Monthly Archives: January 2011

Blog a’ Bhàird air Mhuinntearas 2011-01-31 09:33:00

Bashodealain-dè air an slighe an raon làn grèine, sin uile Continue reading

Comments Off on Blog a’ Bhàird air Mhuinntearas 2011-01-31 09:33:00

An t-Abstol do Chalifornia: Beannaichte Junipero Serra, OFM

Rugadh e ann am Majorca ann an 1713. Chaidh e a-steach do dh’Òrdugh nam Bràithrean Beaga, na Frainseasaich, aig 17 bliadhna dh’aois ann an 1730. Bha inntinn mhath aige, oir fhuair e an cathair feallsanachd Duns Scotus ann an Oilthigh Palma de Mallorca ann an 1744. Ràinig e An Spàinn Nuadh ann an 1749. ’S […] Continue reading

Posted in àitichean sònraichte, Eachdraidh | Comments Off on An t-Abstol do Chalifornia: Beannaichte Junipero Serra, OFM

Blog a’ Bhàird air Mhuinntearas 2011-01-30 08:57:00

Issamearachadh-sùl’ a’ ruith ‘s a’ dol air falach – achaidhean air an seacadh Continue reading

Comments Off on Blog a’ Bhàird air Mhuinntearas 2011-01-30 08:57:00

theab

‘S e gnìomhair uireasbhach a tha seo, .i. fear anns nach fhaighear sreath slàn de chruthan (coim. can, faod, feum): cha chleachdar theab an-diugh ach san tràth chaithte. ‘S e ‘caillidh no fàilligidh’ a bu chiall don Mheadhan Ghàidhlig teipid, a chaidh a bhrìgh na ‘cha mhòr nach, faisg air’ san nuadh chànan: theab nach deach leinn aig a’ cho-fharpais ‘cha mhòr nach do dh’fhàillig sinn …’. Thèid an gnìomhair a leantainn gu tric le ainmear gnìomhaireach: (guth spreigeach) theab i fanntaigeadh ‘cha mhòr nach do dh’fhanntaig i, cha mhòr nach deach i na luairean’, theab e a bheatha a chall san tubaist sin ‘cha mhòr nach do chaill e a bheatha …’, theab a’ chraobh tuiteam ‘cha mhòr nach do thuit a’ chraobh’, an do theab thu do làmh a losgadh? theab; (guth fulangach) theabadh a mharbhadh san tubaist sin ‘cha mhòr nach deach a mharbhadh …’, ‘theabadh a’ chraobh a leagail ‘cha mhòr nach deach a’ chraobh a leagail’. Dh’aithriseadh sgeulachd neònach mu thuathanach a bha fuireach ann an Kalamazoo am Michigan, gun robh e latha a-muigh aig obair nuair a thàinig sgaoth fhitheach a chaidh an sàs ann. Thàinig daoine eile ga chuideachadh agus an dèidh ochd air fhichead de na h-eòin dhubha a mharbhadh, fhuair iad air càch fhuadach air falbh on duine bhochd a theabadh ithe beò leotha. Continue reading

Posted in ainmear gnìomhaireach, gnìomhair uireasbhach, guth fulangach, guth spreigeach, theab, tràth caithte | Comments Off on theab

Blog a’ Bhàird air Mhuinntearas 2011-01-29 09:57:00

Busonsàmhach ann an achadh le craobhan-daraich gealach a’ gheamhraidh Continue reading

Comments Off on Blog a’ Bhàird air Mhuinntearas 2011-01-29 09:57:00

Cor nan rathaidhean

Feumaidh tu a bhith faiceallach na dhraibhear ann an Inbhir Nàrann. Chan ann a-mhàin a tha na cunnartan àbhaisteach air do bheulaibh ach tha agad seòrsa de slalom a dhèanamh gus na tuill as miosa a sheachnadh. Chan e rud math a tha sin idir, id… Continue reading

Comments Off on Cor nan rathaidhean

Cor nan rathaidhean

Feumaidh tu a bhith faiceallach na dhraibhear ann an Inbhir Nàrann. Chan ann a-mhàin a tha na cunnartan àbhaisteach air do bheulaibh ach tha agad seòrsa de slalom a dhèanamh gus na tuill as miosa a sheachnadh. Chan e rud math a tha sin idir, idir gu h-àraidh nuair a tha coisichean… Continue reading

Posted in a' Ghàidhealtachd, An Rìoghachd Aonaichte | Comments Off on Cor nan rathaidhean

Blog a’ Bhàird air Mhuinntearas 2011-01-28 08:17:00

a’ nochdadh air fàire mar aiteal’s a’ dol fodha gun dàil -caraid nan Gàidheal Continue reading

Comments Off on Blog a’ Bhàird air Mhuinntearas 2011-01-28 08:17:00

Blog a’ Bhàird air Mhuinntearas 2011-01-27 08:16:00

Bashoan fheadhainn a chumas a-mach gum bi clann gan sàrachadh – cha bhi dìtheanan ann dhaibh Continue reading

Comments Off on Blog a’ Bhàird air Mhuinntearas 2011-01-27 08:16:00