-
Archives
- February 2019
- January 2019
- December 2018
- November 2018
- October 2018
- September 2018
- August 2018
- July 2018
- June 2018
- May 2018
- April 2018
- March 2018
- February 2018
- January 2018
- December 2017
- November 2017
- October 2017
- September 2017
- August 2017
- July 2017
- June 2017
- May 2017
- April 2017
- March 2017
- February 2017
- January 2017
- December 2016
- November 2016
- October 2016
- September 2016
- August 2016
- July 2016
- June 2016
- May 2016
- April 2016
- March 2016
- February 2016
- January 2016
- December 2015
- November 2015
- October 2015
- September 2015
- August 2015
- July 2015
- June 2015
- May 2015
- April 2015
- March 2015
- February 2015
- January 2015
- December 2014
- November 2014
- October 2014
- September 2014
- August 2014
- July 2014
- June 2014
- May 2014
- April 2014
- March 2014
- February 2014
- January 2014
- December 2013
- November 2013
- October 2013
- September 2013
- August 2013
- July 2013
- June 2013
- May 2013
- April 2013
- March 2013
- February 2013
- January 2013
- December 2012
- November 2012
- October 2012
- September 2012
- August 2012
- July 2012
- June 2012
- May 2012
- April 2012
- March 2012
- February 2012
- January 2012
- December 2011
- November 2011
- October 2011
- September 2011
- August 2011
- July 2011
- June 2011
- May 2011
- April 2011
- March 2011
- February 2011
- January 2011
- December 2010
- November 2010
- October 2010
- September 2010
- August 2010
- July 2010
- June 2010
- May 2010
- April 2010
- March 2010
- February 2010
- January 2010
- December 2009
- November 2009
- October 2009
- September 2009
- August 2009
- July 2009
- June 2009
- May 2009
- April 2009
- March 2009
- February 2009
- January 2009
- December 2008
- November 2008
- October 2008
- September 2008
- August 2008
- July 2008
- June 2008
- May 2008
- April 2008
- March 2008
- February 2008
- January 2008
- December 2007
- November 2007
- October 2007
- September 2007
- August 2007
- July 2007
- June 2007
- May 2007
- April 2007
- March 2007
- February 2007
- January 2007
- December 2006
- November 2006
- October 2006
- September 2006
- August 2006
- July 2006
- June 2006
- May 2006
- April 2006
- March 2006
- February 2006
- January 2006
- December 2005
- November 2005
- October 2005
- September 2005
- August 2005
- July 2005
- June 2005
- May 2005
- April 2005
- March 2005
- February 2005
- November 2004
- October 2004
- January 1970
- December 1969
-
Meta
Category Archives: Alba
Na Dùthchannan Ceilteach – The Celtic Nations
The brilliant @ScotsGaelicfor has created this primer disentangling the various Celtic Nations flags and languages … 1. Cornwall is “a’ Chòrn.” Cornish (#Kernowek) is “Còrnais.” It’s very similar to Welsh and has around 500 – 600 speakers (we think). It’s been brought back from the brink and the number of speakers is growing so “neart […] Continue reading
Posted in Alba, Celtic, Gaelic, Ghetto na Gàidhlig, GhettoNaGàidhlig
Comments Off on Na Dùthchannan Ceilteach – The Celtic Nations
Turasachd is Taigheadas
Carson a tha sinn fhathast a’ leantainn creideamh eaconomaigeach nua-libearalach ann am Breatainn, dòigh smaoineachaidh a bhrosnaich Thatcher is Regan? Gu dearbha, carson nach eil Alba deònach slighe eadar-dhealaichte a ghabhail? ’S tric a chluinnear mu staing taigheadais, anns an Eilean Sgitheanach gu sònraichte, sna làithean seo agus ràith thurasachd cho trang ’s a bh’… Continue reading
Posted in Alba, eaconamaidh, GÃ idhealtachd, Gnothaichean eile, Naidheachdan & Poileataigs, taigheadas, turasachd
Comments Off on Turasachd is Taigheadas
Diùltadh ann an dàta fuar
Sgrìobh Marcas Mac an Tuairneir an aiste seo mar a fhreagairt don alt-naidheachd (seall air a’ cheangal seo) a nochd anns an National o chionn ghoirid. Marcas Mac an Tuairneir Leugh mi le ùidh, an-dè, alt anns An Nàiseantach a thòisich le fianais a chur air shùilean dhomh gu bheil luchd-bhòtaidh ann an Sasainn, is dòcha, a’ fàs coma… Continue reading
Posted in Alba, Gibraltar, Naidheachdan & Poileataigs, neo-eisimeileachd, Sasainn
Comments Off on Diùltadh ann an dàta fuar
Mac Bheatha an lighiche & MacIlleEathain
![]() |
Àras, Muile far an deachaidh am Peutanach a chéilidh air MacIlleEathainn |
Tha Clann Mhic Bheatha, lighiche do Rìghrean Innse Gall agus Rìghrean nan Albannach ainmeil airson sàr-obair léighe thar nam bliadhnaichean. Tha e fìor gu bheil ainmean Mhic Bheatha ri leughadh air clàr nan oileanaich aig feadhainn de na h-oilthighean as motha ann an Roinn Eòrpa anns na Meadhan Aoisean, Salerno, Bologna, Monte Casino agus Montpellier nam measg.
Aig aon àm, ri linn sàr-obair Chlann Mhic Bheatha, bha a’ Ghàidhlig, aon de na trì cànanan eile, Laideann, Greugais agus Arabais a bhiodhte ga h-ùisneachadh airson sgrìobhainnean léighe.
Bhiodh Clann Mhic Bheatha a’ measgachadh sàr ionnsachadh léigh nam Meadhan Aoisean agus seann eòlas Gàidhealach nan luibhean. Ach a-réir coltais, cha chuireadh dòighean-obrach neo-ghnàthach dragh air feadhainn den Chlann, cho fhad ‘s a thoireadh iad toraidhean.
Latha a bha seo, latha a bha siud, bha bodach MacIlleEathain na leabhaidh fo bhuaidh tinneis. Thigheadh càirdean, companaich agus coimhearsnaichean a chéilidh air.
Roimhe cheann fhada, dh’fhàs e seach searbh sgìth den tinneas agus an uiread de dhaoine a bhitheadh a’ tighinn a-staigh. “Cà’ bheil am Peutanach? Cuir fios air Mac Bheatha agus innis dha gu bheil mi nam leabaidh fo bhuaidh tinneas na galla seo!” Ars’ MacIlleEathain.
Sin na rinn iad. B’ ann á Àras ann am Muile a bha ‘m bodach a bha seo agus le sin, b’ e Seumas Mac Bheatha, an leighiche a tháinig fhaicinn. Dar a chaidh an lighiche don leabaidh thubhairt MacIlleEathain “O Mhic Bheatha, Mhic Bheatha an léighe! Tha pian mhór nam bhrù. Nach leighis sibh mi ma tha sibh comasach ri dhèanadh?”
Ceann tacain, dh’innse Mac Bheatha do MhacIlleEathainn gun robh fhios aige na bha ceàrr air. Bha othras na bhrù. Thubhairt Mac Bheatha gum biodh e comasach a leighis, ach bhitheadh aige ri falbh agus tilleadh ceann beagan làithean.
“O Mhic Bheatha, Mhic Bheatha, leis a’ phian mhór seo nam bhrù agus sluagh aig cois mo leapa, chan faigh mi cadal samhach. Feumaidh gu bheil thu comasach rudeigin a dhèanamh?” Arsa MacIlleEathain.
“Nist.” Arsa Mac Bheatha. “Tha aona rud ann, ach bhitheadh agam ri tilleadh ceann beagan làithean fhathast.” “Ceart” Arsa MacIlleEathain. “Dèanaibh na dh’fheumas sibh” Agus sin na rinn Mac Bheatha.
Sheas Mac Bheatha air beulaibh an teine agus chuir a chùl ris a’ ghealbhan mhór agus rinn e cac. Theas Mac Bheatha an cac anns an teine gus nach robh ann ach pùdar dubh. Chruinnich an lighiche am pùdar agus chuir e ann am measair dubh e agus chroch e e air leabaidh MhicIlleEathain.
“Ceart” Ars’ am Peutanach. “Tillidh mi ceann beagan làithean agus fhad ‘s a chrochas am measair seo air bhur leabaidh, théid bhur leighis, agus fàsaidh sibh nas làidir.” Agus dh’fhàg an lighiche.
An ath latha, mar as àbhaist, tháin’ an sluagh, tháin’ na càirdean, caraidean agus coimhearsnaichean a chéilidh air a’ bhodach bhochd. Dh’iarr fear dhiuch air a’ bhodach “Dé am pùdar dubh anns a’ mheasair dhubh seo a tha a’ crochadh air bhur leabhaidh MhicIlleEathain?”
“O” Arsa MacIlleEathain “Chan e ach leighis a th’ ann. Thug Seumas Mac Bheatha, an lighiche, e dhomh agus thubhairt e gun téid mo leighis agus gum fàs mi nas làidir.” Dh’aithnich am fear an t-ainm Seumas Mac Bheatha, leis cho ainmeil ‘s a bha comas an teaghlaich. Bha annas aige den ‘léigh’ a bha seo cho làidir, ghabh e blasad dheth.
Mhothaich am bodach na rinn e agus rinn e fìor ghaire mhór ris an duine. Bha e a’ ghàire cho làidir, bhrist am bodach othras na bronn agus dh’fhalbh a’ phian mhór.
Roimhe cheann tacain, mar a gheall e dha, thill Mac Bheatha. Dar dh’innse am bodach dha na thachair cha tubhairt an lighiche ach “Nach b’ i an fhìrinn a dh’innis mi dhuibh?” agus dh’fhalbh e.
Continue reading
Celtic FC: ‘S Ann Orra a Tháinig an Dà Latha
![]() |
Brendan Rodgers agus Sgiobair Scott Brown le Cupa Lìg na h-Albann. |
Chan eil ach beagan a’ bharrachd air 6 mìosan bhon uair a chur barrachd air deich mìle luchd-leantainn Celtic fàilte air Bredan Rodgers.
Ged nach eil an latha blàth ud anns an Òg-mhios cho fada ás ar cuimhne, tha cùisean a’ chomann air atharrachadh gu mór.
Bhon uair a chaidh an naidheachd gu bàrr gum bitheadh Brendan Rodgers na mhanaidsear Celtic, tha am brosnachadh air a bhith gabhaltach. Cha tug stiùireadh Rodgers mealladh-dòchais do na luchd-leantainn idir.
Bheir an Cupa Lìg na h-Albann deagh eisimpleirean dhuinn de na h-atharrachaidhean aig Celtic, far an bhuannaich Celtic a’ chiad gheall-dùbhlain na bliadhna, agus a’ chiad fhearr de chùrsa-dreuchdRodgers.
A bharrachd air a’ chuairt dheireannach, far an do chìosnaich iad an dara sgioba as fheàrr anns an dùthaich, cha do leig Celtic fiù ‘s aon tadhal thairis troimhe ‘n cho-fharpais. Bhitheadh seo do-chreidsinneach an-uiridh agus ’s ann air Celtic a tháinig an dà latha.
Tha e fìor gun do rinn feadhainn de na cluicheadairean ùra diubhair mhór, Moussa Dembélé agus Scott Sinclair nar measg, ach ’s e leasachadh nan cluicheadairean a tha iongantach.
Nam fàgadh Scott Brown, Seumas Forrest no Stiùbhairt Armstrong an comann cha bhiodh móran dubh an aghaidh. Bha meall ag aontachadh gun robh làithean as fheàrr Brown seachad, agus nach robh an dithist eile comasach ri cluich aig an ìre as àirde gu cunbhalach.
Tha Brown fhéin air a bhith soilleir dar a thubhairt e gur e Rodgers a rinn a diubhar am bliadhna, agus esan ràdh gu bheil cùisean gu tùr eadar-dhealaichte bhon uiridh. An-déidh sia mìosan le Rodgers aig an stiùir agus tha Brown air a bhith fear de na cluicheadairean as fheàrr aig ìre UEFA Champions League. Tha Forrest a’ cumail a-mach cluicheadair £12m air a’ bheing agus tha Armstrong, a bha a’ strì gu mór an-uiridh, air a bhith cho chofhurtail ‘s a ghabhas ann am meadhan na pàirce.
Dar a fhuair e dreuchd Celtic, gheall Ronny Deila do luchd-leantainn Celtic gum faiceadhiadnòs cluiche luatha, a bhitheadh stéidhichte air fàsadh gu h-àrd. Cha táinig aisling Deila gu buil, ach fo stiùireadh Rodgers, tha iad a’ faicinn dòigh cluiche den leithid a bha a dhìth.
Bha seo follaiseach aig Pàirc Hampden DiDòmhnaich. Dh’fheuch Obar Dheithean ri shuidhe gu domhain. Ged a tha e coltach gun robh am manaidsear MacAonghais ‘n dòchas gum faigheadh iad cothrom no dhà nan dèanadh Celtic mearachd, cha tabhair sin idir.
Thug Obar Dheithean spàs gu leòr do Celtic agus ’s ann anns an t-suidheachadh seo a chìthear toraidhean obair Rodgers. B’ urra do Celtic am ball a ghluasachd gu furasta, a’ brùthadh Obar Dheithean fàd an fheasgair.
An-uiridh, chaidh Celtica chàineadh agus bhathar ag ràdhainn gun robh iad an urrachd ri tadhail Leigh Griffiths gu ìre mór. Am bliadhna, tha Celtic air a bhith a’ sealltainn gun tig tadhail bho chluicheadairean eile, agus bho àiteachan eile air a’ phàirc.
Chan iongantach gun táinig a’ chiad agus an dara thadhal bho taobh a-muigh a’ bhogsa agus Obar Dheidhinn a’ suidhe cho domhain. Sheall Celtic gun robh iad ceart cho cunnartach bho nas fhaide na ochd slatan deug.
Chan ann air a’ phàirc a-mhàin a chìthear leasachaidhean ach troimhe ‘n chomann air fàd. Tha am frithealadh aig geamaichean nas dlùithe ri àireamhan nach fhacaidh sinn bho linntean Gòrdan Strachan agus Màrtainn Ó Niall. A-réir coltais, tha an comann air dlùth ri ticeadan-seusain a chreic.
Gu dearbh tháinig guthan eu-dòchasach nam meadhanan gu barr. A-réir seann chluicheadair Celtic, Andy Walker, cha chuir Brendan Rodgers ach bliadhna na dhà seachad aig Ceann na Pàirce mus till do Prìomh-lìg Shasannaich.
Theagamh gu bheil Walker ceart, aig a’ cheann thall, cha do chuir José Mourinho fhéi’ barrachd air trì bliadhna seachad aig aon chomann. Theagamh, gu bheil seo mar a tha cùisean le manaidsear anns na làithean seo.
A dh’aindheoin seo, ma tha Walker agus a leithid airson ball-coise na h-Albann a bhrosnachadh, bhiodhte a’ smaoineachainn gum biodh e toilichte gu bheil manaidsear den leithid Rodgers ann an Albainn gun a bhith a’ smaoineachainn mu dheidhinn an uair a dh’fhalbhas e.
Dar a chuir Brendan Rodgers fàilte air an t-sluagh a chruinnich aig Ceann na Pàirce DiDòmhnaich, bha e soilleir gu bheil dlùth-cheangal aige ris a’ chomann agus a’ choimhearsnachd anns a bheil e stéidhichte.
Có aige a tha fios cho fad ‘s a bhitheas Brendan Rodgers ag obair ann an Albainn ach feumaidh luchd-leantainn Celtic luach a chur air cho fad ‘s a tha e ann. Tha e fìor nach bi manaidsearan a’ fuireach aig comainn fad ùine mhór gu h-àbhaist. Air an làimh eile, tha e ceart cho fìor nach e manaidsear àbhaisteach a th’ ann an Rodgers agus nach e comann àbhaisteach a th’ ann an Celtic.
Tha mi ‘n dòchas gun còrd a dhreuchd aig Celtic ri Brendan Rodgers. Còrdaidh i riumsa gun teagamh sam bith. Continue reading
Bhideo Gàidhlig leis an Oifigear Riaghlaidh #gaidhlig
Mar phàirt de Sheachdain Gàidhlig na Pàrlamaid, tha sinn aot bhideo ùr a chlaradh leis an Oifigear Riaghlaidh a’ feuchainn beagan abairtean Gàidhlig. Rinn e fìor mhath! AlasdairAir a chur ann an: Cànan, Gabhail pàirt, Gàidhlig, Oifigear Riaghlaigh, Uncategorized Tagged: alba, Gaelic, Gàidhlig, scottish Continue reading
Posted in Alba, cà nan, Gabhail pàirt, Gaelic, Gà idhlig, Oifigear Riaghlaigh, scottish
Comments Off on Bhideo Gàidhlig leis an Oifigear Riaghlaidh #gaidhlig
BBC Alba: 10 Beachdan – Pàirt 3: Dràma
![]() |
Cleasaichean Bannan: Prògam math ach a bheil gu leòr de leithd ann? |
Ged a thathar air Bannan a chuir a-mach, tha mi nam bheachd gu bheil barrachd dràma a dhìth oirnn. Feumaidh sinn meal an naidheachd air BBC Alba. ‘S e a’ chiad phrògram den leithid anns a’ Ghàidhlig bho cheann iomadh bliadhna. Tha fear eile den leithid, Machair, fhathast tarraingeach do luchd-coimhid. Chì sinn ma tha Bannan cho tarraingeach ceann 20 bliadhna.
Theagamh nach bi a h-uile duine a’ gabhail leam, ach theirinn gu bheil e air a bhith soirbheachail. Ach, seo far bheil mo ghearrain. Ged a tha Bannan reusanta math, am bu chòir dha a bhith an t-eisimpleir dràma as fheàrr againn? Theirinn-sa cha bu chòir.
Tha dràma air leth cudromach airson na Gàidhlig agus mion-chànanan eile den leithid. Chan eil ach 60,000 dhinn air feadh na h-Albann, agus anns an latha an-diugh, tha mòran dhinn a’ fuireachd anns a’ Ghalltachd, ann an àiteachdan far nach eil a’ Gàidhlig na cànan na coimhearsnachd. Le seo, tha e air leth cudromach gum meadhanan na Gàidhlig a’ tabhairt dhuinn eisimpleirean de Ghàidhlig nàdarra.
Dar a tha mise ag amharc air dràma, tha mi airson rudan fhaicinn a tha a’ tabhairt dhomh eisimpleir de chànan a tha beò, làidir, agus nàdarra; dualchainntean, gnàthasan-cainnte fiù ‘s droch-chainnt.
Chan fheum sinn cnap airgid a thilg air pròiseactan ùra. Tha FilmG air a bhith a’ sealltainn dhuinn gu bheil daoine comasach agus deònach gu leòr ann. Tha meall dhiuch ann.
Rudeigin a bhrist mo dhùil gu mór, ‘s e film goirid a chaidh a dhèanamh airson FilmG beagan bliadhnaichean air ais, Siubhlachan. Bhuannaich e co-fharpais FilmG, rinn iad a’ chiad phàirt den t-sreath agus cha do rinn iad dad an-dèidh làimh. ‘S e prògram gu tarraingeach a bh’ ann, gu math eadar-dhealaichte bhon a h-uile rud eile a bh’ againn aig an àm, agus a th’ againn an-diugh.
‘S mar sin, glé mhath. ‘S math a rinn sibh. Tha Bannan math. Ach… an e sin e? Feumaidh gu bheil barrachd bheagan ann. Cha bu chòir do Bhannan a bhith na phrògram as fheàrr a th’ againn. Bu chòir dha a bhith na phàirt mhath de shreath prògraman dràma eile.
Continue reading
#Gàidhlig agus Bancadh anns an RA
Ged a tha e math gu bheil ùidh aig daoine eile ann an cuisean na Gàidhlig eile mar fhoghlam, tha ùidh agamsa ann an cleachdadh na Gàidhlig ann an gnothachas agus gnìomhachais. Tha cleachdadh na Gàidhlig ann am bancadh a’ fas… Continue Reading → Continue reading
Posted in Alba, Ball-Pàrlamaid, Bancadh, BP, Cairt Eòrpach nam Mion-Chànan, Coimisean Mhic a' Ghobhainn, Cuimrigh, gnìomhachas, gnothachas, poileasaidh Gàidhlig, poileataigs, Stewart McDonald MP
Comments Off on #Gàidhlig agus Bancadh anns an RA
BBC Alba: 10 Beachdan – Pàirt 2: Spòrs
![]() |
“Woof!” Am b’ urra do BhBC Alba eisimpleir Eairdsidh a leanachd? |
Dar a bha mise na b’ òige, bu mhath leam na prògraman ball-coise a bh’ againn oidhche h-Aoine. ‘S e Scotsports: Extra Time a bh’ aig STV agus Sportscene a bh’ aig BBC.
Bhitheadh iad a’ dèanadh ro-ràdh roimhe gheamannan na deireadh-sheachaine.
Chan eil Scotsport idir againn tuillidh, agus sguir BBC a’ cur Scotsport a-mach oidhche h-Aoine bho cheann blianaichean. Bu mhór nam beud.
‘S e rudeigin a bhios iad a’ dèanadh gu math aig Radio nan Gàidheal, bhithinn a’ moladh Spòrs na Seachdain gu mór, ach nach b’ urra dhuinn rudeigin den leithid a dhèanadh airson Tbh?
Bheir e cothrom dhuinn beagan de na geamaichean bhon t-seachdain ‘s a chaidh fhaicinn (Tha còraichean aig a’ BhBC cheana).
Tha fhios againn gu bheil spòrs tarraingeach do luchd na Beurla cuideachd, fiù spòrs anns a’ Ghàidhlig.
A’ bharrachd air ball-coise, bhiodh e cothrom ann gus geamannan eile a thaisbeanadh. Tha sinn a’ faicinn gu bheil camanachd-deighe a’ fàs nas motha, agus tha ceithir sgiobannan againn ann an Albainn.
Camanachd? B’ àbhaist dhaibh beagan dhìth a shealltainn air Sportscene air a’ BhBC, sna 80an (A-réir m’ athair!) Tha mi cinnteach gu bheil meall daoine eile de mo leithid, daoine aig a bheil ùidh ann an camanachd, ach cha bhi iad ag amharc oirre gu bitheanta.
Feumaidh BBC Alba a bhith a’ feuchainn beàrnan a lìonadh. Có aig a tha fios? Ma tha e soirbheachail, theagamh gum bi Jonathon Watson a’ tarraing à Ailig O’Henley agus Iain MacAonghais aig a’ bhliadhn’ ùir! Continue reading
Clann ‘Ic an Fhleisteir á Gleann Urchaidh
![]() |
Caisteal Achaladair, mar a tha e anns an latha an-diugh. |
Dar a bhitheas sinn a’ smaoineachadh air sgìre Ghleann Urchaidh, ‘s e Clann Griogair no na Caimbeulaich a thig nar cuimhne gu bitheanta.
Tha e furasta dìochuimhneachadh gum b’ e Clann ‘Ic an Fleisteir a thogadh a’ chiad toit san sgìre.
Bha Clann ‘Ic an Fhleisteir suidhichte ‘n Achaladair dlùth ri Drochaid Urchaidh. Chaidh Caisteal Achaladair a thogail bho cheann 400 bliadhna ‘s corr, aig taobh tuath Loch Tulla.
Coltach ri móran rudan luachmhora san sgìre sin, agus sgìrean eile den leithid, tháin’ an caisteal fo smachd nan Caimbeulach.
Bha Donnchadh Caimbeul, 7mh Tighearna Gleann Urchaidh na cheann-sìthe Sheumais VI, Rìgh nan Albannach. Dh’òrdaich Rìgh Seumas an Caimbeulach, no Donnchadh Dubh mar bh’ ac’ air, smachd a chuir air Clann Arra-Ghaidheil ‘s Pheairt a bhitheadh a’ sabaid ri chéile gu bitheanta. Thathar ag ràdhainn gum b’ ann le Donnchadh Dubh fhéi’ a thòiseachadh an trioblaid gu bitheanta. Bhathar ag ràdhainn gun bitheadh armailt làn bhleigeardan neo-dhligheach ás a h-uile h-àite, a thòiseachadh sabaid le òrdugh Dhonnchaidh Dhuibh.
Latha a bha siud, sa bhliadhn’ 1587, b’ ann le Clann ‘Ic an Fleisteir a bha Caisteal Achaladair. Thug Donnchadh Caimbeul á Gleann Urchaidh òrdagh do a ghille. Dh’òrdaich e a ghille each a chuir ann an achadh arbhar ceannard Cloinn an Fhleisteir.
Sin an rud a rinn e agus thoisich each Dhonnchaidh ag ithe arbhar ‘Ic an Fhleisteir. Dar a chunnaic fir Chloinn an Fhleisteir na bha a’ tachairt, thathar ag ràdhainn gun táin’ am fearg orra. Thòisich iad ag éigheadh agus a’ glaodhadh air a’ ghille.
An gille a bha seo, ‘s e Sasannach a bh’ ann. Mar a bha Donnchadh Dubh a’ tuigsinn glan, cha robh facal Gàidhlig aige. Cha tug e facal no facal, dar a bha na fir ag éigheadh air. Dar a mhothaich iad nach robh an gille a’ falbh leis an each, chuir iad urchair ann. Thuit e, far an robh na sheasachd, marbh.
Tháini’ Donnchadh Dubh, a bha feitheachd anns na beanntanan dlùth ris a’ chaisteal, chunnaic e gun robh a ghille marbh agus dh’innse e do Cheannard an Fhleisteir gun robh a bheatha fo chunnard. Mar cheann-sìthe, bhiodh e mionnaichte ris an Rìgh. ‘S e muirt a bh’ ann, thubhairt e ris. Bhitheadh aige ri chunntas a thabhairt don Rìgh agus rachadh a chrochadh.
Thug Donnchadh comhairle dha, b’ fheudar dha falbh, thubhairt e. Leis gun robh an dithist ac’ càirdeil, bhiodh Donnchadh Dubh a’ leigeil leis falbh. Rinn e gealladh dha gum biodh a chaisteal agus oighreachd sàbhailte leis gus an tilleadh e, agus bhitheadh Donnchadh gan cumail, agus cha rachadh iad fo smachd a’ Chrùin. Bhiodh an Ceannard a’ tabhairt nan rann iomchair do Dhonnchadh agus rinn an Caimbeulach gealladh gum faigheadh e a-rithist iad dar a thilleadh e.
Shin mar a rinn an Ceannard, chaidh na ranntannan a chuir air dòigh ‘n Dùn Éideann. Chuir Comharile Dìomhair ann an Sruighlea prìs air Mac an Fhleisteir. ‘S e 200 marg a bh’ ann agus, dh’fhalbh e. Thubhairt feadhainn gun deachaidh e don Fhraing, theireadh feadhainn eile gum b’ ann ann an Raineach a bha e ga fhalachadh. Ceann beagan bhlianaichean, thill e. Ach, cha d’ fhuair e a chaisteal no oighreachd idir mar a ghealladh Donnchadh Dubh.
Cha bhitheadh Caisteal Achaladair fo smachd Cloinn an Fhleisteir gu bràth tuillidh.
Posted in Alba, Clan Campbell, Clan Fletcher, Gaelic, GÃ idhlig, Gleann Urchaidh, Scotland
Comments Off on Clann ‘Ic an Fhleisteir á Gleann Urchaidh