Tasglann den

Caran tràth airson leithid de shealladh


Sgrìobhte le tearlach61

Tha stoirm nan seachd sian air a bhith againn. Tòrr mòr uisge ’s cha robh sealladh air na beanntain air cùl a’ bhaile gu ruige an-dè nuair a sgaoil na sgothan rud beag ’s seo an sealladh dh’ fhosgail dhuinn:

Ath-thilleadh gluasad cànain ann an Inbhir Narann: cothrom a tha a’ dol a-mach à sealladh?


Sgrìobhte le Graisg

Aithris air cor na Gàidhlig ann an Siorrachd Inbhir Narann agus beachd air dè a’ dol a thachairt don chànain san sgìre san àm ri teachd 1.Roimh-ràdh 2 2.Eachdraidh na Gàidhlig ann an Siorrachd Inbhir Narann 3 3.Luchd ionnsachaidh ann an Inbh…

Leirmheas: Mama Mia


Sgrìobhte le tearlach61

Leirmheas: Mama MiaNochd am fiolm Mama Mia ann an Juneau an t-seachdain-sa. Chaidh dithis co-obraiche agam fhaicinn.Feumaidh mi aideachadh bho thoiseach, chan fhaca mi am fiolm Mama Mia ’s mar as àbhaist, chan fhoghnaidh sin airson leirmheas. Ach s’…

a’ cleachdadh larach ‘wordle’


Sgrìobhte le Graisg

Seo na rinn wordle.net leis na laraichean SMO agus CNSA. Brùth orra gus dealbhan nas motha fhaicinn.

Spors le wordle


Sgrìobhte le Graisg

Gallaibh ’s a h-ùile rud Gallaibhach….


Sgrìobhte le Àdhamh Ó Broin

Tha mi air a bhith ’sgrùdadh airson fiosrachadh mu dheidhinn an t-seòrsa Gàidhlig a bha air bruidhinn ann an Gallaibh mus do chaochail i ‘moch ’san linn mu dheireadh (uill, chan eil mi cìnnteach, ach tha mi ag amas air lorg a-mach a dh’ aithghearr). Aig an àm seo, tha direach rud beag agam, ach rud beag co-dhiù.

Tha am facal smiorcadh, a’ ciallachadh gu eibhinn gu leòr ‘ciall’ no ‘gaisgeachd’ no ‘neart’, gin de na cill seo. Cha robh duine aig a’ bheil mòran fiosrach air cuisean Gaidhealach eòlach oirre idir, agus ’s ann an Ùist a Deas a bha e. Mar sin, bha rudeigin sònraichte a’ dol ann an Gallaibh, fiù ma cha robh ach aon facal annasach ann!!!

’s ann an t-abairt sileadh-sùith a tha a’ comharrachadh ri ùisghe a thigeadh tron mullach na taigh-chroit, agus tha mi ’smaointinn gu robh sin air leth Gallabhach cuideachd. Nuair a thigeas an t-ùisghe tro mhullach, tha an sùith a’ deanamh an t-ùisghe dubh agus gu math tiugh cuideachd. A bharrachd air sin, nuair a bhuaileas an stuth grot seo aodaich no rudainn mar sin air a’ dheanamh às a chlò, tha e uabhasach fhèinn doirbh a-mach a fhaighinn.

Dè mu dheidhinn baobh? uill, ’s e sith bheag grannda a tha seo, cho fada ri fios agam, agus a-rithist, ’s ann an Gallaibh a fhuair iad. Tha iad air fhaicinn ann an sgire èile ’sa Gaidhealtachd, ach ’s iadsan na boirreanaich mar bana-bhuidsich.

agus mu dheireadh thall, tha rann agam dhaibh, agus taing do Niallaidh airson an leabhar ‘The Gaelic Otherworld’:

Seachd sgadain sàth bradain
Seachd bradain sàth ròin
Seachd ròin sàth muice-mara
Seachd mucan-mara sàth Cìrein Cròinn

ris an robh uaireigin air a chuir:

Seachd Cìreinean Cròine* sàth an fhìr mhòir fhèin

ann an na faclain èile, An Diubhal, ma tha thu ag iarraidh.

Nam beachd, bha an rann seo airson ‘teagasg ciamar a bha rudainn, an ordiugh nàdarrach tha mi ’smaoineachadh, ri cloinne. Fada fada nas fheàrr na:

“Nan obraichidh tu cruaidh, thig stuth math thugad”

Ma tha fiosrachadh èile ìnntinneach aig duine sam bith, thoir dhomh ma ’s e ur toil e!

Àdhamh

*’s e am beathach as mòtha a bh’ ann an t-uileabheist seo, seach gu bheil e aig mullach na ‘food chain’….