Monthly Archives: December 2014

How the Gaelic Revival works vol V – BBC Alba

<!–[if gte mso 9]>

0
0
1
21
120
NM locum solutions
1
1
140
14.0

<![endif]–>

<!–[if gte mso 9]>

Normal
0

false
false
false

EN-US
JA
X-NONE

<![endif]–><!–[if gte mso 9]> Continue reading

Posted in BBC Alba, elite collusion, How the Gaelic Revival works, rampant quangocracy | Comments Off on How the Gaelic Revival works vol V – BBC Alba

Trobha

Às an leabhar-lànn neo-shaoghalta
30mh a’ Dubhlachd
Naoidheamh là dhen Gheamhraidh

An-dè dh’aithris mi gun robh tarbh-boidhre ann an Argentina agus dh’uchd-mhachaich an ceann-suidhe e. Chan eil an sgeul sin buileach fìor. ‘S fìor e gur seachdamh mac e. ‘S fìor e cuideachd gun dh’uchd-mhachaich an ceann-suidhe e … mar bana-ghòistidh agus ‘s fìor e gun uchd-mhachaichidh an ceann-suidhe Argentina gach pàiste a tha an seachdamh clann ach chan eil fìor gur e a-rèir beul-aithris gum bi am pàiste sin fo gheasaibh mar tarbh-boidhre.

‘S e an obair de trobha a th’ anns an aithris sin.

Chan eil furasta a dh’fhaicinn trobha gu dìreach; tha e mòran nas fhasa a dh’fhaicinn an obair aige. ‘S iad gealtach mòr mhòr; slaightearan a’ ceileadh iad-san fhèin air an ìobairteachan; fo chlach, fo dhrochaid, fo gheata; fo mhasgan, fo ainmean breugach, fo aodannan breugach.


A rèir an leabhar “A Field Guide to the Little People” le Nancy Arrowsmith agus George Moorse, ‘s e sìthichean Lochlannach a tha ann na trobhaichean ach nuair a bidh daoine a’ tighinn air trobhaichean an-diugh, ‘s e uilebheist air a tha iad a’ smaoineachadh.

Tha an aithris anns an leabhar “The Writer’s Complete Fantasy Reference” ag ràdh nach eil trobhaichean cho àrd ri famhairean, tha iad ceangailte ri clachan agus bidh iad fhèin a bhith clachan nam biodh iad a-mach aig an èirigh na grèine. Thachair Bilbo Baggins air trì trobhaichean anns an uirsgeul “The Hobbit” agus dh’atharrachadh iad nuair dh’èirich a’ ghrian. Tha iomadh a trobha anns na uirsgeulachan le Terry Pratchett. ‘S e forfaireach, no poilisman a tha ann Detritus, a tha fear dhiubh.

Air an eadar-lìn, ge-tà, ‘s e uilebheist a tha ann an trobha. Slaightearan salach, mosach, gràineil, breun. ‘S toigh leotha a mhilleadh daoine eile bho fheall-fhalach.

Tha mi a’ tàireadh air trobhaichean eadar-lìn; is lugha orm dhaibh a h-uile fear.

(‘S toigh leam uabhasach math Detritus, ge-tà.) Continue reading

Posted in field guide, leabhar-lann, neo-shaoghalta, sithichean, uile-bheist | Comments Off on Trobha

2014 in review

The WordPress.com stats helper monkeys prepared a 2014 annual report for this blog. Here’s an excerpt: A San Francisco cable car holds 60 people. This blog was viewed about 950 times in 2014. If it were a cable car, it would take about 16 trips to carry that many people. Click here to see the […] Continue reading

Posted in Gàidhlig | Comments Off on 2014 in review

Manadh air bàs iom-chànanachais?

Leis cho luath ’s a tha teicneòlas aithneachadh-gutha, eadar-theangachadh innealach agus tùr innealta gan leasachadh, bha e do-sheachanta gun tigeadh eadar-theangachadh beò am bàrr uair no uaireigin, agus chithear anns a’ bhideò an àrd gur e Skype (agus mar sin, … Cum ort a leughadh Continue reading

Posted in naidheachd, saibeirneatachd | Comments Off on Manadh air bàs iom-chànanachais?

MacLaren’s GAELIC SELF-TAUGHT – LEASAN a h-Ochd deug – Cleachdadh “IS” agus “BI”

{Lesson 18 – Application of “IS” and “BI”}

Aithris-àichidh (Disclaimer) :–
Tha an leasan seo (agus leasanan sam bith a leanas) às an leabhar Gaelic Self-Taught le Alexander MacLaran (1923). Tha na mìneachaidhean gràmair agus na obair-lesanan agus na cuidichean fuaimneachaidh às an leabhar gu buileach. Tha mi a’ sgrìobhadh na òrduighean a bha anns a’ Ghàidhlig.

Tha leasanan seo air a fhaighinn aig an làrach-lìn puxill.

{This lesson (and any lessons that follow) are from the book Gaelic Self-Taught by Alexander MacLaran (1923). The grammar explanations, the work-exercises and the pronunciation tips are entirely from the book. I am writing the instructions in Gaelic.

These lessons can be found at puxill’s web-site.}


Leugh na mìneachaidhean gràmair a tha anns na roinnean 168 gu 174. {Read the grammar explanations in sections 142 through 147.}

LESSON XVIII.
Application of IS and BI

168. As there is a peculiar distinction in the application of these two verbs is and tha, a few more examples will be helpful.

169. As we have seen in previous exercises, we must examine carefully a sentence containing any part of the verb “to be” before we translate. We have given examples where the verb is MUST be used and the verb tha cannot be used. In some of the sentences we had in the earlier exercises, where we used tha we can also use is, but with a slightly different meaning, as we hope to illustrate by example.

170. An indefinite noun or adjective in predicate.
          Tha e na fhear. = He is a man. (lit. in his man)
          Tha an là fuar. = The day is cold.
Now we can also use the verb is here and say Is fear e and Is fuar an là. Notice that up to this the order of the words in our Gaelic sentences has been (1) verb, (2) nominative case, and (3) predicate, which may be a noun, adjective, or a phrase which followed the English verb. When we use is this order is changed, and we always have the predicate when it is an indefinite noun or an adjective coming immediately after is, and uniting with it in making an assertion. We cannot say Is e fear, because fear is an indefinite noun predicate, and according to the rules comes immedately after is.

171. The position of the adjective modifies the sense and structure of the sentence, as in the following example :–
          Is fuar an là seo. = This day is cold.
          Is là fuar e seo. = This is a cold day.
This last example is somewhat analogous to what is sometimes heard in English, “‘Tis a cold day this.”

172. We have shown that tha means “is now” ; it also implies a state, quality, condition or location, and is means “is always”, implying kind, species, impression, and comparison. Thus, if you say to me Is fear e, your assertion means to me that “He is a MAN!” that is, “He is a real man”, every inch a man, not a woman, an animal, or a coward. If we see a figure approaching, and you tell me Is fear e as soon it is made out that it is a man, you will use Is fear e correctly. But if you say Tha e na fhear for “He is a man” (lit. he is in his man), here I take you to mean a very different thing, that “he is now a man,” no longer a boy, having grown up to be a man, and is now in his quality of “manhood”. Tha e na mhinister, “He is a minister”, means that he is now a minister, after his studying he has become “a minister” and “is now” in his quality of minister.

173. All this is very important, because if there is any idea of a change of state in the mind, we cannot use is. If we wish to convey the idea that a person or thing has become what he (or it) is, and that he or it was not always so, we must use the verb tha. And the verb tha must in such a construction be always followed by the preposition ann and a suitable possessive pronoun, as Tha e na fhear, “he is in his manhood”. (Lesson 35)

On the other hand the preposition ann is not necessary when the predicate is an adjective, as, Tha e fuar, “He is cold”, for the simple reason that the adjective itself denotes posture and local condition equivalent to the adverbial phrase, “cold = in cold.”

Tha + Preposition + Noun

174. Whenever in the English the verb “to be” is followed by a preposition tha is the verb to use. This follows from the nature of the prepositions, for when we say a thing or someone is “at a place”, “on a place”, “from a place”, etc., “is” always means “is now”, or has reference to a state or condition. Again, when we talk about the weather or anything that is changeable, “is cold”, “hot”, etc., we mean that it “is now” hot, cold, etc., and use tha.

Nota Bene :– to re-capitulate
– When using the noun BI the order of the sentence is VERB + SUBJECT + PREDICATE
– The verb BI means “is now” and implies a state, quality, condition or location – things subject to change.
– When giving a person’s profession with the idea that “this is now, but it might/ did change”, use the possessive adjective of the preposition ANN – which means ‘there is’, or ‘there is here’.

– When using the defective noun IS the order of the sentence is VERB + PREDICATE* + SUBJECT ; *when the predicate is an indefinite noun or adjective
– The verb IS means “is always” and implies kind, species, impression or comparison – things that do not change.
N.B. -The preposition (or prepositional pronoun of) ANN is also used with the verb IS as in the following example :–
          ‘S e là brèagha a th’ ann. = It’s a beautiful day.
According to TAIC, the preposition ANN (and its prepositional pronouns) are also used with the defective verb IS to indicate personal attributes and professions with a sense of permanence.
          ‘S e ministear a tha ann an Iain. = John is a minister. {lit. It’s a minister that’s in John.}
          Chan e tuathanach a th’ ann. = He’s not a farmer. {lit. It’s not a farmer that’s in him.}


Prepositional Possessive Adjectives of ANN
pearsa singilte iorla
1d nam = in my nar = in our
2na nad = in thy nur = in your
3mh na * = in his/her nan/nam = in their
* the third person singular na treats the following noun differently depending on whether it means “in his” or “in hers”. As with the possessive adjectives, “his” lenites the following noun and “her” does not. However, the possessive adjective “her” will add an “h-” to any noun beginning with a vowel sound.


Ath-sgrìobh na faclan a leanas anns an leabhar-sgrìobhaidh agad. Cum iad air mheomhair.

91. Faclan

buadhairean – {adjectives}
àrd (ardt) (adj) = high
brònach (adj) = sad
làidir (lay-tch-ur) (adj) = strong


Cleachdaidhean

Cuir an gnìomhair IS agus BU an àite an gnìomhair THA anns na seantasan a leansa. Ath-sgrìobh gach cuid seantansan anns an leabhar-sgrìobhaidh agad. Abair iad a-mach agus an uair sin cuir Beurla orra. Abair iad a-mach a-rithist anns a’ Ghàidhlig fhad ‘s a saoil dè tha iad a’ ciallachadh.
{Replace the verb THA with the verb IS and BU in the following sentences. Copy both sentences into your notebook. Speak them aloud and then translate them into English. Speak them aloud again in Gaelic while thinking what they mean.}

176.
1. Tha e na fhear.
2. Tha an là fuar.
3. Tha mi nam shaor.
4. Tha thu brònach.
5. An robh an là fuar?
6. Chan eil an là fuar.
7. A bheil thu brònach?
8. Tha am fear fliuch.
9. Tha mi sgìth.
10. Tha an gille àrd ach chan eil e làidir.
11. Bha na h-eich seo sgìth.
12. Nach eil mi crùbach.
13. Ged nach robh thu leisg.
14. Mur an robh mi samhach.
15. Nach robh thu treun?
Continue reading

Posted in Gàidhlig, gramar, leasanan, lessons, maclaren | Comments Off on MacLaren’s GAELIC SELF-TAUGHT – LEASAN a h-Ochd deug – Cleachdadh “IS” agus “BI”

Tha cruaidh fheum againn air Lidl ann an Inbhir Narann

Cha bhi sin fada tarsainn stairsneach 2014 nuair a chìthear iarrtas dealabhachaidh a-steach do Chomhairle na Gaidhealtachd son oll-mhargaid Lidl aig Baile Mac Càidh.  A-reir nam planacihaean bidh aonadan eile agus pub le tigh-bìde. Gu pearsanta tha mi coma mu dheidhinn nam aonadan eile agus a’ phub ach rud a dh’fhaodadh sibh a bhith cinnteach às agus ‘s e sin gu bheil fìor chruaidh fheum again air Lidl sa bhaile seo. 
Bidh fhios aig an fheadhainn a tha fortanach gu leòr a dhol gu Lidl ann an Inbhir Nis no Forrais gum faigher mòran rudan aig prìs nas saoire ann an Lidl. Chanainnsa nach biodh dad car le beagan a bharrachd co-fharpais do Sainsburys agus na Co-ops again ann am baile far a bheil 24% de chloinne beò ann am bochdainn. A bharrachd air sin dh’fhaodadh tu a ràdh gum bi a mhòr-cuid mhuinntir a’ bhaile air a shon ach a dh’aindeoinn a leithid taic a bheil e buailteach tachairt?

Tha am Buidhean Gnothachas Inbhir Narann (ANB) air cur an aghaidh Lidl aig Baile Mac Càidh agus iadsan làidir den bheachd nach e an t-àite ceart a tha e. Bidh iadsan airson làrach aig teas mheadhann a’ bhaile. Nach ann an sin ach aisling a bha iomchaidh do na 80s agus 90s nuair a bha a leithid cothruim ann? Ghluais cùisean air adhart ge-tà agus chan eil àite ann a nis air cul na prìomh shràid son an lorg coise a bhiodh aig buth Lidl àbhaisteach. Bidh feadhainn a’ cumail a mach nach ann aig an seasamh aig an ANB ach dòigh gus Lidl a dhiùltadh.
Tha eagal air an ANB gum dèan Lidl sgrios air slainte na prìomh shràid ach cha do thachair sin nuair a thig Sainsbury’s agus nach eil airgead aig an luchd-obrach sin gus a dhol sìos dhan phrìomh shràid le beagan nam phochaidean?
A-nis de a nì na chomhairleachan againn? An tèid iadsan leis an ANB no aig beachd a’ mhòr chuid? Thoir sùil air An Gearastan far an deach Chomhairle na Gaidhealtachd le parc bhùithtean beagan taobh a-muigh. Saoilidh mi ma gabhas comhairlichean Inbhir Narann an aghaidh Lidl bidh buaidh nach bu bheag air an cuid cliù – gu h-àraidh nuair a bhios iad a’ lorg bhòtaichean a-rithist.
Ma tha muinntir Inbhir Narann son Lidl fhaicinn feumaidh iad fhathast beagan spàirn a dhèanamh; ma chuireas gu leòr dhiunn litir taic a-steach no beachd air e-planning nuair a thig an t-iarrtas dh’fhaodadh sin a’ chùis a dhèanamh.

Continue reading

Comments Off on Tha cruaidh fheum againn air Lidl ann an Inbhir Narann

Tarbh boidhre

Às leabhar-lànn de rudan neo-shaoghalta

Diluain, 29 an Dùbhlachd
7mh latha a’ Gheamhraidh

Tha tarbh-boidhre air a fhaicinn anns an Argentina.

‘S e an seachdamh mac a tha ann an Yair Tawil agus a rèir beul-aithris tha sin a’ ciallachadh gur tarbh-boidhre e. Tha cuid a’ smaoineachadh gun tèid e fo gheasaibh air a’ chiad Dihaoine air don cho-là-breith nuair a tha e trì deug bliadhna a dh’aois. Agus an uair sin, thèid e fo gheasaibh gach àm a tha a’ ghealach làn.

Airson a chur stad gu sin a’ tachairt, tha an ceann-suidhe Argentina g’ uchd-mhacaich. Seo dè tha iad air a bhith a dhèanamh anns an Argentina on 1907, bidh an ceann-suidhe ag uchd-mhacaich gach seachdamh mac sam bith , ron an cho-là-bhreith nuair a bhios e trì deug bliadhna a dh’aois.


A rèir Dwelly, ‘s e “uile-bheist, deamhan; dia leis comas a dhol fo gheasaibh agus bi iomadh cruth” a tha ann an tarbh-boidhre. Chan eil mi a’ faighinn facal airson “werewolf” no “lycanthrope” no “beserker” agus a chionn sin tha mi a’ cleachdadh am facal “tarbh boidhre” airson na faclan seo.

Tha trì seòrsa tairbh-boidhre :–
(1) neach a bha mallachd air a bhith a chur air
– chur cuideigin am mallachd air
– bhìd tarbh boidhre eile e

(2) neach a chur mallachd air fhèin-sa
– tron draoigheachd no le ob
– a’ dèiligeadh ris an Donas

(3) neach a rugadh mallaichte

Fhad ‘s a bhios comas aig cuid a dhol fo geasaibh nuair a bhios iad ag iarraidh, feumaidh a h-uile seòrsa tairbh-boidhre a dhol nuair a’ ghealach làn. Continue reading

Posted in beul-aithris, fantasy, field guide, folklore, Naidheachdan, neo-shaoghalta, paranormal, uile-bheist | Comments Off on Tarbh boidhre

A’ dèanamh uisge-beatha (an latha an-diugh)

Chunnaic sinn roimhe mar a bhite a’ dèanamh an uisge-bheatha ann an seann staile, ach ciamar a tha e air a dhèanamh an-diugh? Seallamaid air seo. Continue reading

Posted in Faclaireachd is gràmar, Leughadh Fiosrachaidh, mac na bracha, pròiseas dèanaimh, uisge-beatha | Comments Off on A’ dèanamh uisge-beatha (an latha an-diugh)

Acts 10: 1 – 35, 43

This chapter is the reason why I like the story of the Priest and the Fairies so much – and why the inflexibility of so-called Christians bothers me. When I was young, I spent a month or so with relatives in West Virginia. I was bored, out in the country, out of my comfort zone. The only thing around to read was a multi-volume collection of Bible stories for children. So I read it. This story made a huge impact on me – an outsider.

Gnìomhara nan Abstol, 10: 1 – 35, 43

Agus bha duine àraidh ann an Cesarea, d’am b’ainm Cornelius, ceannard-ceud do’n chuideachd ris an abrar a’ chuideachd Eadailteach.

Duine cràbhach, agus air an robh eagal Dé maille r’a thigh uile, a bha toirt mòrain déirce do’n t-sluagh, agus a’ deanamh urnaigh ri Dia a ghnàth.

Chunnaic e ann an sealladh gu soilleir, mu thimchioll na naothadh uaire do’n là, aingeal Dé a’ teachd a stigh d’a ionnsuidh, agus ag ràdh, A Chorneliuis.

Agus air dhasan amharc gu geur air, ghabh e eagal, agus thubhairt e, Ciod e, a Thighearn? Agus thubhairt e ris, Chaidh t’urnuighean agus do dhéircean suas mar chuimhneachan ann am fianuis Dé.

Agus a nis cuir daoine gu Iopa, agus cuir fios air Simon, d’an co-ainm Peadar :

Tha e air aoidheachd maille ri Simon àraidh fear-deasachaidh leathair, aig am bheil a thigh làimh ris an fhairge: innsidh esan duit ciod is còir dhuit a dheanamh.

Agus an uair a dh’fhalbh an t-aingeal a labhair ri Cornelius, ghairm e d’a ionnsuidh dithis do mhuinntir a thighe, agus saighdear cràbhach do’n dream a bha ghnàth a’ feitheamh air;

Agus an uair a chuir e an t-iomlan an céill doibh, chuir e iad gu Iopa.

Agus air an là màireach, ‘nuair a bha iadsan air an turus, agus a’ teachd am fagus do’n bhaile, chaidh Peadar suas air mullach an tighe a dheanamh urnuigh, mu thimchioll na seathadh uaire.

Agus dh’fhàs e ro ocrach, agus bu mhiann leis biadh itheadh : ach am feadh a bha iadsan ag ulluchadh, thuit e ann am neul,

Agus chunnaic e nèamh fosgailte, agus soitheach àraidh a’ teachd a nuas d’a ionnsuidh, mar bhraith-lìn mhòir, ceangailte air a ceithir oisnibh, agus air a leigeadh sìos air an talamh;

Anns an robh gach uile ghnè bheathaiche ceithir-chosach na talmhainn, agus bheathaiche allta, agus bhiasda snàigeach, agus eunlaith an athair.

Agus thàinig guth d’a ionnsuidh, Eirich, a Pheadair; marbh agus ith.

Ach thubhairt Pheadar, Ni h-eadh, a Thighnearn; oir cha d’ith mi riamh aon ni coitchionn no neòghlan.

Agus thubhairt an guth ris a rìs an dara uair, Na nithe sin a ghlan Dia, na gairm thusa coitchionn.

Agus rinneadh so tri uairean : agus thogadh an soitheach a rìs suas gu nèamh.

A nis an uair a bha Peadar fo amharus ann féin ciod bu chiall do’n t-sealladh a chunnaic e, feuch, bha na daoine a chuireadh o Chornelius an déigh dhoibh tigh Shimoin iarraidh, ‘nan seasamh aig an dorus.

Agus air gairm dhoibh, dh’fheòraich iad an robh Simon d’an co-ainm Peadar, air aoidheachd an sin.

Am feadh a bha Peadar a’ smuaineachadh air an t-sealladh, thubhairt an Spiorad ris, Feuch, tha triuir dhaoine ga d’iarraidh.

Uime sin éirich, agus gabh sìos, agus imich maille riu, gun amharus air bith a bhi ort: oir is mise a chuir uam iad.

Agus chaidh Peadar sìos chum nan daoine, (a chuireadh d’a ionnsuidh o Chornelius,) agus thubhairt e, Feuch, is mis an ti a tha sibh ag iarraidh : ciod e an t-aobhar mu’n d’thàinig sibh?

Agus thubhairt iadsan, Fhuair Cornelius an ceannard-ceud, duine cothromach, air am bheil eagal Dé, agus fo deadh ainm aig cinneach nan Iudach uile, rabhadh o Dhia le aingeal naomh, fios a chur ortsa d’a thigh, agus briathran a chluinntinn uait.

An sin ghairm e steach iad, agus thug e aoidheachd dhoibh. Agus air an là màireach dh’imich Peadar maille riu, agus chaidh dream àraidh do na bràithribh o Iopa maille ris.

Agus air an là màireach chaidh iad a steach do Chesarea : agus bha Cornelius a’ fetheamh riu, agus air gairm a luchd-dàimh agus a chàirde dìsle an ceann a chéile.

Agus an uair a bha Peadar a’ dol a steach, choinnich Cornelius e, agus thuit e sìos aig a chosaibh, agus rinn e aoradh dha.

Ach thog Peadar suas e, ag ràdh, Seas suas ; is duine mise mar an ceudna.

Agus ag còmhradh ris, chaidh e steach, agus fhuair e mòran cruinn.

Agus thubhairt e riu, Tha fios agaibh gu bheil e mi-dhligheach do dhuine a tha ‘na Iudhach, comhluadar a chumail ri neach a tha do chinneach eile, no teachd am fagus da ; ach nochd Dia dhomh-sa, gun duine air bith a ghairm coitchionn no neòghlan.

Uime sin thàinig mise ‘nuair a chuireadh fios orm, gun aon ni a ràdh ‘na aghaidh : air an aobhar sin tha mi feòraich c’ar son a chuir sibh fios orm?

Agus thubhairt Cornelius, O’n cheathramh là gus an uair so bha mi a’ deanamh trasgaidh; agus air an naothadh uair bha mi deanamh urnuigh ann mo thigh, agus, feuch, sheas duine a’m’ làthair ann an eudach dealrach.

Agus thubhairt e, A Chornelius, fhuair t’urnuigh éisdeachd, agus tha do dhéircean air a cuimhneachadh am fionuis Dé.

Uime sin cuir gu Iopa, agus cuir fios air Simon, d’an co-ainm Peadar; tha e air aoidheachd ann an tigh Shiomoin, fear-deasachaidh leathair, làimh ris a’ mhuir; neach, ‘nuair a thig e, a labhrus riut.

Uime sin chuir mi air ball fios ort ; agus is maith a rinn thu teachd. Air an aobhar sin tha sinne uile an so a làthair am fionuis Dé, a dh’éisdeachd nan uile nithe a tha air an àithneadh dhuit-se le Dia.

An sin dh’fhosgail Peadar a bheul agus thubhairt e, Gu fìrinneach tha mi ‘g aithneachadh nach ‘eil Dia ag amharc air pearsaibh seach a chéile :

Ach anns gach uile chinneach a ta an neach air am bheil ‘eagal-san, agus a ta ‘g oibreachadh fìreantachd, taitneach aige.

Dhasan tha na fàidhean uile a’ toirt fianuis, gu’m faigh gach neach a chreideas ann maitheanas ‘nam peacaibh tre ‘ainm-san. Continue reading

Posted in bioball, creidsinn, sgeulachdan | Comments Off on Acts 10: 1 – 35, 43

Sgeulachd : the Priest and the Fairies

chuir mi seachad an là a’ còdadh an sgeulachd seo. ‘S toigh leam e uabhasach math airson bheir e fianais fìor-mhath an creideamh a th’ agamsa.

{I spent the day coding this legend. I like it extremely well because it bears perfect witness to my faith.}

bhon Litir do Luchd-ionnsachaidh #738 & 739

An Sagart agus na Sìthichean
no
An Sagart à Pabaigh

A rèir beul-aithris, goirid às dèidh do Chalum Cille tilleadh a dh’Eilean Ì, chaidh fear de na sagartan Pabach don Eilean Sgitheanach airson tadhal air daoine. Ràinig e innis anns a’ choille anns an robh corra clach an siud ‘s an seo. ‘S dòcha gun robh faisg air Leitir Fura ach chan urrainn dhomh a bhith cinnteach.

Cha robh aig an t-sagart ach an t-aodach a bha uime agus bachall. B’ e am bachall an aon rud saoghalta a bhuineadh don t-sagart agus bha e prìseil dha. Chaidh a dhèanamh dha le sagart eile faisg air a’ mhanachainn aige air tìr-mòr na h-Alba. Bha e air a dhèanamh de dh’fhiod uinnsinn.

Bha an sagart sgìth agus rinn e suidhe airson beagan fois a ghabhail. Chuir e am bachall ri a thaobh. Fhad ‘s a bha e a’ gabhail fois, dh’fhairich e fuaimean agus gluasadan anns a’ choille a bha ceithir-timcheall air. Bha e dhen bheachd gun robh e a’ cluinntinn ghuthan, ach bha iad beag agus cha bhuineadh iad do mhac-an-duine.

Choimhead e suas agus cò bha air a bheulaibh ach sluagh mòr de dhaine beaga. Bha iad eadar trì is ceithir troighean a dh’àirde. Ach a-mhàin sin, bha iad coltach ri daoine àbhaisteach.

Chlisg e agus, airson a dhìon fhèin, rinn e comharra na croise. Ach cha do chuir sin eagal air an t-sluagh. Thàinig fear dhiubh – bodach beag le feusag liath – air adhart agus chaidh e air a ghlùinean. “Tha mi ag iarraidh,” ghuidh e, “gum beannaich sibh na daoine agam.” Bha an sagart air coinneachadh ris na sìthichean.

“Cò sibh?” dh’fhaighnich an sagart.

“Sìthichean,” fhreagair am bodach. “Tha sinn ag iarraidh oirbh ùrnaigh a dhèanamh air ar son. Cha d’ fhuair sinn riamh beannachadh Dhè.”

Dh’èirich an sagart. “Ùrnaigh a dhèanamh air ur son?!” thuirt e. “Cha dèan mi sin a-chaoidh. Do pheacaich mhòra mar a tha sibhes, chan eil mathanas ann.”

Leig am bodach beag osna ach cha tuirt e smid.

Thàinig cailleach bheag air adhart. “Tha aoibhneas ann an Nèamh,” thuirt i, “mu aon pheacach a tha a’ gabhail aithreachas. An neach a thèid a lorg Dhè, cha tèid a dhiùltadh.”

Chuir faclan na caillich dragh air an t-sagart. Ach, fhathast, bha e a’ creidsinn gur ann a dh’Ifrinn a bhuineadh na sìthichean. “B’ e fheàrr leam gum biodh mo bhachall na chraoibh a-rithist seach gum faigheadh sibhse mathanas Dhè,” thuirt e. “Thallaibh às mo shealladh!”

Agus theich na sìthichean. Ged a bha e deimhinne na theachdaireachd, bha teagamh ann an inntinn an t-sagart. Mheòraich e air aodan a’ bhodaich agus aodann na caillich nuair a dhiùlt e na tagraidhean aca. Bha inntinnn làn smuaintean agus dhìochuimhnich e, a bhacall a thoirt leis nuair a dh’fhalbh e. Lean e air tron choille. Chuala e caoineadh nan sìthichean. Bha am fuaim air feadh na coille.

Bha an sagart air an rathad a thadhal air teaghlach agus ràinig e am bothan aca. Bhaistich e an leanabh ùr aca. Agus thug e rabhadh do phàrantan a’ phàiste a bhith air am faiceall oir bha sìthichean anns an nàbachd.

Chuimhnich e a bhachall. Rinn fear an taighe bata ùr dha de dh’fhiodh-uinnsinn. Ach bha an seann bhachall prìseil don t-sagart agus chuir e roimhe a lorg.

Dh’fhàg e an taigh, agus thill e do innis anns a’ choille. Ràinig e i ach cha robh sgeul air a’ bhachall. Far an do dh’fhàg an sagart a bhachall, bha craobh-uinnsinn mhòr air èirigh.

Thuit an sagart do a ghlùinean. Rinn e ùrnaigh airson ùine mhòr. Bha e a’ cuimhneachadh na thuirt e ris na sìthichean. Bha e a’ gabhail aithreachas. Bha e a’ creidsinn gun robh Dia air bruidhinn ris. Ghairm e air na daoine beaga ach cha do thill iad. Ghluais e tron choille. Chuala e caoineadh nan sìthichean ach cha tigeadh iad faisg air.

Thill an sagart a Phabaigh far an d’fhuair e cead an t-eilean fhàgail airson a bhith a’ fuireach anns a’ choille. Rinn e searmonan a latha ‘s a dh’oidhche do dhuine sam bith a dh’èisteadh ris. Agus do dh’ainmhidhean is eòin is craobhan. B’ e an teachdaireachd aige ‘Mathanas Dhè agus mar a gheibh duine sam bith e’.

Mean air mhean sguir an caoineadh sa choille, ach chan fhaca an sagart na daoine beaga tuilleadh. Continue reading

Posted in creidsinn, sgeulachdan | Comments Off on Sgeulachd : the Priest and the Fairies