Category Archives: ginideach

Latha Fhèill Aindreis, Latha Fhèill Anndra


’S ann às an t-Sean Ghreugais Ἀνδρέας (‘Andréas’) a tha an t-ainm fireannaich Gàidhlig Aindreas. Ged a b’ urrainn dha làimh a bhith aig Laideann Andreās(às an t‑Sean Ghreugais, mar an ceudna) sa chùis, b’ e G. Aindreas (air fhuaimneachadh *Ainndreas) an cruth a thionndaidh Greugais a’ Bhìobaill bho chiad fhoillseachadh Gàidhlig an Tiomnaidh Nuaidh (1767) agus a chleachdte gu faisg air deireadh na 20mh linne.
Ged a bhiodh dùnaidhean eadar-dhealaichte aig an fhacal Ghreugais sna tuisealan fa leth (Marcus 13:3 ainmeach Ἀνδρέας (-as), Mata 4:18 cuspaireach Ἀνδρέαν (-an), Eòin 1:44 ginideach Ἀνδρέου (-ou)), chaidh an rèiteachadh sa Ghàidhlig mar Aindreas sna tuisealan bunasach agus tabhartach, agus Aindreis− sgrìobhte Aindreais − san tuiseal ghinideach (agus ghairmeach). Air a bhonntachadh air Aindreas, chaidh an t-ainm Gàidhlig Gille Aindreis (Gill’Aindreis) a chruthachadh, agus chaidh sin fhèin air iasad dhan Bheurla mar Gillanders; chaidh an sloinneadh MacGill’Aindreis a stèidheachadh air an aon chruth.
’S e an cruth Aindrea no, nas cumanta, Anndra as trice a gheibhear an-diugh airson an ainme phearsanta agus ’s iongantach nach ann bho bhuaidh na Beurla Gallta Andra, Andrew a thàrmaich sin. (Ri taobh Aindrea caol ~ Anndraleathann, gheibhear Aindreas ~ Anndras cuideachd.) A thaobh cruth an Tiomnaidh Nuaidh, chaidh sin ùrachadh gu Anndras(m.e. 1992) agus gu Anndra (m.e. 1980, 2010).
B’ e Aindreas no Anndras a bh’ air an naomh den ainm sin, naomh anaclaidh (dìona) na h‑Albann, agus b’ e Fèill Aindreis (Anndrais) latha cuimhneachaidh no latha fèise an naoimh. Ann an seòrsa de dhùblachadh, chaidh Latha Fhèill Aindreis (Anndrais) air an fhèill, ’s dòcha an dèidh na Beurla (St Andrew’s) Day. ’S e Latha Fhèill Anndrais an cruth as cumanta a chithear an-diugh.
A rèir choltais, cha b’ e latha a ghlèidhte aig mòran a bh’ anns an deicheamh latha air fhichead den t-Samhain: ann an suirbhidh a rinneadh ann an 2001 leis a’ Famous Grouse, cha b’ aithne dha ach 22% de luchd na dùthcha dè an latha air an glèidhte Latha Fhèill Anndrais; an aghaidh sin, b’ aithne dha 64% cuin a ghlèidhte latha-breith Raibeirt Bhurns. Agus cha b’ ann gu 2007 a chaidh latha deireannach na Samhna a dhèanamh na fhèill-banca (saor-thoileach) an Albainn le Pàrlamaid na h-Albann.
Le dìth cleachdaidh no dìth eòlais, chithear corra oidhirp air an abairt Latha Fhèill Anndrais a chur an cèill an-diugh, agus Latha Fhèill Anndra, le cruth cumanta an ainme phearsanta san latha an-diugh, nam measg. ’S ann a chaidh abairtean mar Fèill Anndrais a chruthachadh mus deach sèimheachadh ann an ainmearan ginideach fhireannach na àbhaist, m.e. Fèill Mìcheil gun sèimheachadh, an àite *Fèill Mhìcheil an dèidh riaghailtean Gàidhlig an latha an-diugh, ged a bha Mìchealsan tuiseal ghinideach; nochdaidh an aon rud ann an abairtean eile, mar Latha Bealltainn, Latha Buidhe Bealltainn ‘a’ chiad latha den Chèitean’. Nuair a chaidh abairtean mar Fèill Mìcheil a dhùblachadh leis an fhacal latha, chaidh ciad litir nan abairtean, mar a thachras le ainmearan sònraichte fireann (agus neodrach) eile, a shèimheachadh, .i. Latha Fhèill Anndrais, Latha Fhèill Pàdraig(17 Màrt), Latha Fhèill Caluim Cille(9 Ògmhios), Latha Fhèill Mìcheil (29 Sultain). San abairt Latha Fhèill Brìghde (1 Gearran), ’s e ainm bana-naoimh a th’ againn ann am Brìghde (SG Brigit, gin. Brigte) agus cha bhite an dùil ri sèimheachadh ann an ainm boireannaich san tuiseal ghinideach sa chuid mhòir de dhualchainntean co-dhiù.

Continue reading

Posted in Aindrea, Aindreas, ainmeach, ainmear, Anndra, Anndras, Bealltainn, Beurla, Beurla Ghallta, bunasach, fèill, gairmeach, Gill'Aindreis, Gillanders, ginideach, Latha Fhèill Anndra, MacGill'Aindreis, naomh, sèimheachadh | Comments Off on Latha Fhèill Aindreis, Latha Fhèill Anndra

iomadh bliadhna …



Ann an cuid de dh’fhaclairean Gàidhlig, canar gur e buadhair a tha ann an iomadh (iomadh bliadhna ‘mòran bhliadhnaichean’), ach ’s e ainmear fireann a th’ ann (SG imbed, imbad a bha neodrach bho thùs agus an uair sin fireann). Mar a thathas a’ sùileachadh ann am mòran bhliadhnaichean, bhite an dùil gum biodh ainmear a thigeadh an dèidh ainmeir eile anns an tuiseal ghinideach; chan e sin e, ge-tà, a rèir choltais, dha iomadh bliadhna, agus leabhraichean gràmair ag ràdh gur e cruth singilte an ainmeir a leanas iomadh.
San t-Sean Ghàidhlig, bhiodh an cruth ginideach iolra aig cuid mhòr de dh’ainmearan co-ionann ris a’ chruth bhunasach shingilte aca, ach chithear an aon seòrsa rud gu h-àraid ann an ainmearan fireann coltach ri fear agus balach fhathast ann an Gàidhlig na h-Alba: am fear beag, (gin.) taighean nam fear beaga; am balach beag, (gin.) leabhraichean nam balach beaga. B’ e sin an cleachdadh bho thùs an dèidh, mar eisimpleirean, nan àireamhan fichead, ceud agus mìle: SG fiche fer ‘fichead fear’, cét fer ‘ceud fear’, míle fer ‘mìle fear’. Is e an cleachdadh sin, air a sgaoileadh chun a h-uile h-ainmear ann an Gàidhlig na h-Alba, a lean gus an latha an-diugh.
’S e nuadhachas a bh’ ann, ge-tà, nuair a thòisicheadh air ainmearan neo-dheimhinnte iolra san tuiseal ghinideach a shèimheachadh ann an Gàidhlig na h-Alba: a’ peantadh dhealbhan; an dèidh mhìosan; mòran bhliadhnaichean. Is dòcha gun do thàrmaich an nuadhachas seo uaireigin san 17mh linn; am bitheantas, cha lorgar e ann an Gàidhlig na h-Èireann no ann an Gàidhlig Mhanainn.
Ach cha do thachair an t-atharrachadh seo le na h-àireamhan fichead, ceud agus mìle a lean leis an t‑sean chleachdadh, .i. cruth ginideach iolra gun sèimheachadh, agus – mar as motha a chaidh ainmearan neo-dheimhinnte ginideach iolra a shèimheachadh – air an robh coltas singilte a-nis.
A rèir choltais, dh’fhuirich an cleachdadh an dèidh iomadh còmhla ris a’ chleachdadh an dèidh nan àireamhan fichead, ceud agus mìle – agus an dèidh nan àireamhan ‘ùra’ trìthead, ceathrad 7c a bhios gan cleachdadh uaireannan an-diugh.

An-dràsta is a-rithist, thigear tarsainn air eisimpleir de dh’ainm-àite far am faighear an sean chleachdadh seo, m.e. Cnoc Chala Muc(ann an Calanais, Leòdhas): nuair a chaidh a’ chiad ainm an seo (nach eil ri lorg na aonar tuilleadh) a chruthachadh, cha robhas a’ sèimheachadh ainmearan neo-dheimhinnte ginideach iolra: *Cala Muc ‘bàgh nam muc’. Continue reading

Posted in ainmear fillte, àireamhan, Calanais, ceathrad, ceud, Cnoc Chala Muc, fichead, ginideach, iolra, iomadh, mìle, mòran, sèimheachadh, trìthead | Comments Off on iomadh bliadhna …

Loch a’ Bhaile na Dùine

A rèir riaghailtean gràmar na Gàidhlig, tha co-rèir an ainm seo ceàrr, agus dà alt (a’ agus na) a’ nochdadh ann. Cha bhithear an dùil ris an alt ann an sreath de dh’ainmearan ann an co-chur ginideach ach ron ainmear dheireannach, m.e. muinntir a… Continue reading

Posted in ainm pearsanta, ainmear, alt, co-rèir an ainmeir, ginideach | Comments Off on Loch a’ Bhaile na Dùine

Earra-Ghàidheal ~ Innse Gall

‘S e fìor sheann ainm a th’ ann an Earra-Ghàidheal. Air ainmeachadh sa Mheadhan Ghàidhlig mar Airer Gáidel (SG Airer nGoídel), thathas den bheachd gur h-e ‘oirthir Ghàidheal’ as ciall dha, ged nach deach a mhìneachadh fhathast ciamar a chaidh ai… Continue reading

Posted in Earra-Ghàidheal, Gall, Gàidheal, ginideach, Innse Gall, iolra, sèimheachadh | Comments Off on Earra-Ghàidheal ~ Innse Gall

a rèir coltais ~ a rèir choltais

An seo, tha coltas san tuiseal ghinideach an dèidh an roimheir fhillte a rèir (do rèir), coim. a rèir na h-aimsire, a rèir an t-sluaigh. Ach gheibhear a rèir choltais, agus coltais air a shèimheachadh, gu math tric an-diugh, ged nach eil e gu bu… Continue reading

Posted in a rèir c(h)oltais, buadhair seilbheach, ginideach, ri chèile, roimhear fillte, sèimheachadh | Comments Off on a rèir coltais ~ a rèir choltais

suidheachadh > suidhichean

Ainmear ioma-lideach sam bith aig a bheil an dùnadh -adh (uile fireann), thèid e na -aidh san tuiseal ghinideach agus na -aidhean san iolra: dùnadh, gin. dùnaidh, iol. dùnaidhean; suidheachadh, gin. suidheachaidh, iol. suidheachaidhean. … Continue reading

Posted in ginideach, giorrachadh, iolra | Comments Off on suidheachadh > suidhichean

cuid

Tha cuid na ainmear boireann: a’ chuid mhòr, airson na cuid mòire (cuideachd airson na codach mòire). Bidh ainmear às a dhèidh san tuiseal ghinideach: mo chuid bidhe, do chuid teaghlaich, a chuid aodaich, a cuid Gàidhlig. Continue reading

Posted in cuid, ginideach | Comments Off on cuid