Category Archives: Gnothaichean eile

Turasachd is Taigheadas

Carson a tha sinn fhathast a’ leantainn creideamh eaconomaigeach nua-libearalach ann am Breatainn, dòigh smaoineachaidh a bhrosnaich Thatcher is Regan? Gu dearbha, carson nach eil Alba deònach slighe eadar-dhealaichte a ghabhail? ’S tric a chluinnear mu staing taigheadais, anns an Eilean Sgitheanach gu sònraichte, sna làithean seo agus ràith thurasachd cho trang ’s a bh’… Continue reading

Posted in Alba, eaconamaidh, Gàidhealtachd, Gnothaichean eile, Naidheachdan & Poileataigs, taigheadas, turasachd | Comments Off on Turasachd is Taigheadas

Nuair a bhriseas an levee – 25

Bho chionn trì miosan, dh’fhuiling Eòghan trioblaidean le a chuid shlàinte-inntinn.  Seo an sgeulachd aigesan. Còig air fhichead. 25. Sin an aireamh a bhios air m’ inntinn gu bràth. Bho chionn dà mhios thàinig briseadh air mo chuid-shlàinte.  Airson a’ chiad uair nam bheatha, b’ fheudar dhomh ùine mhòr a thoirt far m’ obair. Is… Continue reading

Posted in Gnothaichean eile | Comments Off on Nuair a bhriseas an levee – 25

Cha tig às a’ phoit ach an toit a bhios innte.

‘S dòcha gu bheil sinn ullamh gus smaoineachadh uaireannan gur e “obair latha tòiseachadh“; ach às dèidh dhomh a bhith a’ leughadh mun leithid seo de dh’atharrachadh a thug Eilidh Sgaimeal  air a caitheamh-beatha ann am beagan is bliadhna, “’s e an-diugh an latha, agus ’s e seo an t-àm” a tha a’ tighinn a-steach orm an-dràsta.… Continue reading

Posted in coiseachd, fallaineachd, Gnothaichean eile, slàinte, strì | Comments Off on Cha tig às a’ phoit ach an toit a bhios innte.

An t-Ubhal as Àirde; a’ cur chraobhan-ubhail air Ghàidhealtachd

‘S e geamhradh an t-àm as fheàrr dhan ghàirnealair meòrachadh air dè a bhios roimhe sna mìosan ri teachd.  Am measg nan amasan a th’ agad ’son 2018, dè mu dheidhinn àite a thoirt don chraoibh-ubhail? Le beagan obrach bheir i bliadhnaichean de thoradh is toileachas dhut. Tha cuimhne mhath agam air an latha geamhraidh… Continue reading

Posted in craobh ubhail, gàirneilearachd, Gnothaichean eile, ubhal | Comments Off on An t-Ubhal as Àirde; a’ cur chraobhan-ubhail air Ghàidhealtachd

Seinneamaid òran ùr do dh’Alba – 2018

Le Steaphan MacRisnidh Seo a’ Bhliadhn’ ùr a’ dlùthachadh oirnn a-rithist, agus an t-àm as toil le mòran dhaoine a bhith a’ cur romhpa aon atharrachadh mòr nam beatha a dhèanamh. ‘S e rùintean caran farsaing ‘nan gnè, a tha mis’ a’ dol a chur an cèill anns an aiste seo ge-tà. Cha ghabh an… Continue reading

Posted in a' Bhliadhn' Ùr, a' Bhliadhna Ùr, a' Challainn, Beachd, Cànain, Cànan & Cultar, cultar, Foghlam, Gnothaichean eile, Naidheachdan & Poileataigs, rùintean, rùintean na Bliadhn' Ùire, rùintean na Callainne | Comments Off on Seinneamaid òran ùr do dh’Alba – 2018

Am Mooncup – dòchas don deargachd?

A nìghneagan ’s a mhnathan còire, na leigibh leis an taoim a dhol thairis air na reangain. Tha Morbheinn Mheinnearach a’ moladh faodail (a fhuair i ann am Boots an Òbain) a bheir faochadh dhuibh uile. A bharrachd air sin, tha i a’ toirt chomhairlean mu dheidhinn fuil mhìosail nam ban.  Bha tonn uabhasach agam… Continue reading

Posted in an t-silteach, deargachd, fuil mhìosail, Gnothaichean eile, leigheas, tonn | Comments Off on Am Mooncup – dòchas don deargachd?