Seadh, seo sinn agus Diciadain eile ann - san fharsaingeachd, bidh mi a’ faireachdainn gur e seo meadhan na seachdain, agus nach eil an deireadh-seachdain ro fhad’ air falbh idir!
Ach le sin a ràdh, feumaidh mi àideachadh gun robh là ann a bha mo dheireadh-seachdain a’ tòiseachadh air oidhche Dhiardaoin!
Ach on a tha mi niste pòsta agus ciallach (na can sìon a nist!), tha a h-uile là math fhèin. Duine gun dà là, duine gun là idir, an e?
Is tric mi fhin agus Seòidìn ag ithe ar bìdh ri taobh na Linne Shlèitich aig àm lòin - agus cò nach biodh toilichte agus a leithid seo de bhòidhchead tìre rompa….

Agus a-nist a chàirdein, feumaidh mi smaoineachadh mu bhiadh a-rithist!
Mar a chanas na h-Èireannaich: slán go fóill.