Category Archives: Celtic

Na Dùthchannan Ceilteach – The Celtic Nations

The brilliant @ScotsGaelicfor has created this primer disentangling the various Celtic Nations flags and languages … 1. Cornwall is “a’ Chòrn.” Cornish (#Kernowek) is “Còrnais.” It’s very similar to Welsh and has around 500 – 600 speakers (we think). It’s been brought back from the brink and the number of speakers is growing so “neart […] Continue reading

Posted in Alba, Celtic, Gaelic, Ghetto na Gàidhlig, GhettoNaGàidhlig | Comments Off on Na Dùthchannan Ceilteach – The Celtic Nations

Celtic FC: ‘S Ann Orra a Tháinig an Dà Latha

Brendan Rodgers agus Sgiobair Scott Brown le Cupa Lìg na h-Albann.

Chan eil ach beagan a’ bharrachd air 6 mìosan bhon uair a chur barrachd air deich mìle luchd-leantainn Celtic fàilte air Bredan Rodgers. 
Ged nach eil an latha blàth ud anns an Òg-mhios cho fada ás ar cuimhne, tha cùisean a’ chomann air atharrachadh gu mór. 

Bhon uair a chaidh an naidheachd gu bàrr gum bitheadh Brendan Rodgers na mhanaidsear Celtic, tha am brosnachadh air a bhith gabhaltach. Cha tug stiùireadh Rodgers mealladh-dòchais do na luchd-leantainn idir.

  
Bheir an Cupa Lìg na h-Albann deagh eisimpleirean dhuinn de na h-atharrachaidhean aig Celtic, far an bhuannaich Celtic a’ chiad gheall-dùbhlain na bliadhna, agus a’ chiad fhearr de chùrsa-dreuchdRodgers.
A bharrachd air a’ chuairt dheireannach, far an do chìosnaich iad an dara sgioba as fheàrr anns an dùthaich, cha do leig Celtic fiù ‘s aon tadhal thairis troimhe ‘n cho-fharpais. Bhitheadh seo do-chreidsinneach an-uiridh agus ’s ann air Celtic a tháinig an dà latha.
Tha e fìor gun do rinn feadhainn de na cluicheadairean ùra diubhair mhór, Moussa Dembélé agus Scott Sinclair nar measg, ach ’s e leasachadh nan cluicheadairean a tha iongantach.
Nam fàgadh Scott Brown, Seumas Forrest no Stiùbhairt Armstrong an comann cha bhiodh móran dubh an aghaidh. Bha meall ag aontachadh gun robh làithean as fheàrr Brown seachad, agus nach robh an dithist eile comasach ri cluich aig an ìre as àirde gu cunbhalach.
Tha Brown fhéin air a bhith soilleir dar a thubhairt e gur e Rodgers a rinn a diubhar am bliadhna, agus esan ràdh gu bheil cùisean gu tùr eadar-dhealaichte bhon uiridh. An-déidh sia mìosan le Rodgers aig an stiùir agus tha Brown air a bhith fear de na cluicheadairean as fheàrr aig ìre UEFA Champions League. Tha Forrest a’ cumail a-mach cluicheadair £12m air a’ bheing agus tha Armstrong, a bha a’ strì gu mór an-uiridh, air a bhith cho chofhurtail ‘s a ghabhas ann am meadhan na pàirce.

Dar a fhuair e dreuchd Celtic, gheall Ronny Deila do luchd-leantainn Celtic gum faiceadhiadnòs cluiche luatha, a bhitheadh stéidhichte air fàsadh gu h-àrd. Cha táinig aisling Deila gu buil, ach fo stiùireadh Rodgers, tha iad a’ faicinn dòigh cluiche den leithid a bha a dhìth.

Bha seo follaiseach aig Pàirc Hampden DiDòmhnaich. Dh’fheuch Obar Dheithean ri shuidhe gu domhain. Ged a tha e coltach gun robh am manaidsear MacAonghais ‘n dòchas gum faigheadh iad cothrom no dhà nan dèanadh Celtic mearachd, cha tabhair sin idir.

Thug Obar Dheithean spàs gu leòr do Celtic agus ’s ann anns an t-suidheachadh seo a chìthear toraidhean obair Rodgers. B’ urra do Celtic am ball a ghluasachd gu furasta, a’ brùthadh Obar Dheithean fàd an fheasgair.

An-uiridh, chaidh Celtica chàineadh agus bhathar ag ràdhainn gun robh iad an urrachd ri tadhail Leigh Griffiths gu ìre mór. Am bliadhna, tha Celtic air a bhith a’ sealltainn gun tig tadhail bho chluicheadairean eile, agus bho àiteachan eile air a’ phàirc.

Chan iongantach gun táinig a’ chiad agus an dara thadhal bho taobh a-muigh a’ bhogsa agus Obar Dheidhinn a’ suidhe cho domhain. Sheall Celtic gun robh iad ceart cho cunnartach bho nas fhaide na ochd slatan deug.

Chan ann air a’ phàirc a-mhàin a chìthear leasachaidhean ach troimhe ‘n chomann air fàd. Tha am frithealadh aig geamaichean nas dlùithe ri àireamhan nach fhacaidh sinn bho linntean Gòrdan Strachan agus Màrtainn Ó Niall. A-réir coltais, tha an comann air dlùth ri ticeadan-seusain a chreic.

Gu dearbh tháinig guthan eu-dòchasach nam meadhanan gu barr. A-réir seann chluicheadair Celtic, Andy Walker, cha chuir Brendan Rodgers ach bliadhna na dhà seachad aig Ceann na Pàirce mus till do Prìomh-lìg Shasannaich.
Theagamh gu bheil Walker ceart, aig a’ cheann thall, cha do chuir José Mourinho fhéi’ barrachd air trì bliadhna seachad aig aon chomann. Theagamh, gu bheil seo mar a tha cùisean le manaidsear anns na làithean seo.

A dh’aindheoin seo, ma tha Walker agus a leithid airson ball-coise na h-Albann a bhrosnachadh, bhiodhte a’ smaoineachainn gum biodh e toilichte gu bheil manaidsear den leithid Rodgers ann an Albainn gun a bhith a’ smaoineachainn mu dheidhinn an uair a dh’fhalbhas e.

Dar a chuir Brendan Rodgers fàilte air an t-sluagh a chruinnich aig Ceann na Pàirce DiDòmhnaich, bha e soilleir gu bheil dlùth-cheangal aige ris a’ chomann agus a’ choimhearsnachd anns a bheil e stéidhichte.

Có aige a tha fios cho fad ‘s a bhitheas Brendan Rodgers ag obair ann an Albainn ach feumaidh luchd-leantainn Celtic luach a chur air cho fad ‘s a tha e ann. Tha e fìor nach bi manaidsearan a’ fuireach aig comainn fad ùine mhór gu h-àbhaist. Air an làimh eile, tha e ceart cho fìor nach e manaidsear àbhaisteach a th’ ann an Rodgers agus nach e comann àbhaisteach a th’ ann an Celtic.

Tha mi ‘n dòchas gun còrd a dhreuchd aig Celtic ri Brendan Rodgers. Còrdaidh i riumsa gun teagamh sam bith. Continue reading

Posted in Alba, Celtic, Celtic FC, football, Gàidhlig, Scotland, Scottish Gaelic, Sport | Comments Off on Celtic FC: ‘S Ann Orra a Tháinig an Dà Latha

Lèirmheas Leabhair | The Naughty Little Book of Gaelic

The Naughty Little Book of Gaelic le Dr. Michael Newton ‘All the Scottish Gaelic You Need to Curse, Swear, Drink, Smoke and Fool Around’   Speuradh is smùid, mallachd is ‘muineadaireachd’, òrain phìobaireachd is òrain òil – ’s iomadh rubha ris a bheil an leabhar draosta dibhearsaineach seo a’ suathadh. O cheann gu ceann, cha… Continue reading

Posted in a' ghlas-mheur, Cànan & Cultar, Cape Breton, Cape Breton University Press, Celtic, Dr Michael Newton, Dr Newton, drinking, fèis, Gàidhlig, gnèitheachd, leabhar, lèirmheas leabhair, litreachas, Michael Newton, minority language, Nova Scotia, Scottish Gaelic, Scottish studies, sexuality, speuradh, The Naughty Little Book of Gaelic, uisge-beatha, whisky | Comments Off on Lèirmheas Leabhair | The Naughty Little Book of Gaelic

Sùil air Spòrs

Sùil air cuid dhe na sgeulachdan as motha ann an saoghal an spòrs an t-seachdain seo, le Eòghan Stiùbhart.            SPFL – Alba Chaidh Celtic a chrùnadh le tiotal a’ chiad SPFL le buaidh a thoirt air Partaig Thistle. Tha na staitistigean aig sgioba Nèill Lennon dìreach eagalach, tha iad air… Continue reading

Posted in ball-coise, Celtic, dana, dànamag, eile, featured, Gaelic, Gàidhlig, Iomain, Messi, Real Madrid, rugbaidh, Spòrs | Comments Off on Sùil air Spòrs

Pàrlamaid na h-Alba gu bhith a’ gabhail beachd bho luchd-aithris ball-coise

Thèid an luchd-aithris ball-coise Graham Spiers is Pat Nevin le buidheann de riochdairean bho chomainn-taice ball-coise ann an Alba gus beachdan a nochdadh ri Comataidh a’ Cheartais Dimàirt 6 Sultain. Tha an seisean-fianaise mar phàirt den bhr… Continue reading

Posted in ball-coise, Celtic, Comataidhean, dola-mach-mi-shoisealta, Dundee United, grain-creideimh, hearts, hibs, Rangers | Comments Off on Pàrlamaid na h-Alba gu bhith a’ gabhail beachd bho luchd-aithris ball-coise

Rèitirean coirbe Rangers agus Celtic

Fhad ‘s a tha Celtic a’ cur ìmpidh air Comann Ball-coise na h-Alba (SFA) gus rannsachadh a dhèanamh air cuid de na co-dhùnaidhean a rinn rèitirean ann an geamannan an t-seusain seo, saoilidh mi gum bi e iomchaidh cleachdaidhean coirb rèitirean agu… Continue reading

Posted in Celtic, Dundee United FC, Ibrox, Rangers, rèitirean coirbe | Comments Off on Rèitirean coirbe Rangers agus Celtic