Category Archives: bun-reachd

Ceist na Gàidhlig

  Pàipear-bhòtaidh Èireannach air Cunnradh Lisbon “Am bu chòir do dh’Alba a bhith na dùthaich neo-eisimeilich?” Bidh cuid agaibh a chreideas gum bu chòir, cuid eile, nach bu chòir. Tha fios againn gu bheil tòrr nach tàinig gu co-dhùnadh fhathast…. Continue reading

Posted in bun-reachd, Gàidhlig, neo-eisimeileachd | Comments Off on Ceist na Gàidhlig

Ceist ga freagairt

“Am bu chòir do dh’Alba a bhith na dùthaich neo-eisimeilich?” Sin a’ cheist a bhios air a’ phàipear-bhaileit anns an referendum air neo-eisimeileachd ann an 2014. Chan e “a bheil thu ag aontachadh gum bu chòir” ach dìreach “am… Continue reading

Posted in bun-reachd, neo-eisimeileachd | Comments Off on Ceist ga freagairt

Iarraidh na fìrinne

Dè an fhìrinn mun chàirdeas eadar Alba neo-eisimeileach agus an t-Aonadh Eòrpach? Tha beachdan eadar-dhealaichte air a bhith gan toirt seachad anns na seachdainnean a dh’fhalbh. Air aon taobh tha an fheadhainn – Riaghaltas na h-Alba nam measg – a chreideas… Continue reading

Posted in bun-reachd, neo-eisimeileachd | Comments Off on Iarraidh na fìrinne

Bho Chatalòinia gu Caledonia

Tha dùil againn a-nis gun tèid aonta a comharrachadh eadar Dàibhidh Camshron agus Ailig Salmond ann an Dùn Èideann Diluain gus cead laghal a thoirt do Holyrood referendum a chumail air neo-eisimeileachd. Thuirt am prìomh mhinistear an-dè gun robh rud no… Continue reading

Posted in bun-reachd, neo-eisimeileachd | Comments Off on Bho Chatalòinia gu Caledonia

Ceum eile adhart

Ceum eile adhart ann an còmhradh an referendum an-diugh. Seo na thuirt an dà riaghaltas as dèidh coinneimh eadar MÌcheal Moore agus Nicola Sturgeon: Rinneadh adhartas sùsbainteach a dhèanamh an-diugh, agus aig coinneamhan roimhe, air an obair airson aonta agus air… Continue reading

Posted in bun-reachd, neo-eisimeileachd | Comments Off on Ceum eile adhart

Aonta air fàire

Saoil a bheil an dà riaghaltas nas fhaisge air aonta air an referendum? Tha mi a’ smaointinn gu bheil. Chan ann air sgàth ‘s gun tàinig naidheachd mhòr bho choinneamhan an là an-diugh – cha tàinig. Cha ann air sgàth ‘s… Continue reading

Posted in bun-reachd, neo-eisimeileachd | Comments Off on Aonta air fàire

15 bile agus bile sònraichte

Dè ur beachd air a’ chlàr-reachdais a dh’fhoillsich Ailig Salmond an-dè? Còig bile deug uile gu lèir, nam measg fear gus pòsaidhean aona-ghnèitheach a cheadachadh, gealltanas cùraim-cloinne shaor an asgaidh agus plana gus seirbhisean slàinte agus sòisealta do dh’inbhich a thoirt… Continue reading

Posted in bun-reachd, neo-eisimeileachd | Comments Off on 15 bile agus bile sònraichte

Nas fheàrr caraid sa chùirt…

An cuala sibh Aithris na Maidne air Radio nan Gàidheal an-diugh? Bha mo charaid Torcuil Crichton, deasaiche Westminster aig an Daily Record, a-mach air an aithisg ùr bho Chomataidh Chùisean Albannach nan Cumantan air neo-eisimileachd. ‘S e beachd na comataidh… Continue reading

Posted in bun-reachd, neo-eisimeileachd | Comments Off on Nas fheàrr caraid sa chùirt…

Toiseach an deiridh?

Cumaibh an-dè nur cuimhne. B’ e sin an là a chaidh pàirt dhen aonta a nochd Dàibhidh agus Nick ann an Gàrradh na Ròs a chur don dàrna taobh. Cha chuireadh iongnadh air duine a tha eòlach air sgeulachd fhada… Continue reading

Posted in bun-reachd | Comments Off on Toiseach an deiridh?

Taic nam Ban

A bheil Iomairt an Aonaidh ag amas gu sònraichte air boireannaich? An-dè, bu choltach dhòmhsa gu bheil. Nuair a chaidh an iomairt Better Together a chur air bhog ann an Dùn Èideann, rinn Alasdair Darling iomradh air na ‘boireannaich làidir’… Continue reading

Posted in bun-reachd, neo-eisimeileachd | Comments Off on Taic nam Ban