Category Archives: àbhachdas

An toir air Còsagach

  Siorram suas siorram sìos ach chan eil sgeul air an fhacal àraidh a bha air beul a’ bhaile an t-seachdain sa chaidh. Tha Alistair Paul a’ lorg “còsagach” san dàn aoir seo. Càit an toir an seachran-seilge e? An toir air Còsagach ‘S iomadh sireadh Air an tugadh iomradh A ghabhadh os làimh Le… Continue reading

Posted in àbhachdas, bàrdachd, Cànain, Sgrìobhadh Cruthachail | Comments Off on An toir air Còsagach

Air Meur-Loidhne na Beatha: Pàirt a h-Aon

‘S e rud ris an canar buaidh an dealain-dhè. Le aon chlap dhen sgiath thèid an saoghal bun os cionnn. Ach dè thacras nuair a thèid parsail dhan doras cheàrr? Gheibh sin a mach san sgeulachd ghoirid aig Alistair. Nochdaidh an darna pàirt dhen sgeul san aithghearrachd. Bha i anns an àite cheart; Betsy Chaimbeul, aois 79.… Continue reading

Posted in àbhachdas, Gun roinn-seòrsa, Rosg | Comments Off on Air Meur-Loidhne na Beatha: Pàirt a h-Aon

Òran A’ Mhuncaidh

Bu tric a chluinnte aig aon àm naidheachdan mu mhuncaidhean a chaidh a thoirt a dh’Alba le seòladairean air tilleadh bho ceàrnan cèin. Tha an storaidh seo a’ tarraing air cuid a chuala mi fhèin. An seo s’ e am muncaidh a gheibh an cothrom an sgeulachd aige fhèin innse. Oran a’ Mhonkey (Dàn a chaidh a thional… Continue reading

Posted in àbhachdas, Rosg | Comments Off on Òran A’ Mhuncaidh

Dusan Mìmean Dàna | Dàna aig Trì

Uill, uill – aig Dàna, bidh sinn a’ cumail dà rud a’ dol – an làrach-lìn fhèin le litreachas tomadach is eile, agus an duilleag facebook againn, far a bheil sinn ri gòrachas is spòrs fad na h-ùine. Bidh sinn a’ sputadh a-mach “Biathadh Briogaidh” gu math tric, agus airson ar treas ceann bliadhna a… Continue reading

Posted in àbhachdas | Comments Off on Dusan Mìmean Dàna | Dàna aig Trì

Oidhche An Sgoil Eòlas Na h-Alba

Shèid oiteag ancalach tron trannsa a’ togail gu h-aotrom pàipearan bho bhallachan a’ dol na caochan a’ cur dust gu dannsadh Fhreagair gaoth bho taobh a-muigh Glagaran air na h-uinneagan Dìosgail chabaran Brag phìoban Caithris na h-oidhche san dubharachd Na dorsan glaiste Guthan paisgte leis na ballachan Shuath an oiteag orra gan dùsgadh bhon cadal… Continue reading

Posted in àbhachdas, bàrdachd, Cànan & Cultar | Comments Off on Oidhche An Sgoil Eòlas Na h-Alba