Tasglann den

Bhòt tràth, bhòt tric


Sgrìobhte le Iomdhall the Radge Dug

Tha trustaran is amadain a’ chac à Gallaibh ri mi-rùn a-rithist. Tha am pàipear ionadal, an ‘John O’Groats Journal’ air poll a chur air chois feuch a bheil a’ mhòr shluagh airson no an-aghaidh sanasan dà-chànanach. Siuthad ann - gu ‘The…

Soidhnichean Gaidhlig an Gallaibh: Poll air-loidhne


Sgrìobhte le Alasdair MacCaluim

Tha an John O’ Groats Journal a’ deanamh poll an-drasta air soidhnichean Gaidhilg ann an Gallaibh. Bhotaibh aig: http://www.johnogroat-journal.co.uk/

Joe Strummer


Sgrìobhte le Alasdair MacCaluim

Tha mi direach air an leabhar “Redemption Song: The Definitive Biography of Joe Strummer” le Chris Salewicz a leughadh. Bha seanmhair Joe à Ratharsair agus tha dealbh den eilean a’ nochdadh san leabhar cho math ris an teacs seo:

“Paul Simonon’s painting of Joe’s ancerstors’ home at Umachan on the Isle of Raasay amply conveys the rigour of life on the Inner Hebridean island. Children at play would be tethered to trees, to save them tumbling down cliffs and ravines”

De? Co as a fhuair an t-ughdar an fhiosrachadh sin? Chan eil mi ga chreidsinn!

Bha uidh mhor aig an Strummereach ann an cultar is ceol na h-Alba. Tha mi cinnteach gum biodh e toilichte gun do chlaraich na Gathan “Tha mi cho bored leis an SAA”.

Cleas Sgàthain air a leughadh leis an ùghdar


Sgrìobhte le Graisg

Tha an an leabhar le Mairi Anna NicDhomhnaill ri chluinntinn gach latha  an t-seachdain seo airson cairteal na h-uaireach gach latha, aig 9.45am air  program Choinnich Mhoir air Radio nan Gaidheal. ‘S bochd nach eil tuilleadh den leithid seo ri cluin…

Nòs Ùr - Farpais Òrain Roinneil Mhion-chànain


Sgrìobhte le Crìstean MacMhìcheil

Farpais Òrain Roinneil Mhion-chànain
21 Óg-mhìos 2008
Taigh-cluiche Eden Court
Inbhir Nis, Alba
Thèid co-fharpais chudromach a chur air bhog an seachdain seo, a’ comharrachadh òrain bho choimhearsnachdan mhion-chànain Ceilteach agus Albais.
Tha ‘Nòs Ùr’ an dùil air òrain a chuir a-steach sa Ghàidhlig, Albais, Ulaidh Albais, Gàidhlig Èireannach, Gàidhlig Mhanainneach, Cuimreach, Còrnach agus Breaton. Thèid an neach-buannachaidh troimhe gu […]

Suidheachadh dealain ann an Juneau ’s criomagan eile


Sgrìobhte le tearlach61

Uill, leagh an-dè gu na croinn uile a chaidh a mhilleadh le maoim-sneachda mu sia seachdainn air ais air an togail às ùr a-nis ’s tha iad a-nis a sìneadh ueirichean orra. ‘S ann mìos air thoiseach air na bha iad an dùil ’s ’s e deagh naidheachd a…

Gaidhlig (na h-Eireann) air na treanaichean


Sgrìobhte le Peadar Ó Donnghaile

Dh’fhuair mi sgriob air ti de na traenaichean ura aig Iarnród Éireann eadar Baile Ath Cliath agus Corcaigh os cionn mios. Treanaichean taitneach, gleansach ura, le sanasan-sholais os cionn na dorsan ag innse ainm an ath steiseain, neo mar a chanas iad an Eireann “An Chead Staisiun eile”….Tha fios a’am gur a sin a chanas iad an Eireann oir is e sin mar a bha mi ga leughadh air na dealbhan-fhiosrachaidh sin, agus mar a bha mi ga cluinntinn air na labhairteaich-dhealain.

Bha leasain air barrachd dhomh: Gach trip a thanaig teachdaireachd pobalachd a mach, thanaig e aig tus as Gaelige agus an uairsin as Beurla.

Thoiseach an sanas ,( a chaidh na shiubhal thar an sgaile) aig a h-aon am agus a thoisich an teachdaire-labhairt,
ach ruith an sanas nas malla. Mar sin aobharaich an modh teachdaireachd fhein dail goirid ( as deidh fiosrachadh ás Gaidhlig ) a thug cothrom do dhaoine gun móran Gaidhlig a ghabhail greim air a’ chuise mus an deach a channtainn a-rithis ás Beurla.

An trip mu dheireadh a bha mi aig an taigh mhothaich mi gu bheil a h-aon uidheam air na treanaichean aig Scotrail chun a’ Chaoil. Carson nach gheibheadh sinn a h-aon inbhe seirbhis (air taobh canan) air rathad-iarainn a’Chaoil agus a gheibheas muintir a’Chorcaigh?

Fhuair Breatnais agus mion-chànain eile aithneachd bhon riaghaltas frangach!!!


Sgrìobhte le Graisg

Naidheachd gu tur iongantach ach quel bonheur!Thachair seo an diugh a-rèir coltais - a-nis tha iad a-steach den bhunreachd. Seo beagan naidheachd a chunnaic mi. Duilich nach eil tìde gu leòr agamsa eadar-theangachadh a dhèanamh. Deagh naidheachd gu…

Kaiser Chiefs ann an Strath Pheofhair


Sgrìobhte le Crìstean MacMhìcheil

Bha na Kaiser Chiefs a’ cluich beò anns a’ Phàillean ann an Strath Pheofhair Diluain seo chaidh. Ma tha sibh airson gam faicinn tha an Ross-shire air bhidiothan a chur air an làrach-lìn aca.
http://www.ross-shirejournal.co.uk/news/fullstory.php/aid/3945/See_the_Kaiser_Chiefs!.html

Slade


Sgrìobhte le Alasdair MacCaluim

Chaidh mi a dh’fhaicinn Slade is T-Rextasy a-raoir anns an Talla Chonsairt Rioghail ann an Glaschu. Abair deagh oidhche.

Bha Mud a’ cluich cuideachd agus bha iad gu math ‘tacky’ le deiseachan gorma orra agus lining tiogaireach air na brogan is pocaidean aca is mar sin air adhart. Bha an ceol gu math dona cuideachd.

Ach bha T-Rextasy math fhein. Rinn iad na h-orain as fhearr aig T-Rex agus bha iad cho coltach ri T-Rex is nach biodh fios agad nach b’ e Bolan fhein a bh’ ann.

Bha Slade nas fhearr oir ged a tha comhlain-samhla math, tha e nas fhearr comhlan ceart fhaicinn - fiu’s mur a h-eil ach an darna leth de na buill thusail air fhagail. Chan eil Noddy no Jim Lea leis a’ chomhlain tuilleadh ach tha Don Powell is Dave Hill ann fhathast. Bha iad gu math trom agus bha giotaraicheas gu leor ann (chan eil fhios agam a bheil am facal giotaraicheas ann no a bheil mi direach air a chruthachadh ach is e deagh fhacal a th’ ann co-dhiu!).

Chluich iad Merry Xmas Everyone aig an deireadh ged is e an Ceitean a th’ ann!