Chaidh mi air chuairt bheag ann an Caol Loch Aillse aig an deireadh-seachdain, agus a-steach leam dhan bhùidsear air phrìomh shràid. ‘S e seo bùth a tha a’ reic feòil agus glasraich le chèile - agus - abair gur e bùth math coimhearsnachd a th’ ann. Bha a’ chuid as motha den ghlasraich air am buain faisg air làimh, air neo co-dhiù ann an Alba. Bha iad a’ reic currain mhòra eireachdail agus càl a chaidh àrach san sgìre fhèin. Bha creamh a bhuineadh dhan dùthaich seo - Inbhir Narann.…
Còig latha air fhàgail, agus bidh an geamhradh ann. Ach mus tig e, dhan fheadhainn agaibh a bhios a’ coiseachd air a’ bhlàr a-muigh air an dùthaich far a bheil dearcan fiadhaich a’ fàs, gabh an cothrom agus gheibhear fios a bhlas air nan smeuran fhad ’s a tha iad ann fhathast, mas e a’ chiad turas a bhlais thu orra. Cha mhòr nach bi an aimsir aca seachad, ach ged a bha iad ann fad deireadh an t-samhraidh - ’s e seo an t-àm dhen bhliadhna as fheàrr - no bha, bho chionn dà sheachdain - airson a bh…
Tha mi air blog ùr Gàidhlig* thòiseachadh. Chan eil rud sam bith sònraichte ann an-dràst’, ach tha min dùil gun cuiridh mi stuth suas gach latha no dhà - dìreach rudan sìmplidh mun latha a bh’ agam, no air na tha mi a’ smaoineachadh mu rudeigin aig an àm.
Tha min dùil gum bi seo feumail do luchd-ionnsachaidh agus cuideachd do dhaoine eile a tha ’son rud beag spòrs a leughadh.
‘S e plana aig Comhairle na Gàidhealtachd a tha seo. ‘ S e prìomh amas a’ phlana seo gus cruth a chur air leasachaidh sa Ghàidhealtachd airson an ath 20-40 bliadhna a tha romhainn. Chaidh a dubh chàineadh ann an Inbhir Narann ge-tà. Chaidh aithris de choinneamh Chomhairle Coimhearsnachd ‘Suburban’ Inbhir Narann fhoillseachadh sa Nairnshire Telegraph agus ciamar a bha daoine a-mach air plana ‘do-thuigsinneach’. Seadh tha cainnt nam comhairle gu math doirbh a thuigsinn aig amannan agus ma tha leth…
MG ALBA AN TÒIR AIR TÀLANT FILMEADAIREACHD ÙR
An dèidh don fhilm ghoirid Siùbhlachan duais a ghleidheadh air àrd-ùrlar eadar-nàiseanta, tha MGALBA air leth toilichte foillseachadh gun tèid Maoin Leasachaidh ùr de £10,000 a chur air chois. Bheir seo cothrom do bhuadhairean roinnean FilmG “Dibhearsain” agus Stiùiriche as Fheàrr” feuchainn ris an aon ìre a ruigsinn cuideachd.
Bhon a chumadh cuirm nan duaisean aig FilmG 2008, chaidh Siùbhlachan a shealltainn do luchd-amhairc aig fèisean film san Ei…
’S e 20mh Samhain ceann-latha na farpaise, mar sin tha còig seachdainnean air fhàgail fhathast film goirid 3-5 mionaidean a dhèanamh dhi. Tha FilmG airson neach sam bith de 18 is còrr, agus tha roinn air leth ann do dh’òigridh aois 12-17 bliadhna. Gheibhear a h-uile fiosrachadh a tha dhìth air a’ cho-fharpais aig www.filmg.co.uk, agus faodaidh tu coimhead air filmichean an-uiridh airson do phiobrachadh cuideachd.
Cha ghabh a chur ann am briathran beòil dè cho àlainn is a tha an t-eilean seo. Agus, sa cheàrn seo den eilean gu h-àraid, Slèite, tha seallaidhean-tìre seiseil eireachdail rim faicinn air gach taobh.
THog mi an dà dhealbh seo aig uinneag san taigh far a bheil mi a’ fuireach an-dràsta ann an Slèite san Eilean Sgitheanach. ‘S e an rud a th’ ann nach eil aon latha coltach ris an latha roimhe a thaobh na ghabhas faicinn às an uinneag seo. Mar a tha an aimsir a’ tionndadh daonnan, tha na seallaidhe…