alba | Comments Off on Ceist na Gàidhlig air BBC Alba – even MG Alba sit up and take notice

Beachdan gan sireach air fèin-riaghladh a bharrachd #gàidhlig

Tha Comataidh Fèin-riaghlaidh (Cumhachdan a bharrachd) a sìreadh bheachdan an-dràsta air cur an gnìomh molaidhean Comataidh Mhic a’ Ghobhainn.  Chaidh dreachd chlàsan reachdail (draft legislative  clauses) gus barrachd cumhachdan a thoirt do Phàrlamaid na h-Alba fhoillseachadh le Riaghaltas na RA bho choinn … Cum ort a leughadh Continue reading

Posted in aithisg mhic a' ghobhainn, Comataidhean, devolution, Fèin-riaghaladh, Gabhail pàirt, smith report, tiomnadh cumhachd | Comments Off on Beachdan gan sireach air fèin-riaghladh a bharrachd #gàidhlig

Sgeulachd : A’ Chaointeach

from Folk Tales and Fairy Lore in Gaelic and English
collected from oral tradition by Rev. James MacDougall (1910)

p. 214

A’ CHAOINTEACH
Sgeul mu Bhean-Shìthe

Is e Bean-Shìthe a bha anns a’ Chaointich. Bha i a’ leantainn Chlann Mhic Aoidh agus fhineachan eile ‘san Roinn Ilich. An uair a bhitheadh bàs a’ dol a thachairt an aon de na fineachan sin, thigeadh i dh’ ionnsaidh tigh an duine thinn le tomaig uaine m’a guailnibh, agus bheireadh i seachad rabhadh d’a theaghlach le caoidhearan brònach a thogail taobh a mach an doruis. Cho luath is a chluinneadh càirdean an duine thinn a guth, chailleadh iad dòchas r’a dhol am feobhas. Chuala iad a’ Chaointeach a’ tuireadh, agus bu leòir an dearbhadh sin leò gu’n robh a chrìoch aig làimh.

Ach sguir a’ Chaointeach a thabhairt sanais seachad do mhuinntir na Ranna. Chualadh i mu dheireadh aig tigh ‘san àite sin o cheann iomadh bliadhna.

Bha ‘san àm duine tinn air a leabadh bàis agus a chàirdean a’ fetheamh air. B’e an geamhradh a bha ann, agus bha an oidhche fliuch, fuar, le uisge agus le gaoith. Sheas i muigh aig dorus an fhuaraidh de’n tigh; agus thog i an sin caoidhearan muladach. Chuala an teaghlach a caoidh; agus ghabh aon aca a leithid de thruas di, is gu’n deachaidh e mach air dorus an fhasgaidh, agus gu’n d’fhàg e aice seann bhreacan air àite suidhe, a bha aig taobh an doruis. Phill e stigh an sin, agus ghlaodh e rithe: “Thig, a bhean bhochd, air taobh an fhasgaidh ; agus cuir umad cirb de mo bhreacan.” Air ball sguir an tuireadh; agus o sin gu so cha chualadh agus cha’n fhacadh a’ Chaointeach ‘san Roinn. Continue reading

Posted in fairy_lore, folklore, sgeulachd | Comments Off on Sgeulachd : A’ Chaointeach

Iomain: Sùil air adhart gu Seusan 2015

Ged nach shaoileadh tu an ceartair, chan fhada bhuainn a tha an t-Earrach agus bliadhna eile na h-iomain – Tha Eòghan Stiùbhart a’ coimhead air adhart ri bliadhna chudromach do spòrs nan Gàidheal. “Lovat Shinty Club Champions 2014” by Sologoal – Own work. Licensed under CC BY-SA 3.0 via Wikimedia Commons. Tha mi air dùsgadh… Continue reading

Posted in Iomain, shinty, Spòrs | Comments Off on Iomain: Sùil air adhart gu Seusan 2015

Lèirmheas Leabhair: “Remember Limerick / Cuimhnigh ar Luimneach”

Le Niall Gòrdan Dè tha ann am “Pogrom”? Cò às a thàinig “an rann Luimneach”? Sin dà cheist – am measg mòran eile – a th’ air am fuasgladh ann an leabhar Beurla mu dhualchas a’ chathair-bhaile seo ann an Èirinn, leabhar grinn a chaidh a chur ri chèile le Críostóir còir Ó Floinn, a… Continue reading

Posted in bàrdachd, Cànain, Cànan & Cultar, Cathair Luimnich, cultar, litreachas, rannan luimneach | Comments Off on Lèirmheas Leabhair: “Remember Limerick / Cuimhnigh ar Luimneach”

One Way Ticket to Cubesville

Lèirmheas air Drilseach bhon mhion-iris iomrailteach, One Way Ticket to Cubesville: “… an angry Gaelic slant on proceedings,” gu dearbh fhèin! Continue reading

Posted in Ceòl, naidheachd | Comments Off on One Way Ticket to Cubesville

Lèirmheas air Casan Searraich

Bha sinn air dhòigh glan nuair a nochd an lèirmheas seo air leabhar Chaluim san t-Albannach agus air Dànamag.org air an deireadh sheachdainn. Abair lèirmheas sgoinneil bho Steaphan MacRisnidh! ‘S e leabhar sònraichte a tha seo, sgeulachd Chaluim air innse anns an dòigh thlachdmhòr aige fhèin, ‘s tha sinn uabhasach fhèin toilichte gu bheil e a’ còrdadh ri daoine!

(Leugh an teacs gu h-ìosal)

“Aig toiseach na fèin-eachdraidh Casan Searraich (Sunbeams in Memory) : The Life and Times of Calum MacFhearghuis gheibhear naidheachdan geanail, aoibhneach o shaoghal òige an ùghdair.  Ged nach robh eòlas sam bith agam air an àite san deach a thogail, cha robh sin gu diofar. Leis cho dòigheil ’s a bha an seanchas ’na bhroinn, chaidh mo ghiùlan don Rubha an Eilean Leòdhais air sgiathan cuimhne an sgrìobhadair fhèin  – rud a bha ’na thlachd dha-rìribh agus a ghlac m’ aire airson a’ chòrr den leabhar.
Tha an t-ùghdar, Calum MacFhearghuis, a-nis suas ann am bliadhnaichean agus mar thoradh air sin, gheibhear ochd caibidealan susbainteach o Shaoghal na h-Òige gu Aimsir a’ Bhodaich. ’S e a’ chiad trì earrannan a tha a’ toirt sùil air ais air òige. Tha na h-ochd mòr-chaibidealan seo uile air an roinn agus an cur an eagar fo thiotalan an t-seanchais a tha sgrìobhte annta – naidheachdan beaga no stòiridhean nas fhaide.
Ri linn seo agus ri linn nam mapaichean dathach agus dealbhan tiamhaidh de a chuideachd ’s choimhearsnaich, tha e follaiseach gun do ghabhadh an deasachadh os làimh le toileachas agus liut. Tha cho rianail ’s a tha an leabhar ga fhàgail nas fhasa don lèirmheasaiche cuideachd! Mar sin dheth, chan ann ri caoin-mholadh a tha mi nuair a chanas mi gur e leabhar eireachdail, grinn a chuireadh air blàr le Acair an-uiridh ann an còmhdach-cruaidh.
Tha Casan Searraich air a sgrìobhadh san dà chànan. Leugh mis’ a’ Ghàidhlig agus bha mi cho làn riaraichte le grìd an t-seanchais innte gun robh leisg orm coimhead air a’ Bheurla idir. Ach, choimhead mi iomadh turas oirre gus dearbhadh dhomh fhìn an e an aon sgeul a bha innte. ’Sè, agus chan è. ’Sè, leis gu bheil na h-aon naidheachdan a’ nochdadh san dà thionndadh; chan è leis gu bheil an dà chànan a’ cur am blas fhèin air an t-seanchas agus gheibhear fiosrachadh sa Bheurla nach fhaighear sa Ghàidhlig mun aon naidheachd no sgeulachd, agus mar an ceudna sa Ghàidhlig.
Ged nach do leugh mi mòran den t-seanchas Bheurla, bha e feumail airson cuid den bhriathrachas, mar eisimpleir mu iasgach, a mhìneachadh — ach bho nach e eadar-theangachadh dìreach a th’ ann, chan fhaigh an neach-ionnsachaidh mìneachadh air a h-uile gnàth-fhacal Rubhach a tha a’ nochdadh san t-seanchas Ghàidhlig. ’S math sin! Cha ghabh eadar-theangachadh dìreach a dhèanamh air a h-uile gnàth-fhacal aig cànan eile, agus ’s fhiach don leughadair an sùghadh a-steach ’na inntinn mar sin fhèin iad. Tha pailteas dhiubh a’ nochdadh san leabhar air fad ann an cainnt shiùbhlach Phort Mholair.
Thug cuid de na naidheachdan làn gàire orm cho èibhinn ’s a bha iad. Leithid a’ bhalachain a bha a’ goid churrain o iodhlann ’s a dh’aidich sin nuair a fhuair e duais airson rabhadh a thoirt mu bhò bhradach a bha ris an dearbh rud! Air neo, an sgait-adhair a chaith athair Chaluim na h-uairean a dh’ùine a’ cur ri chèile mun do spiol osag gaoithe às a làimh i, agus iomadh naidheachd dibhearsanach eile. ’S e cuimhne chùbhraidh a th’ aig Calum air òige gu dearbh fhèin e.
Chan e naidheachdan dibhearsanach a-mhàin a gheibhear anns an leabhar seo airson do tharraing, agus a tha air an innse gun mhòr-chùis ’s air an taghadh le tomhas de ghliocas. ’S fhiach a leughadh air adhbharan eile cuideachd. Tha na còig mòr-chaibidealan eile a’ ruith air a bheatha ’na inbheach a’ cladhach a-mach dreuchd dha fhèin agus a’ tachairt ri iomadach neach eòlach air a rathad. Gheibh sinn caoban den eòlas ’s den fhiosrachadh a chuala Calum aig caochladh dhaoine. Leithid Aonghais Chù, Gàidheal Cheap Breatainn aig an robh eòlas sònraichte air seòrsachan fiodha, dannsa ’s iomadach rud eile.
Mu dheireadh thèid Calum a-steach gu domhainn do phìosan à eachdraidh Leòdhais ’s na Gàidhealtachd an dèidh Blàr Chùl Lodair. Mu na h-uachdarain an-iochdmhor a thàinig à Sasainn gus an toil fhèin a dhèanamh le coimhearsnachdan ’s beatha nan eileanach, no mun sgrios a rinn Westminster air iasgach an àite.
’S e MacFhearghuis fear a bha thall ’s a chunnaic  – ’s math a tha fhios aige air deagh sgeul innse agus deagh chunntas a thoirt seachad air a bheatha ’s air beatha nan daoine a thàinig roimhe agus às a dhèidh. ’S math as fhiach an leabhar a cheannach (http://www.acairbooks.com/, £15) airson do chuid fhèin fhaighinn den eòlas ’s den fhiosrachadh a tha e a’ toirt seachad ann. Tha mi an dòchas gun tig barrachd fèin-eachdraidhean den t-seòrsa seo bho Acair mun teirig an iomadh guth aosta a tha beò fhathast ’s a tha a’ fuireach an-dràsta gun urra sna h-Eileanan an Iar.”

Continue reading

Comments Off on Lèirmheas air Casan Searraich

Taylor Swift – “An Tàillear Ealamh”

Neach tàlantach òg, air ùr-imrich dhan Eilean Ròdach, aig a bheil liùt a’ bhàird? Chan e Crousey, ach Swifty air a bheil Eòghan a-mach an t-seachdain seo. Taylor Swift – carson dìreach a tha i cho mòr? Cha robh mi eòlach idir air obair Taylor Swift o chionn ghoirid. Bha òran agam air cruinneachadh carthannais… Continue reading

Posted in Cànan & Cultar, Ceòl | Comments Off on Taylor Swift – “An Tàillear Ealamh”

An Tùsanach Trèigte | An Treubh Naragansait; Pàirt I

Sna h-artaigealan seo, bidh Liam Alastair a’ toirt sùil air eachdraidh, cultar an latha an-diugh agus ath-bheothachadh cànain nan Naragansat, treubh tùsanach an Eilein Ròdaich. ‘S fhada on a bha an treubh ionadail againn, an Naragansat (Beurla: Narragansett), a’ còmhnaidh ‘s a’ gabhail sealbh air an fhearann timcheall a’ bhàigh air a bheil ‘Bàgh nan Naragansat’… Continue reading

Posted in Cànan & Cultar, cultar, dana, Eilean Ròdach, indian, Narragansett, native american, Rhode Island, siubhal, tribes | Comments Off on An Tùsanach Trèigte | An Treubh Naragansait; Pàirt I