Category Archives: giorrachadh

dè fo ghrian …?

‘S e ainmear boireann à Rang 2 (.i. coltach ri bròg bròige, caileag caileige) a th’ ann an grian: bun. tha a’ ghrian a’ dol fodha; gin. aig dol fodha na grèine; tabh. na ròin gam blianadh sa ghrèin. Air a’ chiad sealladh, a-rèist, tha e na iongnadh gun canar, mar eisimpleir, dè fo ghrian a tha sin? ‘dè air thalamh a tha sin?’. An dèidh an roimheir fo, bhite an dùil ris an tuiseal tabhartach, mar a tha ann an chan eil teagamh fon ghrèin agam ‘chan eil teagamh sam bith agam’, ach tha e coltach gur h-e giorrachadh a th’ ann am fo ghrian an seo airson fo ghrian nan speur ‘fo ghrian nan nèamh’ agus gur h-e sin as coireach nach eil claonadh ri fhaicinn san ainmear an seo: dè fo ghrian nan speur a tha sin? Continue reading

Posted in ainmear, boireann, claonadh, fo ghrian, giorrachadh, Rang (ainmeir) | Comments Off on dè fo ghrian …?

‘s eadh

Cleachdar ‘s eadh – sgrìobhar seadh mar as trice agus cluinnear sheadh cuideachd – gus aontadh neo-àraidh a chur an cèill; àicheil chan eadh (nas sine ni h-eadh), ceisteach an eadh?. ‘S e riochdar neodrach a th’ ann an eadh (seach e fir. no i … Continue reading

Posted in 's eadh, .i., àicheil, ceisteach, chan eadh, eadh, eadhon, gidheadh, giorrachadh, neodrach, riochdair, seadh | Comments Off on ‘s eadh

suidheachadh > suidhichean

Ainmear ioma-lideach sam bith aig a bheil an dùnadh -adh (uile fireann), thèid e na -aidh san tuiseal ghinideach agus na -aidhean san iolra: dùnadh, gin. dùnaidh, iol. dùnaidhean; suidheachadh, gin. suidheachaidh, iol. suidheachaidhean. … Continue reading

Posted in ginideach, giorrachadh, iolra | Comments Off on suidheachadh > suidhichean