Category Archives: corpas ficsean-saidheans

Am Billeanamh Cù (td. 184)

Dè rinn sibhse thar saor-làithean a’ Mhòid? Innsidh mi dhuibh na rinn mise: leugh mi 300 duilleag dhen leabhar ghràmair ùr aig Richard Cox, Geàrr-Ghràmar na Gàidhlig, agus chan eil mi deiseil fhathast. Abair leabhar! Tha feum mòr againn air … Cum ort a leughadh Continue reading

Posted in corpas ficsean-saidheans | Comments Off on Am Billeanamh Cù (td. 184)

Briathrachas bheachan

Mar a sgrìobh mi roimhe, b’ àbhaist dhomh beachan a chumail nuair a bha mi òg, agus tha ùidh mhòr agam annta fhathast, ged nach eil àite agam dhaibh an-dràsta far a bheil mi a’ fuireach. Tha mi air a … Cum ort a leughadh Continue reading

Posted in corpas ficsean-saidheans | Comments Off on Briathrachas bheachan

Mearan is dàsachd

Bha mi a’ lorg facal ùr, spòrsail air “insanity” do sgeulachd a bha mi a’ sgrìobhadh an latha eile. Bha mi air cus feum a dhèanamh de na seann charaidean mar ‘cuthach’ is ‘boile’ agus bha mi a’ lorg facal … Cum ort a leughadh Continue reading

Posted in corpas ficsean-saidheans | Comments Off on Mearan is dàsachd

ACDD air Raidió na Life

B’ ann beagan sheachdainean air ais a rinn Róisín Adams on phrògram litreachais, Aon Scéal air Raidió na Life, agallamh le Eoin P. Ó Murchú mun eadar-theangachadh a tha e a’ dèanamh air ACDD bho Ghàidhlig na h-Alba gu Gàidhlig na h-Èireann, agus … Cum ort a leughadh Continue reading

Posted in corpas ficsean-saidheans, Ficsean-saidheans | Comments Off on ACDD air Raidió na Life

Bith-spòltadh

“We believe that bio-hacking is the next phase of human evolution.” Beagan mhìltean tuath air baile m’ àraich, mu letheach slighe eadar Seattle agus Canada, tha Mt Vernon, WA, baile beag far a bheil Amal Graafstra a’ fuireach agus e a’ … Cum ort a leughadh Continue reading

Posted in corpas ficsean-saidheans, saibeirneatachd | Comments Off on Bith-spòltadh

Sluagh-thùsadh bhriathran

An-uiridh, sgrìobh mi post mun bhun-bheachd, adventure, mun àite aig adventure anns an nobhail nuaidh, agus mun trioblaid a th’ againn sa Ghàidhlig nach eil briathar grinn coiteanta againn a tha da-rìribh a’ riochdachadh a’ bhun-bheachd chudromaich sin gu ceart. … Cum ort a leughadh Continue reading

Posted in corpas ficsean-saidheans | Comments Off on Sluagh-thùsadh bhriathran

Saorsa agus litreachas ùr na Gàidhlig

Tha Mark Ó Fionnáin air alt smaoineachail fhoillseachadh a tha a-mach air ACDD, agus na chois, rinn e meòrachadh air an t-saorsa a bheir litreachas nuadh dhan Ghàidhlig. ’S an tràchdas aig Ó Fionnáin gun leudaich litreachas ùr a’ Ghàidhlig … Cum ort a leughadh Continue reading

Posted in corpas ficsean-saidheans, Ficsean-saidheans | Comments Off on Saorsa agus litreachas ùr na Gàidhlig

Co-ionadachaidhean agus Sgrìobhadh Ficsein

Tha iomadh ìre de sructar aig cànan. Aig a’ cheann shìos, tha feartan mar fhuaimneachadh agus pròsaid [prosody]; aig a’ mheadhan ìre tha feartan mar ghràmar agus briathrachas; agus aig a’ cheann shuas, tha na h-àrd-sructaran mar ghnàthasan-cainnte, sructaran conaltraidh agus … Cum ort a leughadh Continue reading

Posted in corpas ficsean-saidheans | Comments Off on Co-ionadachaidhean agus Sgrìobhadh Ficsein

Facal fàilteachaidh nan Bhulcanach

Chan e Treckie cho mòr a th’ annam a-nis sa b’ àbhaist dhomh a bhith, ach chunna mi an abairt seo ann an Dwelly’s (t.d. 871) agus dh’fheumainn a dhèanamh… Continue reading

Posted in corpas ficsean-saidheans, Ficsean-saidheans | Comments Off on Facal fàilteachaidh nan Bhulcanach

Luaithead-teicidh?

Bha mi a’ leughadh tro Dwelly an latha eile — dhiup, chan eil beatha agam — agus thachair mi ris an fhacal, teòthad, ga mhìneachadh le Dwelly mar degree of heat, agus thàinig e a-steach orm, duh … sin a’ Ghàidhlig … Cum ort a leughadh Continue reading

Posted in corpas ficsean-saidheans | Comments Off on Luaithead-teicidh?