Category Archives: Clan Fletcher

Clann ‘Ic an Fhleisteir á Gleann Urchaidh

Caisteal Achaladair, mar a tha e anns an latha an-diugh.

Dar a bhitheas sinn a’ smaoineachadh air sgìre Ghleann Urchaidh, ‘s e Clann Griogair no na Caimbeulaich a thig nar cuimhne gu bitheanta.

Tha e furasta dìochuimhneachadh gum b’ e Clann ‘Ic an Fleisteir a thogadh a’ chiad toit san sgìre.

Bha Clann ‘Ic an Fhleisteir suidhichte ‘n Achaladair dlùth ri Drochaid Urchaidh. Chaidh Caisteal Achaladair a thogail bho cheann 400 bliadhna ‘s corr, aig taobh tuath Loch Tulla.

Coltach ri móran rudan luachmhora san sgìre sin, agus sgìrean eile den leithid, tháin’ an caisteal fo smachd nan Caimbeulach.

Bha Donnchadh Caimbeul, 7mh Tighearna Gleann Urchaidh na cheann-sìthe Sheumais VI, Rìgh nan Albannach. Dh’òrdaich Rìgh Seumas an Caimbeulach, no Donnchadh Dubh mar bh’ ac’ air, smachd a chuir air Clann Arra-Ghaidheil ‘s Pheairt a bhitheadh a’ sabaid ri chéile gu bitheanta. Thathar ag ràdhainn gum b’ ann le Donnchadh Dubh fhéi’ a thòiseachadh an trioblaid gu bitheanta. Bhathar ag ràdhainn gun bitheadh armailt làn bhleigeardan neo-dhligheach ás a h-uile h-àite, a thòiseachadh sabaid le òrdugh Dhonnchaidh Dhuibh.

Latha a bha siud, sa bhliadhn’ 1587, b’ ann le Clann ‘Ic an Fleisteir a bha Caisteal Achaladair. Thug Donnchadh Caimbeul á Gleann Urchaidh òrdagh do a ghille. Dh’òrdaich e a ghille each a chuir ann an achadh arbhar ceannard Cloinn an Fhleisteir.

Sin an rud a rinn e agus thoisich each Dhonnchaidh ag ithe arbhar ‘Ic an Fhleisteir. Dar a chunnaic fir Chloinn an Fhleisteir na bha a’ tachairt, thathar ag ràdhainn gun táin’ am fearg orra. Thòisich iad ag éigheadh agus a’ glaodhadh air a’ ghille.

An gille a bha seo, ‘s e Sasannach a bh’ ann. Mar a bha Donnchadh Dubh a’ tuigsinn glan, cha robh facal Gàidhlig aige. Cha tug e facal no facal, dar a bha na fir ag éigheadh air. Dar a mhothaich iad nach robh an gille a’ falbh leis an each, chuir iad urchair ann. Thuit e, far an robh na sheasachd, marbh.

Tháini’ Donnchadh Dubh, a bha feitheachd anns na beanntanan dlùth ris a’ chaisteal, chunnaic e gun robh a ghille marbh agus dh’innse e do Cheannard an Fhleisteir gun robh a bheatha fo chunnard. Mar cheann-sìthe, bhiodh e mionnaichte ris an Rìgh. ‘S e muirt a bh’ ann, thubhairt e ris. Bhitheadh aige ri chunntas a thabhairt don Rìgh agus rachadh a chrochadh.

Thug Donnchadh comhairle dha, b’ fheudar dha falbh, thubhairt e. Leis gun robh an dithist ac’ càirdeil, bhiodh Donnchadh Dubh a’ leigeil leis falbh. Rinn e gealladh dha gum biodh a chaisteal agus oighreachd sàbhailte leis gus an tilleadh e, agus bhitheadh Donnchadh gan cumail, agus cha rachadh iad fo smachd a’ Chrùin. Bhiodh an Ceannard a’ tabhairt nan rann iomchair do Dhonnchadh agus rinn an Caimbeulach gealladh gum faigheadh e a-rithist iad dar a thilleadh e.

Shin mar a rinn an Ceannard, chaidh na ranntannan a chuir air dòigh ‘n Dùn Éideann. Chuir Comharile Dìomhair ann an Sruighlea prìs air Mac an Fhleisteir. ‘S e 200 marg a bh’ ann agus, dh’fhalbh e. Thubhairt feadhainn gun deachaidh e don Fhraing, theireadh feadhainn eile gum b’ ann ann an Raineach a bha e ga fhalachadh. Ceann beagan bhlianaichean, thill e. Ach, cha d’ fhuair e a chaisteal no oighreachd idir mar a ghealladh Donnchadh Dubh.

Cha bhitheadh Caisteal Achaladair fo smachd Cloinn an Fhleisteir gu bràth tuillidh.

Continue reading

Posted in Alba, Clan Campbell, Clan Fletcher, Gaelic, Gàidhlig, Gleann Urchaidh, Scotland | Comments Off on Clann ‘Ic an Fhleisteir á Gleann Urchaidh