Tasglann den

Co-fharpais an Damhair air Sgleog


Sgrìobhte le Sgleog

Hallo a’ Chàirdean,

Cluicheadair MP4 Sony - NWZ-S738F

Abair cluicheadair MP4 snasail a tha seo.

Tha 8GB aige agus cluicheadair bhidio. Tha e cuideachd tighinn le headphones a tha a gearradh a-mach fuaimean eile.

Siuthad, freagair à cheist seo agus ’s dòcha gum buannaich thu e.

Ach cuimhnich nach fhaod thu cur a-steach dhan co-fharpais ach aon turras.

Cearc san Fhraoch agus Sabhs na Meala


Sgrìobhte le Steafan Risnidh

Seo reasabaidh a thog mi à blrecipe_heather.htmlàrach eile, ach le beagan atharrachaidh.

Grìtheidean

Cearc shlàn
Leth-chupa ola tana còcaireachd
Cairteal cupa mil
salann
piobar
spàin no dhà de ròs-Màiri (tioram no ùr)
sgeallan dijon (no eile)

Airson an t-sabhs - mìn-fhlùr (dà spàin), ìm (cnap math), bainne slàn (srùbag)

1) Sàth sgian tana air feadh na circe agus càraich ann an soitheach-casaroil i.…

Artaigealan Ùra na Seachdain 25/09/09


Sgrìobhte le Sgleog

Hallo a’ Chàirdean,

Seo agaibh na h-artaigealan ùra a tha a’ nochdadh air SGLEOG an t-seachdain-sa

Iomain / Iomáint (Hurling) Le Sean MacLeòid

Ais-shealladh air an aiste roimhe!


Sgrìobhte le Steafan Risnidh

Ueill…ma dh’fhaoidte nach robh mi buileach cothromach a bhith a’ càineadh an rèitire aig Pàirc Celtic bho chionn seachdain gu leth. Bha mi fhìn a’ cur às mo chorp mun chlaon-bhàigh, mar a chì mis’ e, aig rèitirean nuair a bhios iad a’ cumail smachd air na cluicheadairean ann an lannan-cluiche an Old Firm.

Tha mi smaointinn gur ann mar as trice a tha seo ceart. Gu bheil buaidh mhòr air a thoirt air na rèitirean leis na meadhanan, leis an luchd-amharc agus mu dheireadh leis gur ann à taobh iar…

Quizichean Ùra na Mìos air Sgleog


Sgrìobhte le Sgleog

Hallo a’ Chàirdean,

Tha quizichean ùra a-nis shuas air làrach-linn Sgleog.

Gabh spòrs gam feuchainn.

Quizichean

Moran taing,

Sgioba Sgleog

Artaigealan Ùra na Seachdain 18/09/09


Sgrìobhte le Sgleog

Hallo a’ Chàirdean,

Seo agaibh na h-artaigealan ùra a tha a’ nochdadh air SGLEOG an t-seachdain-sa

The Blues Brothers - Film Clasaigeach na Mìos le RPP

Ray Lamontagne

Celtic 1 Dùn Dèagh Aonaichte 1 - geam dealasach!


Sgrìobhte le Steafan Risnidh

Chan eil DUFC air geama a ghleidheadh aig Pàirce Celtic bho 1992, nuair a chuir Donnchadh Fearghasdan tadhal dhaibh, agus Jim MacGilleathain aig stiùir na sgioba. Bhon uairsin, ’s e Celtic a tha a’ cumail ceann a’ mhaide riutha fad iomadh bliadhna……. ACH bhon a ghabh Craig Levein stiùir ghnothaichean na sgioba, agus ged nach do ghabh Dùn Dèagh Utd air Celtic fhathast, ’s tric a bhios iad a’ cumail cagnadh ris a’ chlub uachdaranach seo agus co-dhiù a’ toirt còmhstri chruaidh dhaibh aig a’ cha…

Artaigealan Ùra na Seachdain 11/09/09


Sgrìobhte le Sgleog

Hallo a’ Chàirdean,

Seo agaibh na h-artaigealan ùra a tha a’ nochdadh air SGLEOG an t-seachdain-sa

Inglourious Basterds Le Cailean Collier

Joni Mitchell - Ladies of

Artaigealan Ùra na Seachdain


Sgrìobhte le Sgleog

Hallo a’ Chàirdean,

Seo agaibh na h-artaigealan ùra a tha a’ nochdadh air SGLEOG an t-seachdain-sa

Leirmheis air 10 Minute Solution - Dance off Belly Fat le Janni Diez