Category Archives: Bannan

Gàidhlig druim na muice. Mar gum biodh…

Nach sinn a rinn gàire. Agus carson nach dèanadh. Tha seo fada, fada nas fheàrr na Bannan agus nas salaiche na Outlander. Abair dibhearsain. Am faca tu Twitter?

Caitheamh ùine, tha fios’am.

Ach, mar a chanas an sean-fhacal, “S fheàrr tlachd bho rann air Twitter na bho cheann na muice”

S mathaid gun cuir cuspair mo dhàin oilbheum air cuid ach feumar cuimhneachadh gur e sinne an sliochd a thug ‘Moladh air Deagh Bhod’ dhan t-saoghail. Tha salachar a’ ruith san daoine againn, ge b’oil leis an eaglais. Ach bha uair nuair as e na sagairtean a rinn na dàin as treasa. S fhada bhon uairsin ged-tà. Cha chuala mi a leithid de shalchar bhon a chunnaic mi Cathal Ó Searcaigh a’ bruidhinn. Èibhinn dhà-riribh.

Ceart ma-tha. Tha mi falbh feuch de na faclan sughmhor a th’aig Mill a h-Uile Rud no Micheal Newton a chuidicheas mi tarsainn na lèig salaich seo. Continue reading

Posted in #piggate, Bannan, droch bheul, Tòraidhean | Comments Off on Gàidhlig druim na muice. Mar gum biodh…

Cruthachadh nam Bann

Leis gu bheil ciad eadar-sgeòil an t-sreatha ùir aig BBC Alba air tighinn gu crìoch, bhruidhinn Marcas Mac an Tuairneir ris an Oll. Catrìona Miller bho Oilthigh Chailleannach Ghlaschu, air a’ chùrsa shònraichte a bha aig fìor chridhe tùs a’ phròiseict. Tha Bannan air còrdadh ri luchd-sgrùdaidh is luchd-amhairc air feadh na dùthcha, is na… Continue reading

Posted in Bannan, Cànan & Cultar, featured, Marcas Mac an Tuairneir, sgrìobhadh, TBh | Comments Off on Cruthachadh nam Bann

Bannan no srannan?

Bha fadachd againn air. Mus do nochd e air ar sgàileanan, chaidh inns dhuinn gun robh e mar-tha air siubhail ‘thall-thairis’ is ùidh aig na Canadaich ann. Cuideachd, chaidh inns dhuinn gur ann mar The Killing a bhiodh e.Obh.Ma bha a’ chiad phàirt sa… Continue reading

Posted in Bannan, BBC Alba, Machair, Telebhisean | Comments Off on Bannan no srannan?

Buaidh na Sgeulachd | Còmhradh le Chrisella Ross

Am mìos ‘s a chaidh, bhruidhinn Marcas Mac an Tuairneir ri Chrisella Ross, bana-sgrìobhadair Leòdhasach, a bha a’ siubhail bhon taigh aice air taobh tuath an eilein gu Dùn Èideann. ’S ann airson prìomh shealladh ‘Bannan’, sreath-dràma son telebhisein a sgrìobh i fhèin, is a tha na chiad sreath den leithid a chaidh a chruthachadh… Continue reading

Posted in Bannan, Cànan & Cultar, Chrisella Ross, drama, featured, litreachas, Marcas Mac an Tuairneir, TBh | Comments Off on Buaidh na Sgeulachd | Còmhradh le Chrisella Ross