Tasglann den

Eòin an earraich air an tilleadh


Sgrìobhte le Steafan Risnidh

Chaidh mi air cuairt ghoirid a-mach air an rothair an-diugh air prìomh rathad Shlèite. Bha a’ ghaoth làidir, agus uaireannan bha sgrìob chruaidh oirre fhathast, ach a dh’ aindeoin sin, bha e follaiseach gu bheil an t-earrach a’ tighinn dlùth. Ann an cuid de ghàrraidhean Shàsaig, tha lus a’ chrom-chinn fo làn bhlàth agus nuair a dh’fhalbh mi suas gu mullach a’ mhonaidh eadar Torabhaig agus Eilean Iarmain, chunnaic mi blàthan beaga geala air na badan fraoiche.

Cha b’ e sin a-mhàin ach nua…

DUFC a’ gabhail air Tobar na Màthar 3-0 le deichnear.


Sgrìobhte le Steafan Risnidh

Leis gu bheil grunn mhath gheamannan air fhàgail fhathast ro dheireadh an t-seusain, cha mhol mi an latha math mus tig an oidhche. Ge-tà, tha DUFC airidh air moladh mòr airson nan oidhirpean aca sa ghèam seo. B’ fheudar dhaibh trì chairteal den ghèam a chluich le deichnear, nuair a fhuair Paul Dixon cairt dhearg. Chaidh a chur far a’ phàirc air sàilleabh ’s gun robh a chois ro àrd ann an ionnsaigh air cluicheadair eile.

Shaoileadh tu gun cuireadh sin èis air oidhirpean Aonaichte, gu h-…

An ath-chluich dhen Chairteal Chuairt Dheireannach ann an Cupa na h-Alba.


Sgrìobhte le Steafan Risnidh

Thachair e a-rithist a-nochd. Chuir DUFC tadhal ann, agus chaidh an tadhal a ghearradh às anns a’ bhad le flaga fear an loidhne. Niste, chan fhaca mi fhathast co-dhiù an robh an leas-rèitire ceart ach gu dearbha, ma gheibh mi an cothrom - bidh mi a’ geur-amharc air seo gun teagamh sam bith.

THa mi-fhìn aig mullach mo shòlais an-dràsta a chionn ’s gun do ghlèidh DUFC an gèam agus shaoileadh tu, ’s dòcha, nach toirinn cus feart air mar a chaidh aon tadhal a dhiùltadh oir thug DUFC a-mach…

Cupa “Fineachan Foghainteach” na h-Alba - Rangers 3 Dùn Dèagh Aonaichte 3


Sgrìobhte le Steafan Risnidh

Abair gaisgeachd aig balaich spracail sgioba Dhùn Dèagh Aonaichte an-diugh sa chairteal chuairt dheireannach de Chupa “Active Nations” na h-Alba. B’ fheudar dhaibh cluich, chan e a-mhàin an aghaidh sgioba Rangers fhèin, ach an aghaidh oifigich dhubha an SFA, oir mar is dùth do rèitirean is leas-rèitirean a tha os cionn geama aig Ibrox, bha na daoine coirbe seo a’ dèanamh an uile dìchill làmh-an-uachdair a thoirt do Rangers mun robh a’ chiad leth ach gann a’ tighinn gu crìoch.

B’ e an du…