Category Archives: iris

Sgeulachd ghoirid | “Is mise Rae”

“Is mise Rae, agus tha mi trom air an deoch.” Shuidh mi sìos air a’ chathair phlastaig ghorm, san talla fhuar fhalamh, a’ coimhead ris a’ chòignear air mo bheulaibh. Thuirt mi na facail – ach cha tàinig am faochadh. Nach robh còir aig faochadh a bhith orm? Cha d’ fhuair mise but dheth. Eallach… Continue reading

Posted in alcoholism, dana, dàna mag, Gaelic, Gàidhlig, Gun roinn-seòrsa, iris, Rosg, sgrìobhadh | Comments Off on Sgeulachd ghoirid | “Is mise Rae”

Sgeulachd Ghoirid | Rocaidean le A. MacLeòid

Thugadh am pìos seo dhuinn bho chionn corra sheachdain. Tha sinn an dòchas gun còrd an tuairisgeul boillsgeanta de shiubhal ann am Fànas cho math ribh ‘s a chòrd e rinne. Nuair a chaill iad am blàr, cha do leig iad sgreuch neo èigh neo facal cabhagach airson faighinn air falbh. Cha do leig iad… Continue reading

Posted in dana, dànamag, fànas, Gaelic, Gàidhlig, iris, Rosg, sgeulachd ghoirid, Sgrìobhadh Cruthachail, tim armstrong | Comments Off on Sgeulachd Ghoirid | Rocaidean le A. MacLeòid

Sgeulachd Ghoirid | Dòmhnall na Dachaigh ’s am boireannach bàn (pàirt 2)

Nuair a dh’fhàg Dòmhnall an taigh-òsta bha e a’ faireachdainn a chionta. Chan e gun do ghabh e dearrsach, ach cha robh còir aige òl air airgead a’ choitheanail idir, ge b’ e cho beag ’s a bha na chosg e. Chan fhada gus an cuireadh e na sgillinnean ud air ais don chuach ?… Continue reading

Posted in 2014, ciont, cogais, dana, dànamag, Dòmhnall, ealasaid, Gaelic, Gaelic writer's award, Gàidhlig, ghoirid, iris, magazine, Rosg, Sgeul, sgeulachd, Sgrìobhadh Cruthachail, Steaphan MacRisnidh, Steven Ritchie, uimhreachd | Comments Off on Sgeulachd Ghoirid | Dòmhnall na Dachaigh ’s am boireannach bàn (pàirt 2)

Lèirmheas TBh | The Walshes, BBC4

  A rèir Graham Linehan, cruthaichear an t-sreath ùr comadaidh, The Walshes, cha bu chòir dhuinn coimeas a dhèanamh eadar The Walshes agus an sitcom Èireannach eile, Mrs Brown’s Boys. Uill, coltach ri Linehan, chan eil mi air Mrs Brown’s Boys fhaicinn, mar sin tha sinn sàbhailte gu leòr. Ach ‘s dòcha gur e rud… Continue reading

Posted in Èirinn, bbc, BBC4, Cànan & Cultar, dana, dànamag, featured, Gaelic, Gàidhlig, iris, TBh, The Walshes | Comments Off on Lèirmheas TBh | The Walshes, BBC4

Bàrdachd | Laoidh an Tràchdais

Latha dhuinn an Ceàrnag Sheòrais, Ag amharc air na Dàiltean mòra, Bu chuideachd chaomh is bu dhòigheil dhuinn, Air chèilidh ri fìon ‘s a’ gabhail rainn. Dùn Èideann dìleach, ùmhlachd, àilleant’ Sràidean trang le daoin’ gun àireamh, Goirealaich, cabadaich, caigealadh, donnalaich A’ taomadh air ar cluasan gu cunbhalach. Mar bhreisleach na h-oidhche thàinig e romhainn;… Continue reading

Posted in bàrdachd, dana, dànamag, dissertation, Erin Hill, Gaelic, Gàidhlig, iris, laoidh, Sgrìobhadh Cruthachail, tràchdas | Comments Off on Bàrdachd | Laoidh an Tràchdais

Moroco

Bho chòmhnardan a’ chosta an iar gu bailtean mòra nan laighe eadar callaidean bheann ‘s fàsach loisgte gu ruige dùintean gainmheach na Sahara, tha Moroco na dùthaich air leth aig a bheil measgachadh sònraichte de dh’àrainneachd agus eachdraidh. ‘S ann a chaidh mise agus caraid dhomh don dùthaich aig tòiseach na Samhain, dar a bha cosgaisean itealain aig… Continue reading

Posted in Cànan & Cultar, dana, dànamag, featured, iris, morocco, moroco, siubhal | Comments Off on Moroco

a h-uile dùthaich, a h-uile spòrs, a h-uile seachdain…

 Tha Eòghan Stiùbhart a’ cuimhneachadh air prògram TBH spòrs air leth, Trans World Sport. Tha machraichean Rois an Ear cho rèidh is cho freagarrach airson iomain, tha e na bhriseadh-dùil dhomh nach eil sgioba anns an sgìre, ged a tha sinn air beagan a dhèanamh ann an Acadamaidh Alanais o chionn ghoirid agus tha mi… Continue reading

Posted in bandy, dana, dànamag, eile, featured, Gaelic, Gàidhlig, hocaidh, Iomain, iris, Spòrs | Comments Off on a h-uile dùthaich, a h-uile spòrs, a h-uile seachdain…

Sgeulachd Ghoirid | Dithis Leanabh le Erin Hill

Is cuimhnich leam an latha a thàinig mo nighean as sine thugam ’s ise a’ faighneachd “Cò às a thàinig mi?” Rugadh tu ann a sheo, thuirt mi; bha thu nam bhroinn airson naoi mìosan agus an uairsin dh’fhàs thu mòr gu leòr agus rugadh tu san taigh seo. Cha robh i ach a’ teannadh… Continue reading

Posted in dana, dànamag, featured, Gaelic, Gàidhlig, iris, laogh, leanabh, naoidhean, Rosg, Sgrìobhadh Cruthachail | Comments Off on Sgeulachd Ghoirid | Dithis Leanabh le Erin Hill

Na Fir-chlis “a’ seasamh gu saor” a-rithist mu dheireadh thall

Tha sgioba Obar Dheathain air gu leòr fhulang fad cha mhòr fichead bliadhna gun duais mhòr a ghlèidheadh. Bha neach-taic Obar Dheathain, an neach-ciùil Eòghann MacEanraig, an làthair airson latha eachdraidheil a chaidh leotha ann an Ceann an Ear Ghlaschu. Bha Cuairt Dheireannach Cupa Lìog na h-Alba ga cumail aig Ceann na Pàirce, pàirc Celtic… Continue reading

Posted in ball-coise, Caley Thistle, Cupa Lìog na h-Alba, dana, dànamag, featured, Gaelic, Gàidhlig, iris, obar dheathain, Spòrs | Comments Off on Na Fir-chlis “a’ seasamh gu saor” a-rithist mu dheireadh thall

Gàidhlig Shruighlea

Siud sin – mu dheireadh tha na soidhnichean dà-chànanach shuas aig stèisean-rèile Shruighlea, a’ gabhail a-steach an fhir mhòir air a bheil ‘Fàilte gu Sruighlea’. Tha cuimhn’ agam dìreach mun tàinig mi gu Oilthigh Shruighlea as t-fhoghar 2013 gun deach na soidhnichean dà-chànanach suas ann an Drochaid Ailein: b’ ann ag ullachadh air mo shon-sa… Continue reading

Posted in Alba, Cànain, Cànan & Cultar, cànan, dana, dànamag, featured, Gaelic, Gàidhlig, iris, oilthigh, soidhnichean Gàidhlig, sruighlea | Comments Off on Gàidhlig Shruighlea