Tasglann den

Artaigealan agus Quizzichean Ùra air Sgleog


Sgrìobhte le Sgleog

Hallo a’ Chàirdean,

Seo agaibh na h-artaigealan ùra a tha a nochdadh air Sgleog an t-seachdain-sa.

Aonghas MacNeacail air an Àrd-Ùrlar

Paranormal Activity le Cailean Collier…

Sgleog a’ tighinn gu crioch


Sgrìobhte le Sgleog

Hallo a’ Chàirdean,

Chrìochnaich a chùmhnant aig Sgleog le MG ALBA aig deireadh an Dàmhair agus gu mi-fhortanach chan eil an t-airgid aig MG ALBA a-nis airson a chumail a dol.

Ach tha iad air toirt beagan ùine a bharrachd dhuinn, gus deireadh a’ Ghearran, airson rannsachadh a dhèanamh airson faighinn a-mach dè tha còrdadh leat mun làrach agus dè nach eil agus airson cothrom a thoirt dhuinn taic airgid a lorg às àiteigin eile.

An sàs lorgaidh sibh ceangal ris na…

Inbhir Narann fo Thighearnas a’ Co-op


Sgrìobhte le Des Scholes

Abair thusa gur e Baile a’ Co-op a th’ann an Inbhir Narann. Bhon a ghabh iad sealbh air Somerfield tha iad air a bhith a’ cur a’ bhathar fhèin am broinn a’ bhùth ud. Cha mhòr nach eil am proiceas sin seachad a-nis. Tha ceithir bùthan Co-op againn sa bhaile a-nis agus smachd orra cuideachd air an stèisean peatrail air taobh an iar a’ bhaile agus tha bathar grosaireachd na chois cuideachd. Tha mòran den bheachd gu bheil prìsean a’ dol an àirde gu math luath anns an togalach far an robh Somerfield…