Category Archives: droch bheul

Gàidhlig druim na muice. Mar gum biodh…

Nach sinn a rinn gàire. Agus carson nach dèanadh. Tha seo fada, fada nas fheàrr na Bannan agus nas salaiche na Outlander. Abair dibhearsain. Am faca tu Twitter?

Caitheamh ùine, tha fios’am.

Ach, mar a chanas an sean-fhacal, “S fheàrr tlachd bho rann air Twitter na bho cheann na muice”

S mathaid gun cuir cuspair mo dhàin oilbheum air cuid ach feumar cuimhneachadh gur e sinne an sliochd a thug ‘Moladh air Deagh Bhod’ dhan t-saoghail. Tha salachar a’ ruith san daoine againn, ge b’oil leis an eaglais. Ach bha uair nuair as e na sagairtean a rinn na dàin as treasa. S fhada bhon uairsin ged-tà. Cha chuala mi a leithid de shalchar bhon a chunnaic mi Cathal Ó Searcaigh a’ bruidhinn. Èibhinn dhà-riribh.

Ceart ma-tha. Tha mi falbh feuch de na faclan sughmhor a th’aig Mill a h-Uile Rud no Micheal Newton a chuidicheas mi tarsainn na lèig salaich seo. Continue reading

Posted in #piggate, Bannan, droch bheul, Tòraidhean | Comments Off on Gàidhlig druim na muice. Mar gum biodh…