Monthly Archives: October 2014

Tìm nach dèan fuireach – ri duine no dòigh

Pios beag breàgha air an deireadh sheachdain le Niall Gòrdan mu dheidhinn nam buadhan a tha an lùib èisteachd ris an radio. Le Niall Gòrdan Uair agus mi a’ dèanamh cùrsa àraidh ann an Dùn Èideann o chionn fhad an t-saoghail (bha agam ri a dhèanamh), bha caraid dhomh ann a bh’ air a bhith… Continue reading

Posted in Cànan & Cultar, caraid, Ceòl, rèidio, TBh, Telebhisean | Comments Off on Tìm nach dèan fuireach – ri duine no dòigh

Yes Alba Submission to the Smith Commission

Yes Alba is a campaign network, based in Glasgow, but with over 30,000 supporters across the country and overseas. We campaigned for a Yes vote, however, we accept the result of the referendum and the main interest of our submission … Continue reading Continue reading

Comments Off on Yes Alba Submission to the Smith Commission

An Litir Bheag #95 – 98 : Mar a bha Fionn ann an Taigh a’ Bhlàir Bhuidhe

{Seo an sgeulachd mar a dh’innis Ruairidh MacIllLeathain e. Cha toigh leam seo. Tha mi a’ smaoineachadh gu bheil i lann uabhasach mòr le fuil. Coltas ri film shlaidsear. – puxill}

An Litir Bheag 95
Tha seann sgeulachd agam dhuibh. ’S e an t-ainm a th’ oirre Mar a bha Fionn ann an Taigh a’ Bhlàir Bhuidhe. ’S e an tiotal slàn oirre Mar a bha Fionn ann an Taigh a’ Bhlàir Bhuidhe – Gun Chomas Èirigh no Laighe.

Thàinig i bho Alasdair Camshron aig deireadh an naoidheamh linn deug. Bha Alasdair à Àird nam Murchan. Bha e ag obair air an rathad eadar Dùror is Baile a’ Chaolais. Fhuair e na sgeulachdan aige bho sheann daoine anns an sgìre. Rinn mi an sgeulachd na bu shìmplidhe. Agus rinn mi na bu ghiorra i. Ach tha mi an dòchas gun còrd i ribh.

Co-dhiù, seo i – Mar a bha Fionn ann an Taigh a’ Bhlàir Bhuidhe:

Bha Fionn agus a dhaoine a-muigh a’ sealg. Thug Fionn sùil sìos an gleann. Chunnaic e fear òg a’ tighinn. Thàinig am fear òg. Chuir am fear òg fàilte air Fionn. Chuir Fionn fàilte air an fhear òg. Thuirt am fear òg gur e gille a bh’ ann. Bha e ag iarraidh maighstir.

“Tha gille a dhìth orm,” thuirt Fionn. Dh’fhastaich e an gille.

Cha robh Conan toilichte. Cha do chòrd coltas a’ ghille ris.

“Dè do dhuais?” dh’fhaighnich Fionn dhen ghille.

“Gun tig sibh uile còmhla rium gu cuirm nuair a tha an ùine agam seachad,” fhreagair an gille. Bha e gu bhith còmhla ri Fionn airson latha is bliadhna.

Chaidh an ùine aig a’ ghille seachad. Bha Fionn agus a dhaoine a’ dol a dhol còmhla ris a’ ghille gu cuirm. B’ e sin duais a’ ghille. Bha an gille luath. Bha e ceann-ruisgte is cas-ruisgte. Chaidh e o bhealach gu mullach. Chaidh e o mhullach gu gleann. Chaidh e o ghleann gu srath.

Dh’fhalbh Caoilte às a dhèidh. Ruith Cuchuilinn às dèidh Chaoilte. Bha na daoine eile às dèidh Chuchuilinn. Bha iad anns an òrdugh sin nuair a ràinig iad am Blàr Buidhe.

Nuair a bha iad uile ann, chaidh an gille mòr gu taigh mòr brèagha. Chaidh na daoine uile a-steach. Fhuair iad àiteachan suidhe ris a’ bhalla – ach Conan. Cha robh rùm aigesan. Shuidh esan air leac an teine. Ach cha robh sgeul air a’ chuirm. Cha robh sgeul air biadh sam bith. Cha robh cùisean mar bu chòir.

Chì sinn dè thachair an ath-sheachdain.

An Litir Bheag 96

Bha Fionn agus a laoich ann an Taigh a’ Bhlàir Bhuidhe. Ach cha robh comas aca èirigh. Lean am màsan ris na h-àitean-suidhe. Lean an casan ris an ùrlar. Lean an dromannan ris na ballachan. Bha druim is falt Chonain a’ leantainn ri leac an teine.

Cha tuirt Fionn guth. Chuimhnich e air a dheud-fios – no knowledge teeth. Chuir e a mheur fon dheud-fios. Fhuair e a-mach mun ghnothach.

Airson faighinn saor, bha iad feumach air fuil. B’ e sin fuil triùir mhac Rìgh Innis Tìle. Chuimhnich Fionn gun robh a charaidean Laoghaire agus Oscar saor fhathast. Bha fìdeag aige. Fìdeag shònraichte. Shèid e an fhìdeag trì uairean.

Tràth an ath mhadainn bha Oscar taobh a-muigh an taighe. “A bheil thu ann, Fhinn?” thuirt e. “Tha mise, Oscar, an seo, agus Laoghaire còmhla rium. Dè nì sinn?”

Dh’innis Fionn dhaibh an suidheachadh anns an robh iad. Dh’innis e dhaibh gun robh iad feumach air fuil airson a bhith saor. Fuil triùir mhac Rìgh Innis Tìle.

Dh’fhaighnich Oscar càite an robh iad a’ dol a dh’fhaighinn sin. Thuirt Fionn,“Aig beul na h-abhainn ud aig dol fodha na grèine.” Ach ’s e a’ mhadainn a bh’ ann. Bha an t-acras air na laoich. Dh’iarr Fionn air Oscar is Laoghaire biadh fhaighinn dhaibh.

Chaidh Oscar is Laoghaire gu Taigh Mòr. Chaidh iad a-steach. Ann an taigh na còcaireachd chunnaic iad fear a’ togail feòil à coire. Thuirt Oscar ri Laoghaire, “Thoir leat am biadh. Bheir mise an aghaidh air an duine.”

Nuair a chaidh Oscar a-steach, cha robh an duine ann. Ach bha clamhan ann. Clamhan mòr a bha deiseil gu leum air. Bha craosnach – no dart– aig Oscar. Thilg e an craosnach air a’ chlamhan. Thuit an clamhan don ùrlar. Thug Oscar is Laoghaire leotha gach pìos bìdh a bh’ ann.

Ràinig iad an taigh anns an robh Fionn. Rinn iad toll ann am balla an taighe. Chuir iad am biadh a-steach. Thuirt Fionn gun robh sluagh mòr gu bhith ann aig beul na h-abhainn aig dol fodha na grèine.

“Ciamar a bhios sinn ag aithneachadh mic Rìgh Innis Tìle?” dh’fhaighnich Oscar.

“Bidh deiseachan uaine orra,” thuirt Fionn.

Innsidh mi dhuibh dè thachair anns an ath Litir.

An Litir Bheag 97
Bha Fionn agus a laoich ann an Taigh a’ Bhlàir Bhuidhe. Cha robh comas aca èirigh. Airson a bhith saor, bha iad feumach air fuil mic Rìgh Innis Tìle.

Bha Oscar is Laoghaire a’ feitheamh ris na mic. Bha iad a’ feitheamh aig beul na h-abhainn aig dol fodha na grèine. Thàinig sluagh mòr. Thug Oscar is Laoghaire ionnsaigh orra. Cha do dh’fhàg iad aon duine beò. Ach chan fhaca iad clann an Rìgh.

Dh’iarr Fionn orra dhol air ais gu beul na h-abhainn air an oidhche sin. Ach roimhe sin, bha an t-acras air Fionn is a chompanaich. “Faigh biadh dhuinn an-dràsta,” arsa Fionn.

Chaidh Oscar is Laoghaire don Taigh Mhòr. Chunnaic Oscar duine fuathasach mòr, agus ceithir làmhan air. Bha e a’ togail feòil às a’ choire. {Chaidh Oscar a-staigh ach cha robh an duine a-nise ri fhaicinn. Thug e sùil mun cuairt agus chunnaic e iolaire mhòr a’ dol a thilgeil ugh air.} Rinn an iolaire air Oscar. Thog Oscar an coire. Thaom e air an eun e. Thug an iolaire sgreuch aiste. Chaidh i tron bhalla. Chan fhacas a-rithist i.

Dh’fhalbh Oscar is Laoghaire le biadh airson Fionn is a chompanaich. Aig dol fodha na grèine bha Oscar is Laoghaire aig beul na h-abhainn. Chunnaic iad sluagh mòr a’ tighinn. Thug Oscar is Laoghaire ionnsaigh orra. Cha do dh’fhàg iad aon duine beò. Thill iad gu Fionn. Dh’innis iad do Fhionn nach tàinig clann an Rìgh. Dh’iarr Fionn orra tilleadh gu beul na h-abhainn an ath oidhche. Ach roimhe sin, bha an t-acras air Fionn is a chompanaich. “Faigh biadh dhuinn,” arsa Fionn.

Chaidh Oscar is Laoghaire don Taigh Mhòr. Chunnaic iad duine air an robh dà cheann agus ceithir làmhan. Bha e a’ togail feòil às a’ choire. Ach nuair a chaidh Oscar a-staigh, cha robh duine ann. Na àite bha Beithir Mhòr Sgiathach. Tharraing Oscar sleagh. Chuir e an t-sleagh tron Bheithir. Nuair a tharrainge an t-sleagh a-mach, chaidh a’ Bheithir à sealladh.

Chaidh Oscar is Laoghaire air ais gu Taigh a’ Bhlàir Bhuidhe. Bha biadh aca do Fhionn is a dhaoine. Nuair a thàinig ciaradh an fheasgair, thuirt Fionn ri Oscar, “Bidh an fhuil agad a-nochd.”

Agus cluinnidh sibh deireadh na sgeulachdan ath-sheachdain.

An Litir Bheag 98
Tha sinn a’ tighinn gu deireadh na seann sgeulachd Fionn ann an Taigh a’ Bhlàir Bhuidhe. Chaidh Fionn is càch cuide ri gille fuadain. Bha iad ann an Taigh a’Bhlàir Bhuidhe. Bha iad a’ leantainn ris na ballachan is ris an ùrlar. Cha robh comas aca èirigh. Airson a bhith saor, bha iad feumach air fuil. Fuil mic Rìgh Innis Tìle.

Nuair a thàinig ciaradh an fheasgair, thuirt Fionn ri Oscar, “Bidh an fhuil agad anochd.” Dh’fhalbh Oscar is Laoghaire gu beul na h-abhainn. Thàinig sluagh mòr. Bha mic Rìgh Innis Tìle ann. Thug Oscar ionnsaigh air an t-sluagh mhòr. Thug Laoghaire ionnsaigh air mic an Rìgh. Bha buaidh aig Oscar. Cha do dh’fhàg e aon duine beò. Chaidh e far an robh Laoghaire. Bha làmh-an-uachdair aig Laoghaire. Ach chunnaic Oscar an fhuil. Bha i a’ taomadh air an lòn. Thòisich Oscar air an fhuil a chur ann an cupaichean. Ach mun robh na cupaichean làn dh’fhàs na cuirp rag.

Dh’fhalbh an dà laoch leis an fhuil a bh’ aca. Chaidh iad don taigh anns an robh Fionn agus a dhaoine. Thuirt Fionn, “Suathaibh an fhuil ris a h-uile pìos dhibh a bheanas don taigh.”

Rinn Oscar is Laoghaire sin. Chaidh iad a-staigh. Thòisich iad air na daoine fhuasgladh. Shuath iad fuil ri gach pìos dhiubh a bha a’ leantainn ris a’ bhalla, no ris an ùrlar. Dh’fhuasgail iad mar sin gach duine. Ach aon duine – Conan.

Cha robh fuil gu leòr aca airson Chonain. Bha a cheann ceangailte ri leac an teine. Dh’fhalbh Fionn. Bha e gu math toilichte. Cha deach e fada, ge-tà. Bha Conan a’ tighinn. Thàinig Cònan. Bha e gun fhalt is gun chraiceann eadar a cheann agus amhaich. Nuair a dh’fhairich e gun do dh’fhalbh càch, thug e slaodadh mòr air a cheann. Dh’fhàg e fhalt is a chraiceann ceangailte ri leac an teine. On latha sin a-mach, thuirt daoine ris “Conan Maol gun Fhalt”. Chaidh Fionn agus a dhaoine dhachaigh. Thuirt Fionn nach robh e a’ dol a dh’fhastadh gille fuadain tuilleadh. Continue reading

Posted in an_litir_bheag, fionn mac cumhail, sgeulachd | Comments Off on An Litir Bheag #95 – 98 : Mar a bha Fionn ann an Taigh a’ Bhlàir Bhuidhe

Sgeul – Fionn ‘ an Tigh ‘ Bhlàr Bhuidhe gun chead suidhe na comas éiridh

Thoirt mi iomradh air an seann sgeulachd an-dè (anns an leabhar-lann eile agamsa). ‘S e an t-ainm a th’ oirre Mar a bha Fionn ‘ an Tigh ‘ Bhlàr Bhuidhe gun chead suidhe na comas éiridh. Fhuair mi an sgeulachd seo ach chan eil i an stòiridh a bha chuala mi roimhe. Ach ‘s toigh leam té seo nas fheàrr na té-eile.

{Tha an sgeulachd seo bhon an leabhar The Fians: or, Stories, poems, & traditions of Fionn and his warrior band deasaichte le John Gregorson Campbell}

Bha Fionn mach latha ‘ gabhail sraid. Cha robh leis ach dithis do ghillean ‘s dithis do choin, ‘s b’ e maighstir nan con fear do na gillean a bha leis, ris an abairteadh Conan.

‘De thainig orra ach dalladh chur-sneachda, ‘s bha iad feuch am faigheadh iad aite fasgach a bheireadh iad mach. Thachair bodachan beag orra agus chur e failte air Fionn Mac Cumhail.

“Failte ort fhein,” arsa Fionn, “tha aithne agad orm nach ‘eil agam ort.”

“Tha sin agam ort,” ars’ am bodachan, ” ‘s bharrachd air a sin tha mi ‘cur,” ars’ esan, “mar chroisean ‘s mar gheasan ort ‘s mar naoi buaraichean na mna sìth gum bi thu ‘an tigh ‘ Bhlair Bhuidhe ‘n nochd.”

“Sios ‘s suas ‘d gheasan,” ars’ Fionn.

“Cha sios ‘s cha suas do m’ gheasan,” ars’ am bodach.

Far am b’ àirde do’n bhodach ‘s ann a b’ isle dhoibh-san ach gus an do rainig iad beul uamha. Chaidh iad stigh do’n uamha ‘s thuirt am bodach, “Gleidheadh an darna taobh do’n uamha.”

“Mur dig oirnn na’s treasa na thusa ni sinn sin,” ars’ iadsan.

“Cha’n ‘eil fhios agaibh air an t-saoghal, ars’ esan, “dé thig oirbh.”

Cha b’ fhada as deighinn sin dar thainig òganach a stigh ‘s cù blàr buidhe aige, ‘s chuir e failte air Fionn Mac Cumhail.

“Failte ort fhein,” ars’ Fionn, “tha aithne agad orm nach ‘eil agam ort.”

“Tha sin agam ort,” ars’ esan, “chuala mi gu’n robh coin mhath agaibh ‘s an Fhéinn ‘s thainig mi dh’iarraidh comhrag chon.”

“Cha’n ‘eil moran agamsa seo,” ars’ Fionn, “do m’ chuid chon ach dithis.”

Agus b’ e an ainm Bran agus Geoladh; ‘s air tùs leig e Bran chomhrag leis a’ chù bhlar bhuidhe ach cha robh Bran dèanamh tapadh sam bith. Bha spor nìmhe air ‘s daonnan bhiodh bròg air ach gus am biodh e ‘ comhrag. Aig an àm seo cha do chuimhnich iad a bhròg a thoirt dheth. Shealladh Bran air Geoladh ‘s shealladh Geoladh air Conan. ‘S ann an seo chuimhnich Conan nach d’ thainig a’ bhròg thar Bran, ‘s leig e e fhein ‘na shìneadh fodha ‘s thug e dheth a’ bhròg.

Cha luaithe bha e air toirt dheth na thog esan a spor nìmhe ‘s mharbhe e an cù blàr. Sin mar labhair fear a’ choin,
“Mar bi Geoladh nan car,
Agus Bran roi mheud a lùgh ‘s
Aon chù mun dùnabh ial
Cha fhagadh For siar san Dùn.”

Cha b’fhada an deigh sin gus an d’thainig baintighearna mhòr a stigh ‘s sia maighdeanan deug coimheadach leatha. Chuir i failte air Fionn MacCumhail.

“Failte oirbh sibh fhein,” ars’ esan, “tha aithne agaibh orm nach ‘eil agam oirbh.”

“Tha sin agam ort,” ars’ ise, “chuala mi gu’n robh gleachdairean math agad ‘s thainig mi le m’ mhaighdeanan coimhead dh’fheuchain gleachd riu.”

“Cha’n ‘eil moran do ghleachdairean agams’ ann, cha’n ‘eil agam ach dithis air fad,” ars’ Fionn, ‘s dh’iarr e air Conan éiridh a dh’fheuchain car gleachd’; ‘s air a chiad char chuir i air a ghlùin e.

“Mac Righ air a ghlun,” ars’ esan, ” ‘s cead dha éiridh?”

” ‘S cead,” ars’ ise.

Cha d’rinn Conan tapadh riamh ach gus an gabhadh e nàire. Thug e an togail àrd aighearach ud oirre ‘s chuir e air stéil a droma i, ‘s o thé gu té gus an do leag e an t-sia deug. Bha seo an té mhòr air son teicheadh air falbh.

“Cha dèan thu sin idir,” ars’ Fionn, “feumaidh tu gleachd fheuchinn riumsa, ‘s cha bu dad gearan idir dhuit na’m b’ e toiseach ‘ bhiodh agad ach deireadh na gleachd.” Aige sin dh’fhalbh i fhein ‘s a maighdeanan coimheadach.

Cha b’ fhada an deigh sin gus am faca iad moran sluaigh tighinn gu beul na uamha’. Chuir Fionn sios fear do ‘ ghillean feuch ‘ de na daoine bha sid, ‘s mar nach robh e tilleadh air ais, chuir e fear eile sios.

Cha b’ fhada ach gus an do bhrùchd an sluagh a stigh g’ a ionnsuidh. Dh’iadh iad uime air gachlaimh gus nach robh e comasach dha suidhe na seasamh. Bha e ‘gan comhrag le ‘ chlaidheamh co math ‘s a dh’ fhaodadh e. Bha sgiath air a thaobh ris an abairteadh Sgiath Ghaillion, ‘s nar ghlaodhadh e chluinteadh ann an Seachd Ceudan na h-Érin i; ‘s ‘n uair bheireadh i trì ghlaoidh aisde bhiodh esan sin air bheul thaobh bhi ullamh. ‘N uair thug i ‘ chiadh ghlaodh aisde chual’ iad ann an Dùn Chinn-a-Choire i; ‘s ann sin bha cuideachd Fhinn cruinn.

‘N uair ghluais iad, cha robh fhios aca ceart ‘de an taobh a ghabhadh iad, cha b’ fhad ach gus an cualaic iad rithist i, agus rinn iad direach oirre. Mar bha iad fagasg dha thug i an treas glaodh aisde. Aig an àm sin bha iad an deigh an uamh a tholladh os a chionn, agus sin thug iad Fionn mach, ‘s cha do leig iad duine a bial airm ach an aon fhear, air son ‘s gu’n innseadh am fear sin gu de a dh’éirich do chàch uile; agus ‘s e sin an càs bu mhotha an robh Fionn riamh, dar bha e ‘n tigh ‘Bhlàir Bhuidhe (gun chead suidhe no gun chomas éiridh), ‘s nach fhaigheadh e suidhe na seasamh.

A’ Chrìoch Continue reading

Posted in beul-aithris, finn maccool, fionn mac cumhail, sgeulachdan, stoiridh, story | Comments Off on Sgeul – Fionn ‘ an Tigh ‘ Bhlàr Bhuidhe gun chead suidhe na comas éiridh

BATHAR NA BÀ (bliochd)

Bidh sinn a’ ceannach a’ bhathair seo uile bhon mhòr-bhùth na làithean sa. Ach, tha cuid de chroitearan gan dèanamh aig an taigh fhathast. Bainne                  ìm              iogart     uachdar             gruth              càise   *Thoir fa-near: Bho chionn fada, bha a h-uile bean-chroitear a’ dèanamh ìm le crannachan ach an-diugh, chan eil mòran ga dhèanamh […] Continue reading

Posted in bainne, bathair-bainne, bathar na bà, bliochd, brot, càise, crodh, Faclaireachd is gràmar, feòil, fuarag, ìm, iogart, uachdar | Comments Off on BATHAR NA BÀ (bliochd)

Tha mi duilich

Chaidh e às mo chuimhne a chur an leasan a Seachd air loidhne – am Modh Teagmhach Eisimileach. Tha dragh leis a’ Mhodh Teagmhach agamsa agus bha mi ag obair a thuigsinn … agus chaidh e às mo cuimhne.

Chan eil mi cinnteach dè a tha an diofar eadar “Teagmhach” agus “Leantach” fhathast no ma tha an diofar ann sam bith … anns a’ Bheurla co-dhiù.

{I’m sorry.
I forgot to put Lesson 7 – The Conditional Mood – online. I have trouble with the Conditional Tense and I was working to understand it … and I forgot.

I’m still not certain what the difference is between “Conditional” and “Subjunctive” or if there is any difference at all … in English at least.} Continue reading

Comments Off on Tha mi duilich

GAELIC SELF-TAUGHT – LEASAN a SEACHD – an Gnìomhair “A BHITH”; am Modh TEAGMHACH (no Leantach) -Eisi

(Lesson – the Verb “TO BE”; Conditional (or Subjunctive) mood, independent)

Aithris-àichidh (Disclaimer) :–
Tha an leasan seo (agus leasanan sam bith a leanas) às an leabhar Gaelic Self-Taught le Alexander MacLaran (1923). Chaidh e air mo bheachd aon madainn nuair a bha mi anns an leabhar-lann agamsa. Thog mi e airson a bha mi a’ saoilsinn dè a bha.
Tha na mìneachaidhean gràmair agus na obair-lesanan agus na cuidichean fuaimneachaidh às an leabhar gu buileach. Tha mi a’ sgrìobhadh na òrduighean a bha anns a’ Ghàidhlig.
This lesson (and any lessons that follow) are from the book Gaelic Self-Taught by Alexander MacLaran (1923). I noticed it one morning when I was in my library. I picked it up wondernig what it was.
The grammar explanations, the work-exercises and the pronunciation tips are entirely from the book. I am writing the instructions in Gaelic.


Sgrìobh roinn 78.
78. An Gnìomhar “A BHITH”; Pàtran dhen Mhodh Teagmhaich
Neo-eisimealach : bhiodh (vee-ugh) = would be
Eisimealach : biodh (bee-ugh) = would be

am bithinn? (am bee-ynn) = Would I be?
am biomaid? (am bee-u-madg) = Would we be?
am biodh e? (am bee-ugh ay) = would he be?

cha bhithinn (cha vee-ynn) = I wouldn’t be
cha bhiomaid (cha vee-u-madg) = we wouldn’t be
cha bhiodh i (cha vee-ugh ee) = she wouldn’t be

nach bithinn? (nak bee-ynn) = wouldn’t I be?
nach biomaid? (nak bee-u-madg) = wouldn’t we be?
nach biodh sibh? (nak bee-ugh sheev) = wouldn’t you be?

clàsan teaghmach = conditional clauses
na’m biodh iad (nam bee-ugh eeut) = if they would be
mur mura biodh e (mur bee-ugh ay) =unless he would be/ if he would not be
ged a bhiodh tu (ket eh vee-ugh too) = though you would be
ged nach biodh i (ket nak bee-ugh ee) = though she would not be

clàsan eisimileach = dependent clauses
gu’m biodh sibh (kum bee-ugh sheev) = that you would be
nach biodh iad (nak bee-ugh eeut) = that they wouldn’t be


Leugh an leasan gràmair (roinn 79)
79. In these dependent forms of the conditional/subjunctive notice that the verb is not aspirated/ lenited after the particles am, nach, na’m, mur, gu’m, or ged nach, but that the initial of the verb is aspirated/ lenited after cha and ged a. All verbs whose initial is an aspirable are affected in this way in the subjunctive/ conditional.

*** {TUILLEADH OBAIR
(additional work)} ***
Leum loidhne. Sgrìobh am Pàtran dhen Mhodh Teagmhaich eisimileach airson am prìomh phearsa singilte (bithinn). (Skip a line. Write the Paradigm of the Conditional Mode in the first person singular.)
Leum loidhne. Sgrìobh am Pàtran dhen Mhodh Teagmhaich eisimileach airson am prìomh phearsa iolra (biomaid). (Skip a line. Write the Paradigm of the Conditional mode in the first person plural.)

Leum loidhne agus sgrìobh na faclan a leanas. Cum iad air mheomhair. (Skip a line and write the following words. Memorize them.)
80. Faclan
ainmearan boireanaich (feminine nouns)
sgoil (sgoll) = school

abairtean roimhearaichte prepositional phrases
anns a’ bhata (auns eh vateh) = in the boat
anns an fheasgar (auns an es-gur) = in the evening

co-ghnìomhairean (adverbs)
a-màireach (eh-maruk) = tomorrow


Leugh an seantasan a leanas a-mach anns a’ Ghàidhlig. Sgrìobh iad agus cuir Beurla orra. (Read the following sentences aloud in Gaelic. Write them and translate them into English.)
81.
1. Cha bhiomaid sgìth na’m biodh i a’ dol.
2. Na’m biodh i deas bhithinn-sa.
3. Cha bhiodh an sgiann briste.
4. Bha an sgian briste ach tha i caillte a-nis.
5. Bhiodh an duine aig an taigh anns an fheasgar.
6. Bhiodh iad anns a’ choille an-dè.
7. Nuair a bha iad òg bhiodh iad anns an sgoil.
8. Nach biodh e anns a’ bhaile a-màireach?
9. Thuirt e nach biodh e an sin a-màireach ach gu’m biodh ean earrar.
10. Am bhithinn blath anns a’ bhaile?
11. Bhiodh tu blath anns a’ bhaile.
12. Nach bithinn fuar anns a’ phàirc.
13. Cha bhiodh tu fuar anns a’ phàirc.
14. Nach bhiodh esan sgìth anns a’ choille?
15. Bhiodh e sgìth anns a’ choille.
16. Mur
a bithinn fuar, bhithinn blath.
17. Bhiodh an uinneag briste.
18. Na’n robh mi an sin cha bhiodh i briste.

Cur Gàidhlig air na seantasan a leanas. Sgrìobh na seantasan ùra agus leugh iad a-mach anns a’ Ghàidhlig.
82.
1. Though the dogs would be there they would be tired.
2. It would be cold there.
3. We would be going though the men would be late.
4. I would not be tired if she would be there.
5. If I wsa there I would be warm.
6. He said he would be late tomorrow.
7. The window would be broken.
8. I would not be broken if you would be there.
9. He said they would be goin to the town tomorrow.
10. Would they be going tothe town in the evening?
11. Would it be warm in the town?
12. That man would be at the house last night.
13. When they were young they would be in school.
14. Would the knife not be broken?
15. It woudl be lost in the wood.
16. They would be in the wood last night.
17. Would I not be cold in the park?
18. You would not be cold in the park.
19. Would it not be wet in the wood?
20. He would be wet in the wood.
21. He said he would be read and that he would be in the boat.
22. They said they would be at home tomorrow. Continue reading

Posted in english, Gàidhlig, gramar, grammar, leasanan, lessons | Comments Off on GAELIC SELF-TAUGHT – LEASAN a SEACHD – an Gnìomhair “A BHITH”; am Modh TEAGMHACH (no Leantach) -Eisi

Sgilean an Sgàilein Airgid | Na dh’ionnsaich mi o FilmG

Tha Alannah Pheutan a’ toirt sùil air a’ cho-fharpais Ghàidhlig, FilmG – na sgilean a dh’ionnsaich i agus mar a thug i buaidh oirre na beatha làitheil, cuideachd. Thoir an aire, tha cailleachan craicte a’ nochdadh gu math tric anns na bhideothan seo! Mar nighean òg às an Eilean Sgitheanach, tha e caran duilich dhomh… Continue reading

Posted in Alannah Pheutan, Cànain, Cànan & Cultar, cleasachd, featured, Film, FilmG, fiom | Comments Off on Sgilean an Sgàilein Airgid | Na dh’ionnsaich mi o FilmG

Brath-naidheachd eile a chuireas ri cliù is inbhe na Gàidhlig

Unforgettable press release whets appetite for new Gaelic Thesaurus  

Bha Gilleasbuig còir air a dhòigh ghlan nuair a leugh e am brath-naidheachd seo aig Alba Aosmhor mun cho-fhaclair Gàidhlig ùr aca, anns am faighear briathrachas co-cheang… Continue reading

Posted in Alba Aosmhor, Gaelic howlers, Gaelic press releases, inverted nominals | Comments Off on Brath-naidheachd eile a chuireas ri cliù is inbhe na Gàidhlig

Dialann – Bidh Oidhche Shamhna a’ tighinn

Bidh Oidhche Shamhna a’ tighinn.

‘S toigh leam Oidhche Shamhna uabhasach math. ‘S i an saor-laitheam a ‘s fheàrr leam. ‘S i an saor-laithean nas carthannaiche; tha i nas Crìosdail na Oidhche Nollaige. Nach eil thu gam chreidsinn? Uill, dèan sgrùdadh na fiosrachaidhean.

Aig an àm na Nollaige bheir sinn tiodhlacan do càirdean agus teaghlach. Oidhche Shamhna bheir sinn tiodhlacan …no dèircean … gus daoine nach fios againn cò a th’ annta.

Aig an àm na Nollaige bidh tiodhlacan air a thoirt dhuinn bhon càirdean agus teaghlach. Cha bhi tiodhlacan air a thoirt dhuinn Oidhche Shamhna.

‘S e sin carthannachd a’ bhrìgh, nach eil? Continue reading

Posted in dialann, leabhar-lann, oidhche_shamhna | Comments Off on Dialann – Bidh Oidhche Shamhna a’ tighinn