Category Archives: Cànain

‘Fiadhaich Glòrmhor’ | lèirmheas taisbeanadh ùr NMS

Tha taisbeanadh ùr aig Taigh-tasgaidh na h-Alba a tha a’ cnuasachadh mar a thàinig ìomhaigh romansach na h-Alba gu bith – sgeul a tha gu mòr a’ buntainn ri cultar nan Gàidheal. Thadhail Gille-chrìost MacGill’Eòin air an taisbeanadh air an t-seachdain seo, agus seo agad an lèirmheas aige dhen taisbeanadh. Ceumannan air adhart a thaobh… Continue reading

Posted in Bòrd na Gàidhlig, Cànain, Cànan & Cultar, cultar, Eachdraidh, Naidheachdan & Poileataigs, national museum scotland, NMS, romantic, Scotland, tartan, wild | Comments Off on ‘Fiadhaich Glòrmhor’ | lèirmheas taisbeanadh ùr NMS

Gàidheil Albannach aig Féile na Gealaí | Màrtainn Mac a’ Bhàillidh

Bha tiocaidean an-asgaidh a’ dol aig Féile na Gealaí – fèis-chiùil Ghaeilge – do Ghàidheil na h-Alba gus na bannan a neartachadh eadar Gàidheil òga dà thaobh Sruth na Maoile. Seo Màrtainn Mac a’ Bhàillidh, a fhrithealaich an fhèis, ag aithris. Fèis iongantach aca an Èirinn a-rithist is Féile na Gealaí seachad airson bliadhna eile. Gach… Continue reading

Posted in Cànain, Ceòl, féile na gealaí, gaeilge, Gaelic, gaels, Gàidheal, Gàidheil, Gàidhlig, Ireland, ráth chairn, siubhal | Comments Off on Gàidheil Albannach aig Féile na Gealaí | Màrtainn Mac a’ Bhàillidh

A’ toirt inbhe do dh’Astùrais | Xuan Porta

Bidh taghadh sgìreil ann an Astùrias air 29 den Chèitean, 2019, agus tha teans gum faigh luchd-taic a’ chànain Astùrais mòr-chuid san riaghaltas sgìreil sin. Ma thachras sin, tha teans gum faigh Astùrais inbhe oifigeil mu dheireadh thall. Tha Xuan Porta, neach-iomairt Astùrais, ag aithris dhuinn. Tha Asturianu, no Astùrais, am measg nan cànanan Eòrpach… Continue reading

Posted in asturian, asturian language, asturias, Cànain, Cànan & Cultar, dànamag, Gaelic, Gàidhlig, Naidheachdan & Poileataigs | Comments Off on A’ toirt inbhe do dh’Astùrais | Xuan Porta

Cuir “bi” ceart (Rabhd na Callainne)

Tha Tormod MacLeòid ann an deagh àm leis an aiste seo mu litreachadh caochlaideach “bi/bidh/bith” agus “cuir/cur”. Ged a tha e gu math pongail, thuirt e gur e “incoherent rant” a th’ ann, agus mar sin, chuir sinn i  ris an roinn againn, “Rabhd na Bliadhn’ Ùir’” (air atharrachadh am-bliadhna gu Rabhd na Callainne).  Ma tha… Continue reading

Posted in bi, bidh, bith, Cànain, Cànan & Cultar, cuir, cur, Gàidhlig, litreachadh, litreachas, speiligeadh | Comments Off on Cuir “bi” ceart (Rabhd na Callainne)

Foghlam Gàidhlig nan Eilean Siar

Thug Mgr Uilleam Dòmhnallach, Ceannard Foghlaim Comhairle nan Eilean Siar, seachad agallamh air Aithris na Maidne air 13/09/18 agus e a’ mìneachadh nach eil a’ Chomhairle an dùil sgoiltean Gàidhlig fa leth a thogail sna h-Eileanan an Iar, a rèir iarrtas bho phàrantan. Sgrìobh Liam Alastair Crouse freagairt. Aig tòiseachd na linne seo, bha àireamh… Continue reading

Posted in Cànain, Cànan & Cultar, Naidheachdan & Poileataigs | Comments Off on Foghlam Gàidhlig nan Eilean Siar

Ceòl beò: Oi Polloi/ Itziarren Semeak, Dùn Eideann

Iomadachd – se a dh’fhàgas an saoghal againn cho inntinneach. Aig deireadh a’ Ghiblein, thàinig ceòl ùr-nòsach agus mion-chànanan ri chèile. Ged a chanar ‘punc’ ris an dà phrìomh chòmhlan a chluich, bha iomadachd gu leòr ann. Rudeigin airson a h-uile duine, mar a chanar. Air a’ chiad oidhche, se Oi Polloi a chluich an… Continue reading

Posted in Albannach, Basgach, Cànain, Cànan & Cultar, Ceòl, cultar, dannsa, punc | Comments Off on Ceòl beò: Oi Polloi/ Itziarren Semeak, Dùn Eideann

“Na Reultan Uile” | Black Panther agus Gaisgich na Gàidhlig

Tha Black Panther air mòran òigridh air feadh an t-saoghail a dhùsgadh mu chultar is eachdraidh Afraga, dè an t-sradag a chuireas reultan ùra na Gàidhlig ma-tà? O chionn mios, chaidh mi a dh’fhaicinn Black Panther, am film ùr o Mharvel agus am fear mu dheireadh mus bi Avengers: Infinity War ann.  Chòrd e glan… Continue reading

Posted in Cànain, Cànan & Cultar, Film, Fiolm | Comments Off on “Na Reultan Uile” | Black Panther agus Gaisgich na Gàidhlig

Dùthchannan na sitige

Tha na pàipearan-naidheachd a’ bruidhinn air ciamar a chaidh na faclan “shithole countries” aig an Trumpach (no Dòmhnall Iain, mas fheàrr leat) eadar-theangachadh air feadh an t-saoghail. Saoilidh mi gum biodh e math nan sgrìobhadh daoine na tionndaidhean Gàidhlig aca sna “beachdan” fon phìos seo gus sreath a thòiseachadh. Dè a’ Ghàidhlig a chuireadh tusa… Continue reading

Posted in an saoghal, an Trumpach, Cànain, Cànan & Cultar, Dòmhnall Iain, dùthchannan na sitige, eadar-theangachadh, Naidheachdan & Poileataigs, shithole countries, trump | Comments Off on Dùthchannan na sitige

Seinneamaid òran ùr do dh’Alba – 2018

Le Steaphan MacRisnidh Seo a’ Bhliadhn’ ùr a’ dlùthachadh oirnn a-rithist, agus an t-àm as toil le mòran dhaoine a bhith a’ cur romhpa aon atharrachadh mòr nam beatha a dhèanamh. ‘S e rùintean caran farsaing ‘nan gnè, a tha mis’ a’ dol a chur an cèill anns an aiste seo ge-tà. Cha ghabh an… Continue reading

Posted in a' Bhliadhn' Ùr, a' Bhliadhna Ùr, a' Challainn, Beachd, Cànain, Cànan & Cultar, cultar, Foghlam, Gnothaichean eile, Naidheachdan & Poileataigs, rùintean, rùintean na Bliadhn' Ùire, rùintean na Callainne | Comments Off on Seinneamaid òran ùr do dh’Alba – 2018

An toir air Còsagach

  Siorram suas siorram sìos ach chan eil sgeul air an fhacal àraidh a bha air beul a’ bhaile an t-seachdain sa chaidh. Tha Alistair Paul a’ lorg “còsagach” san dàn aoir seo. Càit an toir an seachran-seilge e? An toir air Còsagach ‘S iomadh sireadh Air an tugadh iomradh A ghabhadh os làimh Le… Continue reading

Posted in àbhachdas, bàrdachd, Cànain, Sgrìobhadh Cruthachail | Comments Off on An toir air Còsagach