Category Archives: dànamag

Dualchainnt Dhiùra ann an 10 Faclan

A’ leantail oirnn le dualchainntean, ‘s e an t-ath eilean, Diùra chreagach nam fiadh, a tha fon phrosbaig.   1.       Dad mionaid / dad thusa Fuirich ort / fuirich mionaid.  ‘Dad thusa a-nis gus an cuimhnich mi.’   2.       Crìon Beag. Patach crìon – Pàiste beag   3.       Dìreag ‘Ornament’, ‘knick-knack’ cosail ri rudeigin a… Continue reading

Posted in Cànain, Cànan & Cultar, dana, dànamag, Diùra, dualchainnt, Gàidhlig | Comments Off on Dualchainnt Dhiùra ann an 10 Faclan

Lèirmheas leabhair | An Nighean air an Aiseag

le Aonghas Pàdraig Caimbeul ‘B’ e samhradh fada teth a bh’ ann: an seòrsa a dh’fhuiricheas anns a’ chuimhne gu bràth. Cluinnidh mi fhathast dranndan nan seillean, ’s ceòl nan calman-creige fad às, ’s an uair sin chuala mi iad a’ tighinn a-nuas on bheinn.’ Bho chiad shuidheachadh an sgeòil, tha iùl Aonghais Phàdraig gar… Continue reading

Posted in an nighean air an aiseag, Cànan & Cultar, dana, dànamag, ficsean, Gàidhlig, girl on the ferryboat, litreachas, luath | Comments Off on Lèirmheas leabhair | An Nighean air an Aiseag

Dualchainnt Ìle ann an 10 Faclan

An deach thu riamh a dh’Ìle? An do ghabh thu iongnadh nuair a ghlaodh thu ‘thalla’ ri cù agus thàinig e gad ionnsaigh? Seo dhut, 10 faclan a bheireadh cobhair dhut ann an Eilean an Uisge-Bheatha.   1. Gun robh math agad Seo a’ bheannachd a bheir muinntir Ìle dhut, agus tha cuideachd air a… Continue reading

Posted in ÃŒle, Cànain, Cànan & Cultar, dana, dànamag, Gaelic, Gàidhlig, islay, uisge-beatha | Comments Off on Dualchainnt Ìle ann an 10 Faclan

Bàrdachd | Latha nam Feachdan Armaichte 2014

Spreadhadh boma fhuadain, Am-measg gach ‘oo’ is ‘ah’ aig an t-sluagh A dhearc air a’ cheò le iongnadh, Fhad ’s a mhèath an Apache thar faire; A’ lùbadh ’s a’ dannsadh sna speuran, Am pìleat a’ taisbeanadh a chuid sgilean Ann a bhith a’ marbhadh nàmhaid, ’S e dèanamh gille dheth fhèin. Seo t’ impireachd… Continue reading

Posted in armed forces day, bàrdachd, cogadh mòr, dana, dànamag, great war, Sgrìobhadh Cruthachail, stirling, trainnsichean, wwi | Comments Off on Bàrdachd | Latha nam Feachdan Armaichte 2014

Lèirmheas Cuirm | Am Brusach 700

Leis gu bheil Alba a’ comharrachadh 700 bliadhna bhon a thachair Blàr Allt a’ Bhonnaich, blàr deireannach Ciad Chogadh na Saorsa (1314), abair gu bheil sùilean na h-Alba air sgìre Shruighlea air an deireadh-sheachdain seo. Cuir ri sin gu bheil Latha nam Feachdan Armaichte gu bhith a’ tachairt a-màireach air àrd-shràidean baile Shruighlea, tha gach… Continue reading

Posted in 1314, bannockburn, blàr allt a' bhonnaich, bruce, Cànan & Cultar, Ceòl, dana, dànamag | Comments Off on Lèirmheas Cuirm | Am Brusach 700

Bàrdachd | Àird nan Saighead

Maduinn chiùin fo shruth na deò, Air sliabh àrd sa bhaile mhòr, Dhearc mi nìos a-chum a glòir, A’ ghrian òg ‘s i ‘g èirigh suas; Mhaighdinn bhòidheach mhìn na tuar. Chaith mi an latha ann am thosd, I gam dhrùidheadh ri a bòsd. Chunna mi a saoghal bhàrr an tòrr’, Le fonn-smeòraich gam thoirt… Continue reading

Posted in Àird nan Saighead, Arthur's Seat, bàrdachd, dana, dànamag, dùn èideann, grian, Robert Frost, Sgrìobhadh Cruthachail | Comments Off on Bàrdachd | Àird nan Saighead

Costiera Amalfitana – Ceann a Deas na h-Eadailt

Dè a gheibhear dar a chuireas tu rèiligean Dhùn Èideann agus rèiligean Amalfi ri chèile? Aon Naomh Anndra iomlan, tha coltach! Tha Liam a’ toirt beachd air Costa Amalfi far an robh e bho chionn seachdain. Tha costa Amalfi, sgìre UNESCO a tha suidhichte eadar Napoli na bheinn-teine agus Salerno gu deas, iomraiteach thar an… Continue reading

Posted in amalfi, banais, Cànan & Cultar, capri, dana, dànamag, eadailt, Gaelic, Gàidhlig, siubhail, siubhal | Comments Off on Costiera Amalfitana – Ceann a Deas na h-Eadailt

Linn ùr don Eadar-lìon: HTML5

Leis na comasan is cleachdaidhean an lùib HTML5, tha linn ùr a’ tighinn air an eadar-lìon. Tha Liam a’ toirt sùil air na h-atharraichean a bhios a’ tachairt ann an saoghal còd HTML. Thèid HTML5 a dhaingneachadh san Iuchar, 2014. Feuch sibh fhèin cuid de na làraichean ùra aig an deireadh. HTML5?! Dè a th’… Continue reading

Posted in dana, dànamag, Gaelic, Gàidhlig, HTML5, iris Ghàidhlig, Saidheans & Teicneòlas, Scottish Gaelic, Teicneòlas, W3C | Comments Off on Linn ùr don Eadar-lìon: HTML5

Iomairt Sgoil Eòlais na h-Alba

Iomairt Sgoil Eòlais na h-Alba Tha Iomairt Sgoil Eòlais na h-Alba air fàs caran sàmhach bho chionn ghoirid, ach tha gnothaichean a’ teasachadh a-rithist.   An-uiridh, bha iomairt mhòr airson Sgoil Eòlais na h-Alba aig Oilthigh Dhùn Èideann a shàbhaladh bho cho-shuidheachadh roinntean a bhios a’ tachairt as t-samhradh 2014 (aig an dearbh àm ’s… Continue reading

Posted in Archives, Cànain, Cànan & Cultar, Cathair na Ceiltis, dana, dànamag, Gaelic, Gàidhlig, Iomairt Sgoil Eòlas na h-Alba, Naidheachdan & Poileataigs, Oilthigh Dhùn Èideann, Roinn na Ceiltis, School of Scottish Studies, Sgoil Eòlais na h-Alba, tasglann, University of Edinburgh | Comments Off on Iomairt Sgoil Eòlais na h-Alba

Àireamhan de dh’oileanaich chèin air tuiteam

  Tha àireamhan de dh’oileanaich chèin air tuiteam. Carson? Agus dè na buaidhean a th’ aig sin air eaconomaidh na RA? A-rèir a’ BhBC, tha an àireamh de dh’oileanaich à dùthchannan cèin a thig chun an Oilthigh ann an Sasainn air tuiteam airson a’ chiad uair ann an 29 bliadhna. Ged a bha an lùghdachadh… Continue reading

Posted in dana, dànamag, Gaelic, Gàidhlig, imrich a-steach, in-imrich, Naidheachdan & Poileataigs, oileanaich, oileanaich chèin, oilthighean, UKBA, universities | Comments Off on Àireamhan de dh’oileanaich chèin air tuiteam