Category Archives: ball-coise

Billy MacNèill

Bidh gu leòr ga sgrìobhadh is ga ràdh mu dheidhinn Uilleam MacNèill, fear Celtic gu a smior, sgiobair Leòghainn Lisbon agus fear a bha na fhuamhaire ann am ball-coise na h-Alba, ach chan eil agam ach sgeulachd bheag mar chlach air a chàrn. Nuair a bha mi nam bhalachan beag, cha robh mo mhàthair gu… Continue reading

Posted in ball-coise, Spòrs | Comments Off on Billy MacNèill

Ultima Warriors | Innis Tìle aig na Euros

Tha farpais mhòr eadar-nàiseanta Ball-coise anns an Fhraing a-rithist. Nach eil fada bhuainn a-nise prìobadh John Collins, tadhal Craig Burley, Sean Connery agus Martyn Bennett a’ gabhail splaoid agus Stan Collymore a’ faighinn droinneadh o Luchd nam Breacan? Tha sinn aig an taigh a-rithist, agus ma bheir sinn sùil air mapa na Roinn Eòrpa chan… Continue reading

Posted in ball-coise, euro2016, iceland, innis tìle, Spòrs | Comments Off on Ultima Warriors | Innis Tìle aig na Euros

Deàrrsadh-grèine air Lìte | Ball-coise

Hibs agus Cupa na h-Alba – Sgeul 114 Bliadhna air tighinn gu crìch – Gòrdan MacCoinnich a’ beachdachadh air deàrrsadh-grèine air Lìte. Uill, tha mi cha mhòr air ais air talamh a-nis as-dèidh deireadh sheachdain iongantach. Mas e nach eil fhios agad dè thachair Disathairne is cinnteach nach eil thu a’ fuireach air an t-Saoghal… Continue reading

Posted in ball-coise, Spòrs | Comments Off on Deàrrsadh-grèine air Lìte | Ball-coise

O Diego!

  Tha na h-Euros ann a dh’aithghearr – cha bhi Alba ann ach cha bhi Mgr Costa ann nas motha – Eòghan a’ toirt sùil air sgeulachd bhrònach Dhiego. Le Carlos Delgado, CC BY-SA 3.0, https://commons.wikimedia.org/w/index.php?curid=28393829 “am fear a chuireas chùl ri chuideachd, cha d’fhiach e” – Bruce Springsteen, Highway Patrolman Le seann ghaoid Uladh… Continue reading

Posted in ball-coise, Spòrs | Comments Off on O Diego!

Johan Cruyff | 1947 – 2016

Tha Johan Cruyff – an draoidh ball-coise, ’s mathaid an sàr-dhraoidh – air siubhal aig aois 68. Choisinn e duais Ballon d’ Or trì tursan agus dhùisg e macmeanmna òigiridh thar nam bliadhnaichean. Fear feallsanachail, bidh Cruyff ga chuimhneachadh airson a’ chleas dhan tug e ainm “tionndadh Chruyff” far an robh e a’ tarraing a… Continue reading

Posted in ball-coise, Spòrs | Comments Off on Johan Cruyff | 1947 – 2016

A’ Glacadh a’ Chluarain Chailleanaich | Inverness Caledonian Thistle

Tha latha mòr a’ feitheamh ri Inverness Caledonian Thistle no Cluarain Chailleanach Inbhir Nis aig ceann na mios seo ann Cuairt Dheireannach Cupa na h-Alba – ach tha eachdraidh chonnspaideach, làn mì-rùn air an cùlaibh – a bheil an t-àm ann airson slànachadh ceart a thighinn gu buil? Tha eachdraidh eadar mi fhìn agus Inverness… Continue reading

Posted in ball-coise, Spòrs | Comments Off on A’ Glacadh a’ Chluarain Chailleanaich | Inverness Caledonian Thistle

Cùisean Cridheil sa Chathair-bhaile

Tha Eòghan a’ toirt sùil gu luath air bliadhna thoilichte do Hearts Club ainmeil ann an cruaidh-chas ionmhais as dèidh bhliadhnaichean de thamailt, rianachd agus sgainneal. Turas fada aca ri dhol chun a’ mhullaich agus iad ann an lìog le dà sgioba mhòr eile a’ feuchainn ris an aon rud a dhèanamh. Chan e Rangers… Continue reading

Posted in ball-coise, Spòrs | Comments Off on Cùisean Cridheil sa Chathair-bhaile

Ball-coise | An Aisling

Fàilte air sgrìobhadair ùr eile againn, Garry Patrick Cooke, agus tha e a’ coimhead air mar a tha airgead air buaidh a thoirt air ball-coise na h-Eòrpa. Cò thuirt “I have a dream”? – Martainn Luther King air neo Gòrdan Iain Mac na Ceardaich? “2012-05-19 Finale09 (7232996514)” by Markus Unger from Vienna, Austria – 2012-05-19_Finale09… Continue reading

Posted in ball-coise, Spòrs | Comments Off on Ball-coise | An Aisling

Ball-coise na Gàidhealtachd: Linn an Òir ’s nan Gaisgeach? Pàirt 2

Tha Gòrdan MacCoinnich a’ toirt sùil air air ball-coise nan coimhearsnachdan an Taobh Siar Rois is san Eilean Sgitheanach sna bliadhnaichean a dh’fhalbh. Seo an dàrna pàirt den artaigil aige. (Leugh a’ chiad phàirt den artaigil an seo.) Tha cuimhne aig Murchie – Iain Murchison bho sgioba a’ Chaoil – air ‘sàr-chluicheadairean aig gach sgioba’.… Continue reading

Posted in ball-coise, Eachdraidh, featured, Gòrdan MacCoinnich, Spòrs | Comments Off on Ball-coise na Gàidhealtachd: Linn an Òir ’s nan Gaisgeach? Pàirt 2

Ball-coise na Gàidhealtachd: Linn an Òir ’s nan Gaisgeach?

Tha Gòrdan MacCoinnich a’ toirt sùil air air ball-coise nan coimhearsnachdan an Taobh Siar Rois is san Eilean Sgitheanach sna bliadhnaichean a dh’fhalbh.  Seo a’ chiad phàirt den artaigil aige. Air Taobh Siar na Gàidhealtachd, ann an aon de na h-àiteachan as iomallaiche san Roinn Eòrpa, thàinig cluicheadairean amaitearach gu deireadh seusain ball-coise ann an… Continue reading

Posted in An Caol, An t-Eilean Sgitheanach, ball-coise, Eachdraidh, featured, Gòrdan MacCoinnich, Spòrs | Comments Off on Ball-coise na Gàidhealtachd: Linn an Òir ’s nan Gaisgeach?