Category Archives: Beurla

Beurla air am boisean

  Beurla air am boisean B’fheàrr leam ‘bhith gun mhaoin, agus Gàidhlig nam cheann, seach ‘bhith bochd le Beurla ann an àit’ sa bheil i staoin.   Si mar ghalar ràsanach, ruadh ach a h-inbhe ga cumail suas, ga togail leis na daoine cèin air am boisean tha a snuadh.   An seo gheibh mi… Continue reading

Posted in bàrdachd, Beurla, boisean, Gàidhlig, luach, Sgrìobhadh Cruthachail | Comments Off on Beurla air am boisean

Latha Fhèill Aindreis, Latha Fhèill Anndra


’S ann às an t-Sean Ghreugais Ἀνδρέας (‘Andréas’) a tha an t-ainm fireannaich Gàidhlig Aindreas. Ged a b’ urrainn dha làimh a bhith aig Laideann Andreās(às an t‑Sean Ghreugais, mar an ceudna) sa chùis, b’ e G. Aindreas (air fhuaimneachadh *Ainndreas) an cruth a thionndaidh Greugais a’ Bhìobaill bho chiad fhoillseachadh Gàidhlig an Tiomnaidh Nuaidh (1767) agus a chleachdte gu faisg air deireadh na 20mh linne.
Ged a bhiodh dùnaidhean eadar-dhealaichte aig an fhacal Ghreugais sna tuisealan fa leth (Marcus 13:3 ainmeach Ἀνδρέας (-as), Mata 4:18 cuspaireach Ἀνδρέαν (-an), Eòin 1:44 ginideach Ἀνδρέου (-ou)), chaidh an rèiteachadh sa Ghàidhlig mar Aindreas sna tuisealan bunasach agus tabhartach, agus Aindreis− sgrìobhte Aindreais − san tuiseal ghinideach (agus ghairmeach). Air a bhonntachadh air Aindreas, chaidh an t-ainm Gàidhlig Gille Aindreis (Gill’Aindreis) a chruthachadh, agus chaidh sin fhèin air iasad dhan Bheurla mar Gillanders; chaidh an sloinneadh MacGill’Aindreis a stèidheachadh air an aon chruth.
’S e an cruth Aindrea no, nas cumanta, Anndra as trice a gheibhear an-diugh airson an ainme phearsanta agus ’s iongantach nach ann bho bhuaidh na Beurla Gallta Andra, Andrew a thàrmaich sin. (Ri taobh Aindrea caol ~ Anndraleathann, gheibhear Aindreas ~ Anndras cuideachd.) A thaobh cruth an Tiomnaidh Nuaidh, chaidh sin ùrachadh gu Anndras(m.e. 1992) agus gu Anndra (m.e. 1980, 2010).
B’ e Aindreas no Anndras a bh’ air an naomh den ainm sin, naomh anaclaidh (dìona) na h‑Albann, agus b’ e Fèill Aindreis (Anndrais) latha cuimhneachaidh no latha fèise an naoimh. Ann an seòrsa de dhùblachadh, chaidh Latha Fhèill Aindreis (Anndrais) air an fhèill, ’s dòcha an dèidh na Beurla (St Andrew’s) Day. ’S e Latha Fhèill Anndrais an cruth as cumanta a chithear an-diugh.
A rèir choltais, cha b’ e latha a ghlèidhte aig mòran a bh’ anns an deicheamh latha air fhichead den t-Samhain: ann an suirbhidh a rinneadh ann an 2001 leis a’ Famous Grouse, cha b’ aithne dha ach 22% de luchd na dùthcha dè an latha air an glèidhte Latha Fhèill Anndrais; an aghaidh sin, b’ aithne dha 64% cuin a ghlèidhte latha-breith Raibeirt Bhurns. Agus cha b’ ann gu 2007 a chaidh latha deireannach na Samhna a dhèanamh na fhèill-banca (saor-thoileach) an Albainn le Pàrlamaid na h-Albann.
Le dìth cleachdaidh no dìth eòlais, chithear corra oidhirp air an abairt Latha Fhèill Anndrais a chur an cèill an-diugh, agus Latha Fhèill Anndra, le cruth cumanta an ainme phearsanta san latha an-diugh, nam measg. ’S ann a chaidh abairtean mar Fèill Anndrais a chruthachadh mus deach sèimheachadh ann an ainmearan ginideach fhireannach na àbhaist, m.e. Fèill Mìcheil gun sèimheachadh, an àite *Fèill Mhìcheil an dèidh riaghailtean Gàidhlig an latha an-diugh, ged a bha Mìchealsan tuiseal ghinideach; nochdaidh an aon rud ann an abairtean eile, mar Latha Bealltainn, Latha Buidhe Bealltainn ‘a’ chiad latha den Chèitean’. Nuair a chaidh abairtean mar Fèill Mìcheil a dhùblachadh leis an fhacal latha, chaidh ciad litir nan abairtean, mar a thachras le ainmearan sònraichte fireann (agus neodrach) eile, a shèimheachadh, .i. Latha Fhèill Anndrais, Latha Fhèill Pàdraig(17 Màrt), Latha Fhèill Caluim Cille(9 Ògmhios), Latha Fhèill Mìcheil (29 Sultain). San abairt Latha Fhèill Brìghde (1 Gearran), ’s e ainm bana-naoimh a th’ againn ann am Brìghde (SG Brigit, gin. Brigte) agus cha bhite an dùil ri sèimheachadh ann an ainm boireannaich san tuiseal ghinideach sa chuid mhòir de dhualchainntean co-dhiù.

Continue reading

Posted in Aindrea, Aindreas, ainmeach, ainmear, Anndra, Anndras, Bealltainn, Beurla, Beurla Ghallta, bunasach, fèill, gairmeach, Gill'Aindreis, Gillanders, ginideach, Latha Fhèill Anndra, MacGill'Aindreis, naomh, sèimheachadh | Comments Off on Latha Fhèill Aindreis, Latha Fhèill Anndra

Comhairle Ar Co-Ghàidheal

Sa gheàrr-chunntas seo air “cumas dátheangach” sa bhun-sgoil, ‘s ann a tha ar caraid, Niall Gòrdan, a’ toirt sùil air obair rannsachaidh an Èirinn agus air foghlam na Gàidhlig acasan, feuch an gabh rudan ionnsachadh a-bhos an Alba. Cha b’ ann an-diugh no an-dè a thòisich Gàidheil na h-Alba agus na h-Èireann a’ conaltradh ri… Continue reading

Posted in Alba, Èirinn, Beurla, bun-sgoil, Cànain, Cànan & Cultar, co-Ghàidheal, co-Ghàidheil, dà-chànanas, Foghlam, Gàidhlig | Comments Off on Comhairle Ar Co-Ghàidheal

Stad an Saoghal! Tha cuideigin gun Ghàidhlig ann.

Chaidh mi gu tachartas a-nochd, tachartas ‘cuir-air-bhog’ leabhraichean. Agus nach ann a bha fèill air an tachartas seo aig an fheadhainn a tha ag obair ann an dreuchdan a tha a’ cur feum air a’ Ghàidhlig . Cuir air bhog nan leabhraichean aig Maoilio… Continue reading

Posted in Ùr-sgeul, Beurla, fear-an-taighe, Gàidhlig, Maoilios Caimbeul, Màiri E NicLeòid, tachartas | Comments Off on Stad an Saoghal! Tha cuideigin gun Ghàidhlig ann.

Saothair obrach mhòr-chliùiteach!

DWELLY AIR LOIDHNESeo dhuibh DWELLY AIR LOIDHNE! Bidh fèill mhòr air seo buidheachas do na h-eòlaichean allail a shaothraich gu dìleas dìorrasach gus seo a chur air bhonn dhuinn uile. Continue reading

Posted in Beurla, Dwelly, Dwelly's, faclair, Gaelic, Gaidhlig | Comments Off on Saothair obrach mhòr-chliùiteach!

Ath-dhealbhadh

Tha mi air a bhith ag obair gu cruaidh air na làraichean-lìn agam ath-dhealbhadh agus tha mi gu bhith deiseil a dh’aithghearr. Tha mi air an aon coltas a chur air an làrach Gàidhlig, an làrach Beurla, mo bhlòg agus Naidheachdan Pinc gus am bi iad… Continue reading

Posted in an t-Eadar-lìon, Beurla, blòg, Gàidhlig, làraichean-lìn, làrach-lìn, naidheachda, naidheachdan pinc, obair, Pearsnanta/Teaghlach, Wordpress | Comments Off on Ath-dhealbhadh

Ath-dhealbhadh

Tha mi air a bhith ag obair gu cruaidh air na làraichean-lìn agam ath-dhealbhadh agus tha mi gu bhith deiseil a dh’aithghearr. Tha mi air an aon coltas a chur air an làrach Gàidhlig, an làrach Beurla, mo bhlòg agus Naidheachdan Pinc gus am bi iad… Continue reading

Posted in an t-Eadar-lìon, Beurla, blòg, Gàidhlig, làraichean-lìn, làrach-lìn, naidheachda, naidheachdan pinc, obair, Pearsnanta/Teaghlach, Wordpress | Comments Off on Ath-dhealbhadh