Category Archives: Film

BBC Alba: 10 Beachdan – Pàirt 4: Filmichean

Có cuireadh guthan Gàidhlig ri Cogadh nan Reultan?

Gum bi an neart leibh a chàirdean! Seo dhuibh mo bhlog as ùire air beachdan air prògraman ùra airson BBC Alba. Theagamh nach bi am beachd seo a’ còrdadh ris a h-uile duine ach chan e ach beachd a th’ ann agus tha mi a’ smaoineachainn gum beireadh e rudeigin eadar-dhealaichte dhuinn.

Dé mu dhéidhinn filmichean? Tha fhios againn gu bheil filmichean uarraidh daor ri chuir air dòigh. Ged a bhiodh filmichean Gàidhealach a’ còrdadh ruinn (chan fhacaidh sinn mòran dhiuch bhon uair a rinn iad Seachd), chan e sin an aon chothrom a tha romhainn.

Dé mu dhéidhinn filmichean bho thall thairis? Nach b’ urra dhuinn Gàidhlig a chuir orra? Tha againn ri fo-thiotalan a leughadh co-dhiù, am bitheadh seo nas miosa?!

Agus dé mu dhéidhinn filmichean na Beurla? Theagamh gum bitheadh e beagan neònach dhuinn aig an toiseach ach bhitheadh e inntinneach co-dhiù. Dé bhur beachdan? Am biodh e tarraingeach dhuibh-se? Dé filmichean am bu mhath leibh fhéin fhaicinn anns a’ Ghàidhlig?

‘S e rud cumanta a th’ ann ann an dùthaichean taobh a-muigh saoghal na Beurla. Chaidh Krieg der Sterne a chuir a-mach anns a’ Ghearmailt agus La Guerre des Etoilles anns an Fhraing. Am bitheadh ùidh agaibh ann an Cogadh nan Reultan? Có bhiodh ann? Tha mi a’ smaoineachadh gum biodh Aonghas Peadar Caimbeul uarraidh math mar Obi-Wan Kenobi!

Aig a’ cheann thall, bhitheadh e inntinneach. Bheirinn-sa sùil air.

Gum bi an neart leibh… daonnant. Continue reading

Posted in BBC Alba, Film, Gaelic, Gàidhlig, Scottish Gaelic, Star Wars | Comments Off on BBC Alba: 10 Beachdan – Pàirt 4: Filmichean

Lèirmheas Fiolm | Spotlight

Chaidh Rhona a dh’fhaicinn Spotlight – fiolm stèidhichte air an sgainneal droch-dhìol Chloinne san Eaglais Chaitligich ann am Baile nam Beans – fiolm cnuasachail, cruaidh. Bhon toiseach, chan eil e doirbh a chreidsinn gur e sgeulachd fhìor a tha ga innse san fhiolm ùr Spotlight, mu dhroch-dhìol chloinne na h-Eaglais’ Chaitligich a chaidh fhoillseachadh leis… Continue reading

Posted in Cànan & Cultar, Film, Fiolm | Comments Off on Lèirmheas Fiolm | Spotlight

Lèirmheas Fiolm | Spotlight

Chaidh Rhona a dh’fhaicinn Spotlight – fiolm stèidhichte air an sgainneal droch-dhìol Chloinne san Eaglais Chaitligich ann am Baile nam Beans – fiolm cnuasachail, cruaidh. Bhon toiseach, chan eil e doirbh a chreidsinn gur e sgeulachd fhìor a tha ga innse san fhiolm ùr Spotlight, mu dhroch-dhìol chloinne na h-Eaglais’ Chaitligich a chaidh fhoillseachadh leis… Continue reading

Posted in Cànan & Cultar, Film, Fiolm | Comments Off on Lèirmheas Fiolm | Spotlight

Star Wars: Dùsgadh an Fhorsa | Lèirmheas

Dùsgadh an Fhorsa – Math no dona? Soilleir no Dorch? – A’ Chiad Lèirmheas Ghàidhlig air an fhiolm “Cogadh nan Reul”? Tha sinn air ar dìcheall a dhèanamh gun “spèarlagan” a thoirt seachad… Mar iomadh neach-leantainn eile, bha mi cho loisgte ri com Darth Vader as dèidh nam prequels aig an t-sreath fhiolmaichean Star Wars… Continue reading

Posted in Cànan & Cultar, Film | Comments Off on Star Wars: Dùsgadh an Fhorsa | Lèirmheas

FO-THIOTALAN FALAICHTE – THA RATHAD NAS FHEÀRR ANN

Tha e coltach gun lean MG ALBA agus BBC Scotland orra le fo-thiotalan loisgte seach feadhainn a ghabhas cur am falach; ach fhuair luchd-iomairt gaidhlig.tv dearbhadh bhon BhBC an Lunnainn nach leig iad a leas.   Le Liza Storey Tha sinn mothachail gu bheil MG ALBA, am buidheann a tha os cionn BBC Alba còmhla ri… Continue reading

Posted in BBC Alba, Cànain, Cànan & Cultar, cultar, dearbhadh, drama, Film, Fiolm, fo-thiotalan Beurla, fo-thiotalan loisgte, gaidhlig.tv, Liza Storey, MG Alba, Naidheachdan & Poileataigs, TBh, Teicneòlas | Comments Off on FO-THIOTALAN FALAICHTE – THA RATHAD NAS FHEÀRR ANN

Leonard Nimoy | 1931 – 2015

Tha Eòghan a’ cuimhneachadh air Leonard Nimoy a chaochail an latha eile.  “Leonard Nimoy, 2011, ST Con-2” by Beth Madison – _DSC5611-1 crp. Licensed under CC BY 2.0 via Wikimedia Commons. House of Cards air Netflix agus dreasa dhubh is ghorm Alana NicAonghais, (air neo a bheil i geal is òr no fiù ’s liath is odhar?)… Continue reading

Posted in Cànan & Cultar, Film, Naidheachdan & Poileataigs, TBh | Comments Off on Leonard Nimoy | 1931 – 2015

Lèirmheas Film: Berberian Sound Studio

Chaidh Calum MacLeòid, buannaiche aon de Dhuaisean nan Sgrìobhadairean ùra 2014, a choimhead air a’ film Berberian Sound System, agus seo againn deagh gheàrr-chunntas mu dheidhinn. Uaireannan, chan fheumar ach beagan a chluinntinn mu dheidhinn film is bidh làn cinnt agad gu bheil thu airson am film ud fhaicinn. Nuair a chuala mi gun robh an cleasaiche Toby Jones… Continue reading

Posted in Berberian Sound Studio, Cànan & Cultar, Film, Fiolm, lèirmheas film | Comments Off on Lèirmheas Film: Berberian Sound Studio

Sùil as Ùr air “The Exorcist”

Tha Niall Gòrdan air ais againn le sùil air an t-seann fhiolm oillt “The Exorcist” agus mar a thug an leabhar air an robh am film ainmeil stèidhichte buaidh air smaoineachadh mu chùisean. Leugh e ’S e seo fiolm a bha a’ dol mun cuairt anns na seachdadan (70an) agus air an robh cliù –… Continue reading

Posted in Cànan & Cultar, Film, Fiolm | Comments Off on Sùil as Ùr air “The Exorcist”

Sgilean an Sgàilein Airgid | Na dh’ionnsaich mi o FilmG

Tha Alannah Pheutan a’ toirt sùil air a’ cho-fharpais Ghàidhlig, FilmG – na sgilean a dh’ionnsaich i agus mar a thug i buaidh oirre na beatha làitheil, cuideachd. Thoir an aire, tha cailleachan craicte a’ nochdadh gu math tric anns na bhideothan seo! Mar nighean òg às an Eilean Sgitheanach, tha e caran duilich dhomh… Continue reading

Posted in Alannah Pheutan, Cànain, Cànan & Cultar, cleasachd, featured, Film, FilmG, fiom | Comments Off on Sgilean an Sgàilein Airgid | Na dh’ionnsaich mi o FilmG

Lèirmheas Film | Fading Gigolo

Dh’fhaoidte nach aithne dhut an t-ainm John Turturro, ach ‘s cinnteach gum bi thu air fhaicinn. Mar as àbhaist, cha bhi e a’ cluich na prìomh phàirt (b’ esan Jesus Quintata ann an The Big Lebowski agus Pete Hogwallop ann an O Brother, Where Art Thou?) agus chanadh tu gur e cleasaiche caractair a th’… Continue reading

Posted in Cànan & Cultar, featured, Film, john turturro, new york, Woody Allen | Comments Off on Lèirmheas Film | Fading Gigolo