Category Archives: Naidheachdan & Poileataigs

Òran Br-fhàgail Brònach

Seo agaibh duanag a’ toirt geàrr-iomradh air cùisean mòra Brexit ann am beagan fhaclan a-rèir nam beachdan is breithneachadh as motha a chluinnear mu dheidhinn sna naidheachdan. Ma tha cuid agaibh airson a ghabhail os làimh ron ath-Mhòd Nàiseanta, ’s ann ri fonn “Chuir iad mis’ a dh’eilean leam fhìn” a tha i air a… Continue reading

Posted in àbhachdas, an t-aonadh eòrpach, Èirinn, Backstop, bàrdachd, Brexit, Brfhàgail, EU, Jeremy Corbyn, Naidheachdan & Poileataigs, nicola sturgeon, Sgrìobhadh Cruthachail, Theresa May | Comments Off on Òran Br-fhàgail Brònach

Dìleab Thugainn, Dìleab Bhuainn | Ceit Fhoirbeis BPA

Tha sinn air leth urramaichte aig Dàna a bhith a’ faighinn a’ chothruim an teacsa slàn on a’ chiad òraid chuimhneachaidh Iain MhicLeòid fhoillseachadh. Air a thoirt seachad le Ceit Fhoirbeis BPA air 24 am Faoilleach aig Oilthigh Dhùn Èideann, thug i iomradh air dìleab Iain agus air na dh’fheumas sinn mar choimhearsnachd airson ar… Continue reading

Posted in Naidheachdan & Poileataigs | Comments Off on Dìleab Thugainn, Dìleab Bhuainn | Ceit Fhoirbeis BPA

Foghlam Gàidhlig nan Eilean Siar

Thug Mgr Uilleam Dòmhnallach, Ceannard Foghlaim Comhairle nan Eilean Siar, seachad agallamh air Aithris na Maidne air 13/09/18 agus e a’ mìneachadh nach eil a’ Chomhairle an dùil sgoiltean Gàidhlig fa leth a thogail sna h-Eileanan an Iar, a rèir iarrtas bho phàrantan. Sgrìobh Liam Alastair Crouse freagairt. Aig tòiseachd na linne seo, bha àireamh… Continue reading

Posted in Cànain, Cànan & Cultar, Naidheachdan & Poileataigs | Comments Off on Foghlam Gàidhlig nan Eilean Siar

Turasachd is Taigheadas

Carson a tha sinn fhathast a’ leantainn creideamh eaconomaigeach nua-libearalach ann am Breatainn, dòigh smaoineachaidh a bhrosnaich Thatcher is Regan? Gu dearbha, carson nach eil Alba deònach slighe eadar-dhealaichte a ghabhail? ’S tric a chluinnear mu staing taigheadais, anns an Eilean Sgitheanach gu sònraichte, sna làithean seo agus ràith thurasachd cho trang ’s a bh’… Continue reading

Posted in Alba, eaconamaidh, Gàidhealtachd, Gnothaichean eile, Naidheachdan & Poileataigs, taigheadas, turasachd | Comments Off on Turasachd is Taigheadas

Dè cho sìobhalta ’s a tha sinn?

Thug mi èisteachd don chòmhradh eadar Niall Ó Gallchóir agus Marc Mac an Tuairnear air Aithris na Maidne mu dhà sheachdain air ais a thaobh an lagha ùir co-cheangailte ri còraichean gèidh a dh’aontaich a’ Phàrlamaid againn ann an Alba. Seo mo smuaintean air cùisean co-cheangailte ris. Tha an lagh seo a’ toirt cead do dh’fhireannaich… Continue reading

Posted in cinnidheachd, claon-bhàigh, dalm-bheachd, dalmachas, geidh, gràin-chinnidh, leathachas, leth-bhreith, Naidheachdan & Poileataigs, pàrlamaid na h-alba, pòsadh-gèidh, sìobhalta, tar-ghnèitheach | Comments Off on Dè cho sìobhalta ’s a tha sinn?

Diùltadh ann an dàta fuar 

Sgrìobh Marcas Mac an Tuairneir an aiste seo mar a fhreagairt don alt-naidheachd (seall air a’ cheangal seo) a nochd anns an National  o chionn ghoirid. Marcas Mac an Tuairneir Leugh mi le ùidh, an-dè, alt anns An Nàiseantach a thòisich le fianais a chur air shùilean dhomh gu bheil luchd-bhòtaidh ann an Sasainn, is dòcha, a’ fàs coma… Continue reading

Posted in Alba, Gibraltar, Naidheachdan & Poileataigs, neo-eisimeileachd, Sasainn | Comments Off on Diùltadh ann an dàta fuar 

Dùthchannan na sitige

Tha na pàipearan-naidheachd a’ bruidhinn air ciamar a chaidh na faclan “shithole countries” aig an Trumpach (no Dòmhnall Iain, mas fheàrr leat) eadar-theangachadh air feadh an t-saoghail. Saoilidh mi gum biodh e math nan sgrìobhadh daoine na tionndaidhean Gàidhlig aca sna “beachdan” fon phìos seo gus sreath a thòiseachadh. Dè a’ Ghàidhlig a chuireadh tusa… Continue reading

Posted in an saoghal, an Trumpach, Cànain, Cànan & Cultar, Dòmhnall Iain, dùthchannan na sitige, eadar-theangachadh, Naidheachdan & Poileataigs, shithole countries, trump | Comments Off on Dùthchannan na sitige

Seinneamaid òran ùr do dh’Alba – 2018

Le Steaphan MacRisnidh Seo a’ Bhliadhn’ ùr a’ dlùthachadh oirnn a-rithist, agus an t-àm as toil le mòran dhaoine a bhith a’ cur romhpa aon atharrachadh mòr nam beatha a dhèanamh. ‘S e rùintean caran farsaing ‘nan gnè, a tha mis’ a’ dol a chur an cèill anns an aiste seo ge-tà. Cha ghabh an… Continue reading

Posted in a' Bhliadhn' Ùr, a' Bhliadhna Ùr, a' Challainn, Beachd, Cànain, Cànan & Cultar, cultar, Foghlam, Gnothaichean eile, Naidheachdan & Poileataigs, rùintean, rùintean na Bliadhn' Ùire, rùintean na Callainne | Comments Off on Seinneamaid òran ùr do dh’Alba – 2018

Didòmhnaich | Marcas Mac an Tuairneir

Didòmhnaich ’S ann air Didòmhnaich a thàinig iad, èideadh ’s sgapall dubh umpa, gus na cistean a rannsachadh. Pàipearean sgapte air feadh an làir, mar a sgaradh na briathran fhèin o chèile; dath dubh nan trì cànan air ite. Sgread ròcas boireannaich. Brag stràicean air cùl bodaich; sgailc na lod-fala, ’s e air a ghlùin.… Continue reading

Posted in bàrdachd, Naidheachdan & Poileataigs | Comments Off on Didòmhnaich | Marcas Mac an Tuairneir

Ceann-naidheachd agus Ceann-uidhe

Tha buidheann ùr ag amas air seirbhis naidheachdan sa Ghàidhlig a chur air dòigh – bhruidhinn Dàna ri Alasdair aig Naidheachdan: An-dè, An-diugh ’s A-màireach. Tha sinne aig Naidheachdan: AAA, buidheann shaor-thoileach, gu làidir a’ creidsinn gu bheil luchd-labhairt na Gàidhlig airidh air seirbheis naidheachd adhartach, luachmhor agus bhuadhmhor, a bheir sealladh cothromach air na… Continue reading

Posted in Naidheachdan & Poileataigs | Comments Off on Ceann-naidheachd agus Ceann-uidhe