Monthly Archives: May 2008

Kaiser Chiefs ann an Strath Pheofhair

Bha na Kaiser Chiefs a’ cluich beò anns a’ Phàillean ann an Strath Pheofhair Diluain seo chaidh. Ma tha sibh airson gam faicinn tha an Ross-shire air bhidiothan a chur air an làrach-lìn aca.
http://www.ross-shirejournal.co.uk/news/fullstory.php/aid/3945/See_the_Kaiser_Chiefs!.html
Continue reading

Posted in beò, Ceòl, cluich, consairt, cuirm-ciùil, Kaiser Chiefs, Naidheachdan, pavillion, pàillean, Strath Pheofhair, Strathpeffer, T.Bh. agus Filmichean, Tachartasan, talla-ciùil | Comments Off on Kaiser Chiefs ann an Strath Pheofhair

Slade

Chaidh mi a dh’fhaicinn Slade is T-Rextasy a-raoir anns an Talla Chonsairt Rioghail ann an Glaschu. Abair deagh oidhche.

Bha Mud a’ cluich cuideachd agus bha iad gu math ‘tacky’ le deiseachan gorma orra agus lining tiogaireach air na brogan is pocaidean aca is mar sin air adhart. Bha an ceol gu math dona cuideachd.

Ach bha T-Rextasy math fhein. Rinn iad na h-orain as fhearr aig T-Rex agus bha iad cho coltach ri T-Rex is nach biodh fios agad nach b’ e Bolan fhein a bh’ ann.

Bha Slade nas fhearr oir ged a tha comhlain-samhla math, tha e nas fhearr comhlan ceart fhaicinn – fiu’s mur a h-eil ach an darna leth de na buill thusail air fhagail. Chan eil Noddy no Jim Lea leis a’ chomhlain tuilleadh ach tha Don Powell is Dave Hill ann fhathast. Bha iad gu math trom agus bha giotaraicheas gu leor ann (chan eil fhios agam a bheil am facal giotaraicheas ann no a bheil mi direach air a chruthachadh ach is e deagh fhacal a th’ ann co-dhiu!).

Chluich iad Merry Xmas Everyone aig an deireadh ged is e an Ceitean a th’ ann! Continue reading

Posted in Uncategorized | Comments Off on Slade

Tha thu a’ cuir ri blàthachadh na Cruinne ma tha thu reamhair

Sin a-reir aithris Reuters a nochd an t-seachdain-se: A-reir iadsan, bith daoine reamhair a’ caitheamh connaidh a bharrachd airson a bhith a’ siubhal agus bith an cuid bìth a bhios iad ag ithe a caitheamh connaidh a bharrachd cuideachd. Tha iad a’ cu… Continue reading

Posted in Uncategorized | Comments Off on Tha thu a’ cuir ri blàthachadh na Cruinne ma tha thu reamhair

Cròileagan DC air a’ BhBC!

“’S tric san là a th’ ann a gheibhear iongnadh ann an saoghal na Gàidhlig.” “There are plenty of surprises today in the world of Gaelic.” Sin tòiseachadh airteagal a sgrìobh Teàrlach Quinnell aig a’ BhBC ann an Alba mu dheidhinn … Continue reading

Posted in Uncategorized | Comments Off on Cròileagan DC air a’ BhBC!

Seo agaibh bhideo-cunntais a rinn mi mu chuairt a rinn mi a Choffman Cove an eilean Prince of Wales sa cheann ear-dheas Alasga. Mo chomhairle dhuibh: leig am bhideo sruthadh rud beag an toiseach. Cuairt a Choffman Cove from Charles Tripp on Vimeo. Continue reading

Posted in Uncategorized | Comments Off on

Rathad-Iarainn Albha-Sruighlea-Cheann Chardain

Bha sinn air a’ chiad trèana air an loidhne ùr eadar Albha agus Sruighlea an-de. Is e turas rèile sònraichte a bh’ ann, a chaidh a chur air dòigh le Comann Glèidhteachas Rèile na h-Alba le einnsean smùid agus Deltic. Rinn an trèana an turas trì tursan an-diugh agus bha gach trèana loma làn.

B’ e seo a’ chiad trèana do luchd-siubhail a-mach à Albha bho 1968 agus dhùin an rathad-iarainn buileach glan trath sna 1990an.

Tha fios naidheachd ann mu ath-fhosgladh na loidhne ri fhaighinn aig:

http://www.transportscotland.gov.uk/news/Stirling-Alloa-Kincardine-Railway-line

Bidh seirbheisean àbhaisteach a’ tòiseachadh Diluain.

Tha an rathad-iarainn cuideachd air fhosgladh eadar Albha agus Cinn Chardain ann am Fìobh ach is e dìreach trèanaichean bathair a bhios a’ cleachdadh na slighe seo aig an ìre seo. Bidh trèanaichean guail a’ cleachdadh na loidhne seo an àite a bhith a’ dol thairis air drochaidh an Fhoirthe agus mar sin, bidh barrachd rùm air an drochaid airson trèanaichean luchd-siubhail a ruith. Continue reading

Posted in Uncategorized | Comments Off on Rathad-Iarainn Albha-Sruighlea-Cheann Chardain

Fradharc is claisneachd

Chaidh mi don neach-fradhairc an-diugh airson a’ chiad turais bho 1980 no mar sin an-diugh! Chaidh innse dhomh gum feum mi speuclairean fhaighinn airson leughadh. Thagh mi paidhir. Cha robh ach aon rud air m’inntinn nuair a bha mi a’ coimhead tro na freamaichean uile – gum feumadh iad a bhith air leth mi-choltach ris an fheadhann aig Geddy Lee bho Rush. Mar rocair a tha a’ dol gu torr chonsairtean agus do thaighean-sinnse roc gu tric, tha mi a’ fas sgith de dhaoine ag innse dhomh gu bheil coltas Geddy Lee orm agus sin mus robh speuclairean agam!

Tha mo chlaisneachd a’ fas dona cuideachd. Chan e m’aois is coireach ach cus ciuil ard. Chaidh mi a dh’fhaicinn the Cult ann an 1989 nuair a bha mi san sgoil agus bha e cho ard is gu bheil mo chluais chli a’ seinn fhathast. Tha mi air a bhith aig torr chonsairtean bhon uair sin agus chan eil mi a’ smaoineachadh gun do rinn iad cus cron air mo chlaisneachd – gus am faca mi the Cult a-rithist ann an 2006 – bha iad a cheart cho ard sa bha iad an turas mu dheireadh agus chaidh an tinnitus agam am miosad rud beag. Chunnaic mi the Australian Pink Floyd Show an t-seachdain sa chaidh agus na Quireboys is Dan Baird an t-seachdain seo agus tha mo dha chluais a’ seinn fhathast.

Chan eil e mor, chan eil e glic agus chan eil e eibhinn mar a chanas iad sa chanain eile. Feumaidh mi plugaichean cluais matha fhaighinn mus bi mi cho bodhar ris an talamh. ‘S e an duileadas a th’ agam nach eil na plugaichean cluais a tha mi air feuchainn gu ruige seo air a bhith math – ged nach eil e deanamh cron sam bith air drumaichean is bass, tha thu a’ call cus den treble agus airson ceol roc cruaidh is e call mor a tha sin oir ‘s e an giotar an rud as cudromaiche.

Tha consairt agam Didomhnaich (Slade is T-Rextasy). Feumaidh mi rudeigin a dheanamh ron a sin! Continue reading

Posted in Uncategorized | Comments Off on Fradharc is claisneachd

Earrach Trang, Làithean Sona

Abair gun robh sinn trang as t-earrach. Choinnich sinn anns a’ Ghearran, ann am Màirt agus anns a’ Ghiblean, agus cruinnichidh sinn a-rithist airson cròileagain a dh’aithghearr. Seo Scott agus na pàisdean: Autumn (na seasamh), Aoife, Lucas agus L… Continue reading

Posted in Uncategorized | Comments Off on Earrach Trang, Làithean Sona

Vote for Faire Chaluim Mhic Leòid / The Wake of Calum MacLeod

Duilich mun a’ Bheurla a-mhàin ach tha cabhag orm ‘s mar sin ‘s e ‘cut & paste’ a th’ ann.Vote for Faire Chaluim Mhic Leòid / The Wake of Calum MacLeodCBC Television is showcasing an exciting six-part series of Atlantic Canada’s finest short films. E… Continue reading

Posted in a' Ghàidhlig, an t-Eadar-lìon, Atlantic Film Association, CBE Television, Faire Chaluim Mhic Leòid, festival, Film, gala, Naidheachdan, short, short-film, shortfilm, T.Bh. agus Filmichean, Telebhisean CBC, The Wake of Calum MacLeod | Comments Off on Vote for Faire Chaluim Mhic Leòid / The Wake of Calum MacLeod

Faire Chaluim Mhic Leòid – cothrom dhut ga fhaicinn

Seo e air an duilleig seo. Agus an uair sin faodaidh tu bhotadh air a shon san fharpuis a tha a’ dol air an duilleig seo. Continue reading

Posted in Uncategorized | Comments Off on Faire Chaluim Mhic Leòid – cothrom dhut ga fhaicinn