Category Archives: Rosg

Sgeul on Chraoibh Ruaidh | Mac Deichtine

Seann sgeul air a h-innse iomadh uair, bidh an sgeulachd a’ gabhail car le gach innse ach a’ fuireach cho fìor ’s a bha i riamh aig a’ bhrìgh. Seo sgeulachd Mac Deichtine air ath-innse le Eòghan againne. Innsidh mi dhut sgeul. Sgeul mòr nach eil crìochnaichte fhathast. Sgeul mu ghaisgich is mu bhana-ghaisgich. Sgeul… Continue reading

Posted in Rosg, Sgrìobhadh Cruthachail | Comments Off on Sgeul on Chraoibh Ruaidh | Mac Deichtine

Sgeulachd ghoirid | “Is mise Rae”

“Is mise Rae, agus tha mi trom air an deoch.” Shuidh mi sìos air a’ chathair phlastaig ghorm, san talla fhuar fhalamh, a’ coimhead ris a’ chòignear air mo bheulaibh. Thuirt mi na facail – ach cha tàinig am faochadh. Nach robh còir aig faochadh a bhith orm? Cha d’ fhuair mise but dheth. Eallach… Continue reading

Posted in alcoholism, dana, dàna mag, Gaelic, Gàidhlig, Gun roinn-seòrsa, iris, Rosg, sgrìobhadh | Comments Off on Sgeulachd ghoirid | “Is mise Rae”

Reversadh | Lèirmheas de Euro Truck Simulator 2

Tha Dàna a’ cur fàilte air sgrìobhadair ùr comasach, Iain MacDiarmaid, às an Eilean Sgitheanach. Is fhiach seo leughadh. Reversadh Tha Emmerdale air a-rithist, tha mi sgìth, tha mi feumach air beagan fois. Chan eil an t-eadar-lìon aig taigh mo mhàthair luath gu leòr leigeil leam RuPaul’s Drag Race fhaicinn. Feuchaidh mi ri geam a… Continue reading

Posted in Cànan & Cultar, cultar, Rosg | Comments Off on Reversadh | Lèirmheas de Euro Truck Simulator 2

A’ Bhuidheag

Sgeulachd ghoirid le Sgaire Uallas B’ e latha deàrrsach samhraidh a bh’ ann. B’ e an leithid de latha ’s gun saoilte gun do ghreas a’ ghrian oirre gu ruige h-àirde mus cosgadh i uairean fada a’ dàileachadh mun fhàire. Bhiodh i a’ tadhal an siud fad greis no dhà no h-ochd a’ tilgeil ghathan… Continue reading

Posted in Rosg, Sgrìobhadh Cruthachail | Comments Off on A’ Bhuidheag

Taobh Thall na Grèine | Robbie MacLeòid

Tha sinn gu math toilichte a bhith a’ foillseachadh a-rithist nan sgrìobhadairean a bhuannaich Farpais Litreachais Comunn Oiseanach Oilthigh Ghlaschu uair eile. Seo an rosg as fheàrr on fharpais le Robbie MacLeòid. Meal do naidheachd a Robbie! Taobh Thall na Grèine   Uaireigin dhan t-saoghail, bha cogadh mòr a’ dol sna speuran, taobh thall na… Continue reading

Posted in Rosg, Sgrìobhadh Cruthachail | Comments Off on Taobh Thall na Grèine | Robbie MacLeòid

A’ Phàirc

Tha Camanachd an Eilein a’ comharrachadh 125 bliadhnaichean. Sgrìobh Eòghan seo o chionn bhliadhnaichean mar chnuasachadh air a’ chomann shònraichte sin. ’S ann an-seo a thòisicheas e uile. Preasan teann conaisg a-measg creagan lom na siorraidheachd a shìneas on bhrùthaich-chùil dha na buailtean-samhraidh. Tha an taigh-comainn a’ greimeachadh ri leac an leathaid thall, le pàirc… Continue reading

Posted in Iomain, Rosg, Sgrìobhadh Cruthachail, Spòrs | Comments Off on A’ Phàirc

Air Meur-Loidhne na Beatha: Pàirt a h-Aon

‘S e rud ris an canar buaidh an dealain-dhè. Le aon chlap dhen sgiath thèid an saoghal bun os cionnn. Ach dè thacras nuair a thèid parsail dhan doras cheàrr? Gheibh sin a mach san sgeulachd ghoirid aig Alistair. Nochdaidh an darna pàirt dhen sgeul san aithghearrachd. Bha i anns an àite cheart; Betsy Chaimbeul, aois 79.… Continue reading

Posted in àbhachdas, Gun roinn-seòrsa, Rosg | Comments Off on Air Meur-Loidhne na Beatha: Pàirt a h-Aon

Òran A’ Mhuncaidh

Bu tric a chluinnte aig aon àm naidheachdan mu mhuncaidhean a chaidh a thoirt a dh’Alba le seòladairean air tilleadh bho ceàrnan cèin. Tha an storaidh seo a’ tarraing air cuid a chuala mi fhèin. An seo s’ e am muncaidh a gheibh an cothrom an sgeulachd aige fhèin innse. Oran a’ Mhonkey (Dàn a chaidh a thional… Continue reading

Posted in àbhachdas, Rosg | Comments Off on Òran A’ Mhuncaidh

Às a Dhèidh | Tormod MacLeòid

Choisinn an sgeulachd ghoirid seo Duais Litreachais a’ Chomuinn Oiseanaich 2017 Tha sinn fada an comann a’ Chomuinn airson an cothrom seo fhoillseachadh Rìgh nan speur gar toirt gu tuath. Bha a’ chlann ga mo leantainn air mo chùlaibh ’s iad sgìth às dèidh dhomh an dùsgadh am meadhan na h-oidhche. Dh’fheumadh sinn falbh ge-tà.… Continue reading

Posted in Rosg, Sgrìobhadh Cruthachail | Comments Off on Às a Dhèidh | Tormod MacLeòid

An Diùc Agus A Phìobaire | Alasdair Paul

Is iomadh tachartas a chaidh ann an doillearachd tro thìm. Is iomadh sgeul a thèid iomrall air teanga mac an duine; agus thèid cuid dhiubh a chuir trulainn a dh’aona-ghnothach gus an fhìrinn a chleith. Cò am fear dhiubh sin as motha a thug buaidh air freastal an sgeòil seo? Chan fhiosraich do dhuine. Ach… Continue reading

Posted in Rosg, Sgrìobhadh Cruthachail | Comments Off on An Diùc Agus A Phìobaire | Alasdair Paul