Monthly Archives: February 2007

Àrd-sgoil Inbhir Pheofharain

Tha an sgoil a’ tighinn air adhart gu math. Tha am mullach air agus thoisich iad air na ballachan a-staigh a thogail. Seo na dealbhan as uire.

Seo a’chiad làr:-

Seo na trì làraichean agus am mullach:-

Seo dealbh eile bhon adhar a’sealltainn an seann sgoil aig bonn na deilbhe agus an sgoil ùr aig a’ mhullach:-

seo cùl an togalaich:-

seo cùl an togalaich a-rithist:-

agus bhon taobh deas:-

taobh a-staigh:-

Agus sin agaibh e airson an-dràsta.

Crìstean.
Continue reading

Posted in Main Page | Comments Off

Caismeachd ann an Roazhon

Am mìos seo chaidh thàinig le Pen a-mach an aghaidh cùisean dà-chànanach san Fhraing. Thog feadhainn na sràidean orra ann an Roazhon greisg às dèidh sin. Agus seo bhideo a rinn iad. Gheibh thu tuilleadh air an làrach Ai ’ta. Manif 29/01/07Up… Continue reading

Posted in Uncategorized | Comments Off

Cuairt Sgithidh

‘S e lath-saor dhomh a bh’ann an DiLuain sa chaidh is chaidh mi air cuairt le caraid dhomh gu eighr-shruth Herbert. Rinn sinn an dearbh cuairt air cois san t-sultain. Bha troigh neo dhà sneachd ùr air tuiteam ‘s bha dùil againn slighe alainn… Continue reading

Posted in Uncategorized | Comments Off

Reobhart Muir-Làn

Bha mi air tìr-mòr Diluain leis a’ bhan againn. Nuair a thill mi do Mhuile Dimàirt, ‘s e reobhart muir-làn a bh’ann – ‘s dòcha an reobhart as làn dhen bhliadhna (chan eil mi cinnteach). Co-dhiù, bha e uabhasach làn agus bha an   Continue reading

Posted in Uncategorized | Comments Off

Agus a’ Bhreatnais mas e do thoil e?

Tha Oifis a’ Phuist Fhrangach cho coma leis a’ Bhreatnais sa tha NHS Eileanan Siar leis a’ Ghàidhlig air an làrach-lìn aca. Mhothaich mi nach eil a h-uile duine toilichte leis a sin agus tha iad a’ dèanamh an dìcheall airson piseach a’ … Continue reading

Posted in Uncategorized | Comments Off

Dimàirt ro na h-Oscars

Dimàirt ro na h-OscarsOscar mòr oir agus a chàirdean – an Fhiann?
Tha obair gu leòr ann gus an oichdhe mhòir. Tha traffic anns a’ choimhearsnachd dìreach uamhasach ri linn sraidean duinte.

Continue reading

Posted in An Gnìomhachas | Comments Off

Beurla a-mhàin. Am faigh an làrach NHS Eileanan Siar duais shònraichte?

Seo rudeigin a thog mi an dearbh mionaid bhon iomairtean gàidhlig thall aig Yahoogroups:Abair làrach-lìn:http://www.wihb.scot.nhs.uk/Tha an làrach anns a’ Bheurla a-mhàin, ach tha bucas a’ nochdadh airan duilleig-dhachaigh, ag ràdh AltaVista Babe… Continue reading

Posted in Uncategorized | Comments Off

A’ sgrìobhadh a-rithist…

Chan e blogair math a th’annam idir… :( Cha robh mi air a bhith a’ sgrìobhadh rud sam bith airson ùine mhòir mhòir!!! Uaireannan air sgath ’s gu robh mi gu math trang, uaireannan air sgàth ’s gu robh mi gu math leisg… A h-uile turas a … Continue reading

Posted in Uncategorized | Comments Off

Na Filmichean Goirid

Na Filmichean Goirid

Originally uploaded by AlasdairFitheach.

Chaidh mi a dh’fhaicinn na filmichean goirid oidhche Domhnaich. Bha iad glè inntinneach. Chord dà fhilm glè mhath rium : Our Savior à Astralia agus The Good Idea à Senegeal.

Continue reading

Posted in Coitcheann | Comments Off

24/7 air Hollywood Boulevard

Tha iad ag obair fad na h-uine a-nis, agus cùmaidh iad air gus an latha sonraichte. Thog mi an dealbh seo aig leth-uair an deidh meadhan-oidhche.

Cuirear am brat-ùrlar dearg anns a’ Ghailearaidh Mòr a dh’aithgearr. Chan eil fhios agam dè an t-ainm nas fhearr airson seo. ‘Se trannsa mòr luachmhor a th’ann. Togaidh mi tuilleadh [...] Continue reading

Posted in An Gnìomhachas, àitichean sònraichte | Comments Off