Category Archives: Gun roinn-seòrsa

Sgeulachd ghoirid | “Is mise Rae”

“Is mise Rae, agus tha mi trom air an deoch.” Shuidh mi sìos air a’ chathair phlastaig ghorm, san talla fhuar fhalamh, a’ coimhead ris a’ chòignear air mo bheulaibh. Thuirt mi na facail – ach cha tàinig am faochadh. Nach robh còir aig faochadh a bhith orm? Cha d’ fhuair mise but dheth. Eallach… Continue reading

Posted in alcoholism, dana, dàna mag, Gaelic, Gàidhlig, Gun roinn-seòrsa, iris, Rosg, sgrìobhadh | Comments Off on Sgeulachd ghoirid | “Is mise Rae”

A’ togail Air Bunaitean Seasmhach. Òraid le Daibhidh Page bhon bhuidheann Ailtearachd Page/ Park.

Fad cha mhòr 30 bliadhna tha am buidheann Ailtearachd Page/Park air a bhith air cùl cuid de na togalaichean as buadhmhòr ann an Alba. Dè dìreach an cungaidh dhìomhair aig Page/ Park a thug soirbheachadh do na pròiseactan aca? Chaidh Alistair gu òraid le Daibhidh Park às a’ bhuidheann gus faighinnn a-mach. Cha bhi a’… Continue reading

Posted in Gun roinn-seòrsa | Comments Off on A’ togail Air Bunaitean Seasmhach. Òraid le Daibhidh Page bhon bhuidheann Ailtearachd Page/ Park.

Dannsair Cèilidh a’ Chriosa Duibhe

  Cò leis nach bu mhiann dannsadh le sùrdag? Ach dhan tè seo b’ionnan mireadh is màbadh. Dannsair Cèilidh a’ Chriosa Duibhe Ged is èibhinn leam boireannach le sìnteag na cois ‘S èiginn dhomh innse mar a rinn tè orm a chùis B’ e deireadh na h-oidhche; Strip The Willow Nuair bu lèir dhomh an… Continue reading

Posted in Gun roinn-seòrsa | Comments Off on Dannsair Cèilidh a’ Chriosa Duibhe

Dèan “An Còmhradh”

A bheil tu ag iarraidh barrachd Gàidhlig a chleachdadh nad bheatha? Ma tha, dèan ‘An Còmhradh‘. Dh’fhaodadh seo a bhith ri caraid, ri cèile, ri co-obraiche no ri ball den teaghlach agad. Is e An Còmhradh iomairt a bhios ag amas air daoine a bhrosnachadh gus smaoineachadh air cleachdadh na Gàidhlig nam beathannan làitheil. Ma… Continue reading

Posted in Cànan & Cultar, Gun roinn-seòrsa | Comments Off on Dèan “An Còmhradh”

Latha an Arm-staid

Latha math! Latha fuar! Bhiodh daonnan facal aige dhomh Am bodach ceann an rathaid Daonnan gnìomh air aire Ceannach pàipeir Leaghadh naidheachd Stàit an t-saoghail! Ciod am fath ar saothair? Gearradh an fheòir Sgathadh nan ròsan Latha math Son gàirneileachd! Cumail a’ dol Cumail a’ dol Latha math gus A’ phìob a sheinn! Na puing… Continue reading

Posted in Gun roinn-seòrsa | Comments Off on Latha an Arm-staid

“Caochladh Cloimhe ann an Clò Sìne” | Agallamh le Jane Hepburn Nic a’ Mhaoilein mu obair a’ Chlò Hearaich

Tha Dàna ceithir bliadhnaichean a dh’aois an-diugh, agus tha sinn toilichte a ràdh as dèidh mios no dhà caran sàmhach gu bheil sinn air ais le piosan ùra dhuibh.  Tha Jane Hepburn Nic a’ Mhaoilein aithnichte mar neach-ciùil agus mar bhloggair mu chùisean sna h-Innse Gall ach tha i a’ dèanamh a bith-beò ag obair… Continue reading

Posted in Gun roinn-seòrsa | Comments Off on “Caochladh Cloimhe ann an Clò Sìne” | Agallamh le Jane Hepburn Nic a’ Mhaoilein mu obair a’ Chlò Hearaich

Comhairle nan Leabhraichean @50

Ann an 2018, bidh Comhairle nan Leabhraichean, am prìomh bhuidheann airson litreachas Gàidhlig na h-Alba, a’ comharrachadh 50 bliadhna on a chaidh a stèidheachadh ann an Roinn na Ceiltis aig Oilthigh Ghlaschu.  Chaidh a’ chiad choinneamh dhen Chomann Leabhraichean (mar a bh’ air a’ bhuidheann aig an àm) a chumail air 20 Dùbhlachd 1968, fo… Continue reading

Posted in Gun roinn-seòrsa | Comments Off on Comhairle nan Leabhraichean @50

Lann Ruitheadair | Blade Runner 2049

Tha am film ‘Blade Runner’ a nochd sna 80an cha mhòr coisrigte do luchd leantainn ficsean saidheansail. An e toilbheum a bhiodh ann am filmeadh dreachd ùir? Chaidh Màrtainn Mac A’Bhàillidh a dh’fhaicinn ‘Blade Runner 2049’. Tha daoine mar mi fhèin, a rugadh anns na h-ochdadan, air an t-uabhas de na filmichean, sgeulachdan agus caractaran… Continue reading

Posted in Blade Runner, Cànan & Cultar, ficsean saidheansail, Fiolm, Gun roinn-seòrsa | Comments Off on Lann Ruitheadair | Blade Runner 2049

Cearcall gun Smuain: a’ Ghàidhlig shòisealta seach eaconomach? | Mìsneachd Dhùn Èideann

The ceist a’ mhì rùin don Ghàidhlig a’ sìor thogail ceann. An seo tha Bria Mason bhon bhuidheann Misneachd Dhùn Èideann a’ sìreadh fuasgladh ùr dhan cheist. An t-seachdain seo chaidh, chaidh artaigil fhoillseachadh sa Chourier a’ càineadh suaicheantas dà-chànanach ùr Poileas Alba. A bheil sibh a’ mèaranaich fhathast? Bithear ag ràdh nach eil càil… Continue reading

Posted in Gun roinn-seòrsa | Comments Off on Cearcall gun Smuain: a’ Ghàidhlig shòisealta seach eaconomach? | Mìsneachd Dhùn Èideann

Air Meur-Loidhne na Beatha: Pàirt a Dhà

An e rèiteachadh no conas a tha gu bhith fa-near do mhuinntir a’ chlobhsa? Leis nach robh moran eile aig Betsy ri dhèanamh an ath fheasgar is i seachd sgìth dhen trealaich fhaicinn air an teilidh sa mhadainn thug i sgrìob gu crìoch an t-shaoghail bhig aice fhèin taobh thall an trannsa gu flat Dhaibhidh.… Continue reading

Posted in Gun roinn-seòrsa | Comments Off on Air Meur-Loidhne na Beatha: Pàirt a Dhà