Tasglann den

Anndra Moireach air barr stairsneach gu Grand Slam eile


Sgrìobhte le Steafan Risnidh

Saturday, January 30, 2010

Tha Andy Moireach gu bhith cluich ann an cuairt dheireannach an Australian Open a-màireach. ‘S e seo an dàrna cuairt dheireannach aige oir, bha e ann an cuairt dheireannach an US Open roimhe. B’e Roger Federer a bha na chnap-starra cho-stritheach an uair sin, agus ’s esan a bhios na aghaidh a-màireach mar an ceudna. Tha làmh-an-uachdair aig Andy Moireach air Federer a thaobh bhàirean-teanais a chaidh an cluich eatorra uile gu lèir (6-4), ach chanadh tu gur ann anns na…

Alba ann an LA


Sgrìobhte le alasdair

Tha tòrr ainmean Albannach ann an LA. Bho àm gu àm cuiridh mi eiseimpleirean dhiubh an-seo

Ràdh na Seachdaine 2


Sgrìobhte le Steafan Risnidh

“Tha mi air m’ fhàgail air fraighean fàsa a-rithist”

MÌNEACHADH -

Dè th’ ann am “fraighean” ma-tà?

‘S e seòmar-cùil a th’ ann am fraigh , mar as trice ri taobh a’chidsin, far a bheil stòras bìdhe air a chumail.

‘S e buadhair a th’ ann am “fàs” san rosgrann (t-seantans) seo a’ ciallachadh “falamh” no “bàn”…

Mar sin, dh’ fhaodta an abairt seo a chleachdadh ann an iomadh suidheachadh, a’ ciallachadh gu bheil thu air d’ fhàgail gun dad sam bith a leigeas leat piseach, no leasach…

Às-earrann 2 na Seachdaine, à òraid le Fionn do na Gàidheil ann an 1908


Sgrìobhte le Steafan Risnidh

“Cuimhnich orra-san a thig nad dhèidh is dèan buil cheart de na fhuair thu, oir ma leigeas tu a dholaidh an oighreachd luachmhor seo, èiridh ginealach as do dhèidh a mhallaicheas tu airson mar a chuir thu a dhìth oighreachd ‘Chlann nan Gàidheal’.”

Às-earrann na Seachdaine


Sgrìobhte le Steafan Risnidh

Seo earrann à làrach-lìn UNESCO. Tha e a’ freagairt ceist air an làrach sin a tha a’ faighneachd “Carson a ghabhas mise dragh?” mu dheidhinn bàs cànanan an t-Saoghail. ‘S mi fhìn a chuir a’ Ghàidhlig oirre.

Tha gach cànain a’ nochdadh sealladh sònraichte air an t-saoghal a rèir nan nithean air an cuirear luach, a feallsanachd agus feartan àraidh a dùthchais fhèin. Adhbhraichidh bàs cànain call nach gabh leasachadh den eòlas shònraichte a bha toinnte na lùib fad linntean – an t-eòlas eachdrai

Aig Oilthigh Caltech


Sgrìobhte le alasdair

Chaidh mi a dh’èisteachd òraid inntinneach aig an oilthigh Caltech o chionn ghoirid. Bha an t-Ollamh Harvey Newman, sàr-neach-fiosaige, a’ bruidhinn mu dheidhinn an Hadron Collider Mòr ann an Geneva. Cha tuig mi mòran de na bha e ag ràdh, ach bha e soilleir gum bi iad a’ bualadh protoin ri chèile aig ìre de […]

Ràdh na Seachdaine


Sgrìobhte le Steafan Risnidh

Tha mi an dùil abairt shònraichte Ghàidhlig fhoillseachadh an seo gach seachdain.

Bheir mi dhuibh eisimpleirean de chleachdadh cuideachd.

Mar sin dheth, a’ chiad tè.

Chan ionann gealladh is coileanadh.

MÌNEACHADH/EXPLANATION

Tha seo ag ràdh gu sìmplidh nach eil gealladh is coileanadh san aon rud idir. Mar sin, ged a gheallas neach nitheigin, chan eil e a’ ciallachadh mòran gus am bi an gealladh air a thoirt gu buil. *gus an dèan an neach an rud a chaidh a ghealladh.

Chan ionann X agus Y =…

Artaigil sa Highland News - Innealan airgid sia cànanach ann an Inbhir Nis Marks & Sparks ach gun Ghàidhlig


Sgrìobhte le Des Scholes

Tuilleadh ri leuaghad an seo a chàirdean

http://www.highland-news.co.uk/news/fullstory.php/aid/6876/Gaelic_unrest_at_M_S_talking_tills!.html

Chì thu gu bheil beachdan gu math taiceil air tighinn a-steach air an dulleag sin (agus dithis amadan gu ruige seo). Ma tha greiseag agad cuir do bheachd fhèin a-steach. Tha mòran ann an Inbhir Nis a’ toirt tadhail air an làrach ud agus faodaidh sin…

Craobh Chaorainn


Sgrìobhte le alasdair

’S ann gu tric a chi thu craobh-chaorainn an Los Angeles. ‘S ann air feadh na leth-chruinne mu thuath a gheibhear an gnè mhòr de chraobh seo (an gnè air a bheil Sorbus). Tha seòrsaichean dùthchasach ann an California mar Shorbus americana, ach chan eil mi cinnteach ma ’s e iad seo na seòrsaichean a […]

Gaimeachan Spors Gaidhlig


Sgrìobhte le Each

Tha mo mhac ag ionnsachadh “Flash” an drasda.
Chaidh aige air an ciad game a creuchnachadh - (Teich a Bun Sgoil Gaidhlig Inbhir Nis!)
Gabhaibh cothrom ann an seo

Teich a BSGI.swf

Tha mi dochas gun cordidh e riabh.