Category Archives: sgeulachdan

Dath is blas na fìrinn

“Chì sinn”, mar a thuirt an dall “DSCF3610”le steele_chas fo chead CC BY-NC-ND 2.0 Nuair a bha thu nad phàiste, is dòcha gun robh do mhac-meanmna ag obair gu sgairteil, a’ dealbhadh saoghal taitneach eile dhut fhèin agus gun dèanadh do dhlùth-chàirdean, do mhàthair gu h-àraidh, luaidh air sin le bhith ag ràdh rudeigin mar: “Nach e… Continue reading

Posted in beachdan, cinn-naidheachd, Eachdraidh, Gun roinn-seòrsa, guthan, Naidheachdan, sgeulachdan, snàithlean, sreathan, sruthan, twitter | Comments Off on Dath is blas na fìrinn

Eàrrann à Sgeulachdan Ghleann Eilcheag (TGSI) – Iain Breac

Bha sia mic aig an Urramach Fearchar MacRath, ministear Chinn t-Sàile a chaochail ‘sa bhliadhna sia ceud deug agus trì fichead ‘s a dhà. ’Se Iain Breac an t-ainm air a mhac a b’òige a bha aige agus airson mòran bhliadhnachan bha tac aig dhe Achadh nan Gargain an Gleann Eilcheag. ‘Se tuathanach dìcheallach a […] Continue reading

Posted in Achadh nan Gargain, Allt Cam, Allt na Leitreach, Caisteal Brathain, ceann t-sàile, ceann tàile, Cinn t-Sàile, Cinn Tàile, Clann MhicAoidh, Coinneach Iarla Sìophortach, Fearchar MacRath, fiosrachail, Glean Eilcheag, gleann eilcheag, Gleann Seile, Iain Breac, Leughadh Fiosrachaidh, Màm Atadail, sgeulachdan, Sìophort, Taral MacAoidh, TGSI, Transactions of the Gaelic Society of Inverness | Comments Off on Eàrrann à Sgeulachdan Ghleann Eilcheag (TGSI) – Iain Breac

Acts 10: 1 – 35, 43

This chapter is the reason why I like the story of the Priest and the Fairies so much – and why the inflexibility of so-called Christians bothers me. When I was young, I spent a month or so with relatives in West Virginia. I was bored, out in the country, out of my comfort zone. The only thing around to read was a multi-volume collection of Bible stories for children. So I read it. This story made a huge impact on me – an outsider.

Gnìomhara nan Abstol, 10: 1 – 35, 43

Agus bha duine àraidh ann an Cesarea, d’am b’ainm Cornelius, ceannard-ceud do’n chuideachd ris an abrar a’ chuideachd Eadailteach.

Duine cràbhach, agus air an robh eagal Dé maille r’a thigh uile, a bha toirt mòrain déirce do’n t-sluagh, agus a’ deanamh urnaigh ri Dia a ghnàth.

Chunnaic e ann an sealladh gu soilleir, mu thimchioll na naothadh uaire do’n là, aingeal Dé a’ teachd a stigh d’a ionnsuidh, agus ag ràdh, A Chorneliuis.

Agus air dhasan amharc gu geur air, ghabh e eagal, agus thubhairt e, Ciod e, a Thighearn? Agus thubhairt e ris, Chaidh t’urnuighean agus do dhéircean suas mar chuimhneachan ann am fianuis Dé.

Agus a nis cuir daoine gu Iopa, agus cuir fios air Simon, d’an co-ainm Peadar :

Tha e air aoidheachd maille ri Simon àraidh fear-deasachaidh leathair, aig am bheil a thigh làimh ris an fhairge: innsidh esan duit ciod is còir dhuit a dheanamh.

Agus an uair a dh’fhalbh an t-aingeal a labhair ri Cornelius, ghairm e d’a ionnsuidh dithis do mhuinntir a thighe, agus saighdear cràbhach do’n dream a bha ghnàth a’ feitheamh air;

Agus an uair a chuir e an t-iomlan an céill doibh, chuir e iad gu Iopa.

Agus air an là màireach, ‘nuair a bha iadsan air an turus, agus a’ teachd am fagus do’n bhaile, chaidh Peadar suas air mullach an tighe a dheanamh urnuigh, mu thimchioll na seathadh uaire.

Agus dh’fhàs e ro ocrach, agus bu mhiann leis biadh itheadh : ach am feadh a bha iadsan ag ulluchadh, thuit e ann am neul,

Agus chunnaic e nèamh fosgailte, agus soitheach àraidh a’ teachd a nuas d’a ionnsuidh, mar bhraith-lìn mhòir, ceangailte air a ceithir oisnibh, agus air a leigeadh sìos air an talamh;

Anns an robh gach uile ghnè bheathaiche ceithir-chosach na talmhainn, agus bheathaiche allta, agus bhiasda snàigeach, agus eunlaith an athair.

Agus thàinig guth d’a ionnsuidh, Eirich, a Pheadair; marbh agus ith.

Ach thubhairt Pheadar, Ni h-eadh, a Thighnearn; oir cha d’ith mi riamh aon ni coitchionn no neòghlan.

Agus thubhairt an guth ris a rìs an dara uair, Na nithe sin a ghlan Dia, na gairm thusa coitchionn.

Agus rinneadh so tri uairean : agus thogadh an soitheach a rìs suas gu nèamh.

A nis an uair a bha Peadar fo amharus ann féin ciod bu chiall do’n t-sealladh a chunnaic e, feuch, bha na daoine a chuireadh o Chornelius an déigh dhoibh tigh Shimoin iarraidh, ‘nan seasamh aig an dorus.

Agus air gairm dhoibh, dh’fheòraich iad an robh Simon d’an co-ainm Peadar, air aoidheachd an sin.

Am feadh a bha Peadar a’ smuaineachadh air an t-sealladh, thubhairt an Spiorad ris, Feuch, tha triuir dhaoine ga d’iarraidh.

Uime sin éirich, agus gabh sìos, agus imich maille riu, gun amharus air bith a bhi ort: oir is mise a chuir uam iad.

Agus chaidh Peadar sìos chum nan daoine, (a chuireadh d’a ionnsuidh o Chornelius,) agus thubhairt e, Feuch, is mis an ti a tha sibh ag iarraidh : ciod e an t-aobhar mu’n d’thàinig sibh?

Agus thubhairt iadsan, Fhuair Cornelius an ceannard-ceud, duine cothromach, air am bheil eagal Dé, agus fo deadh ainm aig cinneach nan Iudach uile, rabhadh o Dhia le aingeal naomh, fios a chur ortsa d’a thigh, agus briathran a chluinntinn uait.

An sin ghairm e steach iad, agus thug e aoidheachd dhoibh. Agus air an là màireach dh’imich Peadar maille riu, agus chaidh dream àraidh do na bràithribh o Iopa maille ris.

Agus air an là màireach chaidh iad a steach do Chesarea : agus bha Cornelius a’ fetheamh riu, agus air gairm a luchd-dàimh agus a chàirde dìsle an ceann a chéile.

Agus an uair a bha Peadar a’ dol a steach, choinnich Cornelius e, agus thuit e sìos aig a chosaibh, agus rinn e aoradh dha.

Ach thog Peadar suas e, ag ràdh, Seas suas ; is duine mise mar an ceudna.

Agus ag còmhradh ris, chaidh e steach, agus fhuair e mòran cruinn.

Agus thubhairt e riu, Tha fios agaibh gu bheil e mi-dhligheach do dhuine a tha ‘na Iudhach, comhluadar a chumail ri neach a tha do chinneach eile, no teachd am fagus da ; ach nochd Dia dhomh-sa, gun duine air bith a ghairm coitchionn no neòghlan.

Uime sin thàinig mise ‘nuair a chuireadh fios orm, gun aon ni a ràdh ‘na aghaidh : air an aobhar sin tha mi feòraich c’ar son a chuir sibh fios orm?

Agus thubhairt Cornelius, O’n cheathramh là gus an uair so bha mi a’ deanamh trasgaidh; agus air an naothadh uair bha mi deanamh urnuigh ann mo thigh, agus, feuch, sheas duine a’m’ làthair ann an eudach dealrach.

Agus thubhairt e, A Chornelius, fhuair t’urnuigh éisdeachd, agus tha do dhéircean air a cuimhneachadh am fionuis Dé.

Uime sin cuir gu Iopa, agus cuir fios air Simon, d’an co-ainm Peadar; tha e air aoidheachd ann an tigh Shiomoin, fear-deasachaidh leathair, làimh ris a’ mhuir; neach, ‘nuair a thig e, a labhrus riut.

Uime sin chuir mi air ball fios ort ; agus is maith a rinn thu teachd. Air an aobhar sin tha sinne uile an so a làthair am fionuis Dé, a dh’éisdeachd nan uile nithe a tha air an àithneadh dhuit-se le Dia.

An sin dh’fhosgail Peadar a bheul agus thubhairt e, Gu fìrinneach tha mi ‘g aithneachadh nach ‘eil Dia ag amharc air pearsaibh seach a chéile :

Ach anns gach uile chinneach a ta an neach air am bheil ‘eagal-san, agus a ta ‘g oibreachadh fìreantachd, taitneach aige.

Dhasan tha na fàidhean uile a’ toirt fianuis, gu’m faigh gach neach a chreideas ann maitheanas ‘nam peacaibh tre ‘ainm-san. Continue reading

Posted in bioball, creidsinn, sgeulachdan | Comments Off on Acts 10: 1 – 35, 43

Sgeulachd : the Priest and the Fairies

chuir mi seachad an là a’ còdadh an sgeulachd seo. ‘S toigh leam e uabhasach math airson bheir e fianais fìor-mhath an creideamh a th’ agamsa.

{I spent the day coding this legend. I like it extremely well because it bears perfect witness to my faith.}

bhon Litir do Luchd-ionnsachaidh #738 & 739

An Sagart agus na Sìthichean
no
An Sagart à Pabaigh

A rèir beul-aithris, goirid às dèidh do Chalum Cille tilleadh a dh’Eilean Ì, chaidh fear de na sagartan Pabach don Eilean Sgitheanach airson tadhal air daoine. Ràinig e innis anns a’ choille anns an robh corra clach an siud ‘s an seo. ‘S dòcha gun robh faisg air Leitir Fura ach chan urrainn dhomh a bhith cinnteach.

Cha robh aig an t-sagart ach an t-aodach a bha uime agus bachall. B’ e am bachall an aon rud saoghalta a bhuineadh don t-sagart agus bha e prìseil dha. Chaidh a dhèanamh dha le sagart eile faisg air a’ mhanachainn aige air tìr-mòr na h-Alba. Bha e air a dhèanamh de dh’fhiod uinnsinn.

Bha an sagart sgìth agus rinn e suidhe airson beagan fois a ghabhail. Chuir e am bachall ri a thaobh. Fhad ‘s a bha e a’ gabhail fois, dh’fhairich e fuaimean agus gluasadan anns a’ choille a bha ceithir-timcheall air. Bha e dhen bheachd gun robh e a’ cluinntinn ghuthan, ach bha iad beag agus cha bhuineadh iad do mhac-an-duine.

Choimhead e suas agus cò bha air a bheulaibh ach sluagh mòr de dhaine beaga. Bha iad eadar trì is ceithir troighean a dh’àirde. Ach a-mhàin sin, bha iad coltach ri daoine àbhaisteach.

Chlisg e agus, airson a dhìon fhèin, rinn e comharra na croise. Ach cha do chuir sin eagal air an t-sluagh. Thàinig fear dhiubh – bodach beag le feusag liath – air adhart agus chaidh e air a ghlùinean. “Tha mi ag iarraidh,” ghuidh e, “gum beannaich sibh na daoine agam.” Bha an sagart air coinneachadh ris na sìthichean.

“Cò sibh?” dh’fhaighnich an sagart.

“Sìthichean,” fhreagair am bodach. “Tha sinn ag iarraidh oirbh ùrnaigh a dhèanamh air ar son. Cha d’ fhuair sinn riamh beannachadh Dhè.”

Dh’èirich an sagart. “Ùrnaigh a dhèanamh air ur son?!” thuirt e. “Cha dèan mi sin a-chaoidh. Do pheacaich mhòra mar a tha sibhes, chan eil mathanas ann.”

Leig am bodach beag osna ach cha tuirt e smid.

Thàinig cailleach bheag air adhart. “Tha aoibhneas ann an Nèamh,” thuirt i, “mu aon pheacach a tha a’ gabhail aithreachas. An neach a thèid a lorg Dhè, cha tèid a dhiùltadh.”

Chuir faclan na caillich dragh air an t-sagart. Ach, fhathast, bha e a’ creidsinn gur ann a dh’Ifrinn a bhuineadh na sìthichean. “B’ e fheàrr leam gum biodh mo bhachall na chraoibh a-rithist seach gum faigheadh sibhse mathanas Dhè,” thuirt e. “Thallaibh às mo shealladh!”

Agus theich na sìthichean. Ged a bha e deimhinne na theachdaireachd, bha teagamh ann an inntinn an t-sagart. Mheòraich e air aodan a’ bhodaich agus aodann na caillich nuair a dhiùlt e na tagraidhean aca. Bha inntinnn làn smuaintean agus dhìochuimhnich e, a bhacall a thoirt leis nuair a dh’fhalbh e. Lean e air tron choille. Chuala e caoineadh nan sìthichean. Bha am fuaim air feadh na coille.

Bha an sagart air an rathad a thadhal air teaghlach agus ràinig e am bothan aca. Bhaistich e an leanabh ùr aca. Agus thug e rabhadh do phàrantan a’ phàiste a bhith air am faiceall oir bha sìthichean anns an nàbachd.

Chuimhnich e a bhachall. Rinn fear an taighe bata ùr dha de dh’fhiodh-uinnsinn. Ach bha an seann bhachall prìseil don t-sagart agus chuir e roimhe a lorg.

Dh’fhàg e an taigh, agus thill e do innis anns a’ choille. Ràinig e i ach cha robh sgeul air a’ bhachall. Far an do dh’fhàg an sagart a bhachall, bha craobh-uinnsinn mhòr air èirigh.

Thuit an sagart do a ghlùinean. Rinn e ùrnaigh airson ùine mhòr. Bha e a’ cuimhneachadh na thuirt e ris na sìthichean. Bha e a’ gabhail aithreachas. Bha e a’ creidsinn gun robh Dia air bruidhinn ris. Ghairm e air na daoine beaga ach cha do thill iad. Ghluais e tron choille. Chuala e caoineadh nan sìthichean ach cha tigeadh iad faisg air.

Thill an sagart a Phabaigh far an d’fhuair e cead an t-eilean fhàgail airson a bhith a’ fuireach anns a’ choille. Rinn e searmonan a latha ‘s a dh’oidhche do dhuine sam bith a dh’èisteadh ris. Agus do dh’ainmhidhean is eòin is craobhan. B’ e an teachdaireachd aige ‘Mathanas Dhè agus mar a gheibh duine sam bith e’.

Mean air mhean sguir an caoineadh sa choille, ach chan fhaca an sagart na daoine beaga tuilleadh. Continue reading

Posted in creidsinn, sgeulachdan | Comments Off on Sgeulachd : the Priest and the Fairies

Sgeul – Fionn ‘ an Tigh ‘ Bhlàr Bhuidhe gun chead suidhe na comas éiridh

Thoirt mi iomradh air an seann sgeulachd an-dè (anns an leabhar-lann eile agamsa). ‘S e an t-ainm a th’ oirre Mar a bha Fionn ‘ an Tigh ‘ Bhlàr Bhuidhe gun chead suidhe na comas éiridh. Fhuair mi an sgeulachd seo ach chan eil i an stòiridh a bha chuala mi roimhe. Ach ‘s toigh leam té seo nas fheàrr na té-eile.

{Tha an sgeulachd seo bhon an leabhar The Fians: or, Stories, poems, & traditions of Fionn and his warrior band deasaichte le John Gregorson Campbell}

Bha Fionn mach latha ‘ gabhail sraid. Cha robh leis ach dithis do ghillean ‘s dithis do choin, ‘s b’ e maighstir nan con fear do na gillean a bha leis, ris an abairteadh Conan.

‘De thainig orra ach dalladh chur-sneachda, ‘s bha iad feuch am faigheadh iad aite fasgach a bheireadh iad mach. Thachair bodachan beag orra agus chur e failte air Fionn Mac Cumhail.

“Failte ort fhein,” arsa Fionn, “tha aithne agad orm nach ‘eil agam ort.”

“Tha sin agam ort,” ars’ am bodachan, ” ‘s bharrachd air a sin tha mi ‘cur,” ars’ esan, “mar chroisean ‘s mar gheasan ort ‘s mar naoi buaraichean na mna sìth gum bi thu ‘an tigh ‘ Bhlair Bhuidhe ‘n nochd.”

“Sios ‘s suas ‘d gheasan,” ars’ Fionn.

“Cha sios ‘s cha suas do m’ gheasan,” ars’ am bodach.

Far am b’ àirde do’n bhodach ‘s ann a b’ isle dhoibh-san ach gus an do rainig iad beul uamha. Chaidh iad stigh do’n uamha ‘s thuirt am bodach, “Gleidheadh an darna taobh do’n uamha.”

“Mur dig oirnn na’s treasa na thusa ni sinn sin,” ars’ iadsan.

“Cha’n ‘eil fhios agaibh air an t-saoghal, ars’ esan, “dé thig oirbh.”

Cha b’ fhada as deighinn sin dar thainig òganach a stigh ‘s cù blàr buidhe aige, ‘s chuir e failte air Fionn Mac Cumhail.

“Failte ort fhein,” ars’ Fionn, “tha aithne agad orm nach ‘eil agam ort.”

“Tha sin agam ort,” ars’ esan, “chuala mi gu’n robh coin mhath agaibh ‘s an Fhéinn ‘s thainig mi dh’iarraidh comhrag chon.”

“Cha’n ‘eil moran agamsa seo,” ars’ Fionn, “do m’ chuid chon ach dithis.”

Agus b’ e an ainm Bran agus Geoladh; ‘s air tùs leig e Bran chomhrag leis a’ chù bhlar bhuidhe ach cha robh Bran dèanamh tapadh sam bith. Bha spor nìmhe air ‘s daonnan bhiodh bròg air ach gus am biodh e ‘ comhrag. Aig an àm seo cha do chuimhnich iad a bhròg a thoirt dheth. Shealladh Bran air Geoladh ‘s shealladh Geoladh air Conan. ‘S ann an seo chuimhnich Conan nach d’ thainig a’ bhròg thar Bran, ‘s leig e e fhein ‘na shìneadh fodha ‘s thug e dheth a’ bhròg.

Cha luaithe bha e air toirt dheth na thog esan a spor nìmhe ‘s mharbhe e an cù blàr. Sin mar labhair fear a’ choin,
“Mar bi Geoladh nan car,
Agus Bran roi mheud a lùgh ‘s
Aon chù mun dùnabh ial
Cha fhagadh For siar san Dùn.”

Cha b’fhada an deigh sin gus an d’thainig baintighearna mhòr a stigh ‘s sia maighdeanan deug coimheadach leatha. Chuir i failte air Fionn MacCumhail.

“Failte oirbh sibh fhein,” ars’ esan, “tha aithne agaibh orm nach ‘eil agam oirbh.”

“Tha sin agam ort,” ars’ ise, “chuala mi gu’n robh gleachdairean math agad ‘s thainig mi le m’ mhaighdeanan coimhead dh’fheuchain gleachd riu.”

“Cha’n ‘eil moran do ghleachdairean agams’ ann, cha’n ‘eil agam ach dithis air fad,” ars’ Fionn, ‘s dh’iarr e air Conan éiridh a dh’fheuchain car gleachd’; ‘s air a chiad char chuir i air a ghlùin e.

“Mac Righ air a ghlun,” ars’ esan, ” ‘s cead dha éiridh?”

” ‘S cead,” ars’ ise.

Cha d’rinn Conan tapadh riamh ach gus an gabhadh e nàire. Thug e an togail àrd aighearach ud oirre ‘s chuir e air stéil a droma i, ‘s o thé gu té gus an do leag e an t-sia deug. Bha seo an té mhòr air son teicheadh air falbh.

“Cha dèan thu sin idir,” ars’ Fionn, “feumaidh tu gleachd fheuchinn riumsa, ‘s cha bu dad gearan idir dhuit na’m b’ e toiseach ‘ bhiodh agad ach deireadh na gleachd.” Aige sin dh’fhalbh i fhein ‘s a maighdeanan coimheadach.

Cha b’ fhada an deigh sin gus am faca iad moran sluaigh tighinn gu beul na uamha’. Chuir Fionn sios fear do ‘ ghillean feuch ‘ de na daoine bha sid, ‘s mar nach robh e tilleadh air ais, chuir e fear eile sios.

Cha b’ fhada ach gus an do bhrùchd an sluagh a stigh g’ a ionnsuidh. Dh’iadh iad uime air gachlaimh gus nach robh e comasach dha suidhe na seasamh. Bha e ‘gan comhrag le ‘ chlaidheamh co math ‘s a dh’ fhaodadh e. Bha sgiath air a thaobh ris an abairteadh Sgiath Ghaillion, ‘s nar ghlaodhadh e chluinteadh ann an Seachd Ceudan na h-Érin i; ‘s ‘n uair bheireadh i trì ghlaoidh aisde bhiodh esan sin air bheul thaobh bhi ullamh. ‘N uair thug i ‘ chiadh ghlaodh aisde chual’ iad ann an Dùn Chinn-a-Choire i; ‘s ann sin bha cuideachd Fhinn cruinn.

‘N uair ghluais iad, cha robh fhios aca ceart ‘de an taobh a ghabhadh iad, cha b’ fhad ach gus an cualaic iad rithist i, agus rinn iad direach oirre. Mar bha iad fagasg dha thug i an treas glaodh aisde. Aig an àm sin bha iad an deigh an uamh a tholladh os a chionn, agus sin thug iad Fionn mach, ‘s cha do leig iad duine a bial airm ach an aon fhear, air son ‘s gu’n innseadh am fear sin gu de a dh’éirich do chàch uile; agus ‘s e sin an càs bu mhotha an robh Fionn riamh, dar bha e ‘n tigh ‘Bhlàir Bhuidhe (gun chead suidhe no gun chomas éiridh), ‘s nach fhaigheadh e suidhe na seasamh.

A’ Chrìoch Continue reading

Posted in beul-aithris, finn maccool, fionn mac cumhail, sgeulachdan, stoiridh, story | Comments Off on Sgeul – Fionn ‘ an Tigh ‘ Bhlàr Bhuidhe gun chead suidhe na comas éiridh

Sgeulachd – A’ Bhean-taighe ‘s na Sithichean

Fhuair mi an sgeulachd seo bhon pàipear-naidheachdan Mac-Talla, vol. 11, nr. 5, ach nochd dreachd eadar-dhealaichte anns na leabhraichean Ancient Legends of Ireland (mar “The Horned Women”) agus Tales of the West Highlands, vol. 2. Chuiridh an stoirid… Continue reading

Posted in draoidhreachd, Mac-Talla, oidhche_shamhna, sgeulachdan, sluagh_aotrom, stoiridh | Comments Off on Sgeulachd – A’ Bhean-taighe ‘s na Sithichean

The Fairy Bridge

(… or shut your mouth, son of Adam!)A quick post because … well, I bit off more than I could chew again – a story printed in Mac-Talla, the Canadian Gaelic-language newspaper, in 1902. I’m having to figure out the language used and translate it int… Continue reading

Posted in beul-aithris, sgeulachdan | Comments Off on The Fairy Bridge

Am Fitheach : A’ Bhana-bhuidseach Bhaile a’ Chlaidh

A’ Bhana-bhuidseach Bhaile a’ Chlaidhbhon Litir do Luchd-Ionnsachadh # 548Bha boireannach uaireigin a’ fuireach faisg air Baile a’ Chlaidh ann an Gallaibh. A-nis, tha dà bhaile bheag ann an Gallaibh air a bheil Baile a’ Chlaidh. Tha aon dhiubh faisg… Continue reading

Posted in beul-aithris, litir do luchd-ionnsachaidh, oidhche_shamhna, sgeulachdan, stoiridh | Comments Off on Am Fitheach : A’ Bhana-bhuidseach Bhaile a’ Chlaidh

CHÌ MI SIN

Fada fada ron a seo ….Uaireagan bha tàillear nach do chreid anns na taibhsean.Aig an àm sin, bha mòran a’ creidsinn gun robh cuid de na cladhanna le tobhtaichean sheann eaglaisean annta air an tathaich le taibhsean agus bòcain. Anns a’ bhaile far… Continue reading

Posted in beul-aithris, oidhche_shamhna, sgeulachdan, stoiridh | Comments Off on CHÌ MI SIN

from puxill 2013-10-16 19:05:02

Nochd an stoiridh seo anns an pàipear-naidheachdan Mac-Talla anns an 16mh Desember (an Dùbhlachd) 1898. Chan eil fhios agam cò às a thàinig e; ‘s dòcha às an Gallaibh fhèin? ‘S dòcha gur e a’ bhana-bhuidseach a bha ann am Fitheach a bha ann… Continue reading

Posted in beul-aithris, oidhche_shamhna, sgeulachdan, stoiridh | Comments Off on from puxill 2013-10-16 19:05:02