Monthly Archives: October 2010

Oidhche Shamhna

Oidhche Shamhna math dhuibh uile. ‘S e seo an là-fèille as fheàrr leam. ‘S fior thoil leam a cur aodach sònraichte orm an toiseachd. Tha bocsa làn aodach agam. An cuid as motha aodach seann fhasanta. Gùn bho linn Banrigh Ealasaid, fear  eile bho lìn Banrigh Bhictoria. Chan eil mòran cothroman ann na dreasaichean sin a […] Continue reading

Comments Off on Oidhche Shamhna

a-rèist ~ a rèir

Am bitheantas, sgrìobhar co-ghnìomhairean a tha nan roimhear + ainmear le tàthan: a-rèist ‘mar sin dheth’, cuideachd am-bliadhna, an-àird(e), a-muigh, ach sgrìobhar roimhearan fillte a tha nan roimhear + ainmear gun tàthan, seach gun gabh iad m?… Continue reading

Posted in a dh'ionnsaigh, a rèir, a thaobh, a-muigh, a-rèist, ainmear, am broinn, am measg, am-bliadhna, an dèidh, an-àird(e), às aonais, às leth, co-ghnìomhair, roimhear, roimhear fillte | Comments Off on a-rèist ~ a rèir

Strì ann an Sruighlea

Tha e air tighinn am follais gu bheil comhairlichean ann an Sruighlea am beachd ‘foghlam na Gàidhlig’ a gheàrradh. Chan eil iad ge-tà airson an abairt siud a chur an cèill. Cha mhinich iad an e ‘foghlam tro mheadhan na Gàidhlig’ no an e ??… Continue reading

Posted in Foghlam, iomairtean | Comments Off on Strì ann an Sruighlea

ainmearan trusaidh

Tha ainmear trusaidh na ainm do chòmhlan de rudan: crodh (fir.) ‘bà’, muinntir (boir.) ‘daoine’, clann (boir.) ‘pàistean’, feadhainn (boir.) ‘caochladh rudan’. Iolra ann am brìgh (bha a’ chlann a’ cluich a-muigh is tha iad sgìth), ‘s ann a tha an … Continue reading

Posted in ainmear trusaidh, buadhairean iolra, clann, crodh, feadhainn, muinntir | Comments Off on ainmearan trusaidh

Slàinte, foghlam

Tha foghlam agus slàinte a-measg nam roinnean as motha a tha fo smachd na Pàrlamaid Albannaich. Bu bheag an t-iognadh, mar sin, gum b’ ann air an dà chuspair sin a bha an deasbad aig a’ chiad Cheistean don Phrìomh… Continue reading

Posted in ceistean-a-phriomh-mhinisteir, Foghlam, slàinte | Comments Off on Slàinte, foghlam

Meud

Cha tuirt i an còrr. Bha i comasach air èisteachd co dhiù, agus seo na rinn i. Èisteachd. Ri clachan a thuit às a bheul, agus sruth is tuil is deàrrsadh na grèine a’ slìobadh a cridhe. Thiodhlaiceadh i fon mhonadh. Gun dùnadh i a shùilean le an sìth agus am bòidhchead. Cha d’rinn na […] Continue reading

Posted in Catrìona NicUilleim | Comments Off on Meud

Rian

a’ cabadaich a’ casadaich
a’ casadaich a’ cabadaich
sgìths.
Catrìona NicUilleim Continue reading

Posted in Catrìona NicUilleim | Comments Off on Rian

Toiseach an Geamhraidh

  Mu dheireadh thall thànaig an sneachd. Bha foghar fad àlainn againn an seo ann an Gleann San Luis. Bha na dathan nas soilleir na àbhaisteach am bliadhna. Buidhe, òr agus orains airson an cuid as motha ach bha beagan dearg ann cuideachd. Chan ann gu tric a bhios na critheann a’ tionndaidh dearg ach bha am foghar bl& […] Continue reading

Comments Off on Toiseach an Geamhraidh

An t-Samhainn 2010 November: Sligh’-uisge a’ Chrìonain / The Crinan Canal

Sligh’-uisge a’ Chrìonain / The Crinan Canal  ‘S dòcha gum faca sibh prògram-telebhisean ‘Coast‘ mìos no dhà air ais, far am b’ urrainn dhuibh na slighean-uisge agus an costa an iar fhaicinn eadar Glaschu agus Inbhir Nis? Chòrd sin riumsa gu mòr oir bha mise is mo mhàthair dìreach anns an sgìre sin – costa […] Continue reading

Posted in Seaboard News Gaelic archive | Comments Off on An t-Samhainn 2010 November: Sligh’-uisge a’ Chrìonain / The Crinan Canal

cuidhte agus

Tha cuidhte na bhuadhair gnìomhaireach bho cuidhtich ‘fàg, trèig; dìol, pàigh air ais’.
Tha an abairt cuidhte agus (+ tuiseal bunasach) ga cleachdadh gus a chur an cèill gun d’ fhuaradh faochadh no saoradh bho rudeigin: fhuair e cuidhte agus iad, tha mi airson a bhith cuidhte ‘s an t-uallach seo. Tha an aon structair ri fhaighinn ann an saor agus ‘saor bho’. An àite cuidhte ‘s + riochdair (m.e. cuidhte ‘s e), gheibhear cuidhte ‘s + roimhear riochdaireil (m.e. cuidhte ‘s dheth) bho bhuaidh na Beurla (rid) of it. Sgrìobhar cuidhteas gu tric an àite cuidhte ‘s. Tha cuidhteas (< cuidhte + -as) na ainmear fireann cuideachd, san t-seagh ‘aithneachadh gun d’ fhuaradh bathar 7c’. Coim. na h-abairtean clìor is/clìoras (< Brl. clear) agus riod ‘s/riods (< Brl. rid). Continue reading

Posted in ainmear, Beurla (buaidh na), buadhair gnìomhaireach, bunasach, clìor 's, cuidhte 's, cuidhteas, riochdair, riod 's, roimheir riochdaireil, saor is | Comments Off on cuidhte agus